[214] CALUM CILLE—VIII.
FHIR IONMHUINN,
Ged a bha neart corporra aig Calum Cille a bha ro-iongantach mor, cha b’ urrainn e seasamh fada ris gach allaban agus amhghar a bha an comhnuidh a’ tachairt ris ann a chuairtean troimh ghlinn agus shrathan na Gaidhealtachd. Dh’ fhas a shlainte cho breoite anns na bliadhnaibh mu dheireadh agus nach b’urrainn dha eilean Ia fhagail agus a dhol comhla ris na manaich eile air an cuairtean troimh ’n tir, ach
[215] ged a bha sin mar sin cha b’
ann ’
n a thamh a bha e uair sam bith.
Chuir e seachad a’
chuid bu mhotha de’
n uine a’
sgriobhadh Leabhar nan Salm.
Cha robh mir de na Sgriobtuirean a bha deanamh a leithid de sholas a thoirt gu anam,
agus a bha e faotainn ann an Sailm Dhaibhidh,
agus b’
e a thlachd gach uair a thàrradh e a bhi meorachadh orra.
Tha Adhamhnan ag innse dhuinn gu’
n d’
fhuair an Naomh Calum fiosrachadh bho Dhia mu uair a bhais ceithir bliadhna mu’
n d’
thainig an teachdaire a bha gu a ghairm a dh’
ionnsuidh na foise a dh’
fhagadh f’
a chomhair sluagh Dhe.
Bha a chompanaich ag aithneachadh gu robh atharrachadh mor air tighinn air,
agus bha iad a’
foighneachd dheth gu tric gu de a b’
aobhar ach bha esan a’
cumail na cuise am falach orra.
Ach air dhoibh a bhi ’
g a shior cheasnachadh,
labhair an Naomh Calum riutha anns na briathran a leanas: “
Chaidh deich bliadhna fichead air an latha so fhein thairis bho’
n thainig mise gu Albainn,
ach bho chionn greise bha mi guidhe ri m’
athair neamhaidh gu’
n toireadh e air falbh as an t-
saoghal so mi,
a dh’
ionnsuidh a lathaireachd iomlain fhein,
agus,
feuch,
ann am shealladh,
chunnaic mi na h-
ainglean a’
tighinn an comhdhail m’
anama,
ach chum ni-
eigin air ais iad.
Chaidh stad orra mar gu’
m b’
eadh le creig air taobh eile an eilein.
Agus carson?
Tha direach a chionn gu bheil iomadh eaglais a’
cur suas bith-
urnuigh air mo shon.
Is feumail dhoibh-
san mi dh’
fhantuinn maille riutha.
Ach tha ceithir bliadhna
[216] feitheamh orm—
ceithir bliadhna de shaothair agus an sin theid mi thart.
So an t-
aobhar airson am faca sibh am bron agus an t-
aoibhneas air mo ghnuis.”
Bha an Naomh Calum a nise mar Phol an seann duine air a chumhlachadh eadar dha ni—
deidh aige air falbh agus a bhi maille ri Dia,
ach bha e feumail do chompanaich naomha gu fanadh e comhla riu airson an neartachadh ’
n an saothair.
Chaidh ceithir bliadhna seachad. ’
S e Di-
sathuirne th’
ann,
trath ’
s an Og-
mhios,
an latha ris an cante an t-
Sabaid naomha an eilean Ia.
Tha an Naomh Calum,
comhla ri a chompanach Diarmad,
gu dripeil ’
s a’
mhainistear.
Bheannaich e an sabhull agus labhair e gu cairdeil ach car diomhaireach ri a bhraithrean.
Tha run-
diomhair aige ri innseadh agus tha iad ’
g a eigneachadh airson innse. “ ’
S e so an latha anns na Sgriobtuirean Naomha,”
arsa Calum Cille, “
ris an canar an t-
Sabaid, ’
s e sin fois,
agus ’
s e an latha so da rireamh an t-
Sabaid dhomh-
sa,
oir tha mi dol gu fois an deidh amhgharan na beatha so.
Aig meadhon oidhche an nochd siubhlaidh mi a saoghal so nan deur.
A cheana tha mo Thighearna Iosa ’
g am fhailteachadh,
agus tha mi falbh a reir aithne.”
Air do’
n chuideachd an sabhull fhagail,
ghabh iad an rathad a tha treorachadh a dh’
ionnsuidh na mainistir.
Sheas iad air cnocan fradharcach far a faiceadh iad sealladh iomlan air na togalaichean gu leir.
Air a’
chnoc so shuidh an Naomh Calum,
agus rinn e an fhaidheadaireachd a tha cho cumanta air a luaidh:
[217] “I mo chridhe, I mo ghraidh,
Far an cluinnte guth manaich, bithidh geum bà;
Ach mu’n tig an saoghal gu crich,
Bidh I mar a bha.”
Thogadh crois an deidh laimhe air a’ chnoc ud mar chuimhneachan air a ni.
Thill an Naomh Calum air ais gu a sheomar beag, agus thoisich e air sgriobhadh nan Salm. An uair a thainig e a dh’ ionnsuidh Salm xxxiv. agus an deicheamh rann, “ach air an dream a dh’iarras Dia, cha cheilear aon ni maith,” leig e uaithe a pheann, agus thuirt e ri Diarmad, “An so feumaidh mise sgur; cuir thusa crioch air a’ chorr,” —agus dh’ eug an Naomh Calum Cille an oidhche ud a reir an t-seallaidh a fhuair e.
Gu ma fada ni sinn luaidh air cuimhne chubhraidh an fhirean so, saighdear buadhmhor soisgeil Chriosda, a’ ghiulan gu Albainn ar ruin teachdaireachd an deagh sgeil a thug saorsa shiorruidh dhuinne.
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.