[199]

CALUM CILLEIV.

FHIR IONMHUINN,

’S e eilean I no I Chaluim Chille aon de eileanan nan Innse-Gall. Tha e mu thri mile gu leth air fad agus mile gu leth air liad, agus tha caolais cumhag eadar e agus an Ros Muileach.


[200]

Anns an leabhar a sgriobh an t-Abba Adhamhnan mu eachdraidh Chaluim Chille, ’s e Iona an t-ainm a tha air an eilean, agus ann an sgriobhaidhean Bhede gheibhear e fon ainm Hy agus Hii, agus ann an seann sgriobhaidhean Eirionnach, thugadh Hi no I air, agus than cruth Ia air an ainm cuideachd mar anns na faclan, “muinntir Ia.” Tha cuid adeanamh a mach gun drinn seann sgriobhaiche iomrall ann a bhi cur sios an ainm Ioua mar Iona, agus gur h-ann mar sin a thainig an t-ainm Iona gu bhi leantuinn ris an eilean. Air an aon doighs e Hebudae an t-ainm a thug Ptolemy air na h-Innse Gall, agus troimh iomrall sgriobhaidh thugadhHebrides,” orra an deidh laimhe. Chaneil moran eachdraidh air an eilean gus an do sheol freasdal caomh Dhe an Naomh Calumg a ionnsuidhs abhliadhna 563, gu bhi cur an ceill soisgeul Chriosda do Chruithnich Albann. Bha eilean I aig an ams an dthainig an Naomh Calum air aiteachadh leis na Cruithnich. ’S ann le Connal righ na h-Eireann a bha an t-eilean. Bha an righ udn a dhluth charaid don Naomh Calum, agus thug esan dha còrr air an eilean bho cheann gu ceann airson fheum fhein a dheanamh dheth ann a bhi cur suas eaglais agus mainistir. Bha na Cruithnich aig an am ud fo ughdarras agus bho riaghladh nan Draoidhean aig an robh afacal mu dheireadh anns gach cuis riaghlaidh, araon spioradail agus aimsireil. Biadn an latha fhein na sagartan na baird, agus an luchd-lagha, agus cha robh dhol as aig aon


[201] neach a dheanadh ar-a- mach sam bith an aghaidh an doigh riaghlaidh. Bha an seorsa creidimh a bha aca lan de gheusan agus de bhuidseachd dheth gach seorsa, agus cha dfhuaireadh riamh a mach moran de na ruin-diomhair a bha aca a chionn nach robh ni air bith den creud air a chur an sgriobhadh leotha, ach direach air aiseag sios bho linn gu linn le bial-aithris a mhain. Bha iad an comhnuidh ag aoradh am measg dhoireachan dorcha nan coilltean, agus tha cuid mar sin den bheachd gu bheil afacaldraoidhair a thoirt bhodru,” seann fhacal airson darach, a chionns gum bu chleachdadh leis na draoidhean ud a bhig aoradh an dluths nan coilltean daraich. Bhiodh iad alosgadh iobairtean de iomadh gne, agus air uairibh, bhiodh an clann fhein air an iobradh leotha airson sasuchaidh a thoirt don diathan. Bhiodh iad ag aoradh don darach agus don uil-ioc (mistletoe) agus bha an lus sin air a chleachdadh leis na draoidhean airson leighis galair sam bith, aguss ann airson sin a thugadh an uil-ioc, no ioc-shlaint airson gach eucail, air an lus ud. Nach iongantach an t-atharrachadh a bheir gach linn mun cuairt. Bidh sinne deanamh sporsa agus aighear dhuinn fhein seachduin na Nollag le bhi toirt phogan bho chaileagan fo sgaile an uil-ioc, lus a bha ar n-athraichean aig am an Naoimh Chaluim acoimhead mar ni naomha don robh iad adeanamh aoraidh, direach a chionn
[202] agus gu robh creideamh aca anns abhuaidh leighis a bha ann airson an uile eucailean, agus nach docha gu robh an ni sin dhoibh direach a reir an creidimh. ’S annn uair a bheachdaicheas sinn air cor bronach ar n-athraichean aig an am ud, air an cuartachadh le aineolas agus le iodhal aoraidh, a thuigeas sinn da rireamh meud na h-obrach fhein-aicheil a ghabh an Naomh Calum os laimh ann a bhi cur an ceill an t-soisgeil do Chruithnich eilean I, ach bha e fhein agus a chompanaich daingean misneachail ann an creidimh, agus mar a tha fior mu shoisgeul Chriosda anns gach linn, leagaidh e sios ri uine gach bacadh a chuireadh air, agus bhuadhaich e le caithream ann an lamhan nam manach naomha.

Fhuair an Naomh Calum iomadh dealas air eilean I airson obair a chur air adhart. Bha e a fradharc Eirinn, air an taobh an ear dheth bha caolas acur fasgaidh air bho ghaothan fuara. Bha en a eilean torrach a bheireadh gu leor de bharr airson duine agus ainmhidh. Tha an t-eilean gun teagamh creagach, le a chnamhan gu tric anochdadh a mach troimh a chraicionn talmhaidh. Ach a dhaindeoin sin chunnaic an Naomh Calum gu robh afiar ann math agus torrach, agus faisg air Carn Cùl ri Eireann dhearc e air aMhachair bhoidhich lan de lusan de iomadh gne a bha cur faileadh cubhraidh air sgeith gach osaig fhann a sheideadh thairis oirre. Bha an taobh an ear fasgach le talamh a bha anns gach


[203] doigh freagarrach airson àitich, gu coirce agus eorna chumail riutha. A bharrachd air sin uile bha suidheachadh an eilein fabharrach airson obair nam manachbha e acriochadaireachd ris na Cruithnich iodhal-aorach agus muinntir cheann a deas Albann, cuid dhuibh a fhuair an soisgeul cheana bho Mhungan agus Nimhein.

Mise, le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleIV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textCalum Cille
<< please select a word
<< please select a page