[107] BODACH BHARRAIDH—II.
FHIR IONMHUINN,
’N uair a bha mi-fhein agus am Barrach suas an lonaig a’ deanamh direach air an tigh, agus sinn fhathast a bras-sheanachas mu ’n iasgach, chunnaic mi Sine ’n a seasamh anns an dorus agus a lamh eadar i ’s a’ ghrian— ’s e sin fasan a bha aice riamh co dhiu bhiodh dearrsadh greine ann gus nach biodh—agus ’s math a dh’ aithnich mi gu robh i gabhail du-fhadachd nach robh mi ruigheachd leis a’ chliabh-mhònadh, agus gun fàd aice chuireadh i air an teine ach pluitean a’ bhugha ghlais nach dean dad leotha fhein ach ceo tuchanach. Bha mi deimhinn nach robh i ’g am aithneachadh gu h-araidh ’n uair a bha an cliabh falamh air mo ghualainn, agus mar bu mhotha bha sinn a’ dol as a h-aire thoisich i air sgioblachadh an aparain phoca a bh’ oirre agus bha earbaill de ’n dosan liath ’g an grad-shliobadh bho sgòd a’ churraic. “ ’S mise th’ ann, a Shine,” arsa mi-fhein, aird mo chlaiginn, “agus tha Barrach coir agam comhla rium an so agus sparr an coire air cho luath ’s a rinn thu oidhche do reitich.” “Bucach,” ars’ ise, “de feum dhuit Bucach a thoirt an so agus gun Bheurla agam-sa dha.” Thug osna laidir de’n ghaoith ’n iar-dheas mo theachdaireachd ’g a h-ionnsuidh am mearachd
[108] ach cha b’
fhada gus an d’
rainig sinn an dorus agus thug mi dhith eolas air Mac Neill a Barraidh,
a thachair orm ann an doigh cho iongantach air a’
mhaduinn ud.
Rinn Sine surd nach robh gann ris a’
bhodach.” “ ’
S iomadh latha agus bhliadhna,”
ars’
ise, “
bha nach fhaca mise Barrach—
chan fhaca bho na bhliadhna mu dheireadh a bha mi aig a’
chutadh,
agus eudail fheine, ’
s iomadh ceann a chaidh an currac bho’
n uair sin.
Gu dearbh ’
s e fior dheagh eolas a bha agam-
sa air muinntir Bharraidh aig an iasgach,
agus tha sibh-
se gle dhi-
beathta fo na cabaran so fhad ’
s a bhios sibh anns an eilean.”
Bha Sine ann a’
meadhon dheanamh mharagan ’
n uair a rainig sinn,
agus bha ’
n droch mhoine a bha aice ’
g a fagail car goirid anns an nadur,
ach an uair a chuir i eolas air a’
Bharrach cheanalta bha gach cuis gu reidh socrach,
agus cha b’
fhada gus an do chuir i rian air an deagh thea agus ar leor de mharagan faladh air an deanamh ann am maodal mhor na caorach,
agus dh’
itheadh sibh ’
ur meoirean as an deidh leis cho blasda cailmhor agus a bha iad. ’
S e rud a b’
fhearr de ’
n chuis uile am moladh iongantach deas-
bhriathrach a rinn am Barrach fhein air an t-
seoighn a bha againn,
agus ’
s math a thuig mi-
fhein nach robh ni air an talamh a chordadh cho math ri Sine ri a cocaireachd a mholadh.
Thachair gu robh mu leth botuil de ’
n uisge-
bheatha chuir Peigi dhachaidh airson cuirm na Nollaige an lathair,
agus thug mi-
fhein drama math do ’
n Bharrach agus fios agam gu robh e
[109] sgith airtneulach an deidh coiseachd bho ’
n Tairbeart Hearach gu Steornabhagh.
Ghabh Sine loma-
lan na gloinne agus bha fhios agam fein gu ’
m biodh ceann labhairt aice ’
n deidh sin,
ach gu de ’
n taobh air am buaileadh a teanga b’
e sin a’
chuis.
Ann a’
meadhon na tea nach ann a thug am Barrach botul bodaich lan uisge-
bheatha mach a maileid aodaich shnasail a bha aige,
agus cha robh air no dheth ach gu feumaidh mi-
fhein agus Sine drama an laimh an urra ghabhail bho na choigreach.
Thoisich Sine air diultadh ach cha robh math.
“Feumaidh sibh ma shlainte ol,” ars’ esan; “chan ann na h-uile latha choinnicheas cairdean cho coibhneil rium, agus chan ’eil an so ach boinneag a cheannaich mi air an Tairbeart airson drama thoirt do Chalum Sheorais an uair a bhitheamaid a’ deanamh cordaidh timchioll air reic na birlinn.” ’N uair a dh’ ol Sine an dara gloinne chaidh i ’n a ceann ball gach a direach, agus cha robh smiach aice. “Sud direach,” ars’ am Barrach, “mar a bhios Barabal, a bhean agam fhein, an uair a bhlaiseas i air boinne—bithidh i ’n a dubh-thamh an toiseach, agus an sin teannaidh i greis ri rànaich agus greise eile ri lachanaich ’s ri gaireachdraich agus togaidh i a lamhan suas a cheart cho grinn ri sagart aig aifrinn. “Oich, oich,” arsa Sine, “ ’s mairg tha gabhail uidh anns an stuth bhuaireasach tha so.” “Oladh sibh-se cupa de thea gun siucar,” ars’ am Barrach,” agus
[110] bheir e rian air an eanchuinn agaibh,”
agus rinn Sine sin,
ach ’
s ann luaineach gu leor a bha an t-
suil aice agus an t-
aodann cho ruiteach cruinn ri gealach an abachaidh.
Dh ’
iarr mi-
fhein air a’
Bharrach buidheachas a thoirt airson nan trocairean a bha againn agus rinn esan sin ann am briathran simplidh sgriobtuireil agus chuir e comharradh na croise air aig ceann na cuise.
Thainig am beo sin ann a’
Sine ’
n uair a chunnaic i a’
chrois ’
g a h-
iomairt agus bha dearg eagal orm gu lasadh i air a’
bhodach choir ann an aimhreit mu chreideamh. “
Ochan,
ochan,”
arsa Sine, “ ’
s iomadh rud ur a chunnaic mi am Bearnaraidh ’
n a mo latha.
Tha mi creidsinn nach do chuireadh crois airson a’
Phapa riamh air aodann am Bearnaraidh thuige so.
Chan urrainn mise radha tuilleadh mar bu mhath leam, ‘
Bearnaraidh bheannaichte againn fhein,
cha d’
thainig Papanach riamh air tir ann.” “
Eisd,”
arsa mise, “
de mu dheidhinn Ceit Bharraidh,
nach e Papanach a bh’
innte-
se.” “
Chan e.”
arsa Sine, “
chuir i cul ris na sagartan mu’
n d’
thainig i ’
n taobh so, ’
s e bh’
innte fior Mhoderate.”
Bha’
n t-
am agam an comhradh atharrachadh,
agus ’
s ann an sin a dh’
innis mi do Shine an turus a chuir Mac Neill do Bhearnaraidh. “
O ma tha,”
arsa Sine, “
cha chreid mi gu bheil e beo an duine ris an reiceadh Calum Sheorais a’
bhirlinn ur aige,
ach chi sibh co dhiu,
agus ge b’
e c’
aite ’
m bi sibh troimh ’
n latha,
Mhic Neill Bharraidh,
cuimhnichibh gu bheil
[111] leabaidh agaibh an so—
agus ghabh Mac Neill ris a’
chuireadh,
agus air ar socair fhein thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais airson rian a chur air ceannach na birlinn.
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.