[60]

AM PHAIRISEACH AGUS AN CÌS-MHAOR.
(LUCAS, xviii. 9-14.)

THA againn anns achosamhlachd so leasan eile air nàdur na h-urnuigh, gu h-àraidh air an spiorad anns an còir urnuigh a dheanamh, eadhon spiorad na h-irioslachd eadar-dhealaichte bho spiorad na féin-fhireantachd agus an àrdain. Agus a rìs, ’s e nàdur deilbhe a tha againn, dealbh dithis luchd-aoraidh a sheasadh, chan e mhàin air son luchd-aoraidh ri linn an t-Slànuighir, ach air son luchd-aoraidh an an diugh. Tha an dithis fhathast anns ah-uile coimhthional, agus faodaidh tu am faicinn sam bith anns an eaglais. ’S ann aig aoradh choitchionn an teampuill a nochd an dithis an gné dhen robh iad. ’S ann timchioll air dleasdanasan coitchionn a tha daoine gu bitheantag an nochdadh fhéin— ’s ann aig na h-uairean sin a gheibhtear agus a chìtear iad mar a tha iad da-rìreadh. Cha bann gun aobhar a thagh an Tighearna an dithisfear á measg nam Phairiseach, agus am fear eile á measg nan cis-mhaor. Bha na Phairisich diadhaidh on leith a muigh, urramach agus cliùiteachn am barail fhéin, agus


[61]

am barail dhaoine eile, “daoine maithean , cràbhach, beusach, pongail. Chaneil teagamh nach robh na thuirt am Phairiseach fior gu leòr on leith a muigh. Be am peacadh an uabhar, gun robh iadag earbsadh asda féin gun robh iadn am fìreanaibh, agus adeanamh tàir air dream eile.” Air an làimh eile bhuineadh an cis-mhaor dhan dream a bha mi-bheusach agus mi-chùramach agus mi-chliùiteach. Theagamh a rìs gun robh cliù an duine so air fhéin ceart gu leòr eadhon on leith a muigh. Achs ann a bha an dealachadh mòr eatorra ann an spiorad an dithisaig an Phairiseach bha spiorad an uabhair, aig achìs-mhaor spiorad na h-irioslachd. Tha an dealachadh so air a thaisbeanadh eadhonn an giùlan. Tha dòigh seasaimh an Phairisich acòrdadh ri seasamh uaibhreach a spioraid. Tha e agabhail àite mar àite a bhuineas dhàsan gun amharus mar dhuine eadar-dhealaichte bho chàch, duine leis fhéin aig am bheil làn-chòir air an àite, mar a tha e air a chur anns aGhàidhlig, “Sheas am Phairiseach leis fhéin.” Air an làimh eile tha an cis-mhaorg a ghiùlan fhéin mar neach a thag a fhaotainn féin ann an àite ris nacheil e cleachdta, agus air nacheil e airidh, agus a tha amharusach ma chòir a bhi idir ann. Achs ann an ùrnuighean an dithis a chìtear an t-eadar-dhealachadh spioraid a tha eatorra. Tha an dealachadh ra


[62]

fhaicinn ann an cruth nan ùrnuighean. Tha ùrnuigh an Phairisich òrdail, suidhichte, pongail. Tha ùrnuigh achis-mhaoirn a sgread na h-éiginn, mar o dhuine ann an cunnart bàthaidh. Beachdaicheamaid orra le chéile.


Urnuigh an Phairisich.

S e acheud a chì sinn anns an ùrnuigh so, nacheil ni de mhothachadh peacaidh innte. Chan fhaigh thu guth an aidichidh idir an so, agus sin do bhrigh nacheil mothachadh peacaidh ann. An uair a dhfhaighnicheas sinn so chì sinn ; an toiseach, gum bheil fìreantachd an duine so aco-sheasamh ann an nithean nach robh echa robh en fhear-fòr-éiginn, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor; aguss an dara àite, gun robh i co-sheasamh, cho fadas a bha i deanadach, ann an nithean on leith a muighatrasgadh agus atoirt na deachaimh. A thaobh nan deanadasan o dheireadh so tha aige, chan e mhàin guth an fhéin-riarachaidh, ach guth na comain, mar gun robh Dia fo fhiachaidh dha leithid de dhuines a bha esan annduine a bha deanamh eadhon barrachd na bha dhfhiachaibh air. Chì sibh cho faoin, aotrom, aodomhain, ’s a tha beachdan an duine so air lagh Dhé agus a naomhachd, agus mar sin cho faoin, aotrom, aodomhain, ’s a


[63]

bha a bheachdan a thaobh a pheacaidh, ag aobharachadh dha nach robh mar sin aige mothachadh ceart, ma bha mothachadh idir aige, air peacadh. Bha fhìreantachd aco-sheasamh ann an nithean on leith a muigh, air dha a bhi call seallaidh gu buileach air spioradalachd lagh Dhé agus air an fhireantachd a tha esan ag agairt. Cho tur eadar-dhealaichtes a tha ùrnuigh an duine so bho ùrnuigh agus aideachadh Dhaibhidh anns an aona Salm deug ar an fhichead! Dhfhàgadh an t-Salm sin leis aig achìs-mhaor bhochd. Bhuineadh an t-Abstol Pòl dhan dream so uair dhan robh e; bha en a Phairiseach mòr; bha ebeò as euginhais an lagha uair-eigindìreach mar a bha am fear so anns achosamhlachd. Ach dhiompaicheadh am Phairiseach mòr gu bhin a chìs-mhaor— “air teachd don àithne, dhath-bheòthaich am peacadh, agus fhuair mise bàs,” arsesan (Rom., vii. 9).

S e an dara ni a tha sinn ag ionndrain as an ùrnuigh, mothachadh dha-rìreadh air Dia. So fior fhreumh cion mothachaidh air peacadh. Gabhamaid an t-Salm a dhainmich sinn a cheana, agus gheibh sinn innte taobh ri taobh mothachadh air peacadh agus mothachadh air Diatha ceangal do-sheachainte aca ra chéile. Tha am mothachadh air Dia anns an t-Salm sin domhain, bàithteach, mar thonnan na fairge a


[64]

dol thairis air an anam, agus mar sin tha am mothachadh air peacadh domhain, tròm. Is e mothachadh air Dia a tha dhìth air an duine, araonn a naomhachd agusn a thròcair, agus tha ùrnuigh an Phairisich a dheasbhuidh an chuidchaneil innte mothachadh air naomhachd Dhé no faireachadh feum air a thròcair. Chaneil Dia idir anns an ùrnuigh so, oir tha dia eile aige seach Dia na naomhachd agus na tròcair, eadhon an duine e féinan dia MI-FHEIN.

Mur am faigh sinn anns an urnuigh mòr mhothachadh no mothachadh idir air Dia gheibh sinn gu leòr innte de mhothachadh air an duine agus an dia MI-FHEIN. Gheibh sinn an duine so, nos e bàill leinn a radh an dia so, air ainmeachadh còig uairean, “tha mi atoirt buidheachais,” “chaneil mi mar a tha daoine eile,” “tha mi atrasgadh,” “tha mi atoirt deachaimh,” “tha mi asealbhachadh.” ’S e so suim agus brìgh uabhair an duine so, mar a tha an Slànuighearg a chur, gun robh an dream soag earbsadh asda féin.” Bha acarsaid an duine so ann fhéins cha bann an tròcair Dhé. Bha moit air dha thaobh fhéin air son a dhiadhachd, a bheusalachd, eud, agus fhialaidheachd, agus a chùram dhan teampull agus do dhorduighean Eaglais Dhé, agus bha e dhen bheachd gum bu chòir moit a bhi air an


[65]

Tighearna fhéin, do bhrigh a leithid a dhfhear-aoraidh a bhi aige, agus gum bu chòir dha spéis àraidh a bhi aige dha. Bha e taingeil air son so uile. Ach gu a bha ann gu léir ach an fhéin, an fhéin, an fhéin! Agus mar sin cha bioghnadh ged a gheibheamaid eile anns an ùrnuigh so.

Gheibh sinn innte mòr thàir air muinntir eile. So agaibh bràthair an uabhair spioradailcruaidh-bheachd, mi-charthanas. Tha spiorad an Phairisich atoirt a chreidsinn air nacheil ann ach e fhéin, nacheil a choimeas ann agus nacheil daoine eile an taca ris-san achn an creutaran truagh an-diadhaidh. So spiorad cho cronails a tha ann do rioghachd Dhé. So an spiorad a bhac agus a tha fhathast abacadh teachd na rioghachd sin. Thuirt an Tighearna ri Phairisich a latha-san gum ban-aoibhinn dhaibh a chionn gun robh iad adruideadh rioghachd Néimh an aghaidh dhaoine, “Cha téid sibh fhéin a steach,” thuirt e, “agus chan fhuiling sibh don dream a tha dol a steach, dol ann.” Cha do bhàsaich siol nam Phairiseachtha an spiorad fhathast am measg dhaoine. So an spiorad a thag aobharachadh roinnean agus bhearnan ann an coimhthionalan agus ann an Eaglaisean, an spiorad a tha atoirt a chreidsinn air daoine gur iadsan a mhàin a tha ceart agus acoimhead na fìrinn, agus gum bheil gach buidheann eile de chriosduidhean cearr agus -dhìleas. So an


[66]

spiorad a tha toirt air daoine a bhi smaoineachadh gur ann mar is lugha abhuidheann dham buin iad is sàbhailt iad. So an spiorad a tha agiùlan cuid gu bhig an cur fhéin air spiris, cleas coilich, asealltuinn sios air càch agusg an gairm fhéin a mhàin maith agus glic. Gun saoradh Dia sinn uaith, agus gun toireadh e dhuinnn a àite spiorad achis-mhaoir!

Feuch mar a tha sùil nan seirbhiseach
Air làimh am maighstir féin;
Agus mar shùilibh banoglaich air làimh
A ban-tighearn faraon,
Feithidh ar sùil air Dia, gusn dean
E tròcair oirnn gu caoin.”
SALM, cxxiii. 2.


Urnuigh AChis-mhaoir.

Air dhuinn tighinn gu bhi beachdachadh air urnuigh achis-mhaoir tha sinng ar faotainn fhéin ann an dùthaich eile.

S e cheud ni a tha sinn afaotainn innte, mothachadh domhain air peacadh. Tha an so fior spiorad an aithreachais. Tha am mothachadh so air peacadh cho domhain agus cho cudthromachs gum bheil eg a thaisbeanadh fhéin anns aghiùlan on leith a muigh. Tha an duine acromadh a chinn agus abualadh a làimhe air uchd, agus sin, chan ann a chum gum faicte le daoine e, ach a mhàin do brigh doimhneachd


[67]

agus cudthrom fhaireachaidhean. Is maith a dhfhaodta gun chuir a ghiùlan sgainneal air an Phairiseach do bhrigh ana-mheasarachd, ach cha robh an duine còir asmuaineachadh idir air nithean on leith a muigh, ach a mhàin air a chor fhéin mar pheacach an làthair Dhé. Bha eg a mheas fhéin air leith o dhaoine eile, ach cha bann mar fhìrean ach mar pheacach. Tha eg a shloinneadh fhéin, “am peacachmar nach biodh ann ach e fhéin dham buineadh an cliù sin. Tha eg a chur fhéin air leith o chàch ach chan ann air spiris na féin-fhìreantachd agus an fhéin-mholaidh, cleas an Phairisich, ach air stòl an aithreachais agus an fhéin-dhìtidh. Tha an t-iodhol, mi-fhéin, an àite a bhin a chuspair aoraidh, air fhaotainn anns an ùrnuigh so, cleas Dhagon o shean, bristen a bhloighdean fa chomhair làthaireachd an Tighearna.

S e an dara ni a gheibhear ann an so, mothachadh cudthromach, cothromach, air Dia. ’S e Dia na h-uile anns na h-uile dhan duine soDian a naomhachd, Dian a mhaitheas, Dian a thròcair. Dian a fhiachan-san? Bfhada bhon sin e! ’S ann a bha esan bàithte ann am fiachan do Dhiafiachan neo-chriochnach. So agaibh fior spiorad an aona Salm deug ar an fhichead, “Adaghaidh, adagaidh féin a mhàin pheacaich mi. Agus mar sin,

Tha againn anns an treas àite làn mhuinghin


[68]

a mhàin an tròcair Dhé. So agaibh a rìs guth na Sailm cheudna a dhainmich sinn a cheana, “Dean tròcair orm a Dhé a réir do chaoimhneis ghràidh; a réir lionmhorachd do chaomh-thròcairean, dubh as meusaontais. Tha fhaireachadh air peacadhg a dhùnadh a steach ri tròcair Dhé, agus tha e ag ùrnuigh air son tròcair mar nach biodh ann ach e fhéin. Tha eg a fhàgail fhéin gu buileach ann an làmhan an Tighearna, atagradh a thròcair, agus a thròcair a mhàin. Mar a thoill e mar pheacach gun luidheadh air làn fhearg Dhé, mar sin a nis tha e aguidhe gun luidheadh air a làn-thròcair, oir tha e acreidsinn nach fhoghainn dha ach uile lànachd na tròcair sin. Chan urrainn agus chan fhaod a leithid so a dhùrnuigh a dhol gun fhreagradh. Agus mar sin tha an Slànuighear ag ràdh gun deachaidh an cìs-mhaorsios da thigh air fhìreanachadh.” Thubhairt sinn, mu thràth, gun robh Pòl aon uairn a Phairiseach, ach gun deachaidh a thionndadh gu bhin a chìs-mhaor aig àm iompachaidh. ’S ann uaith so a tha e cho làidir agus cho soilleir air teagasg an fhìreanachaidh. ’S iomadh ùrnuigh fhada, phongail, a chuir Pòl, am Phairiseach, suas, ach thainig e gu bhi cur suas ùrnuigh achis-mhaoir agus fhuair e am freagradh a gheall an Slànuighear; arsesan, agus e suimeadh suas na fhuair e, “Fhuair mi tròcair” (1 Tim., i. 13). Chan


[69]

urrainn, ma tha, ceisd sam bith a bhi oirnn a thaobh fìreanachaidh achìs-mhaoir, no a thaobh aon sam bith anns an aon inntinn, agus acur suas na ceairt ùrnuigh ris-san, ach faodaidh e bhin a cheisd an robh aithne aige fhéin air an sin aig an àm a dhfhàg e an teampullam bheil amfìreanachadhagabhail sin a steach no nacheil? Tha cuid de luchd-mìneachaidh ag ràdh gum bheil, agus cuid nacheil. Tha sinne dhen bheachd gum bheil e nas còrdaichte ri teagasg na cosamhlachd nacheil, agus gur e mhàin a tha air a ghabhail a steach anns anfhìreanachadhso, fìreanachadh dha-rìreadh ann an sealladh Dhé, gun fhios aig an duine fhéin air an sin aig acheart àm. Chan ann air faireachdan achìs-mhaoir a tha an Tighearna alabhairt ach air a shuidheachadh an làthair Dhé. ’S maith a dhfhaodta gun deachaidh am Phairiseach dhachaidh làn-riaraichte leis fhéin, le gné de dhaoibhneasn a chridhe asaoilsinn gun do ghabh Dia ris, agus gun deachaidh an cìs-mhaor da thigh dubhach, brònach, làn de theagamh, agus de dhamharus, asaoilsinn nach do ghabh Dia idir ris. Ach tha an Slànuighearg a ghairm beannaichte, “air fhìreanachadh,” aguss e binn agus facal an t-Slànuighir a sheasas. Oir is ann aig an so a tha soisgeul agus teagasg na cosamhlachd atighinn dachaidh a dhionnsuidh suidheachaidh na muinntir a tha


[70]

ri bròn ann an Sion, ateagasg dhaibh nach fhaod iad a bhi adol a réir am faireachdan bochda féin, ach a réir soisgeil, facail, agus geallaidh an Tighearna, agusg an cur sin air thoiseach air am faireachdan fhéin. Chan e faireachadh ach fìrinn a ta ann, gum bheil Dia afìreanachadh nan daoine mi-dhiadhaidh a chreideasn a Mhac (Rom., iv. 5). Ma thainig ann an cridhe achìs-mhaoir anns an teampull, no air an rathad dhachaidh, non a thigh féin, bho earrainn dhen fhirinn, no bho shanas an Spioraidn a cridhe, dearbhaidhean gun robh a pheacaidhean air am maitheadh, shruth sin bhon fhìreanachadh a thachair aig àm dha e fhéin a thilgeadh gu buileach air tròcair Dhé. Thainig am faireachadh an lorg an fhìreanachaidh agus cha be am fìreanachadh an lorg an fhaireachaidh, mur a be am fìreanachadh roimh làimh cha bhiodh am fìreanachadhn a fhìrinn. Feumaidh sinn mar sin a bhi abuanachadh, chan ann air faireachdan, cho maith no cho mi-ghealltanachs gem iad, ach airfacal fìrinn an t-soisgeil,” air binn agus briathran Chriosd a sheasas, agus air comhairle agus geallaidhean Dhé ann-san, “chum,” mar a their an t-Abstol, “tre dhà neo-chaochlaidheach (mionnan agus gealladh Dhé) anns an robh e eu-comasach gun deanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich chum


[71]

dìdein gu gréim a dheanamh air an dòchas a chuireadh romhainn” (Eabh., vi. 18). Feumaidh sinn a bhiagluasad a réir creidimh agus chan ann a réir seallaidh” (2 Cor., v. 7). Chuala mi an Dr MacLachlainn, nach maireann, uair ann an Leòdhus asearmonachadh bho na briathran, “Chaneil a nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Criosd” (Rom., viii. 1), agus thuirt e mar so, “Cuir thusa achreidmhich dealachadh eadar do choran agus do chòraichean; tha do choran gluasadach ach tha do chòraichean seasmhach; tha làmh an t-Satain fada gu leòr gu ruigheachd air do choran gus am milleadh, ach chaneil làmh fada gu leòr aige gu ruigheachd air do chòraicheantha iad sin seasmhach, siorruidh, falaichte maille ri Criosd ann an Dia.” Tha an fhianuis so fior agus sgriobtuireil. O thusa, ma tha, a thilg thu fhéin air tròcair Dhé ann an Criosd, agus a tha fhathast teagmhach an do ghabh e riut, O thusa air bheag creidimh, biodh deagh mhisneach agadtha e fhéin ag radh gum bheil do pheacaidhean air am maitheadh dhuit, imich ann an sith! Gabh air fhacal e a thag radh, “An a thig a mionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e.” Ach feuch gun tig thu mar pheacachchan ann ann an spiorad an Phairisich ach ann an spiorad achìs-mhaoir. ’S ann ri peacaich a tha E agabhail, oir mar a thuirt


[72]

e fhéin, cha dthainig ea ghairm nam fìrean ach nam peacach a chum aithreachais.” Bha duine ann a bha fada ag iarraidh réite ri Dia gun a bhig amais oirre ach a fhuair a mach fa dheòigh gur e a choire fhéin a baobhar dhan sin, agus bàbhais dha, an uair a bhiodh muinntir afaighneachd dheth ciamar a fhuair e sìth, a bhig a chur mar so, “Fhuair mi slàinte le tiocaid a fhuair min a mbhroilleach. ’N uair a fhuair mi e an toiseach bha sgriobhta air, ‘LEIG A STEACH AM FEAR SO A THAN A PHEACACH.’ Cha bu leòr so leam oir bha e ro lom, thar leam, agus chuir mi so ris, ‘ach nacheiln a pheacach cho mòr ri cuid,’ agus dhfheuch mi a dhol a steach leis mar sin, ach cha leigeadh an dorsair leam. An ceann tacain chunnaic mi nach deanadh na chuir mi ris an gnothuch, agus dhubh mi as e agus chuir min a àite, ‘agus a tha gu brònach agus gu deurach ag iarraidh slàinte,’ agus arsa mise, ‘cha chreid mi nach dean so an gnothuch,’ ach a rìs dhiùlt an dorsair mi. Dhfhan mi tacan eile mar sin, ach bho dheireadh thainig mi gu bhi afaicinn gum béigin creideamh a bhi agam, agus dhubh mi as a rìs na chuir mi air agus chuir min a àite, ‘agus a tha afeuchainn mar as fhearr is urrainn dha a bhi creidsinn,’ agus arsa mise rium fhéin, ‘chan fhaod a bhi nach dean so an gnothuch co dhiùbh.’ Ach, mo thruaighe! chaidh mo dhiultadh a rìs. Bha mi


[73]

nis ann an eu-dòchas, oir cha robh tuilleadh agam a chuirinn ris, agus bha mi an dùil nach fhoghnadh dhomh a dhol leis an tiocaid luim mar a fhuair mi an toiseach i. Ach bho dheireadh, an deigh mòr dheuchainn, agus ann am mòr imcheisd (oir bha mi acur romham tearnadh fhaotainn air na h-uile costus) ghlac mi misneach gu dhol leis an tiocaid luim mar a fhuair mi in a mo bhroilleach an toiseach agus, iongantas nan iongantasan, dhfhosgail an dorsair dhomh air ball ag radh aig acheart àm, ‘THA MISE AGABHAIL PHEACACH A MIONNSUIDH AGUS AG ITHE MAILLE RIU.’ Sin agaibh mar a fhuair mise slàinte.” Mo cho-pheacaich, feuch thusa an dòigh cheudna agus theid leatsa mar a chaidh leis-san agus mar a chaidh leis achìs-mhaor anns achosamhlachd.

Làn fhoillsich mi mo pheacadh dhuit,
Nior cheil mi maingidheachd:
Aidmheil, thuirt mi, do Dhia ni mis’,
Is mhaith thu cron mo lochd.”
SALM, xxxii. 5.

titleAm Phairiseach agus an Cis-Mhaor
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page