BODACH BHARRAIDH—III.
A CHARAID RUNAICH,
An uair a ghabh mi-fhein agus am Barrach toit ghasda de ’n phiob an deidh nam maragan fala, thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais. Bha Sine air fas ceart gu leor a nise, agus cha robh duine dh’ aithnicheadh air a h-anail gu ’n do dh’ ol i boinne de shughadh an eorna riamh. Thainig Peigi Chirstag a Tobson a steach direach an uair a bha mi-fhein agus an coigreach air an starsaich a’ dol a mach, agus bha mi cho toilichte nach biodh Sine leatha fhein an deidh na thachair, agus mar a thuirt mi ris a’ Bharrach, a’ dol suas an lonaig, ge b’ e co bhiodh air cul na còmhla, gur h-e chluinneadh an ur-sgial aig Sine an latha ud. ’S e th’ ann a Mac Neill duine aig am bheil inntinn fharsuing sgriobtuireil mu chrois a’ Phapa, agus thuirt a bhial rium an latha
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.
title | III |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |