BODACH BHARRAIDH—XIV.
FHIR MO CHRIDHE,
Thainig an nis an t-am anns am feumadh Mac Neill còir Bearnaraidh fhagail, agus gu dearbh ged nach robh e comhla ruinn ach coig latha feumaidh mi-fhein agus Sine aideachadh gur fhada an uine bho nach do chuir sinn eolas air Gaidheal cho còir agus air duine anns a bheil inntinn shuspainneach thabhachdach. Bha fhios agam bho’n a bha mi ’g an coinneachadh aig an iasgach gur h-e bodaich fhior ghasda bha ’m Barraidh, ach gu cinnteach cha chreid mi nach tug Mac Neill barr air gach aon diubh. Fhuair mi litir bho Pheigi, mo nighean, a Glaschu an uair a bha am bodach còir air aoidheachd oirnn, agus de th’ agaibh air, nach robh i ’g radh gu robh moran de m’ sheann chairdean an Glaschu fo mhor ionghnadh gu’n toireamaid fasgadh do Chaitliceach am Bearnaraidh. Gun teagamh thuirt Peigi nach robh leth uibhir de ionghnadh orra de m’ thaobh-sa chionn gu robh mi eolach air moran as an eaglais ud aig an iasgach fad iomadh bliadhna, “ach airson mo mhathar dheth,” arsa Peigi, “te tha dol do’n eaglais a bheil i dol, agus i sin cho fada sios air creideamh a’ Phapa, chan’eil fhios aca de their iad— ’s ann a tha eagal orra gu’m bi i bho chionn ghoirid ag aomadh a null gu iodhal-aoraidh mar a tha iad fhein.” ’N uair a leugh Sine an litir ’s i trang a’ lionadh cliabh-innearach
Bha oidhche ghasda chaidreach againn ’s an tigh agam am feasgar mu’n d’ fhag am Barrach. Chuir sinn fios air Bill agus a bhean, Calum Sheorais agus a bhean, Mairi Mhurchaidh agus Barabal, Tormod Og, agus saor na birlinn, Scottie. Ghabh gach neach ris a’ chuireadh agus bha cupa de’n tea againn ann an toiseach na cuise. Chuir mi-fhein failte agus furan air a’ chomhlan agus dh’ aithris mi mu’n toileachas a thug ceilidh
Thug am Barrach taing do’n chuideachd mar so: “A chairdean gradhach, ’s ann gle shona bha mise gach mionaid bho na chuir mi mo chas air fearann Bhearnaraidh an toiseach. Thainig mi mar a tha fhios agaibh air tòir birlinn, agus ged nach ’eil mi dol dachaidh leatha mar a bha duil agam, tha a togail anns na deagh lamhan agus ’s cinnteach mise nach bi oir oirre an uair a bhios i deiseil. Chuir briathran Thormoid gairdeachas air m’ anam, agus cha b’ ann an diugh no ’n de a thoisich esan air dioghlum ’s an achadh spioradail anns a bheil e ’g iomairt. Cha di-chuimhnich mise cairdeas agus bàidh muinntir Bhearnaraidh am feasda agus ’s e mo ghuidhe gu’m bi beannachd Dhe ’n ar bascaid agus ’n ar stor, agus sonas agus àdh oirbh gu deò.”
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | XIV |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |