[47]

RIOBA NAM BAN

An rud a bhios sàmhach, cha chluinn an luchag e
SEAN-FHACAL

Be Mairearad Nic Uaraig a bainm dhith. Bu nighean i don Lighiche Mhór Mac Uaraig, a bha ainmeil, fad is farsuinn, airson gnàth nan comasan e chuir e an géill ann am foghlum a dhriachd. Bha chòmhnuidh an Dun-éidionn gus an dràinig aithris a chliù a dhionnsaidh an dàrna Righ Seòras. Is cha bfhadana dhéigh sin, gus an dfhuair e fiathachadh-rìoghail (1) a chuir imrich do Lunnain air lorg dha.

Bha urramga fheitheamh; ’agus, mar an ciadna, deadh mheas an rìgh fhein. Ach cha do shoirbhich a shonas mar a bheartas. Oir chaill e a bhean an taobh-a- stigh de thrì ràithean an déigh ruigheachd. Thug an call tilleadh nach bu bheag air inntinn. Is cha mhór nach dfhàs e suarach mu dhol-a- mach an t-saoghail air fad.

Dhfhàgadh, mar sin, cùram a thighe air Mairearad an t-aon duine teaghlaich a bhaige. Fhuair ise meomhair neo-chumanta; agus cha do chleith a h-athair aon seòl air modh is foghlum a chur an deadh bhuil dhith. Ghabh i ceann air ionnsachadhna h-òige, ged nach robh sin ach leith-oireach rilinn. Airson a cruth-pearsa bha emar a dhaithris an t-Ogha Mór le aobharàluinn! Leigidh mi leis an aon fhacal soionnas gur


1 cuireadh teachdaire


[48]

Gàidhlig a h-annbrìgh nam buadhan eile thoirtna lùib.

Bha sheadh anns an robh i ainmeil: géurchuis agus mealladh gnùise. Shònraich so a-mach i, air dhòigh a rinn a h-ainm, feirmeil a-measg àrd fhlaithean na tìre. Cha bhiodh cuirm-chùirt gun chuireadh da h-athair; is ged nach do thuig e an t-aobhar, bha e fheins a nighean aig bòrd-mór is àrd onair na bu trice na bàill leis. Achs ann ainneamh a chìtear fhalbh no thighinn gun Og Uasal aChrùinnPrionnsa na h-Othailta bhi mu làimh, ’s e cur fàilte is furain orra; gu h-àraid air Mairearaid. Oir rinn a bòichead greim-buairidh neo-chuimseach air. Is cha do leig e fois, no tàmh dha inntinn gus an dfhuair e leisgial céilidh air tigh a h-athar.

Thainig cothrom mar a mhiannna rathad air seòl nach do shaoil e; agus mar so. Bha e nisan gob gach eòin, gun robh da-rìribh nan Stiùbhartach air tin gu toiseach aimhreit. Cha chluinnte gaoth ri cluais, ach mu thional nam fineachan a-measg bheanntairean Alba.

Air feasgar sònruicht, mun do ghabh Parlumaid suim nan cunnartan gu reusan, ràinig teachdaire-cabhaig tigh an Lighiche Mhóirmun dthuirt iadle fios gum biodh Prionnsa na h-Othailt ataghal air bho oidhche. Ach cha bann le toileachas-inntinn a smaointich an lighich air achùis. Oir dhfhoghlum e bho èolas, is eachdraidh, nach robh ach aimsirfàs, agus seargadhanns an amharc aig rìghrean. Agus ged a than gnùis suilbhire gu leòr fhadsa thig gnè seirbheis an ìochdrain rin togairt, be am fìor-fhaiceall, thar-leis, a bhi cadal saor bhon eisimeil.


[49]

Se sin, co-dhiùbh, bu bheachd-an-uachdar don Lighiche Mac Uaraig ri linn na chuir Oighre aChruinn de dhurram air. Ach tha e na chomharradh air treibhdhireachd a chridhe, nach do ghabh e éud, no amharus a-thaobh an dearbh-aobhair a thug am Prionnsana rathad. Chan ann mar sin do Mhairearaid e. Bha fàth an turuis aice-se cheana air bhrath. Oir gheibhte air fàireadh, na dheanadh fiosachd gun robh diomhaireachd is còmhail eadar Mac an Rìgh agus nighean an lighiche Ghaidhealaich.

Nuair a dhéireas aon rud, tachraidh rud. Goirid an déigh do ghille-turuis aPhrionnsa fàgail, thaghail carbad na Ban-righ, le cuireadh gun dàil don lighiche. Dhearbadh ris tilleadh leis acharbad a dhionnsaidh Lùchairt Hamptoin air ball. Cha robh gnothuichean idir atin air aréir. Is mur a be gun robh meas mór aige air a Bhan-righ, dhiùlt e an t-òrdan le leisgial freagarrach. Ach am feadhs a bha e seasamh eadar-da-bharail, thigeadh air ach Mairearad: bha ise mach air chuairt.

Nach iongantach an dol-a- mach a thaig àrd is ìosal,” thòisich e car cas, “nuair nach leig iad an cead fhein len co-chreutair achgam buaireadh air gach taobh— —”

nisetha cur oirbh?” thill Mairearad le gàire; oir bha gràdh is earbsa eadar i fheins a h-athair.

De nacheil acur orm?” thuirt esan, ’s e sìneadh litir na Ban-righ dhith. “Cha do ghoil an coire bhon a fhuair mi rabhadh gum biodh am Prionnsa ri taghal a-nochd oirnn. Tha mi ceart a coma, ged an robh sinn an Dun-éidionn fhathasd.”


[50]

Nach math an leisgial,” fhreagair i. “ aige tha brath nach bi sinn an sin nas luaithe na shaoileas sibh? Ach mun téid mi nas fhaide, am freagairt a bheir mi bhuaibh do theachdaire na Ban-righ? Tha e feitheamh.”

Mun do thàrr dha cheist a shocrachadh, chuir gille-seirbheis an treas litirna làimh.

Dhfhosgail e i; is léugh e:

The Queen, who is lying very ill, urges your immediate attendance.
(Signed) Eveleyn Marlborough.

Ma thig am Prionnsa,” thuirt e, “thoir dha mo leisgial; is gabh roimhe cho mathsa fhreagras. Ach,” ’s e tionndadh bhon dorus, mar gum buaileadh rud ùrna inntinn, “fèach, ma thig dha feòrach as déigh cùisean nan Gaidheal, gun caomhain thu eòlas air sloinneadh. Tha , no dhà atachairt an cearnaibh ar tìr a bfhiach an cleith, nan gabhadh iad. Bidhnad fhaiceall; oir cuimhnich gum brist an teanga, ged nach mór i, cnàimh. Cha mhomha màthair na mi-thlachd na frìdeag. ‘Na toir sgial diomhair gu latha roimh dbhàs’, mun dthuirt an sean-fhacal.”

Fuirichibh oirbh,” fhreagair Mairearad le fonn achàirdeis; ach bha h-inntinn ann an teagamh. “ thasan airagaibh, nuair a tha sibhgam churnam fhaireachadh air an fheasgar so, seach àmsam bith?”

Cha tigeadh e do nighean do mhàthar a bhin eisimeil comhairle, far an cìnn a dleasanas.”

Nach neònach fhein abhruidheann a thagaibh.


[51]

Tha min dòchas,” arsise, ’s i cur a làimhe air a ghualainn, “nacheil dadsan amharc agaibh a tha gu dragh dhuinn? Na bithibh fada gun tilleadh. Ach na gabhaibh cùram dha mo thaobh-sa. Co-dhiùbh, mar abheil an còrr agaibh ri earbsasam, cha bhi migur tagairt. ‘An rud nach cluinn cluas, cha ghluais chridhe. ’”

Dìreach! Mar a theireadh a màthair rud,” thuirt an lighiche ris fhein, ’s e gabhail feasgair maith leatha.

Cha bfhadana dhéigh so gus an robh e, le carbad siùbhlach na Ban-righ, air tin gu ionad a cheann-uidhe. Gun mhaille air aghartas, ràinig e seòmar an tinnis, far na ghabhadh ris mar mhac na gréine, ’s e toirt spionnaidh a easlainnte. Chunnaic e, le sùil gun mhearachd, gun robh aBhan-righ ann an droch ìre; agus ma bha feobhas an dàn dith, gum féumta fuil a tharruing. Bha toiseach aig a h-aodan air dubhadh, is aig truimead na suain ri iathadh mu léirsinn. Bhuail e cuisle le ìnnleachd na h-àbhaist; ach cha do lean ruith-folasam bith am fosgladh.

Cha robh an Dotair Mac Uaraig an sidna aonar dhe dhriachd. Bha triùir lighichean eile làthairgach fear dhiubhs e fo dheadh ainm-sgile; achmar is tric a thachrasdiarasachna bharail fhein.

Dhfhiosraich e, co-dhiùbh, bhon a h-uile còmhdach (1) a bha eatorra, gun robh tuilleadhs a dhùbhlan aige ri dheanamh; agas ma bha cliù a sgile-san ri h-àite chumail, thigeadh dha ionnsaidh chothromach a thoirt am buil gu h-obann.

Bha amharus aige air aobhar no dhà, thaobh na


1 argumaid


[52]

h-éucail a bha cur air aBhan-righ. Agus mun tug e làmh air an còrr a dheanamh, chuir e mar fhiachaibh orra-san a bha làthair, an seòmar fhàgail.

Rinneadh mar a dhiarr e; agus cha do ruith ach giorrad na h-ùine gus an tug e fios gun robh aBhan-righ air taobh an fheobhais.

Ge bu an ìnnleachd a ghabh e, no an t-eòlas a chuir e an cleachdadh, fhuair na h-eiridinn faochadh. Ach a-chionn nach tug e fhein, fior-shoilleireachd riamh air na thachair, tha chùis, mar a bha i, fhathasd ann an ruith nan toimhseagan.

Dhaindeoin co-dhiùbh, chaneil sinnna eisimeil buileach, a thaobh gnothuch diomhair an fheasgair ud. Oir ged nach tug am Moraire Herbheidh iomradhsam bith air, bha sùil eile air fàireadh bho nach drachadh rud éiginn as. Be so, am Moraire Godo, nach do leig an cothrom riamh seachad, nan toireadh e fealla-dhà da chompanaich, nuair a bhiodh an t-òsdair asìneadh nan cuach.

Bhan t-uasal ud ionnsaichte thar tomhais; oir bha bhuadhan nàdarra fad os-cionn na buil a bfheàrr don chuir e ann an éud a chothruim iad. Ach bha thlachd ann an cuideachda nan ìochdranis air an droch-bhéus aige sin. Nuair a dhainmichear gun robh géurad-inntinn, is meomhair àrd-ghliocaisgan iomlaid leis ann an drùghadh searrag an fhìonatuigear gun robh e diabhlaidh coma, co-dheth a dheanadh e cùis-bhùrta. Mar bu trice, ’s e gillean nan each, no leannain easgaidh na h-oidhche, a thigeadh fo ùidh an toiseach. Cha do


[53]

chum airson sin gnàth a dhol-a- mach e bho chàirdeas an rìgh. Oir bha coimhleapaich agartach, aige-san e fhein, a bhiodh diombach de leaba na Ban-righ, an uair ainneamh aruigeadh e i.

Dhfhàg mi Moraire Godo ann an suain nan sgàilean, nan do ghabh ar sgial toirt gu ceann-fìnid as aonais. Ach chan ann mar a rogha theum an gobha chruaidh. Bha lùchairt an Dàrna Seòras fo dhorus fialaidh fosgailte; is cead siubhail mar an ciadna. Cha robh seòl air an saoileadh fear-tathaich gun robh dragh, no tinneas air an a bàirdinbhesan tìr. Achs ann a bha fuaim ciùil, is lasgan-gàire ag iarraidh bho bhalla gu balla. Chìtear cròileagan an sid le tòic na dibhenan aodainn; agus ban-uasal afaotuinn tàire air am bilibh neo-chneasda. An taobh eile, gheibhte aigionnach ladhrach an cùil; is cuachag, le broilleach fo leith-bhréid, aleaghadh fo chaog-shùla ladarna. Be lughad na h-àireimh a dheanadh an fhad fein gun dol-mu-seachsan oidhirp. Chluinnte alag an diùchda, mar roiteir, ’s e fàgail beannachd aig misgear a chàirdeis mu ghairm-choileach.

A-measg iad so, bha Moraire Godo. Ach chuireadh sin an uibhireachd dha, nuair a bha ana-measarachd air stéidheadh cho mórasach; is eisimpleir an rìgh ri thagairt mar leisgial?

Cha robh bristeadh air ceann-mire. Bham fear nach seasadh cas, adeanamh taic-se de ghille-feitheimh; is plìn air atuiteam an oisein. An sin dhfhiachadh ridire stràiceal— ’s e togail a chinn mar chearcsam pathadh oirreri bhi cuidhtes na mnatha bha cumail


[54]

sùla gun fhios da, air leannanachd a rùin. Be sid ionad, is féill an t-sùgraidh gun teagamh. Cha robh tilleadh air togairt ach seòltachd, no, air uairbuillean de chlaidheimh neo-amasach. Tha iadsan t-Strath againn fhin, nach cuireadh carbhaidh-geal an sùil rodain; tha iad ann cuideachd, nach taghadh bean-bainnse a cùirt Rìgh Seòras, gun urras a saoraidh bhi an toiseach air bhrath aca.

Bha so, is iomadh rud eile gun iomradh air, mur a be gun robh aMoraire Godosachuideachda. Oir nan do ghabh esan ealla riutha-san nach buineadh da, dhfhàg mi eachdraidh na linn ud, far na laidh i. Ach chan ann idir airson aobhar càinidh a dhainmich mi na nithean so. Tha aobhar nas truime na singan earail.

Thuirt mi cheana gun robh aMoraire Godo de chomunn aghreadhnachais air an fheasgar ud, mar a bha e air iomadh oidhch is feasgar roimhe sin. Cha be an t-àdh e nam bfhior do chuid. Le feadhainn eile, bha ena dhroch spaidhe (1), nach taobhadh a h-aon gun cearb a bhin iomall air.

Co-dhiùbh, thainig e le siùdan tarsuinn air feadh chàich, mar chìobairs e tearbadh chrogaisean. Ged a bhan deadh smùid air, is math a baithne dha gnè a chuartachaidh.


II

Thug e an aire dan triùir dhotairean leotha fhein; is rinn e dìreach orra.

An taobh so, uaislibh,” thuirt es e snaoitheadh a chinn.


1 aimilisg


[55]

Dhfhalbh iad leis gu ceann-aghairt na ruigh-chasa, far an drinn iad còmhlan as leith mu bhòrd.

Tha chuid is fheàrr aig an Albannach, fhearaibh,” thòisich es e tionndadh gloine bha mu choinneamh, air a bial-foidhpe. “Am beil de sgil an Sasuinn na sheasas i fhein? Shaoileam nach robh dad aig Mead, no Radcliff ri fhoghlumFuirich! Fuirich! Tha thu ceart! Chan ann der linn a tha iad. Ach theireadh Iain Hugsham, is seann Uilleam Heberden, nan cluinneadh iad gun a sheall an Dotair Mac Uaraig, a Dun-éidionn, ceanna-bhaile Albainn mhór abheartaisSeadh! gun a sheall en dorus dhan triùir agaibh? Chan abair mi ìosal no àrd dham beilur foghlum?”

Thug aBhan-righ cuireadh dha,” fhreagair fear diubh. “Is bidh a gnothuch mar a miannsan rathad sin.”

Na creid e, Astoir,” labhair aMoraire. “Cha do leig in teanga riamh asaibh, bho na dhiùlt sibh gabhail ris an Ollamh Storc a Bhiena— —”

Tha min dòchas,” chaisg am fear eile, “nacheil teòlas oirnn atagairt ar mi-rùin a-thaobh ar dleasanais don Bhan-righ?”

An dubhairt mi smid a dhìteadh i?” fhreagair Godo air a shocair, “Oir tha mi cinnteach nach bann le deòin a sheall Dotair Dhun-éidinn an dorus dhuibh. Tha fios nach éirich dad dhith fo làmhan-san. Tha e achdainneach (1); nacheil? theireadh Sidenham mór, nan robh e beò an diugh? Seadh! Eh? Nach en t-Albanach sgoinneil a dhfhèach ribh! Eh? Seadh! An Ridire Fionnladh Mac Uaraig! chuireadh an


1 clever


[56]

aghaidh an urraim is geal a choisinn e? Seadh! Eh? Nach math a thig an tiotal dha? Eh?”

Chunnaic e gu math gun robh a bhriathran adrùghadh air an triùir eile, mar fhìon bho lodar is druidheachd ann. Ghreimich farmad mun chich-shlugain iad; is thainig droch thogradh a-thaobh an Lighiche Mhìc Uaraig fainear dhaibh. ’Se so a bha dhìth air aMhoraire. Oir bha sid air a shiubhal, a ghuidheadh caraid as an dàn, a sheachnadh air Mairearad, nighean Mhic Uaraig. Thainig e làidirna inntinnnan éireadh dad dha h-athairnach biodh gnothuch gun chomaine, sùil a bhi làmh rithe. Bha e mion-eòlach, araon air a bòicheads a buadh-inntinn. Ach a dhaindeoin gach brosgul a rinn e, cha do dhearg e, aona chuid, air a toil, no air a cridhe.

Nan do dhfhàg e cùisean mar so, is tàmailtga thagairt; is math a dhfhaoidte, nach leanadh casaid cho dian e. Ach chan ann mar sin a bha. Baithne dha-sanna bfheàrr na sionnach air fhaiceall, dol-a- mach aPhrionnsa, is ruighe na buachaileachd a bha aige air nighean an lighiche Ghaidhealaich. Oir bha e fhein air achois-cheum chiadna; ach leis an eadar-dealachadh so: cha do thaobh i riamh ris; ni momha na sin a thug i an fhianuis gu mealladh e eòlas oirre na bu dlùithe na cùirtear fuadain, is a chridhe ann am buigead a bhuairidh.

Cha robh aMoraire Godo idir mi-dhreachmhor. Nan robh a ghluasad aréir a choltais, bha mura-bhith fad air seachran. Ach cha dfhuair iadsan a bha stigh air, aon aobhar iomchoire, ma bha iad an eisimeil càir-


[57]

deis. Oir is minig a thug aircleach beannachd air, nuair a bhiodh slighe na h-éiginnga shàrachadh.

Dhaindeoin so uile, bha car ciotachsamhoraire, nan tigeadh dha tin cas air a nàmhaid. Dhiubh so, bhiodh esan a dheanadh dearmad air mu bhòrd nan cuach, no aig conaltradh nan leannan sùgrach.

Bham PrionnsasaMoraire Godo cho àraid ri chluas laoigh. Chaith iad iomadach uair ann am mi-bhuil na h-oidhche; agus fo chabair nach cumadh snidhe, no fraighnidh bho ghamhrachadh (1) leacan-lagha nan àithntean.

Ach ma bha e stigh air aPhrionnsa, bha e ann an seadh a-mach air an rìgh, agus cha robh an leisgial ri shireadh. Oir bhan teaghlach rìoghail ag ithes aclamhadh achéile, le éud cho gamhlasach, ’s gun robh iad nan culaidh-mhagaidh don t-sluagh, a Dhòmhnach, a Luan, ’sa Shathurna. Thainig iad mu dheireadh a dhionnsaidh na h-àirde, anns am faigheadh amac toilleachadh ann am bàs a pharantan; is iadsan, mar an ciadna, ann am bàs am mic.

Bham Prionnsa cosgalacaitheamh a chodachs agiorrachadh a shaoghail ann an garaidh-gìll nan glaimseir, nuair nach biodh e sàsuchadh a mhiannle òighean a thograidh. Dhfhàg an dol-a- mach sin esan a-ghnàth an ainbhfhiach; agus ann an eisimeil na feadhnach ud, dom baithne iosad a thoirt seachad air urras oighre crùn Bhreatainn. Airson na h-inbhe sin, cha robh an ùidhga ruigheachd dhéireadh dha. Bha e ag iteallaich mun cuairt, mar shùlaire gobach, is e gabhail cothrom-bualaidh air na thigeadh ri chàil ann an linne nan ìochdran.


1 saluch


[58]

Chuir mi an teist so gu taobh gus an tainig mo ghnothuch ris aPhrionnsa, mur a bitheadh gubheil e iomchuidh airson soilleireachd an t-suidheachaidh annsna thachair an triùir dhotaireansaMoraire bhi cuideachd. Ma-dhfhaoidte gun robh an dearbh aithris a cheart cho obaig dhaibh-san mar an ciadna, ged nach do leig iad abheag orra ri chéile. Bha iad mar sin car ùine, agus gach fear dhiubh acnàmh a bheachd ann an tosdachd a rùin.

ur barail?” thionndaidh aMorairese coimhead an aodann fir mu seach aca. “ur barail?” thuirt e rithisd. “Saoil-sibh an tig aBhan-righ bhuaidhe, ma leanas an lighich Albannach air a frithealadh?”

Ma gabhas e deanamh,” fhreagair fear, “théid le Mac UaraigAlbannach ann no as, biodh e!”

An cuir sin dragh ort?” lean e air aghart. “Tha cuid a chanas gubheil magadh cho marbhtach ri puinsean na minmheir. Stadaibh! — theireadh sibh nan ìnnsinn carson, nach do ruith achuisle aig aBhan-righ, nuair a bhuail an lighich i? Eh?”

Chunnaic sinn air ar son fhin,” fhuair e mar fhreagairt.

Am faca sibh so?” arsaMoraires e cur lannsa air abhòrd man coinneamh. “ur barail? An tarruingeadh an rud sin fuil; saoil-sibh?”

Bheachdaich fear an déigh fir dhiubh, air an sgein-fhola gu dearcnach mean; ach cha robh a h-aon aca fhuair eadar-dhealachadh innte thar an eòlais.

Leig aMoraire leotha gus an robh iad deas de laimhseachadh.


[59]

Nach mairg a dhiarradh an t-àm-latha anns na sùilean agaibh,” thòisich Godos e togail na sgeine gu nochdaidh. “Nach tug sibh an aire don ghnoban so?” ’s e aig acheart àm acur a chorraig air a bhann abha ceangal an liagh ris an làmhaid. “Nis,” arsesan. “Nuair a bhrùthas mi so, faic thachras; than t-iarunn las is ruithidh e air ais. Ach brùth a-rithisd e, agus thagad? —Lannsa chaol is clais innte. Cuiridh mi leith-char anns achnò thair ceann na làmhaid, agus chi thu? —”

Oh!” dhéubh iad còmhla air dhaibh boinnean de shruth liath-ghlas fhaicinn atuiteam bhon lannsa. “Càitan dfhuair thusa sin? Buinidh an sgian-fhola sin don Lighiche Mac Uaraig. Chuala sinn uimpe bho iomadh cearna; ach chan fhaca sinn duine riamh a laimhsich i.”

Ach am fear so,” leasaich aMoraire. “Càitan dfhuair mi i? Innsidh mi sin duibh cuideachd. Oir chaneil sibh gun fios gum beil eagalsan aitreamh so: eagal air aBhan-righ gum bàsaich i, agus eagal air aPhrionnsa nach bàsaich. Hi! Ho! Tham barrachd is aon dorus tren ruigear seòmar-seirbheis na Ban-righ. Ach, foighidin! An cuir a h-aon agaibh soilleireachd air achùis so? Aig ceann-as an t-seòmair, tha cùil-chlàr, agus i fosgladh a-mach a dhionnsaidh rùm-taoibhe. Ann an oisean na cùile so, tha caora bhrucach le rùsg geal, teadhair mu h-amhaich, is an ceann aige sìneadhach am falachgus an ruig e seòmar na Ban-righ, far am beil e an ceangal ri posta na leapa— —”


[60]

O!” arsan Dotair Astorga chasg. “An e gubheil cràbhadh aig aleithid sin de dhìrenar latha? bheireadh géill gum biodh creideamh cho faoin afaotuinn barantais cho ionraic? Tha ena bheachd a-measg aphobuill, gum beil easlainnt mar dheamhain, a chlaoidheas ach aona bhodhaig aig an aon àm. Teadhraidh iad, mar sin, caoraach chan fhios carson a roghnaicheas iad caora seach , no catri leabaidh na h-eiridinn. Ma bhàsaicheas achaorathar-leothathig neach an tinnis air aghart; ach mur a bàsaich, theid as don turrainiche (1) .”

Chanainn gubheil achaora faighinn deagh bheathachadh, a chumas an deamhainsa Bhan-righ, mas es gun cuir sin dorran air an lighich Albannach,” thuirt aMoraires ega sìor-bhagairt. “Ceart! Ceart!” lean e roimhe, mar nach biodh e gabhail aghnothuich ach air bheag suime. “An sgian-fhola so? Seadh! Seadh! Am beil eòlas agaibh air an stuth a sheall mi aiste; no chungaidh a bhann don Bhan-righ?”

aige tha fios gun drinn e feum dheth?”

Agamsa!” arsaMoraire. “Agus air amhodh so. Bha is aithne dhomh, mar a thachair, ’na seasamhs abhudhailt a dhainmich mi, nuair a thainig an lighich Albannach a-làthair. ’S dòcha gur h-ann abiathadh na caorach a bha i; no afrithealadh air a bana mhaighisteir rìoghail. Cha chan mi co-dhiùbh. Ach bha i sid gun a faicinn mar a bhan t-each bàn a bhaig Rìgh Artar. An déigh sibhse chur a-mach, thug an Dotair làmh air an sgein-fhola; agus chum mo bhana-charaid sùil ghiar air dheanadh e. Gu h-àraid, nuair


1 créutair tinn


[61]

a dhiarr an duinìnnleachdach an seòmar dha fhein. Faodaidh tu bhi deimhinn nach deacha móran as oirre. Thug in aire dhalaimhseachadh na lannsanns acheart dòigh a sheall mi dhuibh. A-nise, ur bharail? Tha mi car mean mun chùis; achs math a dhfhaoidte gur fhiach en t-saothair. Ciamar a chuir Machiabhaili sìos a bheachdan air acheann so? Chaneil mEadailtis ach cearbach. Ach chual mi Moraire Herbheidhga aithris cho trics gun a thog mi e mar phort eile— —”

Fàg tEadailtis far am beil i,” arsan Dotair Astorga stad; “is innis dhuinn ciamar a thainig an lannsana do rathad-sa?”

Nise,” lean aMoraire roimhe, “mar a bha mi dol a dhìnnseadh dhuibh anns achànain nach tuig mi-fhin no sibhse— —”

Seadh! Seadh! Ach chan aithne dhuinne co-dhiùbhs e cànain a thagad, no nach e.”

Nach ann mar sin a tha eòlas nan lighichean?” thill aMorair le fanaid. “O! Ai! Càiten dfhuair mi an sgian-fhola bhaig an lighich Albannach? ’S fheudar gun tainig an di-chuimhnair. Oir dhfhàg e as a dhéigh ann an seòmar na Ban-righ i— —”

Is— —”

Thog mo bhana-charaid i; is thug i dhomhs i. Nis, uaislibh!” thuirt e, ’s e tionndadh a chinn an rathad a dhéirich gluasad a-measg an t-sluaigh a bha làthair. “Tha Diùc an Ur-Chaisteil air tin a-stigh; agus bu mhiann lium facal dheth. Tha de sheilleineansachlod-cheann aige na chumadh mil ri freiceadan


[62]

Frangach. Hi! Ho! ’S dòcha gun cuir aBhan-righ fios-gun-fhios don Dotair Mac Uaraig oirbh fhathasd.”


III

Bha e cheana air éirigh bhon bhòrd, ’s ateannadh a-stigh ri Diùc an Ur-Chaisteil, nuair a bhuail am Prionnsasan dol-seachad e. Thainig iad an comhair achéile cho amasach, agus gun soileadh maolan nach robh ann ach failmse (1). Chan ann mar sin do dhfhear nan cluasa biorach e. Be esan, oifigeach ògCaptain Iain Tolmach, mac bràthar do dhFhear-a’ -Choire, no an Ridire Tolmach.

Shluig iad an càmhalsa ghaoisid,” chual e Moraire Godo acogar ris aPhrionnsa.” Cha toirinn bonn-a- h-ochd air achluasaig air an cadail an Lighiche Mór mun tig amhaduinn.”

Cha do ghlac Iain an còrr. Oir tharruing an dithisd eile ceum còmhla gu taobh. Shaoil e gun dubhairt iad rudaigin mu, ‘iasg air moglachadh.’ Ma shaoil, thainig amharus gobachna inntinn nach robh slighe na fìrinn gun cas-shiubhal achealgaire.

Bu ro-mhatheòlas air caitheamh-beathaPhrionnsa. Ach e an t-ablach do nach baithne sin? Aig acheart uair, thainig am beachdna rùn nach be chuid no ghnothuch, smaointinn gu h-olc mu oighrechrùin don tug e sheirbheis. Is dualach gun do leig e mar-a- bha seachad leis abharail so. Ach air an làimh eile, cha robh a dhleasanas ri thagairt thar a mhionnain da rìgh. Dhaindeoin so fhein, theagamh gun a ghabh e comhairle Clag Scàin— ‘An rud nach buin dut na bean da! ’—


1 tuiteamas


[63]

gu chridhe, nan robh aMoraire Godo cuidhtes a chùilteireachd. Oir be sid turrag achàirdeis bho nach deanadh treibhdhireas uaill. Lean mar sin, is liadaich e brat-amharuis cho bras air a chuisle, ’s gur gann nach tug e rìgh, prionnsa, an t-armsah-uile rud eile as a shealladh.

Leig Iain Tolmach cead a choise le rùnrachd na chuir thuig e; is thainig ionaltradh inntinn, air acheann thall, a dhionnsaidh Mairearad nighean Mhic Uaraig.

Bha esan, thar-leis fhein, mar gach aon air na dhearc an òigh ud, dian an geall oirre. Agus thug rud no dhà, anns an drinn ise taobh ris, an dòchasna rùn nach robh idir a ghean-aire suarach aice. Beags mar a bha cinneas air àdhsan rathad so, cha robh a bhuaireas gun mhisneachd. Oir thug e bòid gum faigheadh e cothrom dearbhaidh da dhùrachd dhithuair, no uaireigin.

Ach ciamar, no cia as a gheibheadh e an leisgial airson a thoil a chur an gniomh? Agus a-rithisd. Bha e fhathasd ri fhaicinn gun robh ise, no eile ann am feum a theanachdais. Theagamh gum biodh sin mar ghin beachd dhut-sa nan robh thu saor bho leannanachd, cridhe socair afàgail do chluasaig gun bhristeadh cadail; is aignenad chom a dhiùlt lasadh ri àille gnùis ainnire.

Fhuair co-dhiùbh an cruth-deilbh a-leithid do làmh-an-uachdar air, ’s gun a chum e fàireadh air aPhrionnsas air aMhoraire Godo, gus an deachiad, thar-leis, am falach aig cùl gréis-bhrat a bhan crochadhle cuid an eireachdaisri de dhuinneagan na talla-móire.


[64]

Mar a ghabh mi aithris mo naigheachd air aMhoraire Godo, bhana rùn, gun togadh e goin farmaid ann an uchd nan dotairean Sasunnach. Oir nan drachadh sin leis, bha e soirbh gu leòr dhachreidsinn, gun cuireadh iad puinsean anns an lannsa aig Mac Uaraig. Is bheireadh an fhianuis an dotair fo bhinn dìtidh. Mar bhuil air a ghin-ìnnleachd bhiodhthar-leis fheina chothrom air Mairearaid.

Thainig tin fo Iain a-nise chuir a bheò air ghluasad. Oir bha taibhs glinn dhosrach a dhùthchais afàsgadh a chridhe, ’s acur rabhaidhna chluais gun robh bean-dàimhe ann an cunnart. Thug, mar sin, gnè cinneadail thairis a dheòin ri athadh spiorad nam beann; agus ghuidh sgàilean a dhaoine gniomh sàir bho làimh.

Mean air mhean, tharruing e dlùth don oisein anns an robh am Prionnsa, ’s aMoraire Godo adiomhaireachd. A-chionns nach robh an aire, ach orra fein a mhàin, ràinig e fiataidh, sàmhach gu leòr, gus an dfhuair e mu-ruighe farchluais dhaibh. Ach na thuigs na chual e den chòmhradh aca, gabhaidh e earra-phinn air leithChual mi aig Iain Pìobaire, air latha-trusaidh; agus sinn aleigeil ar n-anail os-cionn Tobar-a’ -Staing.

title4. Rioba nam Ban
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page