AN T-SUIPEIR MHÒR, NO RIOGHACHD NÈIMH AIRSON NAN ACRACH.
(LUCAS, xiv. 16-24.)
THA cuid ann aig am bheil an cainnt air thoiseach air an cleachdadh. ’S ann diubh so a bha am fear a bhrist a steach air teagasg Chriosda leis na briathran, “Is beannaichte an tì sin a dh’ itheas aran ann an rìoghachd Dhé.” Dh’ aobhraich so dh’ an Tighearn cosamhlachd na suipeire mòire a labhairt chum gu ’n tuigeadh na h-uile nach bu leòir briathran breagha brosgulach, mìn miodalach, ciùin caoimhneil, mu thimchioll rìoghachd Dhé, ach gu ’r e a bha dhìth deanadas agus cleachdadh. Anns a’ chosamhlachd so tha dà ni air an cur fa chomhair a chéile, gràs Dhé agus dìmeas dhaoine.
I. GRAS DHÉ. Tha so air a theagasg dhuinn ann an caochladh rathaidean anns a’ chosamhlachd.
1. Faisgeachd Dhé. Tha cosamhlachd eile againn car cosmhuil ris an té so, cosamhlachd Suipeir na Bainnse (Mata, xxii. 1-14). Ach ’s e righ a tha air ainmeachadh anns a’ chosamhlachd
sin; ’s e th’ againn anns an té so “duine àraidh.” So agaibh Dia ann a fhaisgeachd. Tha E ann an daonnachd ar Tighearna Iosa air tighinn faisg oirnn ann ar nàduir fhéin. ’S ann mar Dhia nan gràs ann a fhaisgeachd a chìtear Dia ann an Criosd, cha ’n ann mar an t-Uile-chumhachdach, ach mar an t-Uile-ghràsmhor.
2. Fialaidheachd Dhé. Chìtear so a thaobh aobhar na cuirme. Cha ’n ’eil aobhar sam bith air a thoirt dhuinn anns a’ chosamhlachd air son fialaidheachd an duine so, ach a mhàin a dheagh-ghean fhéin. Sin mar a tha e a thaobh Dhé ’n a ghràs. Cha ’n fhaigh thu aobhar a mach á Dia Fhéin airson a dheagh-ghean do dhaoine ann a Mhac. ’S ann o shaor-ghràdh Dhé a tha slàinte a’ sruthadh a mach do dhaoine. “Is gràdh Dia” (1 Eoin, iv. 8). Is ann “a mach á righ-chaithir Dhé agus an Uain” a chunnaic Eoin an abhainn fhìor-ghlan de uisge na beatha a’ teachd (Taisb., xxii. 1). Sin agaibh priomh-thobar na slàinte, cridhe Dhé. “Dia” deir an t-abstol “a tha saoibhir ann an tròcair, air son a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn (Eph., ii. 4). “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu ’n d’ thug e aon-ghin Mhic féin,” etc. (Eoin, iii. 16). Chìtear a rìs e a thaobh meud na cuirme. ’S e rinn an duine “suipeir mhòr.” So a’ ni a gheall an Tighearna troimh an fhàidh a dheanadh E;
“Agus anns a’ bheinn so ni an Tighearn do na h-uile chinnich cuirm de nithe blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithe blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharruing” (Is., xxv. 6). Bha a’ chuirm so, ’s cinnteach leam, costail. ’S anabarrach na chuireas daoine a mach air uairean air cuirm, gu h-àraidh daoine saoibhir. ’S fheudar gur e bha ’n so cha ’n e a mhàin duine fialaidh, ach mar an ceudna duine saoibhir; chaidh fhialaidheachd agus a shaoibhreas an co-bhuinn anns a’ ghnothuch. So mar a tha thaobh Dhé ann a ghràs ann an ullachadh an t-soisgeil. Ciod e a chosd e do Dhia cuirm an t-soisgeil ullachadh do dhaoine? Chosd Mac a ghràidh. “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an an saoghal, gu ’n d’ thug e aon-ghin Mhic féin.” Tomhais thusa dhomhsa gràdh Dhé, an t-Athair, dh’ a Mhac agus leis a’ sin toimhsidh tu gràdh agus fialaidheachd Dhé do dhaoine ann a bhi a’ toirt thairis a Mhic gu bàs air an son. Agus a thaobh ullachadh an t-soisgeil tha am Biobull a’ labhairt gu tric mu shaoibhreas Dhé, saoibhreas a thròcaire (Eph., ii. 4), saoibhreas a mhaitheis (Rom., ii. 4), saoibhreas a ghliocais (Rom., xi. 33), saoibhreas a ghràis (Eph., i. 7), saoibhreas ro phailt a ghràis (Eph., ii. 7), saoibhreas a ghlòire (Rom., ix. 23; Eph., i. 18; iii. 16; Phil., iv. 19). Fhuair an saoibhreas so làn-àite, agus cleachdadh ann
an ullachadh an t-soisgeil. Tha Dia a’ dòrtadh a mach a shaoibhris gun tomhas ann an cuirm shòghmhoir a Rìoghachd.
Chìtear fialaidheachd gràis a rìs ann a’ saorsa na cuirme. Bha i gun airgiod agus gun luach. Cha robh aig a mhuinntir a fhuair cuireadh ach tighinn. Sin agaibh a rìs gràs an t-soisgeil. “Tha na h-uile nì a nis ullamh.” “THA E CRIOCHNAICHTE,” deir Criosd air a’ chrann. ’S e cuireadh an t-soisgeil, “Thigibh,” cha ’n e “Ullaichibh.” Cho mall agus a tha daoine gu sin a ghabhail a steach! Tha an creidimh féin ullamh, oir is e tìodhlac Dhé e (Eph., ii. 8). O, mo cho-pheacaich, thig a dh’ionnsuidh Chriosda ceart mar a tha thu, oir tha na h-uile ullachadh annsan air do shon.
Tha an fhialaidheachd so a rìs ri a faicinn ann an àireamh nan aoidhean. Rinn an duine fialaidh so ullachadh mòr cha ’n e a mhàin a thaobh lòin, ach a thaobh àite. Nuair nach d’thàinig a mhuinntir a fhuair a’ cheud chuireadh, agus a chaidh na dorsan fhosgladh do na bochdan, agus do na ciurramaich, agus do na bacaich, agus do na doill bhàrr nan sràidean, agus nan caol-shràidean, bha àite falamh ann fathast. Nach bu mhòr an tigh e! B’ eadh. Ach bu bheag e an taic ri slàinte Dhé air an robh e ’n a shamhladh! Och, na smuaintean beaga cumhann a tha againn mu ghràdh, agus
mu thròcair, agus mu shlàinte ar Dé-ne! Bithidh sinne air uairean a’ smuaineachadh gur e tha ann an slàinte Dhé ullachadh mòr air son sluagh beag, ach ’s ann tha a’ chosamhlachd so ag innseadh dhuinn gur e tha innte ullachadh mòr airson sluagh do-àireamh. Chunnaic Eòin gràdhach a steach do sheòmar na cuirme so, agus ciod e a chunnaic e? Tha e ag innseadh dhuinn. “An déigh so dh’ amhairc mi,” ars’ esan, “agus, feuch, sluagh mòr, nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h-uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaibh” (Taisb., vii. 9). ’S e an saoghal a ghràdhaich Dia ann an toirt a mhic (Eoin, iii. 16). Agus ’s e a’ nì mu dheireadh anns am faicear fialaidhealachd gràis Dé, éiginn an duine so gus a thigh a lionadh. Am bheil sinn a’ tuigsinn gu ceart nàdur gràis Dé, anns an rathad anns am bheil e a’ cuairteachadh a pheacaich, agus ’g a cho-éigneachadh gu thighinn a steach? So agaibh suim na gairm éifeachdaich. Tha gràs Dé a’ tighinn gu daoine cha ’n e a mhàin le cuireadh fialaidh, agus saor, air am beulaobh o ’n leth a muigh, anns an fhacal, ach le còmhnadh agus cuideachadh gràsmhor air an cùlaobh o ’n taobh stigh, ann an obair Spiorad nan uile ghràs. “Tre ghràs Dhé is mi an ni as mi,” ars’ an t-abstol (1 Cor., xv. 10). “Tha an Spiorad ag radh thig” (Taisb., xxii. 17). So seirbhiseach
na cosamhlachd, an Spiorad Naomh. ’S Esan a tha a’ toirt araon cuireadh coitchionn an fhacail, agus gairm éifeachdach na h-ath-ghineamhuinn. O, mo cho-pheacaich, tilg thu fhéin, ma tha, araon air fhacal agus air a chuideachadh; na cuir ’n a aghaidh ach cuir leis agus thoir thu fhéin seachad dh’ a threòrachadh, agus ni E do ghiùlan gu seòmar-cuirme rìoghachd Dhé.
II. DIMEAS DHAOINE. Ach ma tha gràs Dhé ’n a fhagusachd, agus ann a fhialaidheachd, ri fhaicinn anns a’ chosamhlachd, tha air a thoirt dhuinn fa comhair sin dìmeas dhaoine. Cha ’n e a’ h-uile neach, a dh’ ionnsuidh am bheil gràs Dhé anns an t-soisgeul a’ tighinn, a tha a gabhail ris. Ochòn, cha ’n e.
1. Tha cuid ann a tha deanamh dìmeas air slàinte Dhé. Tha aghaidh aig a’ chosamhlachd gu h-àraidh ri luchd-éisdeachd an t-Soisgeil. Cha b’e cion-fhios roimh làimh a dh’ aobharaich leisgeulan na muinntir a fhuair a’ cheud chuireadh. Fhuair iad uile fios roimh làimh. Ciod eile a thàinig riu, ma tha? Thàinig cion-suime. Chuir iad an suarachas uile fhialaidheachd an duine chòir; cha d’ thug iad uidhir agus smuain dhi, no, ma thug, thàinig nithe eile ’n an car a mheasadh leò fad air thoiseach air a’ chuirm, B’e neo-shuim freumh nan leisgeul air fad. Chuir iad fialaidheachd an duine an suarachas agus leig iad le nithe eile
àite fhaotainn air thoiseach air a’ chuirm. So agaibh samhladh air mòran anns an rathad anns am bheil iad ’g an cleachdadh féin a thaobh gabhail ri beannachdan an t-soisgeil. Tha iad a’ deanamh dìmeas orra, a’ cur nithe eile air thoiseach orra. So agaibh peacadh a’ chuid mhòir fo ’n t-soisgeul. Cha ’n ’eil suim aca do nithe Dhé. Cha ’n e nach ’eil tìm aca, ach ’s e nach ’eil cridhe aca, dha na nithe sin. ’S iomadh leisgeul a gheibh a’ neach aig nach bi a chridhe ann an gnothuch, gus an gnothuch sin a dhearmad; mur faigh e aon leisgeul gheibh e fear eile. So mar a bha iad so. Cha do chòrd iad thaobh nan leisgeul a thug iad, bha a leisgeul fhéin aig gach fear; ach chòrd iad uile ann an so, gu ’n do chuir iad an suarachas ullachadh gràsmhor an duine. Agus sin mar a tha mòran fhathast a thaobh nithe rìoghachd Dhé. Cha ’n ’eil suim aca dhiubh. Agus tha iad so gu tric ’g am mealladh fhéin fo ’n bheachd so, a chionn nach ’eil iad a’ deanamh tarcuis fhollaisich air an t-soisgeul, no air ministeirean, no meadhonan an t-soisgeil, mar sin nach eagal doibh. Nis, ma tha a’ chosamhlachd a’ teagasg ni sam bith dhuinn tha i a’ teagasg so gu bheil dòigh mhodhail ann anns am faod duine gràs an t-soisgeil a dhiùltadh. Cha d’ thug na daoine so a dhiùlt aoidheachd an duine chòir mì-mhodh ’sam bith dhasan no dha sheirbhis-
each, co-dhiùbh a thaobh cainnte; ’s ann a bha iad anabarrach modhail mìn anns an rathad anns an d’ thug iad seachad an leisgeulan. Cha b’ ann ’n an cainnte, ach ’n an cridhe, a bha a’ choire, cosmhuil ris an neach a thachair ris an t-salmaidh: “Bu mhìne na ìm focail a bheòil, ach bha cogadh ’n a chridhe; bu bhuige a bhriathran na oladh, ach bu chlaidhean rùisgte iad” (Ps., lv. 21). Tha cuimhne agam fhathast air mar a chaidh leam fhéin uair agus mi an Dùn-éideann a’ dol timchioll ag iarraidh ainmean a chur ri pàipeir an aghaidh tigh-òsda ùr a bhi air a shuidheachadh anns a’ chearnaidh dhe’n bhaile anns an robh mi a’ saoithreachadh ’n a m’ theachdaire. Cho duilich ’s a bha e ainmean fhaotainn! Gheibhinn beannachdan gu leòir, agus briathran milis, tlàth, ach cha b’ ionnan sin agus ainmean! Agus na leisgeulan a gheibhinn! Am fear so, ’s e a bhitheadh toilichte ainm a chur sios, ach cha deanadh e an gnothuch dha: ’s e fear-togalach a bh’ann deth; fear eile, bha a bheannachd agam ach cha deanadh e an gnothuch dhasan na’s motha; ’s e fear-bùtha a bh’ ann deth, agus chailleadh e a luchd-ceannachd; agus mar sin air adhart. Cha’n e cainnte a tha Dia ag iarraidh ach cridhe, agus cleachdadh. A dhuine gun Dia, agus gun Chriosd, is i so a’ cheist dhuitse, an seas do leisgeulan aig àm a’ bhàis, agus aig caithir-breitheanais, ’n uair a sheasas tu rùisgte
an làthair Dhé! Is i d’an-toil fhéin, agus sin a mhàin, a tha seasamh eadar thusa agus do Dhia agus a rìoghachd. “Cionnus a théid sinne as ma ni sinn dìmeas air slàinte co mòr?” (Eabh., i. 3).
2. Tha cuid ann dh’am bheil ullachadh an t-soisgeil ’n a chuirm bhlasda. Cò iad sin? Tha NA H-ACRAICH. C’arson nach d’ thàinig a’ cheud fheadhainn? Bha iad làn cheana. Chì sinn mòran nithe an so.
(1) Gur th’ann airson nam feumnach a tha ullachadh rìoghachd nèimh; co-dhiùbh, gur iad sin a’ mhuinntir a tha gu toileach a’ gabhail ris. ’S e a’ mhuinntir a tha bochd, agus leònta ’n an spiorad, bacach ’n an imeachd, dall ’n an inntinn, agus lomnochd a thaobh maitheis, a thig an eisimeil gràis Dé ann an Criosd. “Is beannaichte iadsan a tha bochd ’n an spiorad: oir is leò rìoghachd nèimh.” “Is beannaichte an dream air am bheil acras agus tart na còrach: air sàsuichear iad” (Mata, v. 3, 6). Gheibh iad sin lòn, agus leigheas, agus éideadh, ann an tigh na cuirme; tha f’an comhair airson nan crìochan sin uile ionmhas Dhé ann an Criosd, “saoibhreas ro phailte a ghràis.” Is e a their fear-an-tighe riu so, “Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh” (Dan Shol., v. 1).
(2) Nach téid neach ’s am bith a thig a dhiùlt-
adh, no a chur a mach. “An tì a thig a m’ionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e” (Eoin, vi. 37).
Na’n robh a’ cheud mhuinntir air tighinn bhatas air gabhail riu; cha do sheas ni ’s am bith anns an rathad orra ach an an-toil fhéin; is e an t-aon dorus fosgailte, agus an aon chuirm shaor, a bha rompa-san, agus a bha roimh ’n mhuinntir a thàinig mu dheireadh. Agus dh’an taobhsan a thàinig mu dheireadh cha deachaidh atharrachadh ’sam bith a dheanamh air an sonsan; b’e an t-aon dorus fosgailte, agus an aon suipeir mhòr, a bh’ ann airson nan uile a thigeadh ge b’e ’sam bith cò iad. Co-dhiù ’s ann o’n luchairt, no o’n bhothan, o’n tigh-mhòr no o’n t-sràid, ann an aodach sìoda no ann an clò, ann an scàrlaid no ann an luideagan, glan no salach, bochd no beartach, coma co-dhiù na ’n tigeadh iad chum na cuirme cha rachadh an cur air falbh; bha an aon fhàilte a’ feitheamh air na h-uile. Ach ma bha spéis aig fear-an-tighe do aon chuid seach cuid eile, agus tlachd àraidh aige ann a bhi ’g an gabhail-san a steach is ann doibhsan bu truaighe coltais agus staid, a’ mhuinntir a b’ acraiche, agus a bu luideagaiche, ’n am measg. Thubhairt an soisgeulach mòr Whitefield aon uair, agus e searmonachadh, gu’n gabhadh an Tighearna Iosa Criosd gu toileach riu-san ris an cuireadh an diabhul féin cùl, no
mar a thubhairt e, sprùileach an diabhuil. Chuir a’ chainnt sin ioghnadh air cuid, agus bha iad ullamh gu oilbheum a ghabhail dith, gus an d’ fheòraich iad dheth fhéin, ciod a bu chiall dh’ an chainnt sin. Dh’innis e dhoibh gu’n deachaidh na ceart bhriathran sin a bheannachadh do chreutair bochd, boirionnach peacach, caillte, bhar na sràide, a bha a’ dol seachad air an eaglais aig a’ cheart àm, anns an do chleachd e na briathran sin, le sùil i fhéin a bhàthadh. Stad i tacan ag éisdeachd, agus aig cluinntinn nam briathran sin di, ghlac i misneach, gur maith dh’fhaoidte gu’n robh dòchas ann fhathast dh’an leithid d’an robh ise, agus an àite a dhol ’g a bàthadh fhéin, ’s ann a thadhail i air an teachdaire, a dh’ fheuchainn an robh e fior gu’n gabhadh an Tighearn’ Iosa ri leithid nam feadhnach d’an robh ise. Dhearbh esan sin dhith o’n Sgriobtur, agus dh’ fhalbh i cosmhuil ri té eile ann an sìth (Lucas, vii. 50).
(3) Ge b’e air bith cò a thig no nach tig, bithidh tigh-cuirme Dhé làn. Chì Criosd fadheòidh de shaothair anama, agus bithidh E toilichte (Isa., liii. 11). Is e bu chòir a bhi ’n a cheist air a h-uile neach, cha’n e ciod e meud na h-àireimh a théid a thearnadh fa dheòidh, ach am bi mi fhéin ’n am measg sin. An uair a bha Mr Moody, an soisgeulach, an Dùn-éideann a’ searmonachadh, thachair ris air taobh a muigh na
h-eaglais òganach ris ’n a chuir e a’ cheist an ann ag iarraidh Chriosda a bha e. Fhreagair an t-òganach nach b’ ann, gur ann a’ feitheamh a pheathar a bha e, agus nach robh suim ’sam bith aige dha na nithe sin. “Uill, ’ille òig,” arsa Moody, “ma ni thusa as eugmhais Chriosda, ni Esan as d’aonais-sa, oir gheibh E gu leòir eile a ghabhas Ris.” Lean na briathran dìleas sin ris air a’ leithid a dhòigh, agus nach b’ urrainn e fhaotainn cuidhteas iad, oir bha a smuaintean an còmhnaidh ag ràdh ris ged a b’ urrainn Criosd a dheanamh as aonais-san, nach b’ urrainn esan a dheanamh as aonais Chriosda; agus leis a’ sin b’ éiginn da mu dheireadh e fhéin a thoirt suas do Chriosd. A leughadair am bi thusa air d’ fhàgail a muigh? Mur do ghabh thu fhathast ann a’ d’ chridhe ri cuireadh an t-Soisgeil, agus mur a d’ thug thu géill fhathast do ghairm an Spioraid Naoimh, ann a’ d’ choguis, nach toir thu freagradh agus géill a nis, aig a’ cheart àm so, eadhon air dhuit so a leughadh, oir “FEUCH, A NIS AN T-AM TAITNEACH; FEUCH, A NIS LA NA SLAINTE” (2 Cor., vi. 2). “UIME SIN, MAR THA AN SPIORAD NAOMH AG RADH, AN DIUGH, MA CHLUINNEAS SIBH A GHUTH, NA CRUAIDHICHIBH BHUR CRIDHE.” “Oir tha mi ag ràdh ribh, nach blais aon de na daoinibh sin a fluair cuireadh, de m’ shuipeir-sa.”
title | An t-Suipeir Mhor |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |