[170]

MOD STEORNABHAIGHII.

FHIR MO CHRIDHE,

S e chiad phuing a dhaingnich mi a thaobh miaran aChomuinn Ghàidhealaich, nach còir na coinneamhan aca a bhi air an toirt suas gu leir le ceol agus dannsa agus aighear, agus chaneil teagamh nach cum Comunn Steornabhaigh sin a ghnath air chuimhne. Cha chuir seinn oran Ghaidhlig no ball-dannsa moran pisich a feasda air litreachas agus foghlum na Gaidhlig, agus mar is luaithe ghabhas luchd driachd gach comuinn sin gu cridhes ann is motha gheibh iad de speis agus


[171] de thaice nan Gaidheal. A ris, chaneil gnothuch aig aChomunn Ghaidhealach ri eaglais no creud agus cha bu mhath gum biodh. Le bhig radh sin tha mi ciallachadh nacheil an Comunng a ainmeachadh fhein air eaglais shaor no dhaor, caitliceach no cleireach. Tha cairdean na Gaidhlig am measg gach eaglaisn ar tir, aguss docha cuid dhiubh nacheil atoirt moran creideis do eaglais sam bith, ach cha teid fhoighneachd a chaoidh do neach sam bith a tha airson a bhin a bhall den Chomunn Ghaidhealach, den eaglais anns am bheil e deanamh aoraidh do a Dhia. Bho linn Oisein bha an truaighe mhor oirnne riamh mar Ghaidheil a bhi toirt bheachdan eaglaiseil a stighn ar gnothuichean laghail agus ann ar comuinn shiobhalta, aguss iomadh aobhar ionmholta a chaidh bun-os-cionnn ar measg le bhi deanamh argumaid timchioll air còraichean eaglais, a bha riamhn am meadhon buairidh. ’S iomadh linn fhathast mum faic sinne an aon treud agus an aon bhuachaillen ar tir, agus le sins e ar gliocas gun ghnuis a thoirt do threud seach a cheile ann an gnothuch na Gaidhlig a chionn gum buin achuis a tha sin do gach duine fa leth ge be a bheachd air seasamh nan eaglaisean. Gun teagamh rinn an Comunn Gaidhealach beairt ghlic an latha shocraich iad nach biodh cuid no gnothuch aige ri eaglaisean.

Cha mhotha tha beachd Parlamaideach (politics) aig miaran aChomuinn Ghaidhealaich, agus


[172] aontaichidh sibh leam gu bheil sin na ni ro riatanach cuideachd. ’S iomadh atharrachadh beachd a thaobh iomairt Ard-uachdranachd ar tire tha measg muinntir Steornabhaigh fhein, agus gu dearbh cha burrainn mi radh aig acheart am cos lionmhoire aireamh nam beachdan sin no stiobullan nan eaglaisean an Steornabhagh, achs coma. Chaneil ann amodh riaghlaidh Iompaireachd mhoir mar a thagainne ach cuis a than comhnuidhn a meadhon air teas-argumaid agus mi-chordadh, agus tha e rud-eigin coltach ris na h-eaglaisean fhein, ’n a aobhar connsachaidh anns nacheil moran feuma. Ach den deifir, chaneil aleithid a rud agus Adhartaich (Liberals) no Athaisich (Conservatives) no Communaich (Socialists) am measg buill aChomuinn Ghaidhealaich idir. ’S e bu chòir a bhi annta uile fior Ghaidheil, agiulan an aoin suaicheantais, “ar tir agus ar teanga,” agus nach maiseach sina bhi cruinn a dhaon inntinn ann an aon aite gu cor na Gaidhlig a bhrosnachadh, agus gach aimhreit mu eaglaisean agus mu ard-riaghladh air chul na comhla car tamuill.

Ciod iad, ma tha, na h-aobharan airson a bheil miaran den Chomunn Ghaidhealach air an cur air chois thall agus a bhosn ar duthaich? So iad am beagan bhriathran agus cha chreid mi gu bheil aon duines aGhaidhealtachd is urrainn a radh gu h-olc umpa: —

(1) Teagasg agus labhairt na Gaidhlig a


[173] chraobh-sgaoileadhn ar duthaich. (2) Miann a chur an cridhe nan Gaidheal gu litreachas, eachdraidh, ceol agus ealaidhean an duthcha ionnsachadh. (3) Seann oibre nan Gaidheal, mar a tha sniamh, cardadh, fidhe agus dath na cloimhe le luibhean, urachadh agus ath-bheothachadh air dhoigh agus gum bi gach saothair a tha sin buannachdail dhoibh. (4) Uaill anns an fheileadh phreasach agus an t-osan gearr arach am measg ar luchd-duthcha. ’S e aobharan mor agus tomadach a tha aig aChomunn Ghaidhealach anns an amharc, agus nam biodh cuisean mar bu chòir dhoibh a bhi, bhiodh achuid mhor de na Gaidheiln am buill dheth. Chaneil achìs bhliadhnail ach crun agus tha gach sgillinn dheth sin adeanamh beagan cuideachaidh leis na h-aobharan a dhainmich mi, ach ged a tha an Comunn tri bliadhna diag thar fhichead a dhaois, chaneil ann ach ochd ciad diag thar fhichead de bhuill, agus canaidh sibh nach math an teisteanas sin air treibhdhireas agus muirn nan Gaidheal don canain agus don duthaich.

Mise, ’ur caraid,

ALASDAIR MOR.

titleII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textMod Steornabhaigh
<< please select a word
<< please select a page