[218]

AN TATHAICH

Biad ròin mhaola bu luchd-faire,
Is barr nan tonn bu choinnle geala.
* *
Ach cha tàmh no cadal dhuinne:
Siubhal brònach taobh na tuinne!
SEANN-ORAN

Thog birlinn nan ràmh a fiacail ri cinn-storcach an t-Stratha; is Iain Ruairidhna shuidh air an stiùir. Bha sid dhen chaonnaig seachad. Ach mar a dheònaich am Freasdal, chum iad am beathanan cuim, ged a rinneadh giorag no dhà air am feòil trem faodadh i teicheadh.

Cha deachan turus aréir an tograidh leotha. Ràinig iad dùthaich Mhic Leoid anns an inntinn gun tigeadh gnothuch mór fo làmhan. Ach mar do thog e mi-rùn fola eadar Sìol Leòids na Tolmaich, chaneil rud math ri aithris air.

Theagamh nan dfhuair Iain Ruairidh cothrom-facail ri Mac Leóid fhéin, gun robh abhuil air caochladh sgeòil. Ach chuir Mungan Tuathal car dheth an cùil a rinn ceann-uidhe gun stàth do na Strathaich.

Shaoileadh fear-luingeas air sgrìob gun robh leann-dubh air na maraichean. Bham bial fo dhruid; is, mar nach minig a dhamais, cha deachaidh iorram no fonn a thogail.

Bann le cridhe ri rang a chuir na fir an tilleadh


[219]

air astar. Chan e mhàin gun robh an saothair an dìomhanas, ach bhiodh ena mheadhoinma bha leisgial ga dhìthair Mac Leòid a thàthadh ri cuideachda Hanobhair.

Ach cha tig furtachd a iomagain; ni momha ni gogadh nan ceann iomaradh. Lùb gach fear, mar sin, a dhruim ri ràmh le spionnadh dùr; is cha bfhada gus na chuir eagar nan liaghs abhogadh, an iùbhrach easgaidh air laidhe na tuinne.

Dhéirich feothachan de ghaoith an ear bhon a dhfhàg iad an cladach, nach bu mhisd iad idir air fhionnaireachd. Ach bha balbhachd throm na h-oidhche mar thrusgan nan taibhs mun cuairt dhaibh. Is dhùisg e an còmhradh ionraic sin air an inntinn, tha buailteach a-ghnàth don ghineil a dhfhoghlumas cruth-spioraid ann an ciar nam beann.

Bha iad ag iarraidh gach rudha, agus acur bun gach loch ann an giorrachadh an astair. Bha iad, mar gum b-eadh, afàs mothachail gun robh ciorram air choireigingam feitheamh. Ach cha burrainn a h-aon a thuigsinn an dòigh anns an tachradh e. Cha bann a-chionn snach deachaidh an turus leotha dhéirich an gruaman. Rannsaich gach fear a mheomhair afèachainn thuige bheireadh e tuairmse. Is air acheann thall, —ged nach do ghluais beò air am facal fhathasdlaidheadh sùil, eadar sin is co-dhiùbh, air Iain Ruairidh.

Mean air mhean, thainig mar a ghearr an cuthaich Iain Ruairidh a-stigh orra. Oir cha robh cho baothnam measg a bha aineolach air frìdeag aphuinsein


[220]

ud. Ach co-dhiùbh gheibheadh an galar an ceann-dolaidh, tràth no anamoch, cha robh a bhlàth ri sheachnadh a-nise.

Bha eadhon Iain acur uibhireachd air fhéins afaotuinn a chéille car a làimh. Dhfhèach e airson sin ri strìthna aghaidh, ged a bha e mothachail gun robh an uair gu teannga ruith. Bha tart is tacadh atighinn le pian air còmhla. Bann air éiginn a bha ega chumail fhein fo cheannsal. Oir ged a bha fiamh air inntinn, thigeadh leum neònach an déigh achéilann. Ach air eagal gun tugadh e diachainn do na bha leis, chìte bhial atoirt glamhaidh as, ’s e deanamh greime le dhà làimh air taobh-stoc abhàta.

Mo thruaigh, fhearaibh,” labhair e le guth cianail, is tùchan ann, “than t-éug air mo shiubhal. Thainig iomadh nam charaibh, achs i so achrìoch. Nam be toil an dàin e, roghnaich mi bàs eile; ach chaneil singam fheitheamh. Bha fiosamis tha mi atagairtur mathanais, mu mheall miur turusgu robh galair mo bhàis air mo shiubhal, nuair a chuir mi mo rian air manadh duibh. Ach ghabh mi an leisgial gun tigeadh ceann mo shaoghail ann an teas achatha. Bhuail an dòchasnam chridhe gum faighinn na bha dhìth orm bho làimh nan Leòdachbàs duines a chiall aige. Ach mar a chi sibh, cha robh mo chobhair ann. Chaomhainn an t-sian aig mo mhàthair mi a-chum crìche na bu mhollaichte. Tha e ri dheanamh, a dheadh chompanaich. Feumaidh sibh cuisle fhosgladh, ’s mo thràghadh gu bàs. Chaneil meachainn ri cheadachadh; oir cha lean mo rian ro fhada tuilleadh mi. Is nam


[221]

biodh fios agaibh an t-strìths asàrachadh inntinn fobheil mi, cha sheasadh sibh aiteal eadar mi agus saorsa.”

Sheall na ràmhadairean air achéile; ach bha tiomadh air an fhear bu làidire mèin. Is ged a bfhearadhanna, garg, ri cunnart iad, bha fliuchadh nan diargan tréigsinn.

Ma chuir sibh riamh meas air Iain Ruairidh, no chàirdeas, cha diùlt sibh mo ghuidhe,” lean e air agharts e ag éirighna sheasamh. “Chaneil an dàil ri dheanamh. Oir than smuaint acur uamhais orm, gum fàg mo chiall mi, ’s gun toir mi oidhearp air dochann fear, no fear agaibh.”

Stad e labhairt; is thug e sùil, a sgàineadh cridhe nan dealg, bho fhear gu fear diubh.

Tha mi dol a ghabhail beannachd leibh fhadsa dhaithnicheas mi uile sibh,” thuirt e, is e toirt an dudar-leuma gu toiseach abhàta.

Cha be sin am fàsgadh neo-shuimeal a thug e fheinsa sgioba air làmhan achéile mun a thìll e a dhionnsaidh an àite-stiùiridh air ais.


II

S e an di-chuimhna rinn e nach tug mi tarruing roimh air; ach bha Gilleasbuig na Sgeine den sgioba cuideachd. Agus bha ìnnleachd air cuisle bhualadh aige-san. Chan e mhàin gun robh e na dhuine sgileir, ach bha e, mar an ciadna, ainmeil ann an seadh eileairson a chreideimh is a chùraim. Be am facal, ‘iomchuidhabfheàrr a fhreagradh air.


[222]

Nise, laidh gach smuaint air Gilleasbuig, ach a chomhairlicheadh e. Is ged a bha e dhe na comhaoisean riutha fhein, bhathas a sealltainn ris nuair a bhiodh créuchd ri gabhail aige. Ach ma ghabh thu ùidh anns achuid so den naigheachd, bidh tu toileach a chluinntinn, gubheil alannsa-chruith a bhaige, air sgìalaibh fhathasd ann an tigh a ghabhas ainmeachadhsan Ath-leathann.

Air eagal gun tog e caramasgnad inntinn, bha Ghilleasbuig le Iain Ruairidh: Gilleasbuig an Cuislear, agus Gilleasbuig an tàibhsear, no Gilleasbuig Mac an Tòisich. Buinidh am fear mu dheireadh ri sealladh tachartais a chuir gaoir trem feòil air fad.

Coimhead thu nis e!” chagair e ri Alasdair Aonghais a bha ri thaobh air aràmh ghuailne. “Tha solus aleanalt abhàta bhon a dhfhàg sin dùthaich Mhic Leòid.”

Dhia gléidh sinn!” ghuidh Alasdairs e aleigeil as an ràimh; is cha mhór nach deachaidh Calum thar na cliathaich abreith air.

Bha leithid de dhragh orruile a-thaobh staid Iain Ruairidhs nach do smaointich iad as an rathad dhen tuiteamas ud. Ach cha do chum sin am facal air ais gun robhas afaicinn tathaich mu thimchioll abhàta.

Cuimhnich nacheil mise ach acur na sgeòil air inneadh Iain Phìobaire. Is ma dhìnnseas min fhìrinn, bha brag aig mo chuisle am feadhs a bha mi ag éisdeachd ris. Ach nuair a chuala mi bho Iain Og a-rithisd eis sinn air aghart na céilidh mu Chalainndhfhàg e


[223]

amas na h-oidhchud air minntinn cho cuimir ri dealbh air cainbe. Agus mur meall mo bharail mi cha robh minam aonar fo dhruidheachd. Oir saoilidh mi gum faicear Donnachadh Sheumais acrùbadh a-stigh ri seann Iain Bàn, nuair a chual e mun tamhasg a bha seasamh ri gualainn Iain Ruairidh. idirnar measg a chailleadh sealladh air bàta na tathaich a bha sid? Gabh beachd, —mar a rinn sinneair abhlar-cùil airna thilgeadh ar n-aigne; agus chì thu an suidheachadh aognaidh a chuir an sgial so ann an cruth.

Bham bàtana laidhe fo dhubhar na h-Udairne, ach far an tuiteadh soisg na gealaich tre bhearnaibh nan sgòrr. Stad na fir làidir a dhiomaradhsan uchdach air ràmh; is iad ma-dhfhaoidte coimhead ri teachd nan spiorad bho uaigneas nan stùcan cas. Bha iad acluinntinn nuallan rongach afalbh ri aghaidh nan creag mar cheòl adol bàs ann am pìob. Ged nach robh an oiteag ach fann, bha i togail ris na mullaich, mar osna bho shaoghal nam marbh. Thainig gléus air an cridhe ri borbhan nan lunn abristeadh air cladach. Bha muir is aonach atin ann am bith le taibhsean; is manadh air bhrath far an dùisgeadh leum-uisge a beò nan stalla.

Shnàg am bàta dhionnsaidh ceàrnanns an dfhuair gath-gealaich cothrom laidh air an taoim, mar shùil Drùìdhs idìdeireachd; is nochd e Iain Ruairidhna sheasamhsan deireadh le oibreachadh trom air a bhodhaig. Cha do dhi-chuimhnich iadsan a chunnaic e eadar iads lias, mar a dhatharraich tuar an aodainn aige. Chaill e shlugadh


[224]

s am pathadhga léireadh; is bheireadh e truas bho dheamhainn a bhi faicinn a chràig musgòrnan ann an éiginn faochaidh.

Thug càch an aire don t-solus a-rithisd; ach air an turus so dhfhuirich e na bfhaide, is e a-ghnàth ri gualainn Iain Ruairidh. Cha robh cuislenan com gun chasadh buille; is bhan t-uamhas asior fhàs. Sgiolc am misneachd trem pòraibh. Oir cha dùraichdeadh iad amharc air achéile gun fhios nach amaiseadh an sùil air tannasg rin taobh. Ma bha iad glas-nialach cheana, thainig dìleab achlisgidhnan rathad, nuair a thug iad an aire don t-solus air tionndadh gu riochd duine ag éirigh romhpa, is e aseóladh air bharr mara dan ionnsaidh.

Ma chunnaic no nach fac Iain fhéin, na chuir an oillt air an cridhetha cuid acacanail gum facathruis e mhuilichinn seachad air an uilinn.

Tilgibh cruinn bhuaileas achuisle!” ghlaodh e cho fads a leigeadh sgòrnan tioram leis.

Dhfheumta làmh a thoirt air rudaigin da thaobh, neo bhiodh call air am manadh. Ach mun do thàrr a h-aon air freagairt, thug Iain sùil ghrad thar a ghualainn; is ge bu a chunnaic no dhfhairich e, leig e sgal an uamhais as, agus e leum thar a beòil.


III

Nach muladach ar tilleadh,” thuirt Alasdair nuair a thug iad dùil ri thin an uachdar. Ach bha Gilleasbuig acumail a-mach gun robh e faicinn an t-soluis aseòladh air bharr na mara, fad an déigh an t-ionad


[225]

bàthaidh fhàgail. Thug Domhnull nan Guidheachan a mhionnan gum fac esan Iain Ruairidh asnàmh ann an uisge na stiùrach; agus an shùil a bhann cho soilleir ri coinnle-bianain. Gheibhte bho fhear no dhà diubh, mar ghnothuch àraidged nach bfhiach leotha bhiga chanailgun tug iadsan an aire do dhuine collach ri Iain Ruairidhna shuidh aig an stiùir, gus an tainig malcadh air toiseach an latha.

Bu duilich achrioch ud gun teagamh,” labhair Gilleasbuig le guth bristeach. “Ach nach trom a bhios a sgiala-bàis air a mhàthair bhochd.”

Agus air Eilidh cuideachd,” lean Alasdair. “Oir chan ann oirre is aotroma bhios an sac. Ach saoil na ghabh e am bàs ga ionnsaidh fhein?”

Chaneil an rathad air,” fhreagair Gilleasbuig. “Am faca tu riamh cho neo-shunndachs a bha e falbh? Bhan droch ghalair air a shiubhal bho chionn greise; is rinn e an gnothuch air mu dheireadh. Bfheàrr lium gun robh an t-Ogha Mór leinn.”

Bfheàrr lium fhin sin cuideachd,” dhaontaich Alasdair. “Achs ann air, airson sin, a thig am fios a thoirt do bhanntrach Ruairidh Oig.”

* * * * *

Tha eachdraidh an turuis ud diachainneach gu leòr. Ach is soirbh i ri h-aithris an taca ri crannchur Eilidh.

Chunnaic mi iomadh a bheireadh na deòir air an t-sùil,’ sgrìobh an t-Ogha Mór. ‘Ach gun seachnadh Dia ormsan t-saoghal so, a leithid eile de shealladh ri Eilidh an déigh sgiala-bàis Iain Ruairidh a chluinntinn.


[226]

Cha robh uair a shéideadh gaoth bhon Tuath, nach faicte i air làimh aig màthair Iain; a falts a gruaidh air bànadh le mulad; fiamh gàire sniomh mu bilean; a sùil air astar na linne, agus i gun tàmh afoighneachd, ‘Cuin a thilleas Iain, no am bidh e leinn a-nochd?”

Cha bhi, a chaomhag!’ fhreagradh an t-seana-bhean le sac air a cridhe. ‘Cha bhi a ghràidheag; oir tha lunn nan stuadh glasaga thulgadhsan fheamainn. Cha bhi, a nic cridhe; oir tha e air cadal gun dùsgadh ann an ciar nan tonn. Ach ni mise agus tusa feitheamh is faire. a chaomhag; oir chan fhada tuilleadh gus an tig an làn a bheir sinne le chéile dhionnsaidh a leabaidhs na siantan; is cluinnidh e an uair sin osnaich do chridhe, méudail ort a rùin! Nuair a dhùineas an oidhche mu chòmhail nam marbh, is a shìneas na cluain gu fois; nuair a thig siubhal air togradh nan taibhs, is a ghléusair an ceòl airson cuirm, cuiridh tusa bréid mu dcheann, agus gabhaidh sinn còmhla an t-aiseag ann am birlinn Iain Ruairidh!”

[A ’ CHRIOCH]

JOHN COSSAR, Printer, Govan.

title15. An Tathaich
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page