A’ GHAIDHLIG ANNS NA SGOILEAN.
A CHARAID RUNAICH,
Sinne dh’ ionndraineadh “paipear an druggist” a nise mur a tigeadh e air cheilidh oirnn aig ceann gach seachduin, luchdaichte le naidheachdan Leodhais “bho thigh nan cailleachan-dubha an Uige gu tigh Mhic Dhughaill a Nis.” Saoilidh mi-fhein gu’n ol mi an tuilleadh tea an oidhche gheibh mi e, agus de’n t-ionghnadh, an uair a gheibh mi eadar a dha chlar, chan e mhain naidheachdan Leodhais fhein, ach sgiala gasda cuideachd air na balaich agus na caileagan againn fhein ann an Glaschu mhor nan stiopull. Ah, fhearaibh, nach fileanta ’m peann a tha aig an fhear a tha toirt dhuibh naidheachdan Ghlaschu. Nach mise bhiodh proiseil na’m b’ urrainn dhomh Beurla Shasunnach a chur an eagaibh a cheile coltach ris, ach de math a bhi bruidheann air sin a nise— “Cha d’ rinn mise maorach fhad ’s a bha an traigh ann.” Nach d’ thuirt mo charaid, Tomas, rium gur h-ann do Bhearnaraidh a bhuineas “Godred” so, agus a bheil fhios agaibh gu’n d’ rinn e feum mor dhomh an uair a chuala mi sin. Chan’eil ni is docha leam na bhi cluinntinn gu’m bi balaich Bhearnaraidh ag eirigh suas gu h-inbhe chliuiteach agus urramach, agus a’ toirt deagh theiste air an aite ’s
Chan’eil mise cho og agus a bha mi uair-eigin, ach mar is sine tha mi fàs, ’s ann is motha tha mi faicinn an adhartais a thainig air foghlum an Leodhas bho ’n a bha mi-fhein ’n a mo “Dhonnchadh Og” mar a bha ’m bodach eile ’g radh. ’S ann is iongantach gu robh facal sgoile idir an ceann na cloinne bha ann ri mo linn-sa. ’N uair a chaidh sinn do ’n sgoil, cha robh dad ach Beurla Shasunnach ’g a stailceadh ’n ar n-amhaich le maide. Cha robh againne ach Gaidhlig, agus b’ ann “bho phein a’ bhàis” a rachadh durd dhith a labhairt. Tha e gle choltach gu robh luchd an fhoghluim an Lunnainn de’n bheachd gur h-i ’n doigh a b’ fhearr air clann Leodhais ionnsachadh, glas-ghuib a chur air a’ Ghaidhlig agus gach nos
Theagaisg an Gearmailteach dubh dhuinn anns na bliadhnaibh so, nach dean an cursa sin feum—nach e Sasunnaich a dh’ fheumas sinn a dheanamh do’r gineal ach Gaidheil thàbhachdach, thapaidh, aig am bi eolas mionaideach air Gaidhlig agus Beurla Shasunnach. Feumaidh sinn fhaicinn nach e mhain gu’m bi eolas cinn aca, ach eolas gniomhach cuideachd, gu’m bi iad comasach air da dhias coirce spionadh as an fheannaig as nach do spion iad ach aon an uiridh, ’s mar sin gu’m bi sinn beo mar a bha na daoine coire bha romhainn air biadh na duthcha a chuireas smior agus luths ’n ar cnamhan.
Feumaidh mi sgur, ach gheibh sibh tuilleadh air a’ cheann-teagaisg so uair eigin eile.
Slainte bhi mar ruibh,
ALASDAIR MOR.
title | A’ Ghaidhlig anns na Sgoilean |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |