[207]

CALUM CILLEVI.

FHIR MO CHRIDHE,

Ged is ann an I a thoisich an Naomh Calum agus na manaich a bha comhla ris air searmonachadh an t-soisgeil, feumaidh sinn a thuigsinn nach be an t-eilean sin idir an ceann-uidhe ann a bhi foillseachadh an deagh sgeil. Thog iad sgothan laidir agus air dhoibh Cruithnich Ia iompachadh, thog iad orra gu sal gu na h-eileanan mun cuairt cho math ri mor-thir Albann. Fhuair an Naomh Calum eilean Thir-iodhen a thiodhlac bhon chrun agus faodaidh sinn mar sinn a chreidsinn gun cuala na Tirisdich an soisgeul gle ghoirid an deidh do mhuinntir Ia bhi air gabhail ris achreideamh sin. Bha eilean Thir-iodhe, no Ethica Terra, mar a tha Adhamhnang a ainmeachadh, ’n a eilean torrach eadhon an uair sin, aguss ann bho na h-achaidhean sughmhor aige bha na manaich afaighinn moran de mhin na bliadhna. Tha Tir-iodhe aciallachadh tir an eorna, “tir mo chridhe, tir an eorna,” mar a their na Tirisdich uime, agus dleasaidh e an t-ainm sin gus an lathan diugh. Bha caolas Ia an uair sin ainmeil airson leobagan mora, agus bha na manaich gu tricg an iasgach, agus be an t-iasg ur ud roinn dem beathachadh gu h-araidh aig am aCharghuis an uair a bha feoil air a toirmeasg air laithean trasgaidh. Bha na sgeirean mun cuairt air an eilean lan roin, aguss e an ola


[208] aca bha na manaich a losgadh anns na cruisgeinean troimh na h-oidhcheanan fada geamhraidh an uair a bha iad asgriobhadh le dealas na leabhraichean iongantach sin a tha an lathair gus an lathan diugh mar chomharradh air am mor shaothair.

Leis na sgothan laidir aca thug iad iomadh cuairt troimh Ghaidhealtachd na h-Albann. Bha iadn am maraichean seolta cruadalach; bha an creideamhn an obair cho laidir agus nach robh stoirm no gaoth no fairge bheucach a chumadh iad air ais bhon ghniomh air an robh an inntinn socruichte. ’S gann is urrainn sinne an diugh eadhon dealbh fhein a dheanamh air na diachainnean mora a dhfhuiling iad asiubhal air muir agus tir ann ar Gaidhealtachd fhiadhaich gun chombaiste gun chairt-iuil air bord nan sgothan, agus gun rathad-mor na frith-rathad no goireas air an talamh air tir, asiubhal troimh dhuthaich air nach robh iad eolach. Ach chum freasdal cairt-iuil riutha agus dhion agus ghleidh Esan iad troimh gach cruaidh-chas troimhn deachaidh iad agus dhiomair buaidh dhoibh mu dheireadh. Chaneil cunntas an diugh air moran de na cuairtean fada rinn iad air feadh na Gaidhealtachd, ach tha aon turus air an deachaidh iad nach fheum sinn a dhith-chuimhneachadh, aguss e sin an cuairt gu caisteal Bhrude, righ nan Cruithneach, aig an robh a dhaingneach faisg air baile Inbhir-nis. Chaneil dearbhadh ro dhaingean air


[209] acheart bhads an robh an luchairt aig Brude. Tha cuid adeanamh a mach gur h-ann aig Tor aBheathain a bha i, agus cuid eile gur h-ann air achnoc far a bheil Eaglais aChruin, am baile Inbhir-nis, a bha a dhaingneach laidir, ach chaneil moran deifir mu shocrachadh na larach cho fada agus tha an eachdraidh ghoirid so afoillseachadh. Bha fhios aig an Naomh Calum agus a mhanaich gu robh spiorad daimhe am measg threubhan Albann acheart cho laidir agus a bha es an duthaich a dhfhag en a deidh. Bha e cinnteach cuideachd gu feumadh e luchairt righ nan Cruithneach a ruigheachd gu pearsanta agus soisgeul Dhe chur an ceill don righ fhein mu faigheadh e sar chothrom air na Cruithnich air fad iompachadh gu Criosda. ’S e inntinn threun agus mhisneachail direach mar a bha aig na manaich ud a dhfheumadh gnothuch den t-seorsa a ghabhail os laimh. Bha righ nan Cruithneach buadhmhor air a chuartachadh le dhraoidhean agus le shagartan fhein, agus ged a bha iad uile air an amladh mun cuairt le saobh-chreideamh agus le gisreagan de gach seorsa, cha be an duine miapaidh a chuireadh soisgeul eile an ceill dhoibh. ’S math a bha fhios aig na manaich air na cuisean sin uile, ach cha robh faitcheas air bithg an gluasad. Fhuair iad na sgothan air sal, agus shonruich Calum Cille gun rachadh an Naomh Coinneach agus an Naomh Comgall comhla ris. ’S e Cruithnich a bha annta-san, agus bhitheadh e na bfhasa dhoibh-san comhradh a dheanamh ri Brude na bha e do ’n
[210] Naomh Calum aig an robh Gaidhlig Eirinn. Thainig iad a nuas ceum air acheum troimh Ghleann mor Albann, aguss e beachd ughdaran gun do rinn iad an rathad faisg air cursa Cladhan-uisge Chaledonia, agus eadhon tha bial-aithris ag radh gun drinn an Naomh Calum faidheadaireachd gum biodh an cladhan-uisge ann ri tide. Fhuair righ Brude sanas gu robh na manaich air an rathad, agus dhorduich e gum biodh geatachan na daingnich gu leir air an druideadh airson nach fhaigheadh iad a steach. Ach lean na manaich air an aghaidh. An uair abha iad aseoladh suas Loch Nis tha e coltach gu robh storm mhor ann, agus gu robh na Cruithnich bhorba air gach taobh den loch, far a bheil muinntir chòir Strathfharagaig agus sluagh sitheil Urchadain an diugh, aguidhe gum biodh curraichean nam manach air an cur fodha. Ach sheas an Naomh Calumn a churrach fhein, agus labhair e ris aghaoith, agus bha fiath mor ann. Rainig iad daingneach righ Brude, agus fhuair iad na geatachan duinte, ach sheinn an Naomh Calum agus a chompanaich an t-siathamh salm thar an da fhichead anns aBhiobull Chaitliceach, agus dhfhosgail na geataichean leotha fhein, agus chaidh na manaich an lathair an righ leis an deagh sgeula, agus ghabh Brude ris le gairdeachas.

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleVI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textCalum Cille
<< please select a word
<< please select a page