[23]

MAC FHRAING MU DHEIREADH

Is ioma thig air an laogh nach do shaoil a mhàthair
SEAN-FHACAL

Dorcha mar chiar nan càrn bha blàr-a- muigh; fuar fuar, bha sitheadh na gaillinn, agus duabhara bathais nan aonaichean balla-bhreac. Gu h-ard, ’s mun cuairt, chluinnte uirghioll abhith-ànraidh astadhadh nan dùilean, is sgread nimheil a chorruich ag osnaich mu lùib nan gleann fàs. Bha lom-thuar acòmhdach nan sliabh fuaraidh; agus am fear-coise cho dalmas a thogadh ceum ri bealach? Mar a dhaithris an seann-duine: bha toirm ann an glaic na doinnin chuilbheartaich, ’s i fuineadh na fairge mar thaoisan dràsd, atogail gharg-thonna caoranach, glasa, ’san singan toinneamhsgam feannadh, gus an caill iad an cruthsan gluasad ann an gàir-chobhar nan storc-maistridh.

Ach ged a bha onfhadh an reilig na h-iarmailte, bhan Caisteal Maolmar a bha e iomadh latha bho chianseasgair air asgail (1) an tulaich, dhaindeoins gun robh flinnes gaoth, gun dìobradh afailceadh a gharbh-bhalla, fad cheithir uairean fichead, agus cur is cathadh aflodraich uinneagan fiarach na faire.

Than glaodhnam chluais, Ealasaid; gun gleidheadh Dia nas àill lium!” labhair Una, bean Ghoiridh Mhic Fhraing, is baintighearna Chaisteil Mhaoil.


1 achlas dhìon


[24]

Bha manadhna guidhe chuir dragh is cùram air Ealasaid, abhean-ghlùine. Is cha robh a h-iomagain gun a leisgial. Nach robh naoidhean nam beagan thràthan arànaich air son na dibhe nach tigeadh ris, ’s gun an t-seachdain fhathasd bhon a dhasaideadh a mhàthair air oighre do Mhac Fhraing?

Nach e Moraire Goiridh tha fada gun tilleadh?” lean Una air agharta bilean air chrith, is sùil luaineach an fhiabhruis-asaid alosgadhna ceann.

“ ’S e tha, gu dearbh,” fhreagair Ealasaid, ’s i ag amharc le caomhalachd air blàth bhuadhan na màthar òige. Gun robh i ann an trom thinneas bha e tuilleadh is soilleir. Ach bha a snuadh, spioradailna dhreachrughadh nan ròs le àirde fiabhruis air a gruaidh, agus a gruag atuiteam mar lùban òr-dhealt air a cluasaig, far an robh a làmh chumadail sìnte, agus duail dheth an glaic a meòirean geala.

Ealasaid,” thuirt i le fonn grad; “tha amharus agam gubheil an còrrnad chleith, na thanad fhaiceall. Abheil fios agad tha cumail aMhoraire?”

Mas e naigheachd amharus, tha eagal orm gum bfheàrr lium ann an so e, na far abheil e. Ach chaneil sin ag ràdh nacheil mathas an Fhreasdail maille ruinn.”

Gu dha sin!” smachdaich Una. “Cha leasaich bròn breamas. Tha mi fo chùrams fo iomchoir. Thug mi oighre do cheann-cinnidh Mhic Fhraing, ach a thachras?”

Na cuiribh sibh fhein mun cuairt, nic-a- chridhe! Nacheil fios agaibh-se gun tig furtachd le foighidinn,


[25]

mar is tric a chuala sibh. Cha bhi aMoraire Goiridh fada tuilleadh.”

“ ’S docha nach !” fhreagair Una le ospaig chràitich, ’s i leagail a sùl le cianalas air an leanabh ritaobh. “Nach ann dhut a dhéirich e!” ’s iga phasgadh teann ri h-uchd. “Mun tig bristeadh na maidne bidh tusanad dhìlleachdan, is feachd fuilteach na h-éirig acur bàs-ruaige air tathair.”

Thig cùl-taic far nach ruig tubaiste,” arsEalasaid acasgadh an achmhasain. “Agus théid ioma ceann an curracmas idir a thachras emun tig an latha sin.”

Cha bhreislich mfhàisneachd,” thuirt Una air a socair, “ged is cruaidh an t-aideachadh e bho leabaidh na h-eiridinn, is tatar acheum-bàis cheana air an starsnaich.”

An oidhches alath’ !” arsEalasaid afàsgadh a làmhan. “Nach ann orm-sa thàinig e. Diagam chuideachadh! Feumaidh sibh sgur a bhruidhinn, neo togaidh e fia— —”

“ ‘Sgur a bhruidhinn,’ thuirt thu? Fior, agus ro-fhior tha do chomhairle. Abair ri Fioschluas, dalta Fear Eilean Donnain, gubheil mi air son fhaicinn, ma tha e gun an caisteal fhàgail.”

Mo chuids mo nàire!” fhreagair Ealasaid le ioghnadh. “Chan àite fir an seòmar so aig aleithid de dhàm. An oidhches alatha!”

“ ’S dòcha gubheil thu ceart, Ealasaid; ’s cha choirich mi tfhaiceall. Nise, bho na dhearbh thu do dhìlseachd, tha diomhair agam ri earbsa riut.”


[26]

Air dhith so a labhairt, sheall i giar air a bhean-fhrithealaidh, agus a-rithisdmar gum biodh i air son togail a beadachddian air an dorus.

S ann le cridhe goirt a bha Ealasaid agabhail ealla ri bana-mhaighstear a gràidh. Agus ge be cho mór a dùrachd, cha burrainn i a chleith oirre fhein, no a h-aire, gun robh an dealachadh buan dlùth air làimh.


II

Bha Una ann am breislich àirde fiabhruis. Ach cha robh Ealasaid cho mi-sgilears nach aithnicheadh i gun robh an còrr is éucail bodhaig an co-cheangal ri a tinneas. Cha do chuir e, mar sin, an t-ioghnadh bu lugha oirre, nuair a thug Una tarruing airdìomhaireachdisearbsadh.’

Ealasaid,” arsUna abristeadh na tosdachd, “tha uallach air minntinn cho trom ri aithreachas. ’S ann an dràsda tha mi faicinn nacheil cleith air an olc ach a sheachnadh.”

Is làidire Dia na uile pheacadh an t-saoghail; agus nas nomha na sin, tha thròcair saor, ’s e an còmhnuidh an tairgse.”

Na biodh cùram ort gubheil mi siubhal gun dòchas: chaneil. Ach, mo chreach staid na muinntir air an tig dìoghaltas rùn nam biodag nàimhdeil,” labhair Unas i suathadh an fhuar-fhallais de chlàr a h-aodainn. “Ach éisd rium! Oir air mo thàilleabh-sa thig feachd millteach air tigh Mhic Fhraing. Carson! an abair thu? —Air son gun a dhìslich mise oighre Ceann Cinnidh Chloinn Choinnichtighearn òg Eilean


[27]

Donnain. Mar a bhios an dàn, ’s ann a thachras. Gealladh mòige, rùn-geallaidh mo chridhe. Bu diomhair ar còmhail, ach ro dhiomhain ar bòidean! Thainig an toirmeasg eadar sinn; cha robh e mar fhiachaibh air an Ridire comhstrìth ghamhlasach an theaghlaich fhaicinn fhathasd aig crìch. Cha luaithe fhuair e mach gun robh oighre Mhic Coinnich an rùn pòsaidh dhomh, na chuir e stad air ann an dòigh nach do shaoil mi. Agus, is e so an dràsda tha dìteadh mo spioraid. ‘Fhuair mi fios bho Mhac Fhraing aChaisteil Mhaoil,’ bu chiad rabhadh a thug e dhomh air bhair aire. ‘Tha thu nise aig aois pòsaidh,’ chum e roimhe le guth a shearg cochal mo chridhe. ‘ ’S chan fhaic mi nas freagarraiche na sibh a dhol an làimh achéile. Co-dhiùbh, ’s e sin mo thoil-sa; ’s mar nighinn dhleasail bheir thu géill dhith.’ Cha dfhuair mi fiùs aona chothrom casaide ris. Rud a dhiarras an Tolmach, Tolmach. Thaom dòchas a mach as minntinn; oir ged a bfhuath lium reachd mathar, cha tugadh airc dhomh misneachd a bhi eas-umhail. Aon chòmhail, ’s aon dealachadh cràiteach eile, ’s chunnaic mi sealladh mu dheireadh air oighrEilean Donnain. ‘Teich liumsa!’ thuirt e an geasaibh-cainnte gu leòr. ‘Oir an latha nach dìon Mac Coinnich bean a roghainn, chaill gaisgich an tapadh.’ Ged bu shearbh an diùltadh bfheudar e. Nuair a dhinnis mi dha an gnothuch mar a bha, thòc aodann le àrdan-feirge; bhà e fheins Mac Fhraing an rùn nam biodag da chéile. ‘Is ann mar so a ni an Ridire Tolmach tàir air Cloinn Choinnich; an ann? —Agus a ni Mac Fhraing cùis-


[28]

mhagaidh de Mhorair Eilean Donnain,’ fhreagair e gu socair sèimh; ach gun seachnadh am Freasdal orm an lasadh bhana shùil. Thig uair anns am bidh aithris na criche air mar a bheir Mac Coinnich a-mach tòrachd na tàmailte so? Sin Ealasaid rùn mo dhiachainn!”

Gun tigeadh -maiths an eadraigin!” ghuidh Ealasaid mar fhreagairt. “Tha e collach, ge be s coireach gur tusan creanach. An oidhches alatha! Far am bidh do ghràdh, bidh do thathaich. Nach ann oirbh a thàinig e!”

“ ’S fior do ràdh,” thuirt Una le fann-ghuth. “Than còrr is bliadhna bho na dhfhàg mi tigh Laobhrais air son aChaisteil Mhaoil; ged nach do chuir Mac Coinnich an géill a bhagairt. Ach thig e; is i nochd an oidhche. Nach dthuirt thu rium gubheil Fioschluas fhathasdnar fàrdaich? Bu toigh lium fhaicinn. Tha mi air son gun toir e fios-beòil do Mhorair Eilean Donnain, is fios achridhe nach ceannsaich slabhraidh no inbhe. Greas ort!”

Cha do chuir Ealasaidna h-aghaidh na bfhaide. Dhéirich i mach, mas a bfhìor, a choimhead air son Fhioschluais. Ach thuirt i rithe fhein nach drachadh cas dheth air taobh a-stigh an t-seòmair.

Is gann a rinn i ach an dorus as a déigh a dhùnadh nuair a thachair i an clàr an aodainn air aMhoraire Goiridh fhein. Bha cheann crom; a shùil luaineach agus gruaim na h-anshocairna aogasg shreamach.

Ciamar tha bhana-mhoraire?” dhfhoighnichd e gu h-ealamh.


[29]

Tha i beò,” fhreagair Ealasaid; “achs e sin uileadh e.”

thuirt thu?”

Cha dubhairt mi ach an fhìrinn,” labhair i gu dàna. “Nam bu chéile-pòsda mar bu dlighe thu, be t-àitesan uair so, bruaich a leapa. Dean cabhag gu h-obann, neo bidh do chaoidh far nach bidh a leasachadh.”

Thug Mac Fhraing a chùlaobh ri Ealasaid, agus lean ise ceum roimhpe.

Ràinig e seòmar na h-eiridinn. “A bhean mo chridhe,” thuirt e le fàiltis cumha, “thug thu mac dom chinneadh, ach is suarach a-nochd oighreachd Mhic Fhraing.”

A! Ghoiridh,” fhreagair ise le sùil shiltich, “an e so t-aoidheachd do mhàthair do ghineil? Carson a bha do thighinn cho anamoch?”

Chrom e cheann, phòg ebilean dearg-thioram, agus dhfhan ena thosd. ‘Chan urrainn mi ìnnse dhith,’ thubhairt e balbhach ris fhein; ach bha e ag ùpraitna inntinn gun robh a h-amharus abreithneachadh a chùraim.

Dhfheith a bhean air son an leisgeil nach dfhuair i. Phaisg Goiridh Mac Fhraing, Moraire Chaisteil Mhaoil, a làmhan air uchd; ghabh e ceum a dhionnsaidh uinneag an t-seòmair, agus gun lide tuilleadh a chanail, sheall e dian a-mach.

Bhan oidhche gailbheach, ’s asìor dhol am miosad.

A!” smuaintich e an teanntachd na h-éiginn. “ ’S ann fo sgàile nam bealach gaothar a leagas Mac Fhraing


[30]

a-nochd, a cheann. Ach,” ’s etionndadh a shùl air an leabaidh-eothair (1), “gun fhios dhise tachraidh e.”

Dhfhosgladh dorus an t-seòmair, agus thainig Ealasaid air ais a chuir casg air cuibhleadh uidealach a smuaintean.

Tha gnothuch àraid agam riut, Ealasaid,” chagair ena cluais. “Coinnich an tall-an-tuirc mi an taobh a-stigh de leith-uair.” ’S gun fuireach ri freagairt dhhalbh e mach air a shàil.

Cha do ruith an ùine buileach, gus an dfhuair Ealasaid i fheinsan leith-ionad sin den chaisteal ris an abrartall-an-tuirc’; bhaMoraire Goiridh cheana feitheamh oirre.

Cluinn toirm-spairt na gaillinn,” thòisich e cho luaths a ràinig i. “Nise, creid mi! Beanaidh iargaltas na h-aimsir-challa rium nas bàigheala na iadsan than nochd air mo thòir. Ge be mar a thachair e, tha bhuaidh le Cloinn Choinnich an tràth so. Thuit uile-dhìon aChaisteil; ’s e sin na tha feum dhut a chluinntinn. Ach a-chionns nacheil e an comas feairt no fuirteachd achùis a leasachadh, is tusa ris an earb mi maotharan neo-chiontach na cìche, is oighre Mhic Fhraing, fhaotuinn sàbhailte bhon aitreabh so. Aon chùmhnant eile: tagh am bàs dha fheins da mhàthair, na iad a thuiteam an làmhan achreachadair. A! an oidhche dhuabhara, agus dìon-sgàile nan ailbhinn oillteil a bheir cothrom teichidh do Mhoraire Chaisteil Mhaoil. ’S i so an oidhcha chì Mac Fhraing fon choillna shònrach.”

Thilg e lùib abhreacain thar a ghualainn. Fad


1 ri uchd bàis


[31]

mionaide no dhà, rinn e seasamh-sòraidhsan dorus, ’s a smeigead air uchd. Mionaid no dhà eile, agus dhfhalbh Mac Fhraing gu ruige caidir na dùbhlachd dhorcha.


III

Thill Ealasaid air ais do sheòmar na bana-mhoraire. Dhfhèach, ach cha burrainn i a chleith oirre, an iargain dhòlasach adhfhàg Mac Fhraingna h-aithne.

O! sàbhail mo leanabh,” ghuidh Una, ’san sealladh fad-asna sùilean. “Ann an éirig tanma, tha e mar fhiachaibh ort an dochann a sheachnadh air. O! am bàs! — thann, Ealasaid? Mo leanabh! O! mo leanabh! Than t-searg-ghruaim mhórna deann aseòladh tarsuinn an aiseig. Thig am Moraire Goiridhna thràth; ach chan ann gu fàilt a mhnatha. Gabh a-stigh a thannaisg air son sac do thuruis. Tha dubhar nan nial aslugadh mo léirsinn; chan fhaic mighrian. Tha do mhàthair adol air astar ionadan siar na taibhse; ach iathaidh bith-spiorad mo ghràidh mu bhruaichean tàite-cadail. Ealasaid, do làmh: na di-chuimhnich mo leanabh lag-choiseach. Sid e siubhal air oiteag nan diarTha na sgóthan asìoladh seachad. Ealasaid! —mo leanabhmolean— —”

Stad a h-anail; dhfhàg an solus a sùilean, agus bha Ealasaid leis amharbhna h-aonar.

Anns an uair sin bhrùchd earras nan tosd alàthairam balbh-ealain a dhiathas mu aigne nam beò, ’s a bheir uamhas gu leaba-chlisgidh achridhe. Bu chrannchur nam béud e ann an da-rìribh; ach cha dfhuair e Ealasaid gun a tapadh.


[32]

Chan éirich gu h-olc don ròineig as lugha de dhfhuiltean a chinn,” bhrunndail Ealasaid, ’s i pasgadh an leanaibh ann an seasgair a breacain. “Cha dochainn anail gràidh thu, a mhaotharain laig!”

Mu ghlòmanaich an latha-màireach, leigeadh seana chailleach, is ultachna h-achlais, an taobh a-stigh de bhalla mór Eilean Donnain.

Tha e ri aithris mun daingneach so, gun robh toiseach aig na saighdearan Spàineach air suidheachadh freiceadain a dheanamh annsan àm. Bliadhna no dhà as déigh sin, bha iadnam meadhoin air an t-seana chaisteal a leagailna chuail-chnàmh. Ach buinidh an taobh-sgial so do dhaimsir eile. Is ma gheibh mi rath air clàr-ùine, lorgaidh mi rian a màthar-ghuir mar a chuireadh mo nàbaidham fear-seanachaisblas oirre.

Air do dhEalasaid foighneachd bu chor do bhean-uasal achaisteilthachair dhise a bhi air a laidhe-siùbhla cuideachdsheòl cuideigin i a dhionnsaidh seòmar-feitheimh na bean-ghlùine.

Bha faileas lasraichean nan cnapan giubhais adannsa mar chleasaichean fanaid, ceithir thimchioll abhalla. Agus mu choinneamh bràdair mór teine, bha cailleach chrom-shrònach, liath, ’s i brodadh na beò-ghrìosaich le sgonnan maide.

An tusa tha so, Ealasaid, an ainm achlobha?” dhfhàiltich an t-ònaran fo mùgan. “Dhia cobhair mi! Gu n t-aon chuir thu ann an so mun taca so latha?”

An t-aon aobhar, ’s dòcha,” fhreagair Ealasaid,


[33]

“ ’s a thagad chumail fhein ationndadh nan éibhleans acaithris na h-oidhche. Nach fhior dhomh sid? An deachaidh bean Mhic Coinnichna clàirean fhathasd?”

Manam! cha deachaidh,” fhreagair an eile. “Ach carson a tha thu foighneachd?”

An oidhches alatha, Sheònaid! Chan ann gun fhios carson a bheireas cearc ugh; faodaidh tu bhi deimhinn as. Shiubhail bean Mhic Fhraing an raoir; agus so agad leanabh a cuim,” labhair Ealasaid, ’s i aig acheart àm atilgeadh sgòid de bhreacan Chloinnic Coinnich gu taobh. Bhan leanabhna shuain-chadail. “Nise, Sheònaid,” lean i air aghart, “is clann an aon athar is mhàthar sinn le chéile. A-chionns gur h-e mise is sine, bidh tu air do stiùireadh lium. Ach fuirich ort,” chagair i le coimhead-fiaraidh. “Abheil sinn saor bho fhar-chluais?”

Air do Sheònaid a h-amharus a thraoghadh, dhfhoighnichd, i, bu dhlùth-dàimhe don dithisd aca?

ach Clannic Fhraing, gun a bhi ladarna,” dhabair Seònaid.

Ma tha sin mar sin, théid dleasanas ri dàimh,” arsEalasaid.

An ainm an àidh! tha ceàrr?” dhaithris Seònaid a-rithisd.

nacheil ceàrr!” fhreagair Ealasaid. “! ach gu bheil an Caisteal Maolna chuail-chnàmh agus Mac Fhraing atoirt an t-saoghail fo cheann. Sin agad tha ceàrr. tha ceàrr? — ach gu bheil Clann-Choinnich an déigh tein’ -aighir a dheanamh


[34]

de thogalach Mhic Fhraing nan cliar; bean a thighe gun a righeadh air an fhuar-leabaidh, agus taibhsean milltearan athar a leanaibh, casa-góbhlach air còirichean teaghlach a dhlighe. tha ceàrr? —an oidhches alatha! Thoir taing dha tathair nach ann bho shìol Chloinn Choinnichtha sinne. tha ceàrr nach cuir mise ceart?”

Ciamar? Ciamar?” leith-ghlaodh Seònaid, ’s a h-aodann abànadh le corruich an dìoghaltais.

A! sin e!” thuirt Ealasaid mar rithe fhein. “Rud nacheil an dàn cha tachair. An oidhches alatha! Choimhlion mi cheana bòid mo gheallaidh.”

Ciamar, ciamar?” sgriach an eilega cainnt-chasgadh, ’s igabhail aghiorsa (1).

Mar is math is aithne dhuinn, gun a bhin eismeil bruain, no biodaig,” fhreagair Ealasaid le bathais shreamaich. “Na dhasaideadh do fhrithealaidh fhathasd?”

Tha mi feitheamh na gairme.”

“ ’S math mar a tha chùis,” thuirt Ealasaid le fuar-ghuth a chuir oillt air a piuthair. “Tuigidh tu nise mi. Mas e gille bhios aice, chan fheum e bhi beò; ach mas nighean e, bheir thu dom ionnsaidh-sa so i. Cuimhnich, a Sheònaid, gur e tha so, miar mu dheireadh de shìol Mhic Fhraing. Tha en dràsdanar comasmises tusasaoghal fada thoirt dhà. An dean thu e? Greas ort! Greas ort! Chaneil ach aon dòigh air a cho-dheanamhaon dòigh.”

Dhia cobhair thu! An ainm an Fhreasdail, an e chlann iomlaid a tha dhìth ort?” fhreagair Seònaid le plìn-aghaidh (2) ghruamaich.


1 corruich le deòin
2 gàire le feirg (grin)


[35]

Mar a thubhairt thu! Agus giorra-shaoghail a thoirt do bhean amhoraire!” chagair Ealasaid. “ ’S ni sinn sgiobalt e.”

* * * * * *

Mu àird-fheasgair an latha sin, chualas gun drugadh oighre do Eilean Donnain. Ach aig tuiteam na h-oidhche, bha pìobaire mall-cheumach adeanamh siubhal nam bròn air còmhnard-mullaich achaisteil. Bha tuireadh is cràdh asruthadh fann bho fheadan, agus srann-ghlaodh nan dos agiùlain cumha gu cladach. Air mullaich nan àrd, bha tamhaisg aognaidh ationals iad ag osnaich ri dol seachad nam marbh. Bhan osagga tacadh le fras-luchd nan diar, is luasgan nan tonn bòcach acur thuige le achanaich. Chualas bas-shlacadh na Bean-nighesan allt: chluich pìobaire Mhic Coinnich bròn-cheòl amhulaid . . . thriall bana-mhorair Eilean Donnain.

title2. Mac Fhraing Mu Dheireadh
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page