[136]

BODACH BHARRAIDHIX.

FHIR MO CHRIDHE,

’N uair a bha mi-fhein agus am Barrach agus Scottie seachd seann sgith ag innse sgialachdanaguss ann do Mhac Neill fhein a thigeadh teannadh riuthadhiarr mi-fhein air aBharrachBirlinn Chiosamuil,” an t-oran den do ghabh Sine a leithid de uidh, a ghabhail do Scottie, agus air ball bha Mac Neill suas leis, agus gu dearbhs e fhein a chuir an uchdach ris, agus chord e uamhasach math ri Scottie. “Nise, Mhic Neill,” arsa Scottie, “am biodh an sagart agaibh ruibh nan cluinneadh e sibh ag gabhail oran


[137] diomhain mar sin?” “Moire, ’s e nach biodh,” arsam Barrach, “ ’s e fhein am fear a bheir an luinneag bhinn air na h-orain Ghaidhlig, aguss iomadh uair a thuirt e rium gum bu chòir dhuinn cuimhne chumail air gach seann oran gasda bhiodh na bodaich bho shean, seadh agus bodaich an lathan diugh, aseinnn ar measg. ’S e a bheachd gu bheil an saoghal so deurach truagh gu leor ged do bhiodh gathain sonais agus solais air an toirt ann an drasda agus a ris le fonn ait nan oran Gaidhlig.” “Direach sin,” arsa Scottie; “nach iongantach a nise, Mhic Neill, nach robh na seann mhinisteirean againne den bheachd sin idir. ’S e bha iadsan asmaoineachadh gur h-e diomhanas mor a bha ann do dhaoine bhi seinn orain dhiomhain no bhig innse sheann sgialachdan no bhi baoth-shugradh air doigh sam bith. Cha robh dad aca mu dhaoine bhiodh ri piobaireachd no ri fidhleireachd no ceol sam bith den t-seorsa sin.” “Tha mi tuigsinn nach robh,” arsa Mac Neill, “aguss e aghlas-ghuib a chuir iad air na cleachdaidhean gasda sin am measg nan Gaidheal a dhfhag cuisean cho bochd agus a tha iad an diugh. ’S ann gann a tha na piobairean agus na fidhleirean, agus bhithinn acluinntinn gum biodh cuid de na ministeirean acumail abhaistidh bho luchd-ciuil mar sud. Chan e mhain sin ach ruithidh tu air moran thighean an diugh mu faigh thu neach a chuireas tri cheathrannan orain an deidh a cheile, agus nach maslach sin do
[138] shiol nam fiuran a chuir air blar abhardachd iongantach ud anns am bheil uaill gach fior Ghaidheal.” “Chaneil guth breige agaibh, a Mhic Neill,” arsa Scottie, “aguss e mo bheachd fhein nacheil daoine an diugh dad nas spioradailes an inntinn ged a sguir iad de na h-orain agus den cheol.” “Chaneil e iomchuidh gum biodh daoine don tug Dia ciall afalbh le aodainn fhada agus drein mhugach an Phariseich an comhnuidh, nithean a tha gintinn foill agus mealltaireachd far am bu chòir caomhalachd agus carthannas aghraidh a bhi dearrsadh an comhnuidh. Ma theid thu air cheilidh am measg an leithid sin de dhaoine, den cur seachad is urrainn a bhi agad. Cha teid sgiala air Oisein no Deirdire timchioll achagailt, agus chaneil neachs achuideachd a thogas fonn air oran: chaneil air achuis ach teannadh ri sluaisneadh do nabuidh agus ma theid cuisean neach sam bith asgrudadh gu ro fhada gheibhear ni-eigin nach bi ro chailmhor mu thimchioll.” “Ach, a charaid, ma theid sibh-se gu tigh am Barraidh chan ann mar sin a gheibh sibh cuisean,” arsa Mac Neill. “Cluinnidh sibh sgiala agus oran agus cluichear dhuibh port air aphiob-mhoir gun eagal roimh shagart no cleir, agus ma thig e gu dannsa, bidh bodach an tri ficheads an ruidhle comhla ri a ogha a tha dol don sgoilagus gu ma fada bhios Barraidh mar sin. Gun teagamh tha aimsirean den bhliadhna mar a tha
[139] an Carghus agus an Aidbhein anns am bi sinng ar fein-aicheadh agusg ar n-ullachadh fhein airson aimsir na Nollag agus na Càsg, ach a mach bho na h-aimsirean sin, chaneil neach againn nach còir a bhi cho aigeannach agus a leigeas fortan leis aig an am.” “Direach ceart, a Mhic Neill,” arsa Scottie, “tha mi nise cho toilichteur beachd a chluinntinn mu na cuisean sin: bithidh mig an innse do na bodaich againn fhein an uair a theid mi null gu orduighean Uige.”

Thainig achuis a nise gu baragan a dheanamh airson togail na h-eathair agus thog mi-fhein orm a mach. Bha agam ri dhol a dhamharc air Murchadh Scottie co dhiu airson iasad de thri chleibh-ghiomach fhaighinn uaithe. Bha moran chleibh agam fhein an achlais na creige air chul an tighe oidhche na stoirme moire, agus ghlan amhuir air falbh iad agus tha mi cinnteach gu bheil iad air cladach Hiort roimhn am so. Cha do tharr mi eibhleag a churs aphiob an uair a bha am Barrach air mo shàil agus an fhaoilt sin air. “Rinn mi achuis,” arsa Mac Neill, “agus cha chreid mi gun dfhuair mi baragan riamh cho saoreithear dha-fhichead troigh, ur nodha, air leth-chiad not, ach chan fhaic mise an duine còir air sin.”

Bha bean Mhurchaidh ableoghan amhairt am muigh aig ceann an tighe, agus an uair a fhuair e mach gur h-e beathach solt a bhinntes ann a


[140] chaidh e fhein foidhpe, agus thoisich e ri a bleoghan agus aig an aon am agabhail oran bleoghain dhith mar so:—

Il a bhólagain, il bho maghan,
Il a bhólagain, il bho maghan,
Il a bhólagain, il bho maghan
Mo chrodh-laoigh air gach taobh an abhainn.

Buarach siomain air crodh na t-eile,
Buarach sioda air maghan fhein o,
Buarach sùgain air crodh na duthcha,
Buarach ur air mo bhuaileig ghaoil-sa.”

Bfhurasda aithneachadh cho math agus a bha achuis acordadh ris abhoin, agus gu dearbh cha robh ionghnadh ann, ’n uair a dheisdeadh neach ri guth grinn fonnmhor aBharraich, agus ged nach dthuirt mi dad aig an am, cha burrainn dhomh gun a bhi smaoineachadh air cho mi-nadurras a bha cuid den chinne-daonna a bhan aghaidh ceol, ’n uair a bha an t-oran bleoghan ud acordadh cho math ri Mhurchaidh Scottie. ’N uair a dheirich am Barrach chuir e comharradh na croise air fhein, agus air abhoin ag radh aig an aon am, “cha laigh mo shuil ort. Sud, tha mise creidsinn, achiad bhó am Bearnaraidh air an deachaidh achrois, agus mar a thuirt e fhein,” mur a dean e math dhith gu cinnteach cha dean e dolaidh dhith.

Mise, ’ur caraid,

ALASDAIR MOR.

titleIX
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page