[127] BODACH BHARRAIDH—VII.
FHIR IONMHUINN,
Thog mi-fhein agus am Barrach oirnn gu Circebost gu math trath ’s a’ mhaduinn airson eolais a chur air Scottie, comhla ri baragan a dheanamh airson eathair a thogail. ’S e maduinn aluinn a bh’ ann agus fhuair mo charaid rogha an t-seallaidh air an eilean againn, agus bha e ’g radh rium gu robh Bearnaraidh ann an iomadh ni gle choltach ri Barraidh aige fhein.
[128] Bha mi ’g innse dha mu na tighean mar a bha sinn a’ dol seachad orra agus a’ deanamh beagan seanachais air na daoine bha chomhnuidh annta. Bha birlinn Chaluim direach a’ togail na siuil anns an Loch-bheag an uair a bha sinn a’ dol a fianuis na h-acarsaid, agus dh’ aidich am Barrach nach d’ thuirt mi facal breige an latha roimhe sud an uair a rinn mi inneas cho fior mhor oirre—“ ’s math is d’ fhiach i moladh sam bith a nithear oirre,” ars’ esan; “ma gheibh mise a leithid, chan aithreach leam an latha thainig mi air chuairt do ’n eilean agaibh.” “Uill, a Mhic Neill,” arsa mi-fhein, “tha sinn a’ dol a chur ar comhairle ri fior shaor eithrichean agus cha bhi cearb air an eathair a thogas Scottie ma thig sibh gu cordadh mu’n chuis—mo lamh dhuibh air sin.” ’N uair a rainig sinn “Clach an Ultaich,” seann ait’ -analach air an rathad gu Circebost, thuirt mi ri Mac Neill gu’m b’e sud aite far am biodh daoine faicinn bhòcain agus thaibhsean air an oidhche. “Gle choltach direach ri aite mar sin,” arsa Mac Neill, “tha moran aitean againn fhein am Barraidh a bhios na bòcain a’ tathaich. Faca sibh aon diubh riamh Alasdair?” “Dhia, gleidh mi,” arsa mise, “chan fhaca, agus gu ma fada uam iad gu brath.” “Ma tha, chunnaic mise,” arsa Mac Neill. “Greis an deidh Murchadh Ruadh, seann nabuidh a bha agam, a bhi air a bhàthadh, bha mi dol dachaidh gu math anmoch aon oidhche, agus an uair a thainig mi gu Lag nam Meirleach de bha ’n a sheasamh direach air meadhon an rathaid ach
[129] duine le botuinean mora agus cota iasgaich.
Dhuine,
cha do shaoil mi-
fhein dad de’
n chuis gus na bhruidhinn e agus ged nach robh e idir air innse dhomh gu’
m b’
e Murchadh Ruadh a bh’
ann, ’
s math a dh’
aithnich mi e air a chruth agus a bhruidheann.” “
Neill,”
ars’
esan, “
na gabh eagal romham;
dh’
fhag mi cunntas beag gun phaigheadh am buth Iain Ruairidh,
agus innis thusa do Mhairi,
mo bhean,
gu bheil deich tasdain fhichead de airgiod geal ann an crogan eadar an dresair agus a’
chiste-
mhine,
agus paigheadh i an cunntas le sin agus bithidh sith air mo spiorad,”
agus rinn mise mar a dh’
iarr Murchadh orm,
agus mar a thuirt b’
fhiar,
bha an dearbh sgillinn a thuirt e ’
s a’
chrogan gheal—
agus cha do chuir Murchadh dragh air aon againn tuilleadh.”
Bha sinn a nise sios gu tigh Scottie,
agus sheall mi do Mhac Neill far an robh an t-
seann eaglais air an robh sinn a’
bruidheann.
Thug am bodach còir a bhoineid dheth agus sheas e car mionaid ag amharc a null. “
Alasdair,”
ars’
esan, “
chan urrainn mi gun urram a shealltuinn do thogail sam bith far an d’
rinneadh aoradh do Dhia neimh le treibhdhireas ge b’
e de’
n mhiar de’
n chreidimh Chriosduidh,
agus b’
fhearr leam gu robh ’
n corr dheth ’
s an eilean so;
na’
m biodh,
bhiodh barrachd de mhaise na naomhachd oirnn.”
Chaidh sinn a steach agus bha mo charaid Scottie agus a bhean air ball a’
cur furain agus failte oirnn,
agus cha b’
fhada gus an robh am Barrach ’
g a dheanamh
[130] fhein aig an tigh.
Air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall mu’
n iasgach,
an rud anns an robh ar n-
uidh,
nach d’
rinn Scottie a mach gu robh e fhein agus Mac Neill da sheusan aig an aon mhaighstir aig iasgach Lerwick,
agus ma bha an doigh anns an do choinnich mi-
fhein agus Mac Neill iongantach,
cha b’
e an ath eolas so air Scottie dad bu neonaiche. “
Tha cuimhne agaibh,
a Mhic Neill,”
arsa Scottie, “
na h-
argumaidean a bhiodh againn mu’
n Sgriobtur a’
bhliadhna ud an uair a bhitheamaid air cheann nan lion.
Chan’
eil ni is docha leam na bhi leigeadh m’
inntinn ri duine aig a bheil breithneachadh mar tha sibh-
se Bharraich,
agus smuaintean mora agaibh mu’
n Fhirinn nach deachaidh riamh a mhilleadh agus a shluaisneadh le aimhreit eaglaisean,
rud a tha an deidh an t-
anam a dheoghal asainn anns a’
Ghaidhealtachd an diugh.” “
Taing do Dhia,”
arsa Mac Neill, “
gu’
m buin mi-
fhein do eaglais nach do dh’
atharraich a creud liad an ròinne riamh bho ’
n chaidh a’
togail air Peadar bho thus,
agus mar a thuirt Calum Cille nam beannachd:—
“I mo chridhe, I mo ghraidh,
Far an cluinnte guth manaich, bithidh geum bà,
Ach mu’n tig an saoghal gu crich,
Bidh I mar a bha.”
“Nise,” Mhic Neill,” arsa Scottie, “co ’n a ’ur beachd fhein a nise bu mhotha de na deisciobuil?” “Mhoire, bha Peadar,” ars’ am Barrach; “nach d’ thuirt Criosda ris “beathaich mo chaoraich,” ’s
[131] “
beathaich m’
uain,”
agus “
neartaich na braithrean,”
agus mar tha fhios agaibh fhein nach ann air Peadar a thogadh an eaglais againn.” “
B’
fhearr leam gu robh Tormod Og an so,
Mhic Neill,”
arsa Scottie, “
agus dheanamaid steith-
argumaid de’
n phuing sin. ’
S e duine cumhachdach eudmhor misneachail a bha ’
m Peadar,
a Mhic Neill,
ach ’
s e Eoin còir mo rogha fhein de’
n treud gu leir. ’
S e deisciobuil a’
ghraidh,
agus nach e gradh aon de na priomh steithean aig a’
Chriosdalachd,
agus chan’
eil duine leughas an soisgeul aige nach fhaic cho mhor ’
s a rinn gradh Chriosda greim air.
Chuala mi aig ministear uair mu bhial-
aithris a dh’
fhag aon de na seann diadhairean mu Eoin.
Bha na deisciobuil eile ’
g a theannachadh airson soisgeul a sgriobhadh agus tha an cunntas ag radh gu’
n d’
aontaich Eoin air chumhna gu’
n deanadh na braithrean uile traisg agus urnuigh,
agus air dhoibh sin a dheanamh fhuair e am foillseachadh neamhaidh a thug deachdadh dha gu toiseachadh, “
Anns an toiseach bha am focal.”
An corr de’n chomhradh air an ath sheachduin.
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.