MOD STEORNABHAIGH—IV.
FHIR MO CHRIDHE,
’S ann a bha Sine ag radh rium an diugh gu’m biodh miar a’ Chomuinn Ghaidhealaich an Steornabhagh a’ gabhail diombaidh rium airson a bhi cur, mar gu’m b’ eadh, an dleasdanas rompa, an litir Bhearnaraidh, ach ged is e sin am beachd aice-se, tha fhios agam nach ann mar sin idir a ghabhas buill a’ Chomuinn ud ris na beachdan a bha mi cur mu’n coinneamh. Cha mhisde
Tha mi mar sin ro thoilichte thuigsinn gu bheil fiughair aig Comunn Gaidhealach Steornabhaigh ri coinneamhan a bhi aca troimh ’n gheamhradh. So an ni a chuireas surd air luchd na Gaidhlig, agus cuiridh mise geall mu’m bi aon gheamhradh seachad, gu’m bi oraidean Gaidhlig ro dhealasach agus fior bhlasda ri an cluinntinn aig na coinneamhan sin. De an seorsa choinneamhan a bhios, na bu chòir a bhi, aig miaran a’ Chomuinn Ghaidhealaich? Thuirt mi cheana nach dean ball-dannsa no oran thall agus a bhos am measg na cuideachd, moran feuma airson cuis na Gaidhlig, agus leughaidh am fear a ruitheas sin. ’S e a ni
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | IV |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Mod Steornabhaigh |