[119]

BODACH BHARRAIDHV.

A CHARAID CHOIR,

An deidh do bhean Chaluim Sheorais an deagh thea thoirt dhomh fhein agus do Mhac Neill ann an cuideachd luchd an tighe, thainig am Barrach gu fior cheann a thuruis do Bhearnaraidh— ’s e sin cumhnant a dheanamh ri Calum Sheorais airson abhirlinn ur aige cheannach. Thog mi-fhein orm gu eirigh a mach airson gun deanadh e fhein agus Calum baragann an aonarbe sin amodh dhomh-sa, mar tha fhios agaibh, —ach cha leigeadh Calum leam carachadh a larach nam


[120] bonn. Thuirt e rium nach robh eagal sam bith air gun rachainn a dheubhach air sheachd bealaichean an comhradh a bhiodh eadar e fhein agus am Barrach mu cheannach na birlinn, —agus gu dearbh ged is e mi-fhein a thag a radh ruibh, cha robh mise riamh toileach air a bhig amladh mo theangaidh ann an gnothuichean mo nabuidhean. Dhinnis am Barrach, facal air an fhacal, mar a dhinnis e dhomh fhein atighinn a stigh aig an eaglais Mhoderate, mar a chaill e an deagh eathair le stoirm na Feill-Martainn so chaidh agus mar a chaidh a stiuireadh gu Calum Sheorais leis an deagh theiste fhuair e air abhirlinn ur aige ann an litir Bhearnaraidh. “Tha mi gun teagamh duilich airur son, a Mhic Neill,” arsa Calum; “thainig direach an aon seorsa calla oirnn le cheile, agus tha mi creidsinn nach e ceum de dhith faicill a bha air aon seach aon againn ged a chaidh gach culaidh asgealbadh ris na creagan.” “Moire, chan e,” arsam Barrach, “ach direach arud a bhios an dàn gabhaidh e aite agus chaneil innleachd air thalamh a chumas air ais e. Ach gu dearbh, a Chaluim, ’s ann agaibh a tha bhirlinn eireachdail, agus laigh mo shuil fhein oirre bhon a bhuail mo shealladh oirre feasgar an de, agus ma reiceas sibh rium-sa i cha shor mi airgiod air an talamh oirre. Tha ceithir chiad punnd Sasunnach agamn a laighe air riadh am banca Loch-Baghasdailairgiod Fhrannsaidh choir, mo mhac a chaidh a mharbhadhs na h-Innsean an Ear
[121] (sith Dhe do anam), agus mar sin chaneil dith no deireas orm, agus cha teid sinn a mach air a cheile, charaid, cha teid. Cha tug mise a char a duine riamh, agus gu robh Dia eadar mi agus sin a dheanamh.” “Uill, a Mhic Neill,” arsa Calum, “nan reicinn-sa bhirlinn ri duine air an talamhs ann ruibh-se ged nach do bhuail mo shuil riamh oirbh thuige so. Tha fhios agam gur fior dhuine sibh, agus bu mhath leam taghadh na h-eithear a bhi agaibh, ach chan urrainn mi dealachadh ris abhirlinn. Tha mac agamn a dhotair an Glaschu, agus faodaidh mi innse dhuibh gu bheil e fiachainn ri comunn marsantachd a chur air choiss an eilean airson cungaidhean-leighis a dheanamh de ola choin-ghuirm agus na bioraich, agus tha e airson gum bi abhirlinn agam ag iasgach nam beathaicheaan sin, agus tha duil aige tigh-leaghaidh a chur suas am Bearnaraidh Bheag airson giollachd an eisg ud, agus sin agaibh mar a tha chuis do mthaobh-sa.” “Tha mi uamhasach toilichte,” arsam Barrach, “sin a chluinntinn, agus tha min dochas gun dean sibh fhein agus an dotair agaibhur fortan mors an oidhirp agus gu robh Dias Muire leibhs aghnothuch. Bha dotair mor as an Spainn ag amharc air an t-sagart againn an uiridh agus thuirt e gu robh e den fhior bheachd gu robh leigheas airson gach tinnis bhon ghrein ann an oladh na bioraich nam biodh luchd-sgil ameorachadh gu leor air an doigh anns am bfhearr a ghabhadh i giollachd.” “Tha sin ceart,” arsa
[122] Calum, “ ’s fhada bho bha Padruig mo mhac agus dotairean mora an Oil-thigh an Glaschu arannsachadh a mach eifeachd oladh na bioraich agus tha mim beachd gun tig achuis gu deagh airde ri tide.” “Ma tha, Mhic Neill,” arsa mi-fhein, “bhon fhuair sibh an gnothuch ud seachad, feumaidh mi-fhein aideachadh ged a tha mi gle dhuilich air doigh nach dfhuair sibh birlinn Chaluim, air doigh eile tha prois orm nacheil sinn adol a chall bàta cho grinn cumhachdach agus a sheol a stigh riamh do chaolais Loch-a- Rog. Ri innse dhuibh-se, Mhic Neill, tha eud aig Leodhas gu leir ruinn airson birlinn Mhic Leoid. Nam biodh sibh-se an so aig am iasgach an sgadain an uiridhs ann a chitheadh sibh astar na culaidh ud, agus gu dearbh bha e cur bhliadhnachan ri maois fhein a bhi dol air bord oirre gu iasgach an sgadain aig Gob aGhalain. ’N uair a bhiodh gach ni deas thogamaid an seol breac baidealach ann am barraibh achroinn fheadanach fhiubhaidh. Bha beiceartaidh ròn is ròcasdaidh fhaoileag, feadalaich bhall agus crathadh ullag rin cluinntinn. Thigeadh soirbheas beag laghach a bheireadh duilleach a coill, froineach a beinn, agus seileach og a fhriamhaichean. Bha bheisd bu mhothag itheadh na beisde bu lughas abheisd eile deanamh mar a dhfhaodadh i. Sgoilteadh i cuinnlean caol coirce bho a dubh-thoiseach gu a dubh-dheireadh, agus an fhaochag chrom chiar a bha an grunnd an aigein bheireadh i haig air a
[123] bial-mor le fheabhass a dhfhalbhadh i, agus bhiomaid aig Gob aGhalain mun tarradh eithrichean Uige agus Charlobhagh na siuil a thogail.”

“ ’S e call dhuibh a thann, a Mhic Neill,” arsa Calum, “Bearnaraidh fhagail gun eathair fhaighinn agus ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, theid sibh far a bheil Scottie agus togaidh e eathair dhuibh cho math ri duines an duthaich.” “Tha sibh direach aige, Chaluim,” arsa mi-fhein; “theid mi-fhein agus Mac Neill do Chircebost am maireach agus tha mi deimhinn gun cord Scottie ri mo charaidbheir e dha nithean nuadha agus sean.” “Tapadh leibh-se airsonur coibhneis,” arsa Mac Neill; “ni mise ni sam bith a dhiarras mo chairdean còire orm.”

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page