BODACH BHARRAIDH—X.
FHIR IONMHUINN,
Chan’eil cuimse idir air cho math agus a chord an latha ud an Circebost ri Mac Neill. Tha mi creidsinn nach do sguir e bhruidheann fhathast air a choinneamh ri Scottie, agus gu dearbh tha mi-fhein cho toilichte gu’n do thaitinn a’ chuis ris cho gasda a chionn gur h-ann ’n am luib fhein a bha e. Tha mi de’n bheachd gu robh beagan de dh’ eagal air an uair a thainig e do’n eilean againn, gu’m biodh feadhainn a’ cur teagaimh ann a chionn gur h-ann de dh’ eaglais na Roimhe bha e, ach mo lamh-sa, nach do thachair ni de’n spiorad sin ris an so idir. ’N uair a rainig sinn dhachaidh am feasgar ud bha am bodach bochd sgith, agus cha robh ionghnadh ann. Thairg Scottie tighinn timchioll leis an eathair aige fhein leinn, ach bho’n a bha a’ ghaoth ’n ar n-aghaidh, cha robh sinn airson dragh a chur air, agus ghabh sinn a’ chas dha, agus rainig sinn Breacleit bial ri bial ’s an oidhche. Dh’ fhairich sinn an luinneag fhonnmhor sin air oran an uair a bha sinn suas slios na bruthaich a dh’ ionnsuidh an tighe, agus chuir sud surd iongantach air a’ Bharrach. “Cha do chuir creideamh Knocs glas-ghuib air orain Ghaidhlig ’s an tigh agad-sa co dhiu, Alasdair,” ars’ esan. “Tha mi ’n dochas nach tig an latha orm-sa anns nach gabh mi ceathramh orain an am riatanach,” arsa mise:
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | X |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |