[186]

CALUM CILLEI.

A CHARAID CHOIRE,

Chaneil ro fhada bho fhuair mi litir ghasda bho Mhac Neill, mo charaid, a Bagh aChaisteil. Tha e gu trang ag iasgach an drasda, agus bha mise cho toilichte gu robh achuis sin adol leis cho math. Tha Scottie an ire mhath leis an eathair aige, ach bha drip an earraich agus buain na mònadhg a chumail car air ais, ach tha fhios againn uile nach bi esan fada rithe ma chuireas e a shaothair uile an cleachdadh ris aghniomh. Tha lan dhuil agam fhein agus Sine agus bean Bhill a dhol timchioll gu Barraidh anns an eathair an uair a theid Mac Neill dhachaidh leatha, agus creideadh sibh-se mise gu bheil fadachd mhor orm fhein gus an seol sinn leatha a mach a port Scottie an Circebost. Cha bhi dearmad air nach toir mi dhuibh ri tide mion-chunntas air gach ceum den chuairt ma bhios sinn uile beo airson an t-am sin


[187] fhaicinn. Chuir Mac Neill thugam leabhar gasda air eachdraidh Chaluim Chille, aguss fhada an t-saoghail nach do leugh mise cunntas cho taitneach. ’S e bhochdainn mhor dhomh fhein agus do Shine gur h-ann am Beurla Shasuinn a tha gach facal dheth air a sgriobhadh, agus le sin bidh sinn acall beagan de bhrigh an leughaidh an sud agus an so, ach fhuair mi faclair Beurla bho bhean Chaluim Ruaidh, agus tha en a chuideachadh mor dhomh, agus chan a mhain sin ach tha mi foghlum moran Beurla, agus Gaidhlig cuideachd, aig an aon am. Smaoinich mi direach an diugh fhein nach bu dhona bheairt e dhomh gun toirinn dhuibh gearr chunntas air beatha an naoimh ud anns an litir so car seachduin no dha. Chaneil naidheachdan adol co dhiu a chionns gun do sguir an ceilidh gus an tig beagan sinidh anns an oidhche.

Rugadh Columba, no Calum Chille, mar is fhearr a thuigeas na Gaidheil, ann an Gartan, an an Dun aGhoill an Eireann, anns abhliadhna 521 A.D. Be Fedhlimidh, aon de mhaithean Siol Dhomhnuill, a bathair dha, agus bha en a ogha do Chonnell Gulban, air a bheil Tir-chonnail an Eireann air a h-ainmeachadh. ’S e Ethne an t-ainm a bha air a mhathair, agus bha cairdeas fada as aice ri Cathair Mor, righ Laighean, an Eireann. Le sin bha fuil righrean air an da thaobh an cuislean Chaluim Chille, agus chi sinn an deidh laimhe mar a rinn an dàimh sin


[188] cumadh sonruichte thoirt air eachdraidh a bheatha. Dhfhaodadh e an lanachd na h-aimsir a bhin a righ air Eireann, ach coltach ri Maois roimhe chunnt e gach onair rioghailn a chall airson soisgeul Chriosda chraobh-sgaoileadh am measg Ghaidheal na h-Albann. Bha Gartan, aite a bhreith, ’n a chlachan beag grinn air slinn chnocan arda, agus tri lochan boidheach aig am bonn, far an robhs an t-seann aimsir iomadh saobhaidh aig amhadadh alluidh. Bhaist Cruithneachan, sagart na sgire e, aig Tulach Dubhghlaise, agus thugadh Columb mar ainm air, facal a thainig a nuas dor n-ionnsuidh troimhn Laidinn mar Columba, aciallachadh calaman. Chuireadh afacalCilleris an ainm aige an deidh laimhe. Tha am facal so aciallachadh iomadh ni a nuas troimh eachdraidh ar canain. Be ancillan seomar beag cumhann le urlar cloiche, agus clach mar shuidheachan agus mar cheann-adhairt, anns am biodh na manaich naomha ag urnuigh agus acumail suas leus an eolais le bhi sgriobhadh leabhraichean anns na laithean dorcha ud an uair nach robh foghlumg a chraobh-sgaoileadh mar a tha es an lathas a bheil sinne beo. Be an t-aite cuideachd anns an robh iad acumail air leth bhon t-saoghal agus a thàlaidhean, airson comunn diomhair a bhi aca rin Dia gu bhi an sàs ris ann an eadar-ghuidhe airson saoghail coirbte. Thainigcillan sin gu bhi ciallachadh eaglais no tigh-aoraidh Dhe, aite bha coisrigte airson aoraidh, agus bha an talamh a bha timchioll air achill coisrigte
[189] cuideachd, agus an sin bha an luchd-aoraidh, an uair a dheugadh iad, air an tiodhlacadh, agus le sin tha cill an diugh aciallachadh cladh no aite-adhlaic. Thugadh Calum Cille mar sin air an naomh so airson cho mor agus a bha a speis don eaglais. ’S ann an Doire Eithne, clachan beag faisg air Gartan, a thogadh e. Bha an eaglais am meadhon achlachain, aguss ann innte chuir Calum seachad achuid bu mhotha de oige. Bha parantan diadhaidh aige, agus le sin thogadh e le lan oilean agus eisempleir naomha anns gach ceum. Bha luach air a chur air an eaglaiss an latha sin nacheil an diugh no dad coltach ris, agus le sin, ge be cho bochd suarach agus a dhfhaodadh an togail a bhi bhon leth a muigh, do Chalum Cille, bi tigh Dhe an da-rireamh far an robh a lathaireachd ri fhaicinn an comhnuidh. Cha do dhfhas e ro mhor mar sin an uair a thuig a chairdean gu robh am balach ud, mar Shamuel roimhe, ann an doigh araidh air a chur air leth airson seirbhis Dhe re a bheatha, agus chaneil ionghnadh oirnn idir gun tug iad Calum Cille mar ainm air.

Ri tide mar sin thainig an t-am anns a feumadh Calum og a roghainn a dheanamh gu buileach ann an gairm a bheatha. Chaneil e idir soirbh dhuinne tha beo anns an lathan diugh a thuigsinn cor Eirinn anns an t-siathamh linn. Be an t-am ud maduinn eachdraidh na tire. Bha an saoghal og. Cha robh moran ghairmean ann ris an cuireadh oganach de leithid Chaluim a lamh. Bha blar achatha agus raon na h-eaglaisg an


[190] tathunn fhein air, agus faodhaidh sinn a thuigsinn ged a bha buaireas agus fuaim achlaidheimh gu caithreamach air gach taobh dheth, gu robh togail aig a inntinn ri fhortan fhiachainn am measg gach troimh-cheile bha ann. Tha tarruing anns an t-saoghal so do gach gne dhuine, agus tha na naoimh fhein air an cumadh le ord na diachainn air innean an fhulangais a thag an deanamh foirfe fadheoidh, agus le sin anns gach linns ann troimh iomadh amhghar theid sluagh Dhe gu pàrras. Mar a chunnaic sinn cheanas ann de shliochd righrean treuna Eirinn a bha Calum Cille, agus bu mhor achòir-bhreith sin. Nach fhaodadh e mar sin a bhi air leantuinn an cas-cheuman a shinnsir: nach faodadh duil a bhi aige ri iomadh cath a chosnadh agus a rioghachd a mheudachadh le fearann a naimhdean a chiosnachadh. Dhfhaodadh gu robh na guthan so uile alabhairt gu diomhair ri a anam, ach os an cionn uile bha guth na bu laidire na gradh duthcha, na gaol cinnich, na sealbh air rioghachd, aseirm gu buadhmhor troimh anam. Be an guth sin guth Chriosda ag radh ris, “Lean mise,” agus ghabh Calum Cille ris aghairm. Chuir e dhachaidh rioghachd Eirinn agus thug e e fhein suas eadar chorp agus anam do sheirbhis Dhe, agus nach bu mhath do ar sinnsir gun tug.

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textCalum Cille
<< please select a word
<< please select a page