BODACH BHARRAIDH—I.
FHIR MO CHRIDHE,
’S a’ mhaduinn an de an deidh dhomh mo lite ghabhail gu socair, thog mi mo chliabh orm gu dhol a mach do na Sitheanan a dh’ iarraidh cliamh mònadh. Taing do ’n t-sealbh ged a tha iomadh aite air feadh na Gaidhealtachd a’ gearan air cho dona ’s a tha an connadh am bliadhna, tha an deagh mhòine againne muigh anns na Sitheanan, agus ’s mor an trocair sin fhein anns a’ gheamhradh ghortach a tha so. Choinnich bean Bhill rium aig Ceann a’ Mhorghain agus i trang a’ deanamh dath guirmean anns an amar dhatha, agus bha greis de chomhradh againn mu naidheachdan a’ bhaile, agus air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall, bha bean Bhill de’n bheachd nach biodh moran bhainnsean ’s an eilean
“Cha do leig no mi,” arsa mise, “ach gu dearbh ’s ann aig an iasgach a chuir mi-fhein seachad na bliadhnaichean bu shona bha agam riamh. Bha mi
Bidh mi bruidheann mu fhailte Sine air a’ Bharrach ’s an ath litir.
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | I |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |