BODACH BHARRAIDH—XIII.
FHIR MO CHRIDHE,
Tha eagal orm gu bheil sibh a’ fas car sgith de eachdraidh a’ bhodaich Bharraich am Bearnaraidh, ach a bheil fhios agaibh gu’n do chord an duine coir ruinn uile cho fior mhath ’s nach urrainn dhomh gun an cunntas is mionaidiche thoirt air a cheilidh beag ’n ar measg. Chan ann gle thric a bhios Barrach ’n ar measg an so agus gu h-araidh duine cho tomadach an corp agus an inntinn ris-san. An uair a rainig sinn dhachaidh an oidhche ud an deidh an ceilidh caidreach a bhi againn an tigh Bhill, fhuair sinn Sine stigh leatha fhein agus srann aice air a’ bhocsa, agus fonn an àidh oirre comhla ris. “Na chord an turus ruibh a nise?” ars’ ise, ruinn an uair a bha sinn a stigh air an starsaich. “Gu dearbh fhein ’s e chord,” arsa Mac Neill, “ ’s iomadh duine do’n dean mise sgial am Barraidh gu’n do ghabh mi tea bho bhean Bhill am Bearnaraidh agus gu robh conaltradh cho grinn cairdeil eadarainn. Boirionnach feumail a tha sud, agus ma ’s urrainn mise buadhachadh oirre bheir mi do Bhagh a’ Chaisteil i an uair a bhios mi toirt birlinn Scottie dhachaidh— ’s iomadh bodach agus cailleach am Barraidh a dheanadh gairdeachas na faiceadh iad i tighinn leis a’ bhallan: tha mi deimhinn nach biodh guth aca air moran de’n t-siataig an deidh dhith-se an laimhseachadh, direach
Direach anns na briathran a bha againn co nochdadh a stigh ach bean Chaluim Ruaidh agus i air a slighe dhachaidh an deidh dhith bhi an Oifig a’ Phuist le baslach litrichean. Bha mi-fhein agus Sine cho toilichte gu robh comas aice air eolas a chur air a’ Bharrach agus thoisich iad air comhradh. “An nise,” arsa mise ri Mac Neill, “ ’s e boirionnach ciatach a tha againn an so agus tha mor speis aice do’n Ghaidhlig agus do a ceol, agus ged a tha sinn direach air sgur de bhruidheann air gnothuichean spioradail, tha mi ’n dochas gu’n gabh sibh “A’ Bhirlinn Bharrach” do mo bhana-charaid, ged tha mi creidsinn gu bheil e aice, ’s an doigh ur, ann an leabhar Nic Cuaraig Friseal.” Cha robh maille air Mac Neil còir ach direach fhad ’s a bha e glanadh a sgornain agus ’s e fhein a thug am fonn còir air a’ “bhirlinn.” Bha Sine cluich a’ bhocsa agus a bheil fhios agaibh gu robh an ceol a bha iad a’ deanamh uamhasach gasda, agus rinn bean Chaluim moladh mor air ceol a’ Bharraich. “Sin direach a nise an t-seann doigh air orain a sheinn,” ars’ ise; “ged a chluinneas sibh orain air an seinn an diugh agus sin le daoine anns am bheil ceol cuideachd, chan’eil fior bhlas na Gaidhlig orra idir, direach a chionn ’s nach cual’ iad riamh neach de ’ur leithid-se ’g
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | XIII |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |