[146] BODACH BHARRAIDH—XI.
FHIR IONMHUINN,
An oidhche thainig mi-fhein agus am Barrach dhachaidh a Circebost, bha teachdaire bho bhean Bhill aig an tigh ag iarraidh orm fhein agus Mac Neill a dhol suas air cheilidh oirre la ’r na mhaireach airson comhradh agus conaltradh agus tea bhi againn comhla ri cheile. Rinn sinn suas ar n-inntinn airson a dhol suas toiseach an latha, a chionn ’s nach ’eil moran drip air daoine an drasda co dhiu, agus mar a tha sinne an so am Bearnaraidh, chan’eil sinn a’ sealltuinn ri uairean araidh de’n latha airson tadhail air a cheile, mar a chanas bean Chaluim Ruaidh rium a tha aca ’s an taobh-deas. Direach an uair a bha sinn a’ deanamh deiseil airson falbh co thadhlaidh ach Tormod Hyder air a shlighe suas gu buth Dhomhnuill an Tailleir, agus ’s sinne bha toilichte gu robh comas againn eolas a thoirt dha air Mac Neill. ’S fhada bho bha fhios agam gur h-e duine le inntinn dhomhain a tha ’n Tormod agus cha robh mi fada gus an d’ fhuair mi e fhein agus am Barrach ann am bras sheanachas. Coltach rium fhein, tha Tormod min-eolach am Bagh a’ Chaisteil—bha e iomadh bliadhna ann aig an iasgach agus fhuair e cunntas bho Mhac Neill air cuid de na seann chairdean air an robh e uair dha robh ’n
[147] saoghal eolach.
Ach ’
s ann a bha mi ro dheidheil air an dithis aca chluinntinn a’
deasboireachd mu chreideamh. ’
S iomadh uair a thug mi-
fhein agus Tormod air cagnadh a’
chuspair ud, ’
s an eathair ghiomhach,
agus ged nach bitheamaid an comhnuidh air an aon ramh,
cha d’
rinn mise toll riamh anns nach cuireadh esan tarrag. “
Bheil a nise,
Mhic Neill,
uibhir de chreudan eadar-
dhealaichte agaibh-
se am Barraidh agus a tha againne an Leodhas,”
arsa Tormod, “
Leora,
chan’
eil,
a charaid,”
arsa Mac Neill, “
chan’
eil againne ach an aon eaglais bho na shuidhicheadh i air Peadar an toiseach,
agus cha d’
atharraich sinn liad an ròin de’
n aidmheil bho’
n latha sin agus bithidh i mar sin gu deireadh an t-
saoghail.”
Chord so ri Tormod ciatach, ’
s thug e ’
n t-
suil fhanoideach sin air Sine, ’
s thuirt a rithe air a chaomh shocair fhein, “
Seall a nise mach,
a bhean an tighe;
cha chreid mi nach toir am Barrach cnaimh dhuit a chumas greis cagnaidh riut.” “
O,
Thormoid,”
arsa Sine, “ ’
s fhada bho’
n dh’
iompaicheadh mise, ’
s a bha mi togail fianuis, ’
s chan fhaca mi beatadh air an eaglais ’
s a bheil mi-
fhein fhathast ge b’
e de their thu fhein no am Barrach.” “
Ma tha,
Shine,”
arsa Tormod, “ ’
s math dhuit fhein a bhi ’
s an inntinn sin,
agus fhearaibh gradhach, ’
s e tha dona dheth sinne.
Ach,
a Mhic Neill, ’
s e so mo bheachd fhein,
agus ’
s e sin gu bheil sinne uile smaoineachadh gur h-
e ar creud fhein an te cheart ’
s gu bheil mise moran na ’
s fhearr na mo nabuidh,
[148] ma tha mi falbh le aodann fada agus gruig an t-
slaoightire.” “
Uill,
a Thormoid,”
arsa Mac Neill, “
chan’
eil an eaglais againne gabhail gnothuich ri creud bho’
n ghrein,
ged a tha na h-
uile creud eile sios oirnn agus ’
g ar caineadh ’
s an aineolas,
ach ciamar,
a charaid,
a bhios na h-
uile h-
eaglais ceart, ’
s iad a mach air a h-
aon diag ann an iomadh doigh.” “
Mu’
n d’
thuirt sibh fhein e gu dearbh,
a Bharraich,
nach iomadh rud a tha’
n cuan a’
falach,
mar a thuirt an sean-
fhacal.
Ach a charaid, ’
s e mo bheachd fhein nach tò ’
n dìle an latha lionar na neamhan le Criosduidhean Leodhais ’
n an aonar;
tha mi cinnteach ann,
ach de math bhi bruidheann ri cuid.” “
Gun teagamh sam bith,”
ars’
am Barrach, “
bithidh iad an neamh as gach treubh agus fine agus dath agus canain bho shileadh nan speur,
agus cha bhi deasbud mu eaglaisean an sin.” “
A dhuine,”
arsa Tormod, “
chuir muinntir na Gaidhealtachd seachad bliadhnaichean gun aireamh a’
deasbud mu eaglaisean agus mu chreudan agus de th’
aca air a shon an diugh ach roinnean thall ’
s a bhos,
agus chnamh gach aimhreit a bh’
ann spiorad na caomhalachd ’
n an anam. ’
S e bha eolach air an droch spiorad a bha ann Seonie Phadruig fhein an uair a chuir e ri cheile an rann so:—
“Saoilidh foirmealaich a’ chràbhaidh,
Gur h-e sprochd is bròn is fhearr dhuinn;
Gur h-e gaoth nan osnan laidir,
Soirbheas fabharach gu gloir.”
[149] Agus an rann so:—
“A chnuasaicheas gu dion
’S a chuireas aghaidh chrabhach air,
Mar fhaidh ann a’ nial,
’S e deanamh casgairt uamhasaich
Air uamharrachd ’n a chliabh,
Chan aithnichean air ’n a dheiligean
Gu’n gheill Apoleon riamh.”
“Cha b’ urrainn na rainn sin a bhi na b’ fhirinniche na tha iad,” ars’ am Barrach. “ ’S e spiorad an fhior Chriosduidh a bha ’s an duine rinn a’ bhardachd sin. ’S ann air an toradh a dh’ aithnicheas sibh iad, agus chan urrainn spiorad na Criosdalachd a bhi an neach sam bith a shaoileas gur h-ann air a chroit bhochd fhein a tha cuidthrom na diadhachd gu leir, agus nach ’eil aig an fheadhainn a tha ’g eadar-dhealachadh ris ach faoineas agus mealladh. Ach, a Thormoid, mu’n tig crioch air an t-saoghal, thig gach eaglais agaibh air ais a dh’ ionnsuidh na mathar a dh’ fhag iad.”
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.