PAIPEAR GUN SEARMON.
A CHARAID CHOIR,
Bha fior eagal orm fhein air an t-seachduin so nach fhaigheamaid “paipear an druggist” leis cho stoirmeil agus a bha e, ach ’s e duine treun tapaidh a th’ ann an Donnchadh Challanis, agus rinn e ceann an rathaid dheth co dhiu, ach ’s mor m’ eagal nach b’ urrainn e dhol na b’ fhaide an latha ud—bha e stoirmeil stoirmeil. Bha am paipear agaibh fior mhath agus taitneach, lan de naidheachdan Leodhais, ach dh’ ionndrainn sinn an searmon air an t-seachduin so. ’S gann a bha mo charaid Tomas air an t-sreang a thoirt dhiubh an uair a chaidh mo bhana-charaid, Eilidh, suas a cheannach aon airson an t-searmoin, agus abradh sibh-se gu robh i tamailteach ’n uair a chunnaic i nach robh facal spioradail eadar da
A dhuine chridhe, ’s mi bha duilich fhaicinn nach robh mo sheann charaid, Padruig Iain Ruairidh an Glaschu, a’ cumail gu math. B’e fhein am ministear foghainteach soisgeulach nach sòradh gach uallach a ghabhail a b’ urrainn e, agus ’s e sin a dh’ fhag bho fheum an drasd e. Bha e ’s a’ Bhruaich bliadhna ’s mi ann aig an iasgach, agus sinne fhuair na searmnan, agus bha e cho carthannach cairdeil daimheil gu h-araidh ri muinntir Leodhais. Tha mi ’n dochas gu’m bi e air a chasan a rìs an uine ghoirid, agus nach fhada gus am bi e air orduighean Steornabhaigh. ’S mise bhiodh uallach a’ dol a null g’ a eisdeachd.
Chan’eil fhios agam nach fhaic sibh mi-fhein ann an Inbhir-pheofharain bho chionn ghoirid. Tha mi call an radhairc gu mor, agus thuirt mo charaid coir, Mac Eanruig, rium gu’m bu choir dhomh speuclaran fhaighinn air an deanamh air mo shon fhein, agus tha e ’g radh gu bheil buth speuclaran agaibh anns a’ bhaile. Bha mi fiachainn speuclaran an tailleir orm an de, agus chi mi ciatach leotha, ’s tha mi airson paidhear coltach riutha fhaighinn, ach fuirichidh mi gus am bi gnothuch aig Calum Ruadh ann—’s math leam duine turail eolach a bhi comhla rium a chumas mi gun a dhol air an t-seacharan. Chi sinn sibh co dhiu, ”s ma bhios blasad eisg a’ dol, bheir mi
Nach mor na th’agaibh de cheannaichean Steornabhaigh anns a’ phaipear. Feumaidh gur mor an toileachas a bheir na h-ainmeanan ud do mhuinntir Leodhais thall thairis. ’N uair a chi iad buth Dhomhnuill Uige, buth Sheumais Chaluim, buth Dhomhnuill Alasdair, buth Iain Lachluinn, agus buth Chaluim Sgitheanaich, anns a’ phaipear agaibh, saoilidh iad gu bheil iad air an ais air an seann eolas aon uair eile, agus cuiridh e iomadh rud ’n an cuimhne. Bu choir dhuibh fiachainn ri ceannaichean na duthcha fhaighinn ’s a’ phaipear cuideachd. Tha gu leor dhiubh anns gach sgire agus moran aca deanamh gle mhath am bliadhna.
Tha eagal orm gu’n d’ thuirt mi cus mar tha. Tha fhios agam gu’m bi sibh an comhnuidh dripeil, ach thuirt sibh fhein rium gu’m bu toil leibh naidheachdan Bhearnaraidh a chluinntinn.
Leis gach durachd airson gach deagh shoirbheachadh.
Mise, gu dileas,
ALASDAIR MOR.
title | Paipear gun Searmon |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |