[162]

DRIP AN EARRAICH.

FHIR IONMHUINN,

Mar a tha mi-fhein agus Sine ag ionndrainn Mhic Neill chòir ged nach robh e comhla ruinn ach an tacan beag ud. Mar a thuirt mi ruibh iomadach uair cheana mu Shine, an taobh a


[163] theid i, theid i ann, agus mo lamh-sa gun do ghabh i tlachd don Bharrach. ’S beag a bha dhuil agam-sa gun deanadh i taobh sam bith ris achiad latha thug mi steach do mfhardaich an duine agus e air aineol, achs mise bha air mo mhealladh. Gun teagamh feumaidh mi aideachadh gur h-e boirionnach aig a bheil inntinn fharsuinn thomadach a tha an Sine, aguss e mo bheachd, ged is e mi-fhein a thag a radh, nan robh i air sgoil agus foghlum an lathan diugh fhaotainn, gum biodh in a boirionnach soilleir anns an aite so; ach de math a bhi bruidheann air rud a dhfhaodadh a bhi ann, ach nach urrainn aite ghabhail a nise. Co dhiu no co dheth, ’s ann a thug misen urram dhithn uair a bhiodh Mac Neill acur phuingean sgriobtuireil air a bialamh a reir a bheachd fhein, mar a bha an inntinn aice adeanamh greim air an t-solus a bha aige-san air achuspair, seadh ged nach do smaoinich ise riamh roimhe air achiall a bha am Barrach atoirt as an earrainn. Gu dearbhs fhada bho nach robh a leithid de dhuine gasda air cheilidh oirnne an so agus chan e mhain sinne, ach gach neach ris an do thachair e, a chanas sin. Gu ma h-aidhe don bhodach chòir agus do Bharabal a than a bana-chompanach aige.

Tha sinn an teas an àitich a nise agus chan e sin an sugradh, ach tha dhaona mhaitheas air achuis gu bheil Sine saor agus an t-siataig am bliadhna, agus chaneil an t-inneireadh acur ite


[164] aisde. Tha i fhein sunndach an cois sin agus tha en a shlainte dhomh-sa gun a bhig a cluinntinn agearan agus aguraman mar a bha i mun am so an uiridh. Tha mi gle ghann de shiol-cura buntata am bliadhna, agus bha duil agam gu faighinn greim air bolla no dha den bhuntata annasach a tha na daoine mora cur dhachaidh a Dun-eideann, ach, a dhuine, ghabhadh e sgoilear a bfhearr no mise airson nan iomadh riaghailt a tha timchioll air roinn abhuntata ud a thuigsinn, agus cha chreid mi gum bi mi slachdadaich ris achuis. Tha Calum Sheorais ag radh rium gun deachaidh na miltean mora a chruinneachadh airson teasairgin air gorta na Gaidhealtachd am bliadhna, ach gu dearbh ma chaidh, ’s fior bheag ar cuid-ne dheth. ’S e mo bheachd direach gu feum caraid no dha a bhi aig neachs achuirt anns an lathan diugh, ma faigh e deiric sam bith den t-seorsa so, agus cha do thachair moran luchd-tagraidh a bhi againne ann agus le sin tha sinn air ar fagail air cul na comaith. Tha e ro thaitneach dhuinn mar Ghaidheil fhaicinn mar a chuir an saoghal uile an aghaidh oirnn le cobhair, an airgiod agus am bathar, am bliadhna an uair a chaidh glaodh na h-eigin agus an acrais a sheirm cho tiamhaidh a mach bho ar criochan, ach saoilidh mi fhein an deidhs gu leir gun deachaidh an glaodh a bhann eigheach tuilleadh agus cruaidh, agus ged dhfhaodadh teanntachd a thaobh bidhe agus connaidh a bhi an iomadh fardach, nach robh cuisean idir cho teann an aitean
[165] eile der tir, agus le sin gu robh sgial tuaileis air a thoirt air staid ar duthcha. ’S ann le carthannas agus bàidh ri ar luchd-muinntir, tha sinn a creidsinn, a thogadh caithreim na gortan ar tir, agus do thaobh sin, bu chòir dhuinn buidheachas aon-sgialach a thoirt don mhuinntir a chaidh gu dragh agus cosguis ann a bhi tional airgid, agus tha ar beannachd aig gach neach, thall agus a bhos, a dhfhosgail iallan an sporain troimh dheagh dhurachd dhuinne anns na h-Innse-Gall.

Nacheil Calum Sheorais ag radh rium gu bheil Mod Gaidhlig gu bhi air a chumail an Steornabhagh am bliadhna. Gu dearbh tha mi-fhein agus Sine ro-thoileach airson sin a chluinntinn, agus ma ni am fortan dhuinn idir e bithidh sinn ann aig an am. ’S fhada bho bha lionn-dubh orm fhein ann a bhi smaoineachadh cho beag agus a tha de Ghaidhlig am measg oigridh Steornabhaigh agus pailteas Gaidhlig aig amhor-chuid de na parantan. Tha ni-eigin cearr air na Gaidheil an diugh an uair nacheil iad adeanamh saoithreach sam bith airson na dileab a fhuair iad-fhein a nasgaidh, an canain, aiseag don gineal, achs e ceist mhor a thas achuis, agus bithidh mi labhairt oirre anns an ath litir, ma leigeas drip an earraich dhomh.

Mise, le meas mor,

ALASDAIR MOR.

titleDrip an Earraich
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page