CAIBIDEIL XXI.
CAILEAN AIR TILLEADH.
BHA fadal a nis air Cailean gus am faiceadh e a sheann dùthaich. Bha fadal air gus am faiceadh e Màiri, agus nàdur féin a’ fadadh rùin ’na chridhe a dh’ fhaicinn Móir bhig, a phiuthar. Bhiodh i nis mu aona-bhliadhn-deug, agus mu aois na caileig a chluich an t-òran milis da.
Rinneadh deiseal a dhol gu Dùn-àluinn. An ùine aithghearr, bha e féin agus Warnock air ceann na slighe, le paca thairis air guala gach fir dhiubh. Bha iad air falbh am breug-riochd; is cha robh fo ’n ghréin na dh’ aithnicheadh a h-aon de ’n dithis, le ’n gruagan molach, le ’m feusagan móra ròmach, ’s le ’n aodaichean luideach, peallagach.
Bha iad ri cur suas an Uaimh-nam-farrabhalach, còmhla ri Eachann a’ phaca agus Bodach-nan-duilleag, ma bha iad beò. Bha iad a’ dèanamh sodain ris an fhearas-chuideachd a bhiodh aca am measg an t-sluaigh choibhneil; is bha iad a’ cur rompa iad féin a dhèanamh cho cuideachdail ’s a b’ urrainn
daibh r’ an companaich an Uaimh-nam-farrabhalach.
Oidhche dhall dhorcha, an deireadh an fhoghair, thàinig iad a steach air crìochan Dhùin-àluinn. Cha bu léir dhaibh am meòir. Bha ’n rathad uaigneach. Cha robh solus no soillse r’ a fhaicinn, ach teintreach nan neul a’ boillsgeadh os cionn nam beann, agus teine-sionnachain na h-aibhne ’ga sgapadh leis an oiteig, nuair thogadh i ultach á aodann an eas a bha leum ’san dorcha bho sgeilp gu sgeilp. Bha bùirich an uillt, nuallan an eas, agus iargaltachd an t-seallaidh mu ’n cuairt, a’ cur oillt air an t-Sasunnach. Cha do thachair e r’ a leithid riamh a h-uile ceum gu ’n d’ thug e. Bha e daonnan a’ cur ionghnaidh air, an cruadal ’s a’ mhisneach a bha ’n Cailean; ach an uair a chunnaic e an dùthaich ’san do thogadh e, thuig e le thùr nàdurra féin, nach b’ urrainn ach ceatharnaich tighinn am mach á laifeid nam fuar-bheann oillteil ud, far an robh an tein-adhair a’ dannsadh air mullach nam beann, fuaim an tairneanaich a’ leum bho bhinnean gu binnean, ’s an stoirm a’ gleac ’s a’ beadradh ris an eas, a bha sloistreadh nam bearradh, ’s a’ teicheadh le uamhas gu sàmhchair nam bruach an grunnd a’ ghlinne fhàsail.
Dh’imich iad rompa. Bha Cailean a’ cumail a shùl air gach taobh dheth. Bha barail aige gu ’n robh tigh faisg air; ach cha robh móran beachd aige air a’ cheart àite, anns an dorcha dhubh a bh’ ann. Mu dheireadh, air dhaibh tionndadh mu ’n cuairt guala cnuic, chunnaic iad dèarrsadh shuas am monadh. B’ aithne do Chailean bean-an-tighe: banarach a bh’ aig muinntir a mhàthar iomadh bliadhna roimhe sud. Bha i ’na bantraich ’s a’ gleidheadh an tighe d’ a triùir mhac.
Ràinig iad an tigh gu h-éiginneach. Cha d’ fhuair an Sasunnach a leithid de thàir riamh; is cha do choisich e riamh a leithid de rathad. Sheall iad troimh fhròig na h-uinneig. Chuala bean-an-tighe tartaraich air a’ chabhsair gharbh. Bha i ’na seasamh taobh a’ bhuird, ’s i fuarachadh brochan feòla am poit mhóir, ’s i ’g ràdh—
“ ’S e ’m brochan mór odhar a th’ ann,
Uisge nan gleann is min,
An salann a fhuair sinn o ’n Ghall;
’S gun aon dad ’na cheann ach sin.”
Thug Cailean gnog air an dorus.
“Cha ’n ionndrainn sinn duine,” arsa bean-an-tighe.
“Cha ’n ’eil an so ach coigrich allabanach a’ siubhal an t-saoghail,” arsa Cailean.
“Is Ban-ìleach do theangadh, co-dhiùbh, ciod ’sam bith ciod è th’ ann ad chom,” arsa bean-an-tighe. “Thigibh a steach.”
Chaidh an dà laprachan a steach. Bha iad sgìth, co-dhiùbh; ach ghabh iad orra bhi gu math na bu mhiosa na bha iad. Cha bu mhisd iad idir a bhi ’gan oileanachadh féin anns an t-suidheachadh ’san robh iad am beachd iad féin a chleachdadh am measg muinntir Dhùin-àluinn.
Shuidh iad taobh an teine. Rinn a’ chailleach am beatha. Is iomadh dìol-déirce ràinig a dorus riamh, ’s cha robh iad so ’nan annas leatha. Bu mhath a dh’ aithnich Cailean i. Bha cho beag atharrachaidh air a sean ghnùis, ’s gu ’n robh eagal air Cailean gu ’n aithnichteadh a ghuth ’s a ghiùlan leis cho beag umhail ’s a bha e cur orra. Ach cha robh smaointinn aig a’ chaillich air; is b’ e sin féin leth na breug-riochd.
Fhuair iad an deagh ghabhail aca. Ghabh iad suipeir bhlàth, shultmhor: canna mór am fear de bhrochan math feòla, agus ceapaire mór an t-aon de choirce air a ghréidheadh ris an teinidh. ’S e chòrd riutha. Cha d’ fheuch an Sasunnach riamh a leithid; ach ghabh e dheth gus an robh eagal air Cailean gu ’n togadh e beul-a’ -mhaothain da.
Mu ’n robh iad réidh de ’n t-suipeir, chualas tartaraich throm a’ tighinn dh’ ionnsuidh an tighe.
“Tha iad so air tighinn,” ars a’ chailleach, ’s i dol dh’ionnsuidh an doruis. “Dé bhuaidh a th’ oirbh an nochd, a ghalaidean?” ars ise.
“Sin agaibh i,” ars am fear a bh’ air thoiseach de na gillean; agus a stigh thàinig triùir fhear móra, foghainteach, agus dà mholt mhór air adhaircean aca.
B’ iad so mic na caillich, ’s iad an déidh tilleadh bho ghoid chaorach.
“Tigh gun iomall, tigh gun mhèirleach,” ars a’ chailleach, ’s i sealltainn air na coigrich ’s a’ gàireachdaich. “Ach cha ’n ann mar sin a tha ’n tigh so,” ars ise, ’s i nodadh a cinn r’ a triùir mhac.
“Ceart gu leòir,” arsa Cailean. “Ceart gu leòir, a bhana-ghoistidh.”
“Ciod è comharra cluaise th’ agaibh an nochd?” ars ise ris na gillean, ’s iad a’ ceangal nam molt an ceann shìos an tighe.
“Tha ’n comharra is duilghe ionndrainn, ’s is seachd duilghead a ruigheachd: smeòrach ’sa chluais dheis is eagadh ’sa chluais chlì,” arsa fear de na diùnlaich.
“Mo thogair!” ars a’ chailleach; “cha ’n ’eil ann ach pàirt de chuid ar cuideachd féin.”
“Smeòrach ’sa chluais dheis,” arsa Cailean ris féin. “Smeòrach ’sa chluais dheis, is eagadh ’sa chluais chlì. Bu chòir dhomh aithneachadh. Stad thusa nis. Smeòrach ’sa chluais dheis, is eagadh—hà! tha mi aige—comharra Dhùin-àluinn! Tha mo chead aca. Cha bhi mi-féin ’s mo charaid idir cho fad an comaine ar bean-aoigh.”
Bha Cailean cho domhain am meamhrachadh air comharra nam molt ’s gur gann nach do bhruidhinn e mach, mur a mhothaicheadh dha féin.
Bha Warnock an ceò mu ’n chùis. Cha b’ e sin do Chailean. Chual e iomadh uair mu “Mhèirlich a’ chruidh, O hó!” ach cha ’n fhac e riamh gus an so iad. Nach iomadh rud a chì am fear a bhios a’ falbh an gighis mar bha iadsan. Cha robh dòigh a b’ fhèarr air fìor shuidheachadh an t-sluaigh fhaicinn; agus ged a dh’fheumteadh cur suas le iomadh ànradh agus mi-urram nach do chleachd e, le bhi falbh am breug-riochd, chitheadh e iomadh rud nach fhaiceadh e air dòigh eile gu bràth.
Chaidh iad mu thàmh. Fhuair iad cadal socrach agus laighe gus an do thoilich iad éirigh. Anns a’ mhaduinn bha iad air shiubhal a rithis. Bha sealladh math aca air an dùth-
aich fhiadhaich. Bha na beanntan móra dìreadh ’nam binneachan gorma suas ris an speur, is neòil, geal mar olainn, a’ snàmh os an cionn, ’s a’ cur maise air an sròlaibh de ùr-shneachd, a bha boillsgeadh mar chanach nuair spùtadh a’ ghrian a gaithean troimh thuill nan neul. B’ e sealladh ait e, ’sa mhaduinn fhoghair. B’ e sealladh taitneach e, eadhon do ’n allaban air tilleadh á dùthaich chéin gu tìr athraichean, bho ’n d’ fhògradh e.
Bha iad a nis air oighreachd Dhùin-àluinn. Cha robh tigh no cnoc no glac nach b’ aithne do Chailean. Cha robh tom nach robh a sgeul féin aige. Cha robh tobhta falamh nach robh a’ dèanamh gearan bròin ris; is cha robh achadh fàsail nach robh mar chlosach mharbh ag ionndrainn nan treun-fhear a bhrìodal am bàrr as an cuim. Cha robh eachdraidh a bhuineadh do ’n dùthaich nach robh Cailean ag ìnnseadh do Warnock mar a bha iad a’ dol air an aghaidh, ’s a h-uile sròn cnuic, mar a rachadh iad seachad orra, a’ leigeadh ris seallaidh ùir mar gu ’n tionndadhteadh taobh duilleig.
Ràinig iad an Clachan. Cha mhór nach d’ fhàilnich misneach Chailein am bùth Mhic-Iain-Bhig. Cha robh e faicinn atharrachaidh air duine ach air an òigridh a mhàin; agus
bha eagal air gu ’n aithnicheadh a sheann luchd-eòlais eadhon a ghuth. A lìon beag is beag fhuair e misneach, agus dh’ aithris e ’n dìol-déirce na b’ fhèarr.
Ràineas an tigh-sgoil; ach bha bana-mhaighstir ùr anns a’ chùbaid, agus sgoilearan ùra air na suidheachain. C’ àite ’n robh Màiri? C’ àite ’n robh Mór Bheag? Sud na ceistean a bh’ air inntinn Chailein. Cha bu lugha na bharail nach robh iad ’san dùthaich; ged bha e daonnan a’ tighinn beò an dùil gu ’m biodh iad, le chéile, roimhe.
Cha robh teagamh nach robh forfhais aig muinntir na dùthcha orra; ach eagal ’s gu ’n leagteadh amharus air, dh’ fheumadh e bhi cho balbh ri bonn a choise.
title | XXI. Cailean air Tilleadh |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |