NA SGRIOBTUIREAN.
A CHARAID SHUAIRCE,
Tha mi-fhein ann an inntinn na ’s fhearr a thaobh a’ chogaidh air an t-seachduin so bho ’n chuala mi gu’n deachaidh America mhor an airgid a steach do ’n t-strith. Tha sinn an dochas
Bha mi air cheilidh air mo charaid, Tomas nan Ioc-shlaintean, an oidhche roimhe. ’S math leam fhaicinn aon oidhche ’s an t-seachduin air a chuid is lugha, airson mo chur ceart ann an naidheachdan a’ chogaidh agus gach ni eile tha e toirt as na paipeirean-naidheachd gu doigheil. ’S docha ged a bheirinn-sa na nithean ceudna asda gu’n togainn cearr iad, agus le bhi ’g an aithris mar sin do na cailleachan troimh ’n bhaile, cha bhithinn ach a’ deanamh dorcha comhairle le briathran gun eolas. Bha e ’g radh rium gu feumamaid barrachd de’n sgadan shaillte ithe nise, a chionn gu robh ’n fheoil air fas cho gann agus cho daor, agus bha e ’g radh gu fac’ e cuideachd anns a’ phaipeir cuideigin a’ comhairleachadh dhuinn faoileagan agus sgairbh agus gugaichean ithe, ’s rud bu cheol-
Mise, le meas mor,
ALASDAIR MOR.
title | Na Sgriobtuirean |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |