[65]

CUIRTEARACHD

An rud a nìtearsachùil, thig e am freadharc uaireigin
SEAN-FHACAL

Tha eachdraidh acanail gum be Alasdair Domhnullach, mac bràthar do Shir Alasdair Shléibhte, ’na latha, bhanns an oifigeach òg a thainig an cois an iomraidh so. Ach bha Iain Pìobaire— ’s cha robh e faoin air sloinneadhdian den bheachd, gur h-e bhann Iain Ruairidh, no Fear-Scalpaidh. Tha bial-aithris co-dhiùbh, aroinn an teagaimh; is ged nacheil e furasda creideamh linn is linn a thoirt a stéidheadh, bheir boisg an aobhair a leanas an fhianuis, nach robh eòlas Iain Phìobaire idir air seachran.

Air mo shon fhin deth, gabhaidh mi ri cunntas Iain, mar earras air ainm is tapadh an òg-Ghaidheil, a ghabh eadraigin a luchd-dùthcha os laimh. Is nan robh fad-saoghail an dàn da, nach dòcha gum biodh iad ann de shìol an diugh, na dhleasadh ainm le uaill mar cheann-gin. Ach, mun dthuirt Iain, chaneil toil an dàin ri agairt.

Mur an robh an Suidhisneach fhein ann, no Niall Mac Lachlainn Bhàinlatha dha robh echa mhór, airson sin, a leigeadh a-leas dol an ceann-sgeòil ri Iain Pìobaire. Tha e nis air slighe-na-fìrinn; ach an t-alt anns an cuireadh e dol-a- mach an Ogha Mhóir air ghléus, cha ghabh e toirt le cainnt duine eile. Eadar


[66]

facal abhàirdanns an robh e amasach; is gearradh seanachaisanns an robh brìgh is meomhair, thug e gu minig, linn nan Druidhnam aire. Oir bha blàth neart-bodhaig, is inntinn ri fhaicinn air. Agus aon nairs gun drachadh e air mhodh-sgeòil le cùram, thigeadh geasaibhna ghuth, a ghlacadh do bheò mar mhac nam feadan ann an comraich achiùil.

A rithisd. Cha tigeadh ceòlna bfheàrr ris na bhi briathrachas bho ghrunnad eachdraidh; ach gu sonruicht, mu eirbheart nam fineachan. Air amhodh sole comaradh na deadh chuimhnebhiodh a theagasg air rath cho eagnaidh, ’s gun abradh cuid gum bann bho ionad nan taibhs a bhreithneachadh. Theagamh gun robh iadsan den fheadhainn nach faiceadh bòcan gus an cromadh aghrian na mullaich.

Lean mi triall na baraile so le tuilleadh sùird, nan tug ar sgial cead tarruing air.

Tòisicheam mar sin, far am bàill le Iain fhein a spàl a chur air shiubhal. Is mas h-es gun léugh thu na leanas, tuigeadh tu lium-sa, nach bann idir gun roghan aobhair a chuir e cheann air a naigheachd. Aonaidh tu cuideachd, gubheil e mar fhiachaibh orm a dhòigh-labhrach a leantainn ma thig dhomh ciorram mo dhuain a sheachnadh. Mar is minig a thuirt e fhein: ‘Theid an deadh thuathanach thairis air an as-bhuain mun cuir e sguab mu dheireadhs amhulan.’

Leis an leisgial so air bhrath, bheir mi ionnsaidhcearbach is gam bidh eair dhaobhraich càirdeas aPhrionnsa ris aMhoraire Godo.

Mas math mo chuimhne, cha do ghobaich Iain


[67]

riamh ri ceann-seanachais gun foighneachd am bfhios domh ciod bu chiall don fhacal: ‘Mughaire!’ Is cho fads is fiosrach mi, cha toireadh e cothrom do neachsam bith a fhreagairt.

Mughaire!” theireadh e fheins a dhà shùil bhiorach aboisgeadh air dubhar an aineolais. “Mughaire, bhobaig. Sin agad-sa fear gun sgil, gun sgoil, gun Bheurla. —Mughaire! Gheibh thu gu leòr afàs a-measg nan dubh-Ghall dhiubh. —Mughaire! Agus mo dhi-chuimhn’, càitan dfhàg min Sasunnach?”


II

Béibhinn am bodach, Iain Pìobaire.

Thug min aire gun robh am facal, ‘Sasunnach,’ cho buaireasach dha— ’s bu shocair, còir an duine eri speach ann an cluas bo-dhàire. “Dìreach, a bhobaig!” dhi-moladh e cho cunabhalach ri pong nan sùrdag ann an Danns-a’ -Chlaidheimh. “Dìreach, a bhobaig!” arsIain. “Chaneil anns an t-Sasunnach ach bial is brannag. Dìreach, car collach ri màl na pìobagam, nan robh e seasamh air dhos, is e làn gaoithe. Cha bann gun aobhar a thuirt an t-Abrach: ‘Cum a-mach an Sasunnach, is thoir a-stigh an .’ Tha fios gu bheil rud nacheil cneasd annta. Mur abheil, cha mhór air an t-saoghal a ghabhas an leisgial. Co-dhiùbh, cha mhisd iad an sgobadh ud, ged nacheil e ach faoin taca ris na glamhaidhean mosach a thug iad fhein air càch. Nise, bhobaig! gabh beachd air na their mi; is cha chuir thu an droch fheum air. Bheirinn sgrìobhadh dhut a thug an t-Ogha Mór do dhfear ris an canadh


[68]

iad, Cuaigean, no Gilleasbuig nan Sasunnach. Chuala tu ma dhéigh? Bhiodh e cho tric aig Iain Ogna sgialachdans a bha Coire-Chuìbean, is Iain Gealtach aig Niall Mac Lachlainn Bhàin, mo charaid ann an Cul-achadh-na-beinne. Mu dhéighinn sgrìobhadh an Ogha Mhóir? Bheirinn dhut léubhadh deth cheana. Ach de mhi-shealbh a dhéirich dha, ach gun deacha ghàmhrachadh le snithe-dubh. Tha na h-ann agam air mo theangaidh, co-dhiùbh. Airson sin, cha mhisde cuimhna h-ùrachadh, mun dthuirt Mac an Aba ri tomhas astòip. Bha mi dol thairis air obair an Ogha dhomh fhin, ’s do Mhoraig, dìreach air acheart oidhche dhfhàg an làn-mór an cnòdan an tigh Aonghais Oig.”

Oidhche na gaoithe-móire, chanamaid ris ann an Cul-a’ -Ghàraidh,” thug min oidhearp air a cheartachadh.

Dìreach, a bhobaig! Oidhche na gaoithe-móire. Is ioma fear is tigh a chreanaich oirre cuideachdagus misair a h-aon diubh. Cha robh ach gun a dhfhàg i na cabair os mo chionn. Dìreach, acheart oidhche. Dhfhalbh na h-acraichean den afhraoch-dìoblaidh (1). Tholl astoirm fon tubhadh, gus an dràinig afroighnidh, mu dheireadh, air bun amhaide-cheangail, far an robh sgrìobhadh an Ogha Mhóir an gleidheadh agam.”

Thuirt mi, mar leisgial, gum bfheàrr gu mór lium a mheomhair fhein a dhearbhadh, na éisdeachd ri òraid phàipeir. Is cha do mhi-chòrd sin idir ris. Oir tha mi den bheachd, nan do ghabh mi dòigh-aires am bith eile dha, nach tainig an diomhaireachd a leanas riamh ann an cead iomraidh.


1 acumail abhoinne dhen bhalla


[69]

Bu ghiar an duine, Iain Pìobaire. Achged nacheil sinna thìnnsgeadal air-sanbheir e sannt-gàiren diugh orm, nuair a chuimhnicheas mi liughad car is tionndadh a bhiodh aige mun tugadh esgial gu ceann-fìnid.

Bha cholunn air a barradh ri inntinnfoghainteach, easgaidh. Ach, mar a dhéirich don t-saoghal, is iomadh diachainn a thainignan rathad le chéile. Tha e nise den àireimh a tha gabhail an aisig ann am birlinn luchdach nam marbh; ’s cha toir mi tarruing an so air, ach mar a fhreagras e fheins mo chuspair.

Is fhada bhios cuimhnagam air an lathud a chuir mi seachad leis aig Tobar aStainglatha geal, grianach, Samhraidh; am fitheach os ar cionn air bearradh, ’s ecur a-mach a theangann leis an teas.

Thainig iomadh latha math bhon uair sin. Ach saoilidh mi, nuair a chrùbas minntinn air ais tre chlisneach obaig an t-saoghail, gun toir e sòlas don chridhe, lorg as ùr a thogail air ceum-seòdail na h-òige. Dhfhàs an anail goirids an uchd aig cuid dem eòlaich; is laidh an aois le searg na tathaich air tigh is teaghlaich dom baithne mo chéilidh bhon latha sin.

Ach chan e sin a thog mo sgial, ged is iongantach na thig a-stigh air duine, nuair a théid a smuaintsan ealtainn. Aig an àm chiadna, ghabhadh fear-dàimh mo leisgial. Oir e a thainig fo gheasaibh nam bàrd, a dhealaicheadh soirbh ri guth nam beann; is ri suaicheantas nan laoch a bha astar an t-sléibhafoillseachadh? Chaneil flùr ann an lios na cruinne, ris an tog Gaidheal inntinn, collach ri fraoch badanach,


[70]

gorm, a dhùthcha. Bheir e éuchd is eachdraidhna chuimhne. Ni e an còrr na sin da: gabhaidh e ri ùidh ann, mar fhianuis gubheil duinealas a shinnsre a-ghnàth aige ri sheasamh.

Sin agad, a bhobaig!” lean Iain, “carson a thig e dhutge be inbhe anns am bìth thu, —gun chliù do dhaoine leigeil gu bràth an éis. Mur a biodh am badan fraoich, cha do thachair na thug an t-Ogha Mór cunntas air. Nise. Thoir friodhan air do chlaisdeachd, is cluinnidh tu mar a thainigna bhann mun cuairt. Dhinnis mi cheana dhut mar a dhamais mac Ruaraidh Tholmaich tin tarsuinn air aPhrionnsas amhoraire Shasunnach ann an lùchairt an dàrna Rìgh Seòras. Innsidh min dràsda dhut iomradh an Ogha Mhóir air cridhe cho beag meachainns a dhéignich riamh lagh an t-Soisgeil. “Ach,” ’s e coimhead air fhiaradh orm, “na léubh thu cluichean Shaicspeir?”

Sheall mi dha gun mhaille, nach leigeadh e leas so fhoighneachd, le bhi cur na ceiste ris fhein, co-dhiùbh be anStoirm,” noHamleta bfhaisge air aigne nan Céilteach?

Cha do dhiùlt mi tfhiosrachadh,” thuirt e; ’s e, mar gum beadh, agearradh nam facal a saibhreachd a ghliocais. “Ach cha bann air amhodh sin, a chuir mi cheist riut; ach a-chionns gun a sgrìobh an t-Ogha Mór na baithne dha ann am feart seòl-cluiche. Mur do dhainmich mi cheane, bha esan ann an Lunnain còmhla ri Fear-Scalpaidh. ’S fheudar gur h-ann an uair sin a dhionnsaich e cleas-a’ -phinn a chuir e air aphàipeir-seice do Chuaigean. Biodh sins a chead


[71]

aige; chaneil ann ach cuspair Sasunnach, co-dhiùbh; is ghabh en dòigh fhein da. Chuir e sios eachdraidh ann an dealbh-cluiche, ach le caomhnadh nam facalmar so:”

Thog Iain a bhois cheàrr, is ruith e criochan le chorraig as leith-oir achéile, cho eagnaidh, soilleir, briathrach, ’s nach robh draghsam bith agam a leanalt.

ACHIAD FHOSGLADH

AM PRIONNSA FREDERIC
MORAIRE GODO (Làn charaid dhan Phrionnsa)
DUNOIDHEAS (Seirbheiseach ìnnleachdach; deadh fhear-ciùil; dannsair deas, le eòlas air fiosachd; is spéuradaireachdga fhilleadhna lùib)

SEÒMAR NAN CUILBHEART

[An triùir mu bhòrd]

AM PRIONNSA. —Dunoidheas; thuirt thun ceartair gubheil bràthair agad air mhuinntireas aig Smeleidh, an t-Apotacaraidh, Albannach? Tha mhaighstear acur meas air eòlas; cainm a thair?

DUNOIDHEAS. —Cuifein.

AM PRIONNSA. —Brod an ainme. Nise, thuig mi bhuat gur h-aithne do Chuifein cungaidh a mheasgnadh nach cnàmh goile. Abheil thugam leanalt?

MORAIRE GODO. —Seadh; an cungaidh sin a leighiseas dragh inntinn nas momha na dragh bodhaig; ìocshlainnt airson easlainnt, far nach seas an leòn àite gearain do dhithisd.

AM PRIONNSA. —Saoil thu, Godo, abheil Dunoidheas


[72]

atuigsinn ciod i acheàrna bhom faigheamaid faochadh? Ma dhfheitheas sinn gus an toir aBhan-righ galair a bàis chum ar riarachaidh, fanaidh sinn gus am fàs an fheannagna buidheag-luachrach. Nise, ìnnleachdach is gubheil Dunoidheas, tha e sgrùdadh nan speur airson rian an fhortain tha cheana fo làimh.

DUNOIDHEAS.— ’S e dòigh ùr——

GODO. —Bithidh iad ag òl ann an Aqua Vitae; ach thoir dhomh-sa Acqua Tofana, no, ma thogras tu, Acqua di Perugia, a bheireadh leannan do dhfhear, is rìoghachd do dhfhear eilele tapadh air an dàrna làimh, is seòltachd air an làimh eile.

AM PRIONNSA. —Iadsan a bhios dàna ann an seirbheis am Prionnsa, than duais air thoiseach orra. Gheibh iad seòl air bacadh a thilgeadh gu taobh— [Thainig stad an so air. ]

GODO. —Mar léig thar uachdar tobar-iaruinn; ’sa dheanadh gniomh caraide gun cleòca ceisteir a bhiga fhalach. Acqua Tofana; Acqua di Perugiacungaidh a bheir misneachd do dhfear-casaids en éis.

DUNOIDHEAS. —Ciamar, saoil sibh, a théid agamsa airna thasan aire agaibh a thoirt gu buil?

GODO.— ’S aithne dhut dannsadh ri ceòl fìdhle; ’s aithne dhut fiosachd a thoirt a uisgis gloineachan; ’s aithne dhut cion-fàth gach beatha, —iadsan a shireas tfhoghlumfhaotuinn ann an iùil nan reult; chi thu triall is tograidhean dhaoine ann an cuartagan ceò; bheir thu ìocshlainnt air easlainnt le tomhas cho cuimseachs nach cuir iadsan a dhearbas riut an ath fheum air do chomaradh leotha.


[73]

DUNOIDHEAS. — a bàill leibh mi a dheanamh? Is leis aPhrionnsa mo threòir is meòlas, ma thig sin da bhuannachd. Ach tha mi duilich aideachadh gubheil mi fhathasd aineolach air rùnur seanachais.

GODO. —Labhraidh misairson ar Prionnsa. ’S aithne dhomh fhins dhut fhein, aghoin, eucoireach, mhi-mhàthrail, tha aig aBhan-righ dogin-mic. Bfheàrr leatha cluinntinn ma mharbh na bheò. Tha in déigh an rìgh a thionndadhna aghaidh. Deanadh am Prionnsa mar a dhfhaodas e, chan fhaigh e bho mhàthair is athair, ach an taobh as miosa dhen gné; ’s cha chleith iad abheag air an t-saoghal dhen gamhlas dan gineil fhein.

DUNOIDHEAS. —Tha càradh is carachadh an t-saoghail air mheigh ann an uchd nam Prionnsa——

GODO. —Socair! Socair! Na liadaich cuspair air clàr gus an dearbh thu t-urras. Far am buail teanga le sgeilm ri càirean, togaidh ceann-maol fianuis. Saoil than oidhche deanamh? Cuidichidh an dubhar le smuaint, mar is math is aithne don chomhachaig; ach, mar achomachag, chan fhaic thusa do shàth ma ni thu feitheamhsan t-solus. Mas math caolas mo chlaisdeachd, chuala mi Dunoidheas ag aidmheil mu eiridinn nach leighiseadh Nicolaus de Salermo leis na h-uile Antidotarium a bhaige, no Balchasaim ben Aberasaraim còmhla ris. Tha deadh chuimhnaige.

DUNOIDHEAS. —Mur abheil an còrr aigaPhrionnsa ri earbsasam, theagamh gun tig e ri rùnur comhairle, ma dhfhuasglas mi cudthrom nan dubh-fhacalna mo dhòigh fhin. [Exit Dunoidheas. ]


[74]

AM PRIONNSA. —Chuir sinn Dunoidheas air slighe chugalaich. Ma théid leis, théid leinne. Ach, Godo! saoil abheil e ceart dhomh cothrom a ghabhail air meadhoinean cho duachnaidh?

GODO. —Chan abrainn gun a chuir, ach gubheil Dunoidheas air slighe chugalaich. Ceart, an dthuirt thu? Càitan do dhealaich ceàrr ri ceart? Nan do dheasaich nàdar gnè a chinne-daoina-chums gum biodh do bhreithneachadh soirbh, ghabh feallsanachd iteag; cha robh feum air easbuig no sagart; cha robh falachdga dbhuaireadh, no fiachadair abartach atoirt creideas a phrionnsair urras. Cuimhnich cho easgaidhs a chuireadh an rìghs aBhan-righ clach-mhairbh aig do cheann, ’s a bheireadh iad beannachd an oighre dha do bhràthair, —an Diùc. Tha do chòir-sa anns an rìoghachd ionnan riutha fhein. Gidheadh, tha tin- a-stigh ìochdrain do sheòmair ann an seòl cho math riut.

AM PRIONNSA. —Tha iad atoirt diachainn cheana dhomh. cho mórs ann agad fhein tha brath. Ach tha mi bochd airson mac rìgh, eh? [Rinn e gàire searbh. ] Cuiridh mi geall nach tomhais thu thanam rùn a dheanamh?

GODO. —Dorran a chur air an rìgh a bheir niosgaid air achridhaig aBhan-righ.

AM PRIONNSA. —Chaneil thu idir thar do sgeòil. ’S aithne dhut gubheil na Stiùbhartaich adeanamh uidhim airson achrùin. do bharail? Tha mi dol a thairgse mo chòir ann daibh airson ciad mìle punnd Sasunnach! Saoil abheil mig iarraidh cus? Tha


[75]

fear, Aonghas Domhnullach, —tasgadair ann am Parais, air an rathad chum an gnothuch a thoirt gu ceann. [Leum Godo air a bhuinn; ach smèid am Prionnsa gu àite suidhe. ] Faigheam an t-ionmhas so, is gabhadh an donas, no Stiùbhartach an crùn air mo shon-sa. Oir ge be air an tuit e, bithidh e cho duilich righiùlain ri gloinair bàrr snàthaid.

GODO. —Chàn ann an da-rìribh a thu; ’s cinnteach? Chaneil ann ach fear eile dhe do chleasan-eanachainn.

AM PRIONNSA. —Ann an da-rìribh tha mi; is a-chum na h-ìres gum feum thusan tosgairechoinneachadh mar gum biodh tu airson mo rùn a thoirt air féill. Rachadh do thurus gu math leat, is foghnaidh Hanobhar dhomh-sa ri mo latha; is, mar a thuirt mi cheana, cagnadh an donas gach Sasunnach, Albannach, is Eirionnach aca, cho luaths a ruigeas mo làmh air an sporan.

GODO. —Bu mhiann lium air do sgàth fhéin do dhiùltadh; ach a-chionns gur h-e sin do roghainn, chi mi co-dhiùbh is fhiach an tairgsegabhail.

AM PRIONNSA. —Tha mi ga do thuigsinn, Godo. Thar-leat nach dealaich càch rin cuid gun an tuilleadh barantais na facal aPhrionnsa Frederic. Eh?

GODO. —Gu h-àraid nuair a bhios an comas aigair àicheadh, mur a toir Parlumaid cluas da. Gasda! Gasda! Ach na smaointich thu riamh gur h-e an t-Albannach teuma aig abheil an gnothuchna làimh. Aonghas Domhnullach, an e thuirt thu? Cuimhnich gur h-e Gaidheal le teagasg Frangach a h-ann. Mar as minig a chanadh Diùc Earraghaidheal— ’s chaneil


[76]

an dìth teagaisg airchaneil car anns an t-sionnach gun fios don t-sealgair. Ciamar a ruigeas min saobhaidh; is cuin?

AM PRIONNSA. —Tha pìobairaig Diùc Earraghaidheal ris an canair Eoghan Fada. Taghlaidh esan ort cia luaths a ruigeas an teachdaire Stiùbhartach am baile. Bheir e thu a dhionnsaidh bùtha bhig ghunnaichean tha air acumail le fear dùthcha da ann an sràid chumhann, chaol, tha ruith dhen aMhal. Mac Fhraing, no Mac Suain, no Mac Dhomhnuill Scotaich is ainm dhachaneil cuimhnagam e; oir faodaidh e bhi na mhac Ifrinn, an rud a tha eairson sin deth. Am faca tu a ghealag mu dheireadh a dhiasgaich mi?

GODO. —Nighean an Dotair Mhic Uaraig? —Chunnaic. Achs e chanainn-sa, easgann rithe; oir tha i cheart cho soirbh——

AM PRIONNSA. —Mur a biodh salann air do bhois. Na faighinn a h-athair as an rathad, bfhiach i buachaileachd. [B ’ fhiach is mionnan eithich, rùnaich Godo. ] Chaneil i soirbh a bristeadh.

GODO. —Càiten dfhàg thu mo Laidi Anna Hamalton?

AM PRIONNSA. —Cho fad thar minntinns nach léir dhomh i leis abhuaile tha timchioll air nighean an dotair. Cha do shanntaich mi riamh meas a bha coimhead a-leith cho abaich rithe. Bheirinn mo chuid dhen rìoghachd airson mealadh deòin a leannaineachd.

GODO. —Nach lag an duinena neart. Cha dean togradh nan òigh eadar-dhealachadh air cridhe rìgh seach an t-ìochdran. Cha toir feart no feachd sonas


[77]

air sùgradh. An rud is miann leis an t-sùil, bheir e fear-iomairt an eisimeil. Is nighean an Albannaich i. Tha h-oilean mar a dlighe, —fo smachd teagaisg ionraic. Ma théid i ri gnàth a cinnidh, cha toir, eadhon mac an rìgh aomadh oirre. Chaneil fios ciamar tha dol do Dhunoidheas?

AM PRIONNSA. —Theirigeadh Dunoidheas le sruth nan deamhnan; chan ann air a tha maire. Saoil thu nach téid againn air atoirt gu taobh? Ma théid agad air mo riarachadhsan rathad so, ’s e do rogha, inbhe mo chomais.

GODO. —Cha bhi sin mór ma shlugas naStiùbhartaich am biathadh. Tha e agam! Ma théid gu math le Dunoidheas, gheibh thu buaidh air do bhòdhaig a dhfhàgas i gun dol-as aice. Nach sona do thogradh! Ged is rogha mar phrionnsthu, cha mheal thu do rath gun mfharmad.

AM PRIONNSA. — tha tin riut a-nise, Godo? ’S fheudar nach miann leat do bhogha tharruing air sealg a chaidh a lorg as taonais.

GODO. —Cha téid nàdar thar a ghnè, cia air bith an suidheachadh anns an cuirear an cridhe thuige.

AM PRIONNSA. —Chaneil mi ann an sunnd feallsanachd. Toill mo bheannachd; dean mar bu mhiann le prionnsa bho charaid; is thig gach cùis do-réir. Faigh leisgial air choireigin a bheir a dhionnsaidh a tighthu; is a dhfhàgas an dorus fosgailte dhomh-sa. [Exeunt . ]


[78]

TIGH AMHORAIRE GODO

[Cuirm fo h- uidheam]

AN DARNA RIGH SEORAS
ABHAN-RIGH
MORAIRE GODO (is còmhlan de dhuaisleansamnathan)
MORAIRE BOLAINGBROC
MORAIRILE
FRAULAIN SGLIURACH (Bana Ghermeilteach, is ban-òglach an rìgh)
DIUC EARRAGHAIDHEAL,
DUNOIDHEAS (Fìdhlear aPhrionnsa ann an culaidh-eithich)

AN RIGH.— e am fear so, Uileam Pit, a tha Bolaingbroc is Diùc an Ur-Chaisteil atarruingnam sgòid? Bheir e chasan bho Ualpol air acheann thall. Than òig air fhathasd; ach tha meomhair is teanga aige bheir iompachadh air fad na rìoghachd.

DIUC AN UR-CHAISTEIL. —Cha mhisde Ualpol idir am beagan tillidh. Tha e fada gu leòrna rìgh.

ABHAN-RIGH. —Nan do labhair an Diùc bho threibhdhireachd cridhe, thigeadh e dhuinn géill a thoirt da cheasad. Chaneil Ualpol dheth na h-ainglean; achs ro-iomchuidh an t-olc tha fuaighte ris ann an seirbheis a dhùthcha, nam bial-briagha thig bho fheinealachd is inntinn mheata. Ged nach deanadh e de ghean-math ach seasamh eadar cuilbheartan aPhrionnsa, agus an rìghs aPharlumaid, dhearbh e sàr a ghliocais.

BOLAINGBROC. —Cha tig e dhomh-sa cur an aghaidh beachd na Ban-righ, a than còmhnuidh baranta.


[79]

Ach tha àm is aimsir anns am bidh e mar fhiachaibh air luchd ghleidhidh achrùin, fianuis a thoirt air an dleasanas. ’S math a dhfhaoidhte gumi-chòrd mo chasaid ricluasan; oir chan ann atagairt duais no gean-gnùisa tha mi. Nise, tha Spàin adeanamh gearachas-làidir air marsantachd chéin ar dùthcha, dhùisg corruich is tàmailt neo-obann air fads air liad na rìoghachd. Gidheadh, chan aidich Ualpol gubheil dolaidhsam bithnar gearain. Than sluagh ag iollach airson éirig an còrachsan ceartais. Gidheadh, tha Ualpol balbh dan guidhe, ’s acur togradh an tòrachd gudùbhlan. Bhiodh e chum math na dùthcha, nan do dhearb an rìgh beagan de chùram a riaghlaidh, ri cuid a thoill e cho math ri Ualpol; oir tha e cho aineolach air eachdraidh is litreachass a bham buachaile-mhuc a bhaig a sheanair.

ABHAN-RIGH. —Cha mhór nach toireadh Bolaingbroc a chreidsinn oirnn gubheil sinn uile ann am breisleich as aonais an eòlas-litreachais tha aige fhein. Gheibh mi dèidlidh is leine bheag do Shir Raibeart Ualpol; is cuiridh mi don sgoil aig aMhoraire Bolaingbroc e. Achs mairg a chuireadh sionnach a bhuachaileachd nan cearc.

DIUC EARRAGHAIDHEAL. —Shaoilinn gum biodh e na bfhaide as an rathad, cearcan a chur a bhuachaileachd an t-sionnaich. Tha mi le Bolaingbroc. Ma thuigeas mise faileas-inntinn de spiorad na dùthcha, chan e laidhe sìos fo chreachadh-cuain nan Spàineach is obaig dha, Ma sheasas Ualpol taobh na Spàine——

FRAULAIN SGLIURACH. —Ze Herr Valpool vis block


[80]

headed; zi King, mein Lord must cut it owf mit a clopper.

ABHAN-RIGH. —Nuair a bhios uaislean abruidheanns e tàite-sa, tigh nam muc, no fon abhòrd.

[Thog a Bhan-righ gloinfhìona is shad i an aodann na Fraulain e. Dhéirich an comunn, is rinn gach aon air a dhachadh. Sheas aMoraire Godo gu taobh; is thug e griobag as an Fhraulain Sgliùrachs an dol-seachad. Rinn ise maille gus an deachaidh càch air shiubhal. ]

* * * * * * * * *

Dhaidich Iain Pìobairaig an uidhe so— ’s cha bè an t-annasgun robh e air tiacadh leis aphathadh. Cha robh misena chaochladh; ged is neònach an gearan e, ’san tobar rim laimh. Bha, agus mo leisgial. Oir bha briathrachas Iain ann an cruth cho drùighteach lium, ’s a chur a-mach cho beurra, siùbhlach, ’s nach dfhuair mi abadh no aobhar ach rian a threòir a leanalt.

Cha mhisde ribheid afliuchadh, a bhobaig!” thuirt es e cromadh a chinn ri casadh an fhuarain.

An déigh da fheumalachd òl, chuir e boiseag no dhà air clàr aodainn. Lasaich e sin an crios-leathrach mu mheadhoinbann ainneamh a chleachd e galais; shocraich en fhiarag mu cheann; is air eagal gum buaileadh aghrian air, sgrog e bonaid de shnàth glas, a bha coimhead cho leathann ri guite, na bu tinne air a chlaigionn.

title5. Cuirtearachd
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page