AN COGUL AM MEASG A’ CHRUITHNEACHD.
(MATA, xiii. 24-30, 36-40.)
CHA’N ’eil a h-aon de na cosamhlachdan as mò a dhùisg ceisd, no a dh’ aobharaich sgriobhadh, na cosamhlachd a’ choguil. Cha cheadaich ùine no inntinn a dhol a steach anns na ceisdean agus na connspaidean sin, ach so a radh, gu ’m bheil iad uile ag iadhadh timchioll air a’ cheisd so, ciod e “am fearann”? An e an Eaglais a tha air a ciallachadh, no an e an saoghal ’s a’ choitchionn? An e staid na h-Eaglais a tha air a chur romhainn anns a’ chosamhlachd, no staid an t-saoghail? A nis gu bhi ’g ar cuideachadh ann a bhi mìneachadh na cosamhlachd, chì sinn anns an dol a mach gur h-ann mu “rioghachd néimh” a tha a’ chosamhlachd. Nis ’s e “rioghachd néimh” ainm na h-Eaglais fhaicsinnich anns na cosamhlachdan, agus mar sin tha r’a thogail bho ’n sin gur h-ann mu staid na h-Eaglaise a tha a’ chosamhlachd so a’ labhairt, agus gur i an staid sin a tha air a cur romhainn. Tha so air a dhaingneachadh dhuinn an uair a smaoinicheas
sinn air puinc-theagasg na cosamhlachd. Cha b’fhirinn ro chudthromach, no ro dhrùighteach, rannsachail, idir an fhirinn so, gu’m bheil maith is olc am measg a chéile anns an t-saoghal anns a’ choitchionn, no eadhon gu’m bheil là a’ bhreitheanais a’ feitheamh air na h-uile. Tha na h-uile dhaoine a’ dol leis an sin, agus cha’n fhìrinn sin a mhàin a bhuineas do Eaglais an Tiomnaidh Nuaidh. Ach ma ’s e staid na h-Eaglais anns an t-saoghal a tha air a chiallachadh, chi sibh gur e tha air a theagasg dhuinn firinn a tha cudthromach, geur-rannsachail, “na’s géire na claidheamh dà fhaobhar air bith, a’ ruigheachd eadhon chum eadar-sgaraidh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintibh agus air rùnaibh a’ chridhe” (Eabh., iv. 12).
Gu’m bheil maith agus olc measgta ann an cridhe na h-Eaglais fhaicsinnich, agus “gu’n tòisich breitheanas aig tigh Dhé,” sin agaibh fìrinnean a bu chòir ar cur gu faire agus féin-rannsachadh. Tha am beachd so air a dhaingneachadh an uair a sheallas sinn ris a’ cheud rann ar an dà fhichead, far am bheil e air a radh gur h-ann “as a rioghachd” a thionailear “na h-uile nithean a bheir oilbheum.” Ciod iad na nithean a tha r’a fhoghlum bho ’n chosamhlachd?
Gu’m bheil staid na h-Eaglais fhaicsinnich’n a staid measgta.
Cha ruig a leas dùil bhi aig deisciobuil Chriosda, eadhon an fheadhainn as eudmhora dhiubh, ri Eaglais fhior-ghlan anns nach bi olc air bith. Cha robh agus cha bhi a leithid sin de dh’Eaglais a bhos air thalamh: feumar fuireach ri leithid sin aig deireadh chùisean. Chìtear so gu soilleir eadhon aig toiseach na h-Eaglaise ’s an Tiomnadh Nuadh. Cha robh aig Criosd ach dà Abstol dheug, gidheadh bha fear dhe’n àireamh bhig sin ’n a dhiabhul, Iudas a bha gu esan a bhrath (Eoin, vi. 70-71). Nach robh Ananias agus a bhean, Saphira, “a lion Satan an cridhe a dheanamh bréige do’n Spiorad Naomh” a dh’àireamh nan deisciobuil (Gniomh, v. 3)? Ghabh Philip a steach dh’an Eaglais fhaicsinnich leis a’ bhaisteadh Simon Magus, a bha a dh’aindeon sin fhathast “ann an dombhlas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h-eucorach” (Gniomh, viii. 23-24). Nach d’thug Pòl rabhadh do éildeirean na h-Eaglais an Ephesus “gu’n tigeadh madaidh-allaidh gharga ’n ’ur measg nach caomhain an treud. Agus éiridh daoine dhibh fhéin, a labhras nithean fiara, a chum deisciobuil a tharruing ’n an deigh féin” (Gniomh, xx. 29-30). Agus nach ’eil Eoin a’ sgriobhadh mu mhuinntir “a chaidh a mach uainne, ach cha
robh iad dhinn: oir na ’m bitheadh iad dhinn, gu deimhin dh’ fhanadh iad maille ruinn: ach chaidh iad a mach a chum gu’n deantadh follaiseach iad nach robh iad uile dhinn?” (1 Eoin, ii. 19).
Tha na h-earrannan sin ’g ar toirt gu fior bhrìgh teagaisg na cosamhlachd so, eadhon so, gu’m faod fior choslas na diadhachd a bhi aig cuid aig toiseach chùisean ach a bha riamh ’n an tur-choigrich air a’ chumhachd. Bha an cogul cho coltach ris an arbhar, fhad ’s a b’fhochann iad le chéile, ’s nach fhaca na seirbhisich dealachadh sam bith eatorra; ach fad an t-siubhail—agus so brìgh na cosamhlachd—ged a bha aonachd coltais ann bha caochladh nàduir. Agus fa dheòidh thug an caochladh gné a mach caochladh toraidh. O chàirdean, nach anabarrach rannsachail an teagasg so? Nach bu chòir dhi ar cur gu féin-rannsachadh mar a chuireadh na deisciobuil, an uair a chual’ iad gu’n robh fear dhiubh fhéin gus an Tighearna a bhrath! “A Thighearna” ars a h-uile aon fa leith, “am mise e?” (Mata, xxvi. 22). Tha obair an Spioraid Naoimh domhain anns a’ chridhe agus anns a’ nàdur, oir “mur a beirear duine a rìs cha ’n urrainn e rioghachd Dhé fhaicinn” (Eoin, iii. 3). “An nì sin a tha air a bhreith bho ’n fheòil is feòil e, agus an nì sin a tha air a bhreith o ’n Spiorad is spiorad e.” Oir ’s e th’againn an so dealachadh nàduir a’ sruthadh bho dhealachadh breith. Cha
b’ionnan anns a’ chosamhlachd an sioladair agus an siol anns an dà churachd. Mar sin cha’n ’eil ann ach an dà athair agus an dà theaghlach—an diabhul agus a chlann-san, agus an t-Athair neamhaidh agus a chlann-san. Agus tha an dà sheòrsa anns an Eaglais fhaicsinnich! Faodaidh iad a bhi taobh ri taobh anns an aon tigh, aig an aon bhòrd, anns an aon eaglais, taobh ri taobh eadhon aig bòrd an Tighearna. Cionnus, ma tha, a dh’aithnichear iad, ars’ thusa? Mar a tha an Tighearna ag radh a dh’aithnichear iad, air an toraidhean. “ ’S an uair a thainig an t-arbhar fo dhéis, agus a thug e mach a thoradh, dh’fhoillsich an cogul e féin mar an ceudna.” Bheir gach nàdur a mach a thoradh fhéin. Nochdaidh fa dheòidh clann an diabhuil an nàdur fhéin, agus clann Dhé an nàdur-san. So mar a tha Eòin gràdhach, abstol a’ ghràidh, a leig a cheann air uchd a Mhaighstir, agus aig an robh uidhir dhe inntinn, agus dh’a ghné, ’g a chur, “An tì a nì peacadh, is ann bho ’n diabhul a tha e. Ge b’e neach a ghineadh bho Dhia, cha dean e peacadh; oir tha shiol-san a’ fantuinn ann: agus cha’n ’eil e an comas da peacadh a dheanamh, do bhrìgh gu’n do ghineadh bho Dhia e. An so tha clann Dhé, agus clann an diabhuil follaiseach: Ge b’ e neach nach dean fireantachd, cha’n ann bho Dhia a tha e, no an tì nach gràdhaich a bhràthair” (1 Eoin, iii. 8-10).
’S iad so ma tha a réir Eòin comharaidhean a’ choguil agus a’ chruithneachd—comharaidhean a’ choguil, eucoir agus fuath; comharaidhean a’ chruithneachd, fìreantachd agus gràdh. Tha an teagasg so feumail anns an là so. Tha mòran anns an là so, cha’n ann a mhàin dhe ’n Eaglais Phàpanaich, ach dhe ’n Eaglais Easbuigich an Sasuinn, a’ teagasg nach ’eil sàbhaladh a mach as an Eaglais Easbuigich. ’S ann rithe-se a mhàin a their iad an Eaglais. Chuala mi mu easbuig dhe ’n t-seòrsa so a dh’ionnsuidh an deachaidh fear a dh’ìnnseadh dha gu’n robh e dol a dh’fhàgail na h-Eaglais Easbuigich, agus gus e fhéin a cheangal ris an Eaglais Chléirich. Ghabh an t-easbuig dà chathair, agus chuir e iad air beulaobh an duine, le àite falamh eadar na dhà. “Sud agad,” ars’ esan, ’s e leagail a làimhe air aon de na caithrichean, “an Eaglais Phàpanach: tha thu sàbhailt an sin. Sud agad an Eaglais Shasunnach,” agus e leagail a làimhe air an ath chathair; “tha thu sàbhailt an sin; ach,” ars’ esan, agus e comharrachadh le chorraig an t-àite a bha falamh, “sud an Eaglais chléireach, agus cha’n ’eil tearuinteachd air bith an sin.” “Nach grathail an teagaisg a tha sin,” ars’ thusa? ’S grathail dha rìreadh, ach thoir thusa an aire nach tuit thu gun fhios duit fhéin anns an aon ribe. Feuch nach cuir thusa muinghin ’n a do dhàimh ri Eaglais seach Eaglais, a’ saoilsinn, ’s
maith a dh’fhaodta, do bhrìgh gu’m buin thu do Eaglais a tha glan bho mhearachdan, gu’n dean sin do thearnadh, eadar-dhealaichte o thu a bhi ann an Criosd, air d’ath-bhreith bho shuas, no gu’n cuir d’eud air son fallaineachd teagasg anns an Eaglais falach air do dhroch caithe-beatha. A dhuine, ma tha thu dhe’n bheachd agus dhe’n chleachdadh sin, nach ’eil thu dearbhadh dhuit fhéin agus do chàch gur h-ann dhe’n chogul a tha thu? Cha ’n ’eil Eaglais tur-ghlan air thalamh, agus thoir thusa an aire nach caill thu d’anam ann a bhi sealltuinn air a son; agus ged a bhiodh i ann, agus ged a gheibheadh tusa i, cha deanadh i do thearnadh; ’s e Criosd a mhàin a ni sin dhuit. Na cuir Eaglais sam bith, ma ta, air cho glan ’s ge ’m bi thu ’g a meas, an àite Chriosda, no dàimh eaglais an àite na h-ath-ghineamhuinn. Tha eagal orm gu’m bheil cuid ann agus is coma leò dé bhreug a dh’innseas iad, no an eucoir a nì iad, ma ’s ann air sgàth na h-Eaglaise, no an taobh aca fhéin, a tha iad a’ deanamh sin, an dùil gu’n dean maitheas an aobhair olcas a’ ghniomh a leasachadh. Na mealladh iad iad fhéin. “An tì a nì peacadh, is ann bho ’n diabhul a tha e.” Sin ceud leasan na cosamhlachd so. Mar sin “ceasnaicheadh duine e féin.” “Ceasnaichibh sibh féin, am bheil sibh ’s a’ chreidimh, dearbhaibh sibh féin” (2 Cor., xiii. 5).
Bu chòir foighidinn a chleachdadh a thaobh na staid mheasgta so.
Bha na seirbhisich anns a’ chosamhlachd, a réir coltais, fad na’s eudmhora agus na’s cùramaiche na Tighearna an fhearainn e fhéin. Ach ’s ann a réir coltais a mhàin. Bha an Tighearna eadhon na b’eudmhora agus na bu chùramaiche, ach bha e na bu ghlice. ’S e an aon chrioch a bha rompa le chéile, eadhon gloinid agus maith a’ bharra: ’s e bha eatorra barrachd gliocais agus atharrachadh dòigh air taobh an Tighearna. Ach bha na seirbhisich so glic cuideachd. An àite leum a dh’aon ghnothuch, gun smuain gun chomhairl a ghabhail, a spionadh a’ choguil, ’s ann a chaidh iad ’n an imcheist a dh’innseadh dh’am maighstir mar a bha gnothuichean agus a dh’iarraidh seòlaidh air. Nach iomadh ceum gòrach, cronail, do aobhar an Tighearna a sheachnadh seirbhisich eudmhor an Tighearna na ’m b’ e ’s gu’n deanamh iad, cleas nan seirbhiseach so, a’ chùis a chur an toiseach air beulaobh an Tighearna, agus comhairle agus gliocas agus seòladh iarraidh agus fhaotainn uaithe-san? Tha cuimhne agam air duine maith a bha an Strannd, ’s na h-Earadh, Tormad MacPhàdruig, agus a’ bhreith a b’ àbhais e fhéin a thoirt air gniomh eudmhor na h-òige, a chleachd e fhéin aon uair ann an eaglais
Bhearnaraidh na h-Earadh. Bha e là an eaglais stéidhichte Bhearnaraidh agus cha do chòrd an teagasg ris. ’S ann a dh’eugh Tormad a mach le guth àird, “mort! mort!” agus a mach a ghabh e agus a’ chuid mhòr dhe ’n choimhthional còmhla ris. Chaidh Tormad còir a chur ’s a’ phrioson air son a bhi a’ cur na seirbhis troimh chéile. “Och!” arsa Tormad, agus e ag innse an t-seanchais, mar a rinn e gu tric dhomh fhéin, “an gniomh amaideach a bha’n sud!” Na ’n robh Peadair air a bhi ’g urnuigh an àite dha bhi ’n a chadal, an robh e air a bhi cho buileach bras ann a bhi tarruing a chlaidheimh, agus a’ gearradh na cluaise dhe’n t-seirbhiseach? Tha gliocas a dhìth air seirbhisich an Tighearna a thaobh an dòigh anns an còir dhaibh beantainn ris an olc anns an Eaglais, agus a thaobh an rathaid anns an còir dhaibh iad fhéin a ghiùlan ann an suidhichidhean duilich. Mar a thuirt sinn, ’s iomadh ceum gòrach bho ’m biodh iad air an saoradh na ’n toireadh iad an Tighearna orra air tùs. Tha cuimhne agaibh an ni a rinn na deisciobuil anns a’ bhàta an uair a thainig an stoirm orra. Cha b’e leum a mach as a’ bhàta agus beannachd a leigeil leatha a rinn iad. Chaidh iad agus dhùisg iad am Maighstir. Nach iad a bha glic! Sud agaibh eisimpleir dhuinne. Fhaic thu, a thaobh na comhairle sin a thug an Tighearna dh’ a sheirbhisich, cha b’ e
suim sam bith a bha aige dh’ an chogul a thug air fhàgail am measg a’ chruithneachd, ach an cùram a bha air air son a’ chruithneachd. B’ e so a’ cheisd, cia bu mhò cron is call a dheantadh le bhi spionadh a’ choguil air ball á measg a’ chruithneachd, no bhi ’g a fhàgail gu àm an fhogharaidh? B’ e bhi cleachdadh foighidinn, agus fhàgail, an dòigh bu ghlice. B’ e so an dòigh bu lugha a dheanadh de chron agus de chall air a’ bharr. Chunnaic mi fhéin là ni a thug an leasan ceudna dhomh. Chunnaic mi cailleach a’ biadhadh chearc. Cò thainig ’n am measg ach cearc choimheach. An uair a chunnaic a’ chailleach a’ chearc so am measg a treud fhéin thug i an duthar-leum aisde a dh’ionnsuidh na circe coimhich, ag eughach a mach “huis.” Sgap an treud aice fhéin an sud ’s an so, ach dh’fhan a’ chearc choimheach gu stòlda dàna ag itheadh a làin. Dh’ fheuch a’ chailleach mar so a dhà no trì uairean ri a cur air falbh ach dh’fhàilnich sin oirre, agus mu dheireadh b’fheudar dhi an gnothuch a thoirt suas, agus leigeil leis a’ chirc choimhich fuireach agus itheadh am measg a treud fhéin, oir b’fhearr leigeil le aon chirc choimhich a leòr a ghabhail na gu’m biodh a treud fhéin acrach. ’S ann mar sin a tha a thaobh smachd eaglais uairean. Feumaidh sinn an aire a thoirt gur e an fheadhainn cheart a theid a chumail air an ais.
Chuala mi mu ni a thachair aig baisteadh chloinne uair. Bhatar a’ ceasnachadh nam pàrantan, gach aon fa leith, dh’ fheuch an robh aoradh teaghlaich ’g a ghleidheadh aca agus thuirt a h-uile fear aca ach aon fhear gu’n robh. Chaidh esan a chumail air ais agus fhuair an fheadhainn eile am baisteadh. “ ’S iongantach an gnothuch a th’ ann,” ars’ esan agus e falbh, “gur e luchd nam breug a gheibh an t-sochair, agus gu’n teid am fear a dh’innseas an fhìrinn a chumail air ais.”
Tha càradh aig teagasg na cosamhlachd, ar leam, ri suidheachadh ghnothuichean anns a’ Ghàidhealtachd againn fhéin aig an àm so. Cha ’n urrainn mi ach a bhi smaoineachadh air cho ao-coltach ’s a tha cuid, a shaoil gu’m b’e an dleasdanas sinne fhàgail, agus an Eaglais anns a’ Ghàidhealtachd gu h-àraidh a bhriseadh ’n a bloighdean, ris na seirbhisich anns a’ chosamhlachd a ghabh comhairle am maighstir. Cha chuir mi an teagamh an eud, ach tha mi a’ cur an amharus an gliocais, agus an seòladh bho shuas. Chunnaic iad, ma b’fhior dhaibh fhéin, cogul am measg a’ chruithneachd, agus a steach a ghabh iad am measg an arbhair a spionadh a’ choguil, agus a nis tha a’ Ghàidhealtachd fo eud gun eòlas, coltach ri achadh arbhair air a shaltairt fo chasan dhaoine. Tha cuid de sheirbhisich anns an là so na’s glice na ’n
Tighearna fhéin. Saoilidh mi fhéin nach urrainn e bhi ach ’n a cheisd orra fhéin air uairean cia aca is mò rinn iad de mhaith na dh’olc anns na ceuman a ghabh iad. Ma chaidh aca air an cogul a spionadh tha eagal orm gu’n d’thug iad dòrlach no dhà leò dhe ’n chruithneachd còmhla ris; agus a thaobh mar a dh’fhàg iad an t-achadh gu léir cha chreid mise nach ’eil e cur gàirdeachais an cridhe fir-chur a’ choguil. ’S e so mo bheachd-sa co-dhiùbh, agus tha mi a’ smaoineachadh gu ’m bheil mòran leam anns a’ bheachd sin aig am bheil spéis do staid spioradail agus mhodhannail ar Gàidhealtachd.
Anns a’ cho-dhunadh: Ge b’e sam bith cia mar a tha gnothuichean a thaobh nan Eaglaisean air fad, ceasnaicheadh gach neach e féin cia dhiubh a tha e dhe ’n chogul no dhe ’n chruithneachd, a tha le chéile anns na h-uile Eaglais, air cho glan ’s ge ’m bi i a thaobh teagaisg agus cleachdaidh, agus cuireadh e suas a’ h-uile là a dh’éireas e urnuigh an t-Salmadair:
“Rannsaich mi, a Dhé, mo chridhe faic;
Mo smuainte feuch, dearbh mi.
Feuch agus amhairc féin am bheil,
Slighe aingidh olc a’m’ chléith;
Is anns an t-slighe shiorruidh chòir,
Gu direach treòraich mi.”
SALM, cxxxix. 23-24.
title | An Cogul Am Measg A’ Chruithneachd |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |