[96]

BLIADHNA MHATH UR.

FHIR MO CHRIDHE,

Do mo leughadairean gu leir bho Nis aosda nan tonn gu Uige riabhach nan uigean sàile, agus anns gach cearnaidh bho shileadh nan speur anns am faod sliochd nan sonn leis an caomh a bhi leughadh litir Bhearnaraidh bhi tuineachadh, tha mi guidhe bho mchridhe, “bliadhna mhath urdhoibh gu leir. Tha seachd bliadhna bho na chuir mi eolas air luchd-leughaidh aGazette an toiseach, agus anns an uine sin fhuair mi dearbhaidhean bho iomadh baile gu robh an litir sheachduineach so air a leughadh le tlachd ann an iomadh cearnaidh den t-saoghal. ’S mor an toileachadh sin dhomh-sa aguss ann an neart an dearbhaidh sin a chum mise an oidhirp cho fada air blàr. Gabhaidh e thuigsinn nacheil ni bheir a leithid de thogail do inntinn aGhaidheil, gu h-araidh ann an tir chein, ri sgiala bhon dachaidh anns a bheil iomradh air na cairdean gradhach a dhfhag e as a dheidh, agus an uair a tha an t-iomradh sin sgriobhte an canain na duthcha dhfhag e as a dheidh, bithidh e moran nas blasda. Tha sinn mar sin an comhnuidh fo mhor chomain do fhear-deasachaidh aphaipeir so ann a bhi gleidheadh oisean gach seachduin airson teachdaireachd a chraobh-sgaoileadh mu ar cor agus ar staid an eilean Bhearnaraidh.


[97]

So an t-am den bhliadhna anns am bi daoine tha air an sgaradh bhon dachaidhean a tional, ann a mac-meanmna, timchioll air an teallach chridheil chairdeil bhon dfhuair iad iomadh garadhn an oige. Bithidh miann agus ciocras orra aig an am so airson na seann aodainn cheanalta fhaicinn aon uair uile, agusbliadhna mhath ura chur orra ann an lanachd an t-seann nois. Des nadurraiche na sin oir chaneil creutair air an talamh is motha tha fuaighte ris an t-seann laraich na an Gaidheal, ged, mo thruaighe, is iomadh aon a bfheudar a fagail le easbhuidh teachd-an-tir anns na bliadhnaibh tha so agus tha iad sin uile, sgapte tuath is deas, an ears an iar, asmaoineachadh aig abhliadhnuir so air an tir a dhfhag iad, le tiomadh abhroinn am broilleach. Ach tha cuid acag an comhnadh feinn am bron le bhig altrum dochais gu faic iad an gleanns an robh iad og aon uair eile mum basaich iad, agus gun cuir iad furan agus failte air na cairdean a dhfhaodas a bhi beo rompa. Guidheam gu faigh iad coimhlionadh air aghealladh a rinn iad dhoibh fhein agus gun tig iad thar cuain a dhamharc air an cairdean agiulan sguaba trom. Tha iad ann, airson sin, aguss docha eadhon cuid de mluchd-leughaidh, nacheil adeanamh aghealltanais aoibhnich so dhoibh fhein a chionn gu bheil fios agus cinnt aca nach fhaic iad-san an t-seann larach tuilleadh agus nach seas iad gu brath air achreagan ghlas aig ceann an tighe ag amharc air cuan agus bailen an gloir. Thainig iomadh


[98] camadhs achrann chur aca bhon dhfhag iad an dachaidh, thainig am fortann an aghaidh, agus chuir an t-eascaraid iomadh lion mun timchioll nach urrainn dhoibh a bhriseadh, air chors gur docha gu bheil iad air iomadh doigh leotha fheins an t-saoghal agus faireachadh aca bhi mar long gun chairt-iuil. Mo bheannachd buan dhoibh sin uile ma bhuaileas suil aon aca air an litir so. Na cailleadh iad am misneach agus na diobradh an dochas. Cumadh iad an suil air Dia an athraichean agus togadh iad an aignidhean ris-san le faoisead ghlan air am peacaidheans air an euceartan, agus pillear am braighdeanas mar shruths an airde deas agus riaghlaidh sith-chainnt agus sonas air cathair an cridhe.

Do gach Gaidheal agus bana-Ghaidheal a chuir an Cuan-siar thairis orra am bliadhna agus a tha dioghlum an lòin am mor-roinn Chanada, thoiream mo dheagh-ghean aig an am so, agus guidheam dhoibh uile bliadhna thorrach shoirbheachail agus beannachd an Fhreasdail anns gach ni ris an cuir iad an lamh. Mar a tha bliadhna agus bliadhna dol seachad tha clann nan Gaidheal afas nas sgapte air feadh gach duthcha ach cha chuir sin meatachd air gradh an cridhe don tir agus don teanga, agus co dhius ann an coilltean Alberta no air machair thartmhor Australia, bhios an comhnuidh, ’n an aislingean an drasdas a ris chi iad eileanan nan Innse-Gall acur failte chridheil rompa mar bu nos, agus bheir eadhon aisling na h-oidhche sgiala air an tim a dhfhalbh le caithream


[99] ’g an ionnsuidh. Ged is sgapte sinn thig latha ar comhlachaidh agus mar a thuirt bard Iarshiadair:

Cha bhi cuan thonnan mor eadar comhlan an àidh,
S aig na maoir cha bhin t-ordugh,
S aghloir bhios gu h-Ard.”

Gun eireadh an rathad geal roimhibh uile troimhn bhliadhna so agus gu brath.

Ur Seann Charaid,

ALASDAIR MOR.

titleBliadhna Mhath Ur
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page