[153]

GLEUSDACHD

Théid seòltachd thar spionnaidh
SEAN-FHACAL

Rinn Iain fead ceann-a- mheòir a bha cruaidh agus fada. Bha fuaim aice cho aognaidh ri sgread tamhaisg is manadh innte. Oir tha iad beò fhathasd a theireadh nach ann buileach saoghalta bha i; is a leagadh sùil na -chin ort, nan tug thu teagamh dam barail. Bhòidich iadsan a chlisg roimhpe, gun robh i sitheadh ann am marbh na h-oidhche, mar fhras de shaighdean, is ribheid bana-bhuidsich ann an sròin gach fir diubh. Leum i Abhainn Aisig cho grad ri gobhlan an gaillinn; ach rug Creag-na-h- àiridh, air a sgalsan dol-seachad; is thilg i, le magaid i bho Chnoc aMhada-ruaidh a dhionnsaidh aChnoic Odhairi sior-ghlaodhaich a beò nan creag gus na bhrist deothal an astair a spìd, ’s i ag iarraidh thar uchd Ruigh Bhial an Atha.

Bha siubhal na sgairt ud ainmeal fad agus linn. Abraidh fear na moch-eirigh le conas, nach cluinneadh leisgean achadail, fead Iain Ruairidhna chluais. Ma thig dhut tachairt air seann-duine, ’s e toirt sgeòil air uilinn, cha bhi dol-as agad, gus an dearbh e dha dthoil, gur h-e sanas diomhair a chualas an oidhchud. Leig ris dha gur h-aithne dhut a bheag no mhór de dheachdraidh nan seana Ghaidheal, is cuiridh e an eagaibh achéile, cho amasach ri seanachaidh Mhic Dhomhnuill


[154]

Ghuirm, gur h-ann air amhodh chiadna, bha Druidhean bho chian, atoirt rabhaidh air call dhaoine. Tuigeadh e gun a bhuilich am Freasdal tùr na foighidinn ort, is chan fhaigh thu a làrach nam bonn, gus an drùigh e gu snasar air tinntinn, gubheil taibhsean a-ghnàth mun cuairt dhut, ’s iad afeitheamh air tfhàilte rim fiosachd. Ach tha caochladh dòigh air am faod thu naigheachd a chluinntinn. Is tha so fior mu thaobh na h-éubhaich a chuireadh as leith Iain Ruairidh. Air mo shon fhin, saoilidh mi gur h-ann aig Iain Og Mac Rath, a bhan cothrom facail bu shoirbhe leanalt. Oir bheireadh e gaoirsan fheòil nach biodh cneasda, nuair a thigeadh e dhionnsaidh na cuid sin den sgiala farna chuir glaodh na fead, an tunnag-fhiadhaich le forbhas bhon as-bhuain; is teicheadh air giadh glas, is ian-cladaich. “Leum,” arsesan, “coin as an cadal le comhart. Thionndaidh clann bheaga bha màgaran le cion-cadail an cùilbathais an eagail rathad an doruis; is ruith iad le ràn do thaobh a bhalla dhen leabaidh. Stad achailleach de shniomhs i leigeadh rolaig mu shèicil na cuidhle. Sguir bean-òg a chàrdadh is buille-chlis air a duilleig.”

An cual thun glaodh ud?” dhfheòraich fo h-anails i fàgail an lodair anns aphoit-eanaraich fo laimh.

“ ’S e éubhach a h-ann,” fhreagar eile le athadh.

Sid agaibh fead Iain Ruairidh, ’s eg iarraidh dhaoine,” bhreithnich, bean-tighes i cothlamadh.

Mas a h-e, ” dhosnaich céile-phòsda nan seachd tràthan, “bi daor an ceannach air na tha fainear aige;


[155]

bi sireadh gun seachnadh ann an iomadach tigh is teaghlach. Na thigs na thainig, ach na tha fainear dha! Ge be bhios beò air a-chionn, bi aithris air an oidhche-nochd. Mo thruaighe!”

Tha deichnear ghaisgeach agreasad fon uidheam ann an Cùl-Bhreacais; oir bha iad afeitheamh na gairme cho an-fhoighidneach ri fleasgachs e an dìth leannain. A-mach a leum iad le sùrd na caonnaig, —gach fear atogail fàireadh an fhir eilegus an dràinig iad mullach Gharbh-buaile, farna leig iad cead an gnothuich mu sgaoil da chéile.

Bu cholgarran còmhlan iad, gun neach idir meatanam measg. Bha éideadh na dùthcha ann am feobhas a maisorra; is am Badan-roide mar shuaicheantasnan comhdach-cinn. Rugadh ann an saoghal sona iad, ’san àrach le dòigh fhallain. Bu choingeis leotha cas air muir, no tir. Airson strìth na cluiche, no obair chlaidheamh, bha iad ealanta. Bhiodh buaidh na clach-neairt aig fear; is tilgeadh cabair aig fear eile. Bheireadh Alasdair Seònaid a-mach geall-ruith air an fheasgar so; ach chailleadh e àite do Chalum-a’ -chrannuchain, ann an gearradh nan cruinn-leum, air an ath-turus.

Cha do chaomhnadh math achruith air aon seach h-aon diubh, bho na chuireadh dheth na chìch an toiseach iad. Bha bhuil ann. Dhfhàs iad suas mar isein agheòidh gus a-mór nach aithnichte cuid gach lathorra.

Bhan deichnear de dhàl na h-aona bhliadhna; is am far-ainm a thug Domhnull Camaran, le fealla-dhàs achéilidh orra, lean e riamh riutha. Muire! ’S ann orra


[156]

bha collas nam fiannaichean! Bhiodh iad mu choig-bliadhna fichead a dhaoisagus, mar sin, ann an treun aneairt.

Nach bu gharbh an fhead a rinn Iain Ruairidh a-nochd?” labhair Fearchar Somalta; oir, a-chionns gun drugadh esan mu Bhealltuin, is càch eadar sin is deireadh an Fhoghair, bha dànadas ceann-seanachais an còmhnuidhga earbsa risean.

“ ’S en fhìrinn is leannan dhut,” fhreagair Iain-Bàn-na-fiaraig le altrapadh, ’s e teannachadh a chrios-claidheimh mu mheadhoin. “Air manam, tha mise clì, neo bi fear is fheàrr againn an geall nas fhiach e, mum faic sinn ceann ar teine fhin a-rithisd.”

Gonadh ort fheins air taibhseachadh!” thionndaidh Domhnull-nan-guidheachan is greann air. “Chan fhacas riamh aig mòd, no céilidh thu, ach air taobh achladha. Na meal do naigheachd, a charaid. Far am bìth sinn, bi sinn ann, mar a thuirt an gobha ris an t-sradaig.”


II

Dhaindeoin cath-bruidhne bha eatorra, cha chualas guth mór no droch fhacail bhon fhear bu treuna barail diubh. Ràinig iad Creagan an Leabhair, an t-àite còmhail, gun ceum a shìneadh. Ach cha robh sgial air Iain Ruairidh, no duine ri fhaicinn.

Ghabh iad annas nach bu bheag; oir cha robh mearachd sam bith anns an fhios a ghairm a-làthair iad. nise bu choireach nach robh am fear-iùil air an coinneamh? Ma ghlac cion-furuis thu bidh tu sin, ’s gun fios agad. Ach ma tha gnè an t-saighdeir annad,


[157]

gheibh thu, chan e mhàin, deireadh, ach toiseach gach sgeòil a-nasgaidh; agus cuideachd, mar a dhéirich do dhIain Ruairidh, mun dfhuair e cas am bàta le thoil fhein a-rithisd.

Fhearaibh,” labhair Tearlach-na-fiasaig, nuair a dhfhàs amonbhur farm. “An cuala sibh gu robh iad acur uibhireachd air Iain Ruairidh bhon a gheàrr an cuthaich aig trusadh Cheann-Loch e? Tha min dòchas nach éirich gu h-olc dha!”

Chaidh cur-as do na chù,” fhreagar triùir no ceathrair còmhla.

Ged a chaidh fhein,” lean Tearlach roimhe, “than droch phuinsean am fiacail achoin. Coimheadaibh bràthair Fhir-Lusaidh, a bfhéudar a cheangal rileaba le iallan, ’s a bha blobhdail mar mhadadh, mun a thràghadh gu bàs e. Ach tha min dòchas nach éirich gu h-olc do dhIain. Ge be àite dham bheil e, bheir mi mfhacal nacheil Gilleasbuig Mac an Tòisich, is Alasdair Aonghais fad o chrudha. Ma thogras sibh, ni sinn Sgeir-na-h- Oitreach dheth, gheallaras (1) an tainig e fhein, no bhàta. Chan ann gun tuiteamas tinna rathad, tha e gun a bhin so an ceartair. Oir tha misan làraichtha mi cinnteachanns na chum e, airson achiad turus, duine riamhga fheitheamh.”

Thug gach fear de chàch a bharail mar a chothrom. Ràinig iad Sgeir-na-h- Oitreach le smuaint air uideil is ceum mall. Bha Gilleasbuig, is Alasdair ann an sin. Ach bha iadsan ionnan riutha fhein le dragh, nuair nach robh Iain Ruairidh air faire-fios.

nise dhéirich dha? Oir bha cùram air inntinn,


1 an geall air fios


[158]

cabhag fodha-san, agus na h-uile rud leagta airson cuideachadh richeann-uidhe. Ach cha robh dhubh, no dhath ri fhaicinn.

Tha ìnnleachd na sgeòil ag earbsa nach bidh dol-as air fuasgladh na ceiste mu dheireadh. Ach cha ghabh sin a dheanamh an ealamhachd, gun iomall bhi air. Oir is e sin dòigh nan Deasach nach dfhuair àitann am briathrachas réidh nan Eileanan siar. Bidh e iomchuidh, mar sin, ceum-air-ais a thoirt a dhionnsaidh Tigh Mór Laobhrais, greiseag mun a chiar am feasgar.

An taobh a-stigh de sheomar dìomhair na h-aitrimh ghreadhnaich, bha còmhlan àraid cruinn, ’s iad aleigeil an comhairle ri chéile. Bha iad ann triùirdithisd fhear, is ainnir òg airna bhuilich nàdar cruth-deilbh thar tomhais. A-chionns gun robh i ainmeilann an seadh air leith bho mhealladh-gnùisecha do leig bial-aithris eachdraidh a suim i.

Thainig i air na Caoil bhon ear, ’s a teachd ann an cridhe mheadhoin latha, mar a ni cuthag le fàilte. Thuirt Uilleam Mac Iain Duinn, ’s e gabhail an rathaid, rithe, gum be am beathan dùthaich. Ach cha do shnaoidh i ceann, ni mo a thìll i facal an éis ris. Ghabh i seachad mar Ghall air aineoleach dìolldanadheann-ruithga giùlain, is gille-pliobairna cois. ‘Chaneil fios co-dhiùbhs en inntinn non t-àrdan is muime dhith,’ smaointich Uileam, is casad beag amhagaidh adeanamh a bheachd na bu bharanta. Mun gann a thug abhean-ìnnseagraich an lùireach a


[159]

lòsan briste na h-uinneig, bha na marcaichean a freadharc.

Cha be sin do Oidhrig Sheumaisic Alasdair e. Stad isebhualadh achipein gus na dhfhàg na coigrich a sealladh.

Nise, bha Oidhrig dhen fheadhainn a fhuair comasan buidseachd. Ach bhon a chuir am pears-eaglais ann an cuing i, an déigh an corp-creadha a fhuaras an Alltan-amhaig, ghléidh i gach buaidh a bhaice ann an clach a sùla. Is cha bann tric a dheanadh ifliuchadh, nan tigeadh iadsan amharc nach còrdadh rithe. Oir mur a tigeadh co-as achoigrich gu h-obann dith, cha lasaicheadh i cas, no cuimse gus am biodh an t-aobhar-siubhail air bhrath aice.


III

Chaidh giullan dìolain a bhaig Mairi, a nighean, a thogail còmhla rithe; ’s cha ben t-àdh e. Cha robh car a bhana sheanmhair nach baithne dha; agus cuir eile nach robh innte idir. Co-dhiùbh, cha deachaidh móran dhen olc as air. Ach bha na h-eòlaich, anns an robh meachainn, agabhail a leisgeil, ’s acanail, gum bu dual dha bhi donasan Sàileachna athair dha. Is iomadh turus neònach a rinn e dha sheanmhair. Leis cho trics a chìtear roip mu aodann le cion-nighe, thug balaich bheag abhaile, Raitean air. Ach ged nach bu mhór e, bha e tapaidh.

Nise, bha dòigh an t-seòdail ann an Raitean, nuair nach biodh e bìleastaireachd dha na chaillich. An dèigh cuairt a chur air cheann abhaile, ruigeadh e


[160]

Tigh Mór, Laobhrais; is a sin gu tigh Iain Ruairidh, far an tric gu leòr, a bhiodh gnothuichean àraid eadar e fhein is Iain. Ach cha bu dhroch chosnach airson sin e.

Thachair dha bhi air an rathad bhon Mhaodlaichse buain caoil cléibh, nuair a thainig na marcaichean tarsuinn air aig taobh Aisig dhen Allt-mhór. Thug iadsan an aire do Raitean cuideachd; ach, aig an àm, cha do chuir iad an còrr na sin de dhùidh ann.

Shaoileadh fear-coimhid gun robh iad atogail an inntinn ris an àite. Oirse sin gnàth gach coigreach a thainig riamh arathadgu h-àraid, ma tha bheag no mhór de dhfhios abhàird air a shiubhal.

Bhan slios air na thachair iad freadharcach ri muir, is monadh. A-mach bho Bhial aChaoil, ’sa sìneadh gu tuath, bha LinnAilseach ag iarraidh mu lùban na Comraich; ach ghabh Crólain fàth air an dealachadh; is ghiùlain e ainm nan stuadh, gus na chuir eich-ghlasa Cuan Leódhais stad air. Taobh eile na Linne; ’sa sìoladh an ear, bha uchdanan dùmhail Chrombaidh afàgail an t-seallaidh. An Ear. Than t-sùil ag iarraidh a-ghnàth don Ear, far an tuit ceum-coisesan oidhche le sgìos. Thainig tàibhsean bhon Ear; is sgeoil nan éuchd bhon Ear. Thallsan Ear, ann an cian an astair, bha dachaidh-gin aig saoidh nan lann; is bu lionmhor àiridh anns an cluinnte fonn nam bàrd air mhire.

Ach bhrist an smuaint a sgiatha, is ghlac an cruth-leathaid fon sùil an aire.

Bha ìochdar Aisig mar bhrat fuamhair, asgaoileadh ri oir an fhirich; coillioma-chraobhach dhlùth ri


[161]

bhearradh; lìonagan Bhreacais ann an cuimir dreachas anàbachd; is mìle, no còrr de dhòban cuisleach le toiseach tràghaidh, alaidhe, ’nan achlais. Thairis air sin— ’na shlisnich uainebha cluaineagan réidh Aird-nis, sonruichte mar innis nam banachag cheòl-mhor; agus farna chuir fir-Lochluinn, bho shean, cleachdannan an dùthcha ann am buil, fad an déigh imrich-cuain a dhol as cuimhne. Tarsuinn achaolais, ’san tuath, chìtear Eilean Phabaidh, mar earrasaid nin Uainein air todhar, ’s ega bhlianadh ann an sàmhchair na tuinne. Tuath air aChaol-mhór a-rithisd, bha Longaidh, neadach agheoidh ghlais, ’saSgeir Dhearg, mar chlacha-leum do chailleachan-beurra Leódhais. Acumail fàiridh orra-san, nochd Rònaidh a ghob air bharr mara, ’se tolladh fon iar- ’eas, nuair a sgoltas gaoth is uisgi air mullach Dun-cana. Mar bhuna-bhuachailegabhail an fhasgaidh, bha Scalpaidh nam meann brucach, atarruing ris aChaol Chumhag. Agus os an cionn gu léir, bha Beinn-na-Caillichga h-éideadh ann an tuar na h-ealtainn; Cille-chrò air taobh dhith mun cas a bruthach, is Coire Chatachainga shuaineadh ri bonn.

A-nise do chòmhail an luchd rathaid.

Cha luaithe chunnaic Raitean na coigrich air fàireadhna thilg en t-eallach caoil thar a ghualainn. Dhionnsaich a sheanmhair a chuid de dhòigh an t-sionnaich dha. Ach bha aon seadh anns an robh a sheòltachd comharraicht: be sin, mar a shealladh e fo mhùgan gun amharus a chur ann am bith. Thug e an aire gun a thionndaidh abhana-mharcach a ceann gu taobh;


[162]

is mheòraich e bho sin, nach robh i idir cinnteach as a slighe.

Mur a h- ’eil mo thogair,” rùnaich e le guidhair a theangaidh. “ ’S e so am fear a tha cearta-coma. Nirre! Mun blais bigean air boiteag na maidne, gheibh mise geinn a sgoltas déile.”

Dhéirich gealach air Port-Nogaidh,
S chaidh i fodh air Port-nan-Long.
Théid an ceòl air feadh na fìdhle
Nuair bhios mi-rùn air a bonn.
Sid a——


IV

Thainig an dithisd mharcaichean air ann am bristeadh an fhacail. Cha robh doicheal, no gealtachd fuaighte ri Raitean. Thug e sùil, gun a bhi ladarna air a h-aon mu seach dhiubh.

Shaoil e gun robhnam beachd cumail seachad; oir sheas e gu taobh. Ach an àite sin, stadadh an each, ach gann air a bhialaobh. ’S e bhana-mharcach a bfhaide bhuaidherud a chuir ena fhaiceall.

Ken ye they pairts, laddie?” dhfhoighnichd gillen eichs a làmh air a chruachan.

An diabhull e!” mhionnaich Raitean mar ris fhein. “Nach ann air a tha gnos amhadaidh. Cha tainig fuaim den t seòrsa sin a bial duine ceart riamh. Nirre! “ ’Se deanamh glag ghàire nochd gith fhiacal a dhionnsaidh nan cùlag. “Chaneil fios de ghaoth tuath thug an rathadse?”


[163]

Chuir an dol-a- mach so dragh nach bu bheag air acheisteir. Ach chum e airs e feòrach an dòigh eile:

I bid ye tell me, gin the Muckle Hoose at Livera be faur frae here? ”

an deamhainn a thug biadh gun ionnsachadh dhut?” thuirt Raitean an rathad freagairt. “Nach ann a tha do shruth-beòil collach ris achainnt mhosaich a bhaig saighdearan ruadha Ghlinn-eilge. Marbhaisg air an ablach cànain a thagaibh! Théid thu fada, laochain, mun tachair ort na mholas do sheòl-bruidhne dhut.”

Theagamh gun a lean Raitean air an tuilleadh càinidh, mur a be gun a chaill am marcaich fhoighidinn. Thug abhan-uasal goth da ceann. Ma thug, tharruing a gillen t-slat-eich; is fhuair Raiteanna chuireadh bàs a sheanmhair as a chuimhne. Ach bha lùgh cho grad ri shùil. Thug en dudar-leum; is mun a sheall am fear-eile bhuaidhe, spìon e slat as a chipe-chaoila thilg e mu chasan an eich. Ghabh an t-each gnè de sgèan. Is mun dfhuair am marcaiche fo cheannsal e, bha ceann-caol na slaite aig Raitean afeadaireachd mu chluasan.

Cha do thuig thu bhagad a sheòid!” arsa Raitean, ’se leum an sids aso cho aotrom ri Murchadh-nan-cleas air tràigh mhuirsgein. “Nirre! Bheir misort gun leig thu modh an rathaid leis an ath fhear a thachras riut.”

Bannsan uair sin a chaidh abhan-uasalsan eadraigin. Oir chunnaic i nach robh seòl air an tuigeadh an dithisd achéile, ach le buillean.


[164]

Am beil Beurlidir agad?” thuirt i le fonn cho binn, ’s gur gann nach do ghabh Raitean eagal troimhpe. Aig acheart àm, chuir i an t-each aice fhein fagus do dhàite còmhraidh da.

NacheilBeurl idir agad, a bhalaich?” dhaithris i rithisds i deanamh snomha gàire thug an sgial aig Macille Chalumna chuimhne.

Am beil Beurl idir agad?” bha i sìor-fhoighneachd, mar gum biodh i toirt a-mach a bheadachd.

Nan dubhairt sibh sin ri mo sheanmhair,” fhreagair e gu sgiobalta, “chanadh i gur h-e foighneachd le fios, is miosa na mearla. Ged a bhiodhan rud nacheil, no iarraidh airBeurla mhosach agam, cha chuirinn de dheas-urraim air cànain mo dhùthchas gum biodh i air mo shiubhal. Bhon a thogadh Freiceadan Dubh, Ghlinn-eilge, chan aithne dhomhs ach an t-olc a thainig riamh leis aBheurla.”

Nach seanagarram balach thu,” lean i am bruidhinn e. “Den aois a tha thu?”

Bliadhna nas sine na bha mi mun taca-son uiridh,” thill e gu h-ealamh.

A! nan tainig thu chullaig ormsa,” arsise, “tha mi deanamh dheth gum bfhiach e do shaothair.”

Ler cead,” thuirt Raiteans amhoitga bhrosnachadh, “ ’s minig a chuala mi aig mo sheanmhair, gu robh an latha math ri ghabhail, nuair a thigeadh e.”

Bha toiseach aig abhan-uasal air a tharruing gu taobh. Co-dhiùbh, ma than cunntas so car mean, than leisgal ri thagairt. Ged nacheil anns na dhaithris mi ach tuiteamas-rathaid, gidheadh, bha e


[165]

na mheadhoin air dragh is mealladh-dùile a thoirt do dhiomadh fear, is cearna.

Carson a tha thu cho crosda?” thuirt ises i fiachainn ris achuid a bfheàrr fhaotuinn deth. “Nan do ghabh mi le ar ciad chòmhail, chuir mi droch ainm den Eilean Sgiathanach. Tha facalna mo dhùthaich-sa— ‘dean coingheall ri coigreach’ —nach bu mhisd thu thogail leat.”

Nirre!” dhabair Raiteanga casg. “Nan tainig thu bho thaobh Loch Fìne, bhiodh e duilich dhut tfhacail a dhearbhadh. Mur ah’ -eil taobh Loch Ailse de Thir-mór, cha do dhinnis mo sheanmhair dhomh aon àiteile, ’s luaithe bhriagnaicheas do shean-fhacal.”

Tha thu beurra dhe taois,” fhreagair i gun ghruamansam bith. “Ach cha bhuin mi do thaobh, seach taobh dhiubh. Ach fuirich ort! s ainm, no sloinneadh, dhut?”

Bi-gu-math-ris!” thuirt Raitean. “Is tha e soirbh a thuigsinn. Gabh mo leisgial; achs e fìor-niag a thasan fhear sin ri dchrudha. Cha bu toigh lium tin eadar es a chàl-duilisg.”

Cha bhiodh e mar do chuid fhein dhut, tha mi creidsinn. Ach sdòcha nacheil e idir cho gaorrachs a tha e coimhead.”

A bhana-charaid, faodaidh e bhith gu bheil e nas fheàrr na chollas; ach chaneil aodann deadh dhuinair, mun dthuirt Niall-nam-beann ris achat.”

Nach tu ghabh aghràin air.”

Is chuireadh coirorm? Mac-na-croicheis e


[166]

sin esan! ’Ne fear a leum orm le slat-eich gun abadh gun aobhar.”

Leig leasan,” labhair i sin le guth air-leith dùrachdach. “Is Gall e gun teagamh, ach deadh sheirbheiseach airson sin— —”

Dha fhein an toiseach,” leasaich Raiteanga stad. “Creidibh mise; bheir acheart diùlnach an car asaibh nuair abhios amuir a-mach.”

dhutsa,” ’s i cromadh a cinn, “co-dhiùbh bheir, no nach toir esan no neach eilen car asam? Dhiùlt thusa seirbheis a nochdadh air chor sam bith dhomh.”


V

Airson achiad turuis, cha tug Raitean droch fhreagairt oirre. Ghlac saobh na tosdachd a theanga; is thar-leis gun a dhfhairich e aois duine sgiolcadh troimh phòirean, ’s alìonadh a choluinnsa chuislean air fad. Cha robh e tuigsinn dhéirich dha, no idir na geasaibh fon drugadh air. Bha e fhathasd gun an t-seachdamh bliadhnadhiagnuchadh. Tha e cuideachd fior, gum fac e sheanmhair adeanamh no dhà chuir iongantas air. Ach ged a bha ena fhianuis air gach orra thug in ìre, bha druidheachd gu léir, mar neo-ni, an coimeas ris abhuaireadh a ghreimich a thoil cho teann ri bithis an ceartair.

An cuir thu idir de chomain ormna dhìnnseas t-ainm dhomh?” dhfharraid an òigh air mhodh a thilg a dhannarachd mu laimh.

Tormod,” fhreagair e; “ach their iad Raitean rium cho trics gur ach gann a dhéisdeas mi ri ainm eile.”


[167]

is sloinneadh dhut?”

Mac Coinnich.”

“ ’S fheudar nach buin tathair don cheàrna so? Cha chuala mi Clannic Coinnich a bhi air taobh an t-Strathde dhEilean Donnain.”

Tha sibh ceart an sin,” dhaidich e. Ach thainig rud nach do mhothaich e riamh roimherughadh le tàmailtena aodann. Leag e ri làr an t-sùil sin air nach do chuir na bheatha fiamh no eagal. Bha guth-mollachdga shniomh air a bhilean; is goin a chàraidh atoirt claoidh air a chridhe.

Thug an gill’ -eich an aire dha aodann atòiceadh; is rinn e gàire fanaidtogradh nach deachas air Tormod, ged a bha cheann crom. Bu shuarach achiad ionnsaidh a thug esan dol-a- mach air, an àitena bha tin ris an ceartair.

Ken he nae his ain faither? ”labhair an Gall, is plìn air a bha ruigheachd na smior-chailleach aig Tormod. “Gin he redden the langer, hell singe his tow aff. ”

Achs math dha-san nach do thuig Raitean brìgh a smeachranachd, neo bha sheicair an fharadh mun do sheall e bhuaidhe. Eadhon mar a thachair, rinn Raitean bòid leis an dùrachd sin a chuireas crioch obann air nàmhaid. Thuig e gu math gun robh an gill’ -eich amagadh airgnùiseachd a bha ri giorra-shaoghail a thoirt dha, cho cinnteachs ged a bhiodh biodag asgoltadh achridhaige. Oir chaneil modh eile anns an toir coimheach oilbheum-bàis do Ghaidheal, na chur gu dhùbhlan le fanaid. Thigeadh cùis don ìre so, agus bidh dortadh fola gu deimhinn air a-chionn. Cuid a ni air

l dànadas còmhraidh


[168]

an ugan an gradaig; feadhainn eile ni gàire mar gum biodh iad acanail: ‘S math nach tuig thu na h-uile tha feitheamh ort!’ Fhuair an gnè mu dheireadh greim air Raitean; is dhìoghail an còrr na gille- ’n-eich air a thàilleabh. Ach chan ann mar is miann leis abhrocair a théid an sionnach da shaobhaidh.

Nise, Thormaid,” labhair a bhan-uasal, “tha dol air alatha; ’sam bi thu cho mathsan t-aithghearr do Laobhras a shealltuinn dhomh?”

Nach éibhinn duibh tin air an astar so,” fhreagair e car socrach, “ ’s gun fios fhaotuinn ciod iur slighe. Ach stadaibh. Ma thogras sibh ni mi-fhin an rathad. Tha mòinteach throm mu mhìle-gu-leith air thoiseach. Ach mur a h- ’eil an chabhag oirbh, bheir an ceum-còmhnaird mu mhìle-gu-leith eile thar an rathaid is giorra sibh.”

Abheil aithghearr tre na mhòintich idir a dhfhaodas each a choiseachd?” dhfhoighnichd i ann an dòigh a chuir ioghnadh air Raitean. Is thainig an smuaintna rùn gur adòcha gu robh i airson cur as dha fhein, neo don fhear a bha còmhla rithe.

Mun tug e freagairt gu toil dhith, fhuair an droch-rud greim air; agus thuirt ena inntinn gun robh sluicsa Mhòintich-mhóir nach diùltadh closnach Goill a ghleidheadh. Dhinnis e mar sin gnn robh frith-rathad tre na mhòintich a bha eòlaich agabhail, ach a bhana shìor-chunnart dhaibh-san, nach amaiseadh air achruaidh-cheum.

Tha Mhòinteach-mhór meallta,” lean esan di-moladh. “Ach dhan fheadhainn don aithnen ceum,


[169]

tha i sàbhailte gu leòr. Cuiridh in còrr is mìle stigh riutha.”

An toireadh duais thu troimhpair feadh na h-oidhche?”

Bi sin aréir na duais,” fhreagair e. “Agus a-rithisd co-dhiùbhs e deòin, no aindeoin abhios astuigeadh an teachdaire.”

Chaneil e collach,” thuirt ise, “gun tig muir gun stiùireadh ort. Is mur do mheall mo bharail mi, tha fiosam air neach, a dheanadh moit ri cluinntinn mu dbheo. Chaneil thu a-measg do dhaoine fhein a bhalaich?”

O!” leith-osnaich e. “Gu ur gnothuich-se, mise, no mo dhaoine?”

A-chionn gur h-aithne dhomh thu, agus tathair, ni mi gniomh caraide riut ma dhfhaodas mi. Nise. Tha thu ri ar toirt tre na mhòintich. Na gabh ort air chorsam bith a thogas amharus aghille sogubheil cunnartsan t-slighe. Mas àill leat, is gun tig thu dhionnsaidh Tigh Laobhrais bho àm cadail, cuiridh mi na tearbsa ni duine dhiot. Gabh romhad, ’s na brist facal tuilleadh gus an iarr misort.”

Tuigidh mi-fhin rud ma-leith,’ thuirt Raiteanna rùns e togail an rathaid air thoiseach. Dhfhàg e an cipe-caoil far an robh e; is an dòchasga ruigheachd nach tigeadh air tilleadh ris tuilleadh, no slat dheth a chur a dheanamh cléibh-mòine. ‘Co aige tha brath,’ smaointich e, nach dean abhana-choigreach so feum dhomh? Is en Sealbh a chur an rathad i; ma tha en dàn domh tin air a h-éir, dhfhaoidte gum bi mina


[170]

mo dhuine mór fhathasd. Bu mhath cogadh a-nise! ’s cha bu ruith lium ach leumna choinneimh. Nirre! Thuirt i gum baithne dhith mathair. Co aige tha fios nach e mac duin’ -uasail a thunnam? Nirre! ’s ioma rud a thig le seol-mara nach gabh feamanadh le cliabh is plàta!’

* * * * * * * * *

Rinn Raitean na dhearbadh ris; is thug e na coigrich len cuid eachaibh gu socair, sàbhailt, tre na Mhòintich-mhóir. Ach air dha an toirt tarsuinn air an Ath-leathann, dhiùlt e bhinan cuideachda na bfhaide.

“ ’S ann aig an t-Sealbh tha brath, co-dhiùbh bhios an Ridire Tolmach buidheach dhe mo shaothair, no nach bìth,” fhreagair e an coinneamh cheistein nach robh e gabhail mar fhiachaibh air fhein a bhreithneachadh. “An e sin na h-agad ri churnam thairgse?” thuirt e le dànadas. Oir bha rudaigin ag ìnnse dha, nach bann gun fhios carson a dheanadh coigreachagus ban-uasal aig asincòmhradh diomhair ri gille-fuadains e gabhail an rathaid. Ach nach tric, thar-leis a thug nighean rìgh, bann-pòsaidh do dhòganach ìosalna inbhe? as i; no i? Gheibh e sin a-machna dhòigh fhein.

Càitebheil do chòmhnuidh?” dhfheòraich i. “Am beil e fad a so?”

Bi sin aréir aois, is luaths,” fhreagair Raitean gu gobach. “Bheir uair bodaichna mhaille, no uair gille-connaidhna chabhaig, a dhionnsaidh ceann mo theine mi; agusna bu ghraide na sin, nan robh mi air


[171]

rogha mo theachdaireachd.”

Chuir gearradh-cainnt cho teuma annas nach bu bheag air abhana-choigreach. Is dheònaich ina rùn, gun tigeadh an cothrom anns am faigheadh i a chuideachadh feumail.

Leis abheachd sona h-aire, dhiarr i air Tormod acoinneachadh aig bial an anamoich, ’s gun toireadh i rud dha ri dheanamh, a leasaicheadh a chàradh.

Bha araon tàladh agus muigheadhna guth do Raitean. Cha do dhfhan i ri fhreagairt. Ach thug i srian da stéud mar nach biodh an teagamh bu lughana h-inntinn a-thaobh buaidh a toilair. Is cha robh a barail an iomrall. Oir bha Raitean, is a chridhe mireag ris, adeanamh an aithghearrgu tigh Iain Ruairidh, far na chuir e roimhen ùine chaitheamh gus an tigeadh tuiteam na h-oidhche.

Bha àite-fuirich Iain Ruairidh mu chairteal amhìle ris achladach fo Thigh Mór Laobhrais. Thainig mi cheana tarsuinn air far am bu chòir dhaaréir bial-aithrisa bhi riaghladh. Ach sosan dol seachad a-mhàin.

Car mun aon àmsan robh Raitean afeadaireachd Danns-a’ -chlaidheimh aig cagailt Iain Ruairidh, bhan Ridire Tolmach, acur fialaidheachd a thigheadais ann an cead nan coigreach. Cha robh iad aineolach air achéile, ged nach do thachair dhise bhi riamh an rathad.

Choinnich iad uair, no uair-eigin ann an tigh Lochéill an Dun-éidionn.

title11. Gleusdachd
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page