CALUM CILLE—V.
FHIR MO CHRIDHE,
An deidh do ’n Naomh Calum còir mar so fhaighinn air eilean I gu leir fo Chonnal righ Eirinn, faodaidh sinn a thuigsinn nach d’ rinn e moran dàlach ann a bhi deanamh toiseach toiseachaidh leis an obair a ghabh e os laimh. Chuir e fhein agus na manaich cuairt air an eilean ceithir thimchioll, agus fhuair iad dearbhadh air gach bad de ’n eilean a bha freagarrach airson àitich agus fiarach chruidh, comhla ri eolas fhaighinn air na h-aiteachan anns an robh eirigh uisge airson tobraichean a chladhach. Rinn iad roghainn de ’n leathad a th’ air taobh an ear an eilean mu choinneamh Mhuile airson an eaglais
Cha b’ ann an aon latha idir a chaidh Cruithnich I iompachadh gu gabhail ris a’ chreidimh Chriosduidh. Eadhon anns an latha bha sud, bha ar sinnsir gle fhuaighte ri teagasg nan athraichean, agus bha an teachdaireachd shimplidh aig na manaich cho tur eadar-dhealaichte ris na saobh-chrabhaidhean a bha na Draoidhean a’ teagasg fad linntean, ’s nach robh e soirbh dhoibh dealachadh riutha, agus eadhon an deidh dhoibh gabhail ri soisgeul Chaluim Chille, bha moran de fhriamhan an t-saobh chrabhaidh Dhruidhnich a’ leantuinn riu, agus lean sin sios fad iomadh linn ’n ar tir agus chan’eil fhios agam a bheil sinn cuibhteas ’s iad uile fhathast. Bha na manaich mar dhaoine tuigseach a’ faicinn tre chreidimh gu ’m buadhaicheadh an deagh sgeul ri uine, agus mar sin cha do chaill iad idir am misneach anns an obair a chuir iad rompa, agus fhuair iad mu dheireadh an
Mise, gu dileas,
ALASDAIR MOR.
title | V |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Calum Cille |