NA TÀLANNAN.
(MATA, xxv. 14-30.)
THA dàimh aig a’ chosamhlachd so ris an té roimpe. Tha iad a’ sealltainn le chéile ris na nithean deireannach, agus tha an earail do bhuill na h-eaglais fhaicsinnich. Tha dàil air a deanamh anns an dà chosamhlachd, leis an fhear-nuadh-phòsda ’n a theachd, agus leis an Tighearn ’n a thurus air choigrich. Tha àm na dàlach so ’n a àm dearbhaidh, a’ dearbhadh anns a’ cheud chosamhlachd cò a tha glic agus cò nach ’eil, agus anns an dara té cò tha dìleas agus cò nach ’eil. Cha d’ thàinig an Tighearn air ais air ball an déigh dha falbh ged a bha dùil aig eaglais na ceud linn Ris. Tha na linntean air dol seachad o’n uair sin, agus cha d’thàinig E fhathast, agus cha’n ’eil fhios aig neach air thalamh c’uin a thig E, ged a dh’fheumas dùil a bhi aig an eaglais Ris uair air bith. Cha’n ’eil an Tighearn, mar is tric, a’ gairm a’ chreidich air ball o ghràs gu glòir ach ’g a fhàgail a bhos am measg thrioblaidean, agus dheuchainnean, agus dhleasdanasan, an t-saoghail so gus a dhearbhadh, agus oileanachadh, agus a
dheanamh foirfe. Tha obair aig an Tighearn r’a dheanamh le sheirbhisich anns an t-saoghal so, agus fàgar an so iad gus an deanar sin leò. B’e, mar sin, earail na ceud chosamhlachd, “Deanaibh faire”; ’s i earail na darna cosamhlachd so, “Deanaibh obair.” Bithibh faireil, deir cosamhlachd nan Oighean; bithibh gnìomhach, arsa cosamhlachd nan Talann.
Tha cosamhlachd eile ann an Soisgeul Lucais, cosamhlachd nam Punnd (Lucas, xix. 11-27), a tha car cosmhuil rithe so, ach aig geur-rannsachadh chì sinn nach ionann idir daibh. Anns an té sin, fhuair na seirbhisich an aon suim airgid gach aon fa leth gun dealachadh ’sam bith eatorra anns dol a mach; ’s ann a bha an dealachadh anns an tomhas de dhùrachd a nochd iad, anns an fheum a rinn iad dhe na fhuair iad, agus anns an dealachadh duaise aig a’ chrìch. Ann an cosamhlachd nan Talann tha dealachadh tomhais ann, anns an dol a mach, thaobh na fhuair gach neach de ionmhas, ach a thaobh nan seirbhiseach sin a rinn gu maith fhuair iad le chéile an aon duais a chionn ’s gu’n do nochd iad an aon dhùrachd, agus dhìlseachd. Ciod iad, ma tha, teagasgan na cosamhlachd so?
1. Tha sinn uile air ar gairm gu seirbhis anns an t-saoghal so. Tha obair aig an Tighearn r’a dheanamh anns an t-saoghal, agus anns an
eaglais. Cha’n ’eil àite do leisgein ann an rìoghachd Dhé.
2. Tha Dia a’ toirt dha na h-uile cothroman, agus gibhtean, ach cha’n ann anns an aon tomhas dha gach neach. Tha gibhtean nàdurrach, agus gibhtean gràsmhor, le chéile air am filleadh a steach annta sin. Cha’n agair Dia tuilleadh o neach ’sam bith na a réir tomhais na thug E dha. Tha obair, agus a chomasan, agus a chothroman fhéin, aig gach neach, agus ’s ann air an son sin, agus cha’n ann airson cuid neach eile, a dh’fheumar cunntas a thoirt agus duais fhaotainn fa-dheòidh.
3. Bithidh duais aig a’ cheann mu dheireadh a réir meud na dùrachd, agus na dìlseachd a nochd gach neach, a réir a chomasan, agus a chothroman.
Chì sibh gu’n d’fhuair an dà sheirbhiseach, ma tha, an aon duais le chéile. C’arson sin? ars’ thusa. Nach do bhuannaich fear dhiubh còig tàlannan, agus am fear eile ach a dhà? Ceart gu leòir, ach nach ’eil thu a’ faicinn gur e an t-aon tomhas buannachd a bha aig an dithis an coimeas ris na fhuair iad de mhaoin aig an dol a mach; dhùblaich iad le chéile na fhuair iad; nochd iad, mar sin, an aon dhùrachd, agus choisinn iad an aon duais. Sin mar a dh’éireas dhuinne. Cha’n iarr an Tighearn oirnn barrachd na thug E dhuinn, ach iarraidh
E sin agus dùrachd agus dìlseachd ann a bhi ’g a chur gu buil. Tha an Tighearn ag agairt seirbhis uainn, agus sin o dhà thaobh, taobh a’ cheud chruthachaidh, agus taobh a’ chruthachaidh nuaidh. ’S i a’ chrìoch airson an do chruthaich Dia an duine o thus gu’n glòiricheadh e a Chruithfhear leis na buadhan nàdurrach sin a bhuilich E air; agus ’s i crìoch na h-ath-ghineamhainn nuadh-sheirbhis bheò. Cha b’ionann an t-seirbhis a bh’ann ri linn an Slànuighear a bhi air thalamh, agus seirbhis an làtha an diugh. Bu thràillean iad uile anns na seann làithean a bha deanamh seirbhis; cha b’ann leò fhéin idir iad; bhuineadh iad dh’am maighstirean, iad fhéin agus an cuid; chaidh an ceannach le luach mar sheilbh eile. Sin an seòrsa sheirbhiseach a th’againn anns a’ chosamhlachd, muinntir nach buineadh dhoibh fhéin, ach dh’am maighstir, agus aig nach b’urrainn maoin a bhi ach na bheireadh e fhéin dhoibh, agus sin a chum gu’n cosnadh iad buannachd leatha. Sin agaibhse samhladh air a’ Chrìosduidh. Cha leis fhéin e; chaidh a cheannach le luach; agus sin le sùil gu’n deanadh e seirbhis do’n Ti a cheannaich e, agus leis an leis e a nis. “Cha leibh féin sibh. Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le bhur corp, agus le bhur spiorad, as le Dia” (1 Cor., vi. 19, 20). Thoirimid so gu
cridhe. Tha e fìor gu bheil sinn air ar fìreanachadh tre chreidimh as eugmhais oibre an lagha, ach ’s ann chum seirbhis. Tha sinn a nis air ar gairm cha’n e gu bhi a’ saothrachadh a chum gu’m bi sinn air ar saoradh ach gu bhi a’ saothrachadh do bhrìgh agus gu bheil sinn air ar saoradh. Bha sinn aon uair ’n ar tràillean do’n diabhul (2 Tim., ii. 26), agus do’n pheacadh (Rom., vi. 17), air ar reiceadh fo’n pheacadh (Rom., vii. 14); ach chaidh ar saoradh o’n tràilleachd sin le fuil luachmhoir Mhic Dhé (1 Pead., i. 18, 19). O, ciod e na fiachan sin, ma ta, fo’m bheil sinn a nis a bhi ’n ar seirbhisich dhùrachdaich, agus dhìleis dh’ an Ti sin a thug a leithid a luach air ar son, a cheannaich sinn á leithid a thràillealachd uamhasaich, agus a thug a steach sinn gu seirbhis cho glòrmhoir, gràsmhor, agus gràdhach! Oir tha gràdh aig freumh na nuadh-sheirbhis so. ’S fheudar gur e gràdh dh’am maighstir a cho-éignich na seirbhisich anns a’ chosamhlachd a bhi cho dùrachdach, agus a bha iad. Cha b’ionann spiorad doibh agus do’n treas fear a bha fo spiorad an eagail, agus cha b’ ann fo spiorad a ghràidh. “Tha gràdh Chriosd ’g ar co-éigneachadh” ars’ an t-abstol (2 Cor., v. 14). B’fhìor thràill a bha anns an treas fear, agus e fo bhuaidh “spiorad na daorsa chum eagail.” Cha robh spiorad a’ ghràidh ann féin, agus cha b’urrainn dha smuaineachadh gu’n
robh an spiorad sin aig a Thighearn; mheas e ’n a dhuine cruaidh e; ach ’s ann ann fhéin agus cha b’ann ’n a Thighearn, a bha an cruas. Cha robh mòran aig anns an dol a mach gu dearbh, ach cha b’ann air a shon sin a chaidh a choireachadh, ach airson a dhìmeas air a’ bheagan a fhuair e. Tha a’ chosamhlachd a’ toirt gu mo chuimhne briathran a chleachd an t-Urr. Iain Macrath, Macrath Mòr a theirteadh ris, ri fear anns na Lochan, Eilean Leòdhuis. Thàinig am fear so far an robh Maighstir Iain ag iarraidh air sparradh a thoirt dh’an t-sluagh iad a bhi na’s fialaidhe dh’ an “Sustentation Fund.” “Seadh,” arsa Maighistir Iain, “agus dé uiread a tha thu fhéin a’ cur ann?” Cha robh e a’ cur sgillinn ruadh ann. “A mhinisteir,” ars’ am bodach, “cha do bhuilich an Cruithfhear mòran ormsa.” “Ta,” arsa Maighistir Iain, “bha an Cruithfhear glic; ’s maith a bha fios aige na’n robh E air sin a dheanamh nach bitheadh fios agadsa co-dhiùbh ’s e do cheann no do chasan a bhitheadh fodhad.” ’S e tha air iarraidh oirnne, cha’n e nì nach ’eil againn ach dìlseachd anns a bheagan a tha againn. Comhla ri bhi eagalach bha am fear so anns a’ chosamhlachd so leasg. Tha an t-eagal agus an leisg càirdeach dh’ a chéile. “Their an leisgein, Tha leòmhan am muigh, anns na sràidibh marbhar mi” (Gnath., xxii. 13). Nuair
a théid an leisg, agus an t-eagal an co-bhoinn mo thruaighe dh’an chreutair! Is iomadh bòcan a chì an duine leis an leasg car a dheanamh. Thachar oirnn cuid agus ’nuair a rachadh tu a bhruidhinn riu mu nithean an anama theireadh iad le osnaidh thruim, “Ach! Is e ni mòr a tha ’n sin,” agus b’e sin toiseach agus crìoch a ghnothuich. Agus cha’n fhad gus an caill a’ mhuinntir eagalach, leasg, sin am beagan a th’aca. Nach cruaidh sin, ars’ thusa. Cha’n eadh. Cha’n ’eil an so ach lagh a chì sinn ag oibreachadh ann an caochladh chearnaidhean. Tha e ’n a lagh nàdurrach a’ bhuadh sin nach cuirte an cleachdadh i gu’n caill i a comas, agus mu dheireadh gu’n searg i air falbh gu buileach á bith; ach, air an taobh eile, na buadhan a chleachdar gu cothromach, cha’n e a mhàin gu’m fàs iad na’s neartmhoire, ach fàsaidh a suas asda agus ri ’n taobh, buadhan eile. Tha thaobh ar comasan, agus ar buadhan, mar a bha thaobh nan dà iasg bheag ud, agus nan còig builionnan ud, a chuir an t-òganach ann an làmhan an Tighearna Iosa, agus leis ’n a bheathaich Esan na còig mìle pearsa, ’nuair a chuireas sinne sinn fhéin agus iadsan ann an làmhan an Tighearna, bheir Esan air a’ bheagan againne fàs gu mìorbhuileach air dhòigh nach robh dùil againn ris. Is e a ghràs, agus a neart, fhéin a tha cuideachadh leinn, agus tha a “chumhachd-san air a dheanamh
foirfe ann an anmhuinneachd” (2 Cor., xii. 9). Agus nach iongantach, agus nach gràsmhor, a’ nì gu bheil E a’ toirt duaise fa-dheòidh dh’ a sheirbhisich air son oibre nach b’urrainn dhoibh riamh a dheanamh as eugmhais a chobhrach-san. Ach is e so dòigh an Tighearna, oir cha’n ’eil maighstir eile ann cosmhuil Ris; tha a chuing so-iomchar, agus ’uallach eutrom.
Bithimid, ma ta, gnìomhach, dìleas, dùrachdach ann an seirbhis ar Maighistir Nèamhaidh, a ghnàth a’ cur gu buil nan tàlannan sin a thaobh comais agus cothroim a bhuilich E oirnn, eadhon anns na nithean as lugha, a chum gu measar airidh sinn fa-dheòidh air an fhàilte so “Is maith a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; imich a steach do aoibhneas do Thighearn.” “UIME SIN MO BHRÀITHRE GRÀDHACH, BITHIBH-SE DAINGEAN, NEO-GHLUASADACH, A’ SÌOR-MHEUDACHADH ANN AN OBAIR AN TIGHEARNA, AIR DHUIBH FIOS A BHI AGAIBH NACH ’EIL BHUR SAOTHAIR DÌOMHAIN ANNS AN TIGHEARNA” (1 Cor., xv. 58).
title | Na Talannan |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |