[81]

EARRAIG CHEILLIDH

Am fear a ghleidheas a theanga, gleidhidh e charaid
SEAN-FHACAL

Bu ghrianach geal, an latha chuir mi seachad le Iain Pìobairaig Tobar-a’ -Staing. Baotrom talach air cuisle ann an da-rìribh; oir bhan inntinn òg, is glibheid na beatha fhathasd gun a h-asaid ann an cian an astair. Mo thruaighe! Chaneil an uiridh ann, ni momha thig an gu bràth air ais. Tha grian air cearcall nan spéur mar a bha, is eireachdas nam beann, gun éis aseasamh, ged a shuaineas, air uairean, an ceògam falach. Togaidh am fiadh a chabair le mórachd air còmhnard nan ìochdarionnan ri tùs ar n-eòlais, ’s e gun annas de thriall nam marbh. Cha tig bristeadh air luinneag eòin adhair; ’s cha chaill iad an gléus ann an dlùth nan crann.

Tha socharan an lathud nas ùiren diugh domh na bha iad an uair sin. Co-dhiùbh, tha bhuaidh acair minntinn cho dealbhach, deas, ’s gubheil gnàth na choinnich mo shùil ra linn, ullamh gu tin thugam le ionndrain.

Chi mi fear, gun bhonaid, gun chòta, gabhail bealaich air caoraich na Beinne-bige; is fear eile stuigeadh chon mu Lón- ’ic-Alasdair-Oig. Cluinnidh mi fead, is comhart mu seach, ag iarraidh nan aonach; agus beò Choire-nan-clach ann an sunndgam freagairt.


[82]

Is e lathan àidh a bhann. Ach tha mi dol thar mo sgeòil. Is cha mhi a h-aon. Oir thug Iain fhein, iomradh air móran nithibh nach robh cumail amul na naigheachd ro dhìreach. Mheasadh cuid an dòigh sin mar choire. Ach is ann a bha e ga mo chur-sanam fhaireachadh air an trom-eòlas a bha aig air eachdraidh.

Rinn mise an t-aithris mar a thachair; ach cha cheadaich an sgial dha àite gu h-iomlain. Dhfhaoidte gun leig mi leis aghaoith, na bu chòir dhomh ghleidheadh bhon fhasgnadh. Chaneil seòl air a leasachadh. Oir nan tug mi tarruing air na h-uile ceann-labhairt airna chuir Iain blas, chan e mhàin gun tréigeadh mo chuimhne; ach dhfhàg e mi air cladach-leis cho fada, ’s nach tig an latha bheirinn beò mo chuspair os-cionn fuaraidh.

Leig mi seachad, air amhodh sin, iomadach beum is tuiteamas air an drinn eachdraidh luaidh, ach a bhiodh gun mhealadh ann an aineol an tagraidh. Theagamh nach biodh mo thaghadh gun diomb dom fhear-fiosrachaidh, nan do thuig e saothair mo chriathraidh roi’ -làimh. Ach ma bhios talachsamhanadh, fàgam eadar amoiseansan dàn e.

Tha facail anns achànain againn a chuireas rath air leisgial, ma thig e dhut am foghlum fo smachd an t-seann-duine. Oir faodaidh deadh chliùchdair a bhi dheasbhuidh alt cur lìn ri druim. Cha mhomha na sin bu chòir leispreidh (1) a dheanamh air sgial ann am beairt. Ach taitneachs gun robh bun gach ionnsaidh, bha liughad car ann an seòl-cainnt na naigheachd aig Iains a tham biadh na faochaig.


1 cion-aire


[83]

Chaneil mi idir gun chuimhnair aghròcadh a thug e orm, nuair a dhiarr mi ceann-fìnid a chur air mar a dhéirich do Mhairearad, nighean an Dotair Mhic Uaraig. Ach fhuair mi lium e air acheann-thall. Is ged nach bu dheòin da thogradh e, chàraich e sùil minntinn ann an lùchairt Rìgh Seòras air ais.


II

A bhobaig!” thionndaidh e gu cothromach, réidh mar gum biodh aigne dol air claoidh na h-aineoil, “nach iongantach gnè a chreutair ri dhùthchasachd. Tha sinne an so, is ar tlachd ann am bith nan gleann; torman àlltn an siubhal; tulgadh achanaich le osaig; ceileireadh subhach na h-ealtainn; machair ann an gorm a sàtha; am fraoch fo bharr-gucsan fhireach; glas achrotail air stallaidh; am bradan aleum ri cuileig; glog agheòidh air lochan-feòir; éilid le sgèan ri bruthach; géum -laoighs i làmh ri h-àl; fonn banachaig atin gu buailidh; srann an t-seillein air los mealaidh; is àileadh cùbhraidh na roide, nuair a bhrùchdas an t-iuchar le blàths. Ach that thusa bhobaig! ann an earail do dhìochail afoghlum bho luchd-àitichidh Bhabaloin.”

Be so an t-ainm-tilgeannais a bha aige air bailtean-mór a ghonaidh.

Cha robh mi airson arabhaig ris; cha bhiodh stàth dhomh ann. Tha cuidmar a ni Leódhasaicha ghabhas ri taod, is béileag. Ach cha bann diùbh esan. Leig mi, mar sin, cead athaissa roghainn da.

Thòisich e le bhi caoidh mar a mhilleadh sgrìobhadh


[84]

an Ogha Mhóir air. “Oir tha leithid de chuilbheirtean aognaidh a-measg nan Galls nan Sasunnach,” arsIain, “ ’s nach bu chòir do dhuine, ’sa thoinisg aige, tin thairis orra gun a bhina fhaiceall chluinneadh e.”

Fhreagair mi gum biodh e cheart cho iomchuidh da, sgial rùin a chleith air na clachan, is ormsa.

Thuirt e rudaigin, nach bann de na h-eòin mi mur a biodh an gob orm. Is thuig mi bho sin gur h-ann cho teanns gan cumainn mo theanga fom chùlaig, bu luaithe thigeadh cinneas air mfhoighidinn.

Bha Iain an còmhnuidh fileannta. Ach thigeadh mughadh tromna ghuth, nuair a dhealaicheadh a chòmhradh ri ionadan eòlach a chuairt.

Ciod i an fhéill,” dhfheòraich e, mar gum biodh e gabhail cothrom ùird air bàirnich, “air an ceannaicheadh tu an toil-inntinn than ceartair mu dchoinneamh?”

Chaneil mi cur teagaimh ann,” dhaontaich mi. “Ach nach beag ar còir le chéile, araon air saorsa nan àllt, no air siubhal monaidh? Cha bann idir air ar soinne chruthaich Dia an talamhsa thoradh— —”

Nach ann, a bhobaig?” thionndaidh e cas orm. “ ’Se bhig altrum beachdan goireasach den t-seòrsa sin, a tha cur-as do dhuinealas an t-saoghail. Innis dhomh-sa càite bheil guth-nàdair ann an adhar, uisge, non teine, acomharrachadh an talaimhna imirean, airson peirclich de dhuachdrain?”

Be so mo chothrom air a thoirt gu clais-iùil a naigheachd; is fhreagair mi car grad, gur a dòcha gum be sin a chuir Fear-Scalpaidh, ’san t-Ogha Mór do


[85]

Lunnainn. “Tha e coltach,” lean mi orm, “nach do chuir e dad a-stigh ri h-aon seach aon diubh?”

Tha thu ceart, a bhobaig!” thuirt e le gàire beag, fanaid; “ach cha mhise thuirt riut e. Thainig mar is aithne dhuinn, beò an Ogha Mhóir air ais gun teagamh, ged a dhéirich gu h-olc don fhear a bha ena chois.”

Fhuair mi nis e air slighe mo bhreithneachaidh. Ach thug min aire gun robhna rùn, mar a chaidh do dhàmhuiltean duachnaidh aPhrionnsa Frederic, a leigeil seachad. Cha be so a bha dhìth orm. Is thuirt mi gum biongantach aBhan-righ a bhi marbh, goirid an déigh a turuis do thigh aMhoraire Godo?

Carson a chuireadh sin annas ort?” labhair e, mar gum biodh e gabhail -chin dem fhaoineis. “Sasunnaich!” Ha! dhearbadh tu riutha? Chaneil de cheol-gàiraca-san, ach a bhi murtadhsaclamhadh achéile. Cha mhomha orra sid beatha duine thoirt air falbh na bhi buain phuinneag. Coimhead air an fhear mhosach dhiubh aig an robh sealg aChaoil.”

Bha fios agam air a bha e tighinn; ach dhfhoighnichd mi bhathas acur as a leith.

Am madadh!” thuirt Iain. “Ged nach biodh ann ach an dìol a rinn e fhein, ’sa spaidseirean air bràthar-do-mhàthars gun e achna bhalachan. Rug iad air mun Fhéith-sheilich latha, is e as déighinn dìonaig a theich bhon fhang gun a rùsgadh. Bha feum aca-san far an robh iad, neo cha tug an casan fhein riamh don dachaidh iad. Na bogalain ghealtach; ’s iad bu chollaiche ri bru-dheargain le luirgnean feadaig a


[86]

chunna mise. Ach dha sin? Ithidh iad feòl gus an ruig an corragan oirre. Ugh! Ithidh, is easgannan caola nan dìgeannan. Ol! Ma gheibh iad am bial ri goc chaneil de thùr aca na leigeas as e gun chuideachadh. Ach ma bhios tu air ceann-coise, ’s gun tachair coigreach ort is glugna bhroinn: ’se Sasunnach a h-ann.”

Fhreagair mi gun gabhainn beachd air. “Ach,” arsa mise, “ciamar a dhéirich do bhràthair-mo-mhàthar?”

Ciamar?” dhaithlis Iain. “Ach gun a dhfhuaircne (1), is bhog iad an glumag na Feith-seilich e, gus a-mór nach do bhàth iad am balachan. Na tachairean bhusach, be sin iadsan! Ach thug do sheanair blad fola do dhfhear dhiubh bhon uair sin, is e dol troimhn arbhar aige as déigh geàrra. Mhiap Iain Mac Dhomhnuill fear eile dhiubh os-cionn aChoire-chòmhnaird; is nach cuala mu na fìdeagan a thug Iain Mac Eachainn air triùir aca, ’s iad atoirt mi-mhodh da, is e buain boitean tubhaidh an Gleann-na-béiste?”

“ ’S cinnteach Iain nacheil na Sasunnaich uile gu h-olc. Bidh iad mar a tha buntàta nan coimhearsnachmath is dona.”

Tha, laochain! Thuirt thu na bhair; cha mhillear math ri olc dhiubh. Dìreach, mar a tha buntàta nan coimhearsnach,” ’s e deanamh lasgan gaire— “cuid dhiubh grod is lóbhta, agus achuid eile gun bhruich.”

“ ’S fheudar gur h-ann mar sin a fhuair Mac Fhir-Scalpaidh iad cuideachd,” dhaontaich mi ann an rathad brosguil.


1 slabber


[87]

Fear-Scalpaidh!” chaisg e gu gobach. “Ma tha thu airson gun toir neach eile feairt ort.”

Rinn maideachadh greim air. Oir bha mi cheanasan teasgasg nach robh dad a chanainn, a bheireadh mughadh air a bharail-san, ge be an ràmh air am bitheadh e.

Eadar a h-uile toinneamh is lùbadh a bha air a sheanachas, dhfhiosraich mi bhuaidhe mar a chaidh do dhFhear-Scalpaidh air acheann-thall.

An tug thu riamh fainear,” arsIain, “nach gabh cleasan Sasunnach a chur air blas ann an Gàidhlig? Cha tug, a bhobaig! Nise, gabh beachd air a so. Mur a téid, ach gann, aig teanga nan Gaidheal air dealbh ceart e chur air gnè de dhgharraich Shasunnach, ciamar, an comhair an Fhreasdail! a dhéireas gu math do thograidhean ar dùthcha, is biorsamaid Ghallgan tomhas? Ach chi am fear a bhios beò an Gaidhealsa chànain air seilbh an còrach fhathasd. Sin agadsa rud ris an abradh an t-Ileach, fàisneas.”

Tha cuid de Ghoill dàicheil gu leòr,” thuirt mi mar dhorra-mheaghudh (1).

Cha mhór nach dthuirt thu rud glic le amas,” thill e le dreamadh-sùl orm. “Dàicheil? Puth! Than donas dàicheil, fhads a dhfhàgas am Fìneach an lodarna phoit. Ach thagad air?” lean e, is inntinn atoirt sithidh gu riochdan eile. “Cha tig dhuinn òganach Scalpaidh, —Iain Ruairidh,— ’s an t-Ogha Mór, fhàgail air mireag an eòlais an Lunnainn. Ged is uasal a h-uile Gaidheal, cha mhór, airson sin, a chollaicheadh Iain Ruairidh, ann am bothan tubhaidh


1 tarruing as


[88]

Laobhrais, ri cùirtear éireachdail an lath ud. Ach chan e h-aon air an tainig an latha.”

Thug e sin domh cunntas a bha tearc is taitneach mar bu choimhlionta baithne dha. Achs fheudar aghuite chur an so ris; is bheir mi na dhfhóghnasnur cead.


III

Cia luaths a dhfhàg Fear-Scalpaidh lùchairt an righ, an ath-oidhch’ —bha e air freiceadan-faire gu sidrinn e gun dàil air tigh an Dotair Mhic Uaraig. Oir cha burrainn da làmh a thogail ri mac aChrùin, ged nach robh am meachuinn ciadnaga ruigheachd a-thaobh aMhoraire Godo.

Ràinig e tigh an dotair a bha fuireachsan Strand. Thug e fuaim air clag; is goiridna dhéigh, bha Mairearad Nic Uaraigs e fhein ag ùrachadh eòlas achèile. Bha ise suilbhire gu leòr; ach thar-leis gun a mhothaich e an-fhuras air choireiginna gluasad.

Nuair a ghabhas farmad beò, thig cruth gu h-obann air amharus. Bha inntinn ableith cho luath ri Lupaid agreadanadh; agus mar a dhéirich don fhear a chaidh a shnàmh ris an ròn, fhuair Iain e fhein na bfhaide bho chala, na dhùraichd e.

Bha e fo theabadaich sonruicht: miann sùgraidh air òigh, agus an-earbsana thurus. Bheireadh e, mar sin, an saoghalsan domhainn airson rùn a cridhe fhaotuinn air bhrath. An robh i aineolach air inntinn aPhrionnsa Frederic dha taobh? Is ma bha i atoirt a sheòil air mhisneachd, an robh imothachadh


[89]

dochann a cliù? Ach gu h-àraid, am bann le cead a roghnaich am Prionnsa taghal oirre?

Biad sid iomairt nan ceist air nach dfhuair a dheòin breithneachadh. Bha Mairearad fhein ann an dreach ro-àillidh, ’s iga chumail an geasaibh, gun fhios dith, mar éigneach fo bhinn Druidh. Mar is minig a thachair do fhear ann an gaol, fhuaireas Iain aig an àm ud le teangadhoicheallaich. Ma thug isen aire da chàradhis bha esan acreidsinn gun tugcha drinn i oidhearp air leisgialga chuideachadh. Is e bhuil a bhann, gur mór nach bfheàrr leis fuireach aige fhein bho thoiseach. Air an làimh eile, roghnaich e, mar chion-fàth a dhleasanais, àite-saoraidh a sheasamh, nam biodh a bhean-dùthchana eisimeil.

Thug am beachd mu dheireadh a dhionnsaidh eagar a ghnothuich e; is chunnaic e nach robh dol-air no dheth aige, ach modh a chùraim a chur an tairgse.

Chaneil thu idir ri fhoghlum gum be ceanaltas nam balbhan a bha eatorra, fhadsa bha beus nan smuaint so adol air deilbh. Air achaochladh, bha Iain ann an cathair ghairdeanaich ri taobh an teallaich; is Mairearad air suidheachan goireasach mu choinneamh, le bian féidh fo casan. Theagamh nach robh seasgair an t-seòmair aca air bharr-suaicheantais ionraic, neo thug an t-Ogha Móra rinn iomadach céilidh fhad anndealbh-cunntais air. Air na thug e tarruingsan rathad sin, be uinneig mhóir, a bha coimhead air teis-meadhoin na sràide. Co-dhiùbh, bha iad air lobht àrd no ìosal, ’s ann aigan t-Sealbh a tha brath. Ach a aon bha Iain cinnteach; agus be sin gun robh


[89]

Mairearad acumail an tuilleadh aire air an uinneig ud; na bha tin fodha gu socrach.

Thuig e mu dheireadh nach gearradh e leum Iainic Eachainn gun fiachainn ris.

Tha Bhan-righ fad air ais,” thòisich e, mar gum biodh sealgair agabhail bealaich air fiadh. Cha robh math dha sgèan a chur oirre. “Chaidh tathair a ghairm da h-ionnsaidh. ’S fheudar gu bheil i nas miosa, neo cha dfhuraich e leatha cho fad.”

Cha mhath do naigheachd,” fhreagair ise le guth cho trùmhal ri fàsgadh pìob Mhic Cruimein air ghléus. “Cha diochd don rìoghachd mar a tha i, ged nach tigeadh an còrrna caraibh. Am fac thu ri bruidheann e?”

Be so a chothrom; is thug amhoit leum air an duilleig aige.

Chan fhaca buileach,” thuirt Iain, ’se carga dùr-amharc. “Ach chuala mi an còrrna bheannaichinn mu dhéigh, airson sin.”

Na cur eagal orm!” bhac i, ’s i ag éiridhna seasamh; gluasad a rinn Iain cuideachd.

Ni h-eadh,” arsesan. “Ach tha e mar fhiachaibh orm do churnad fhaireachadh. Oir is e sin a thug an so an dràsda mi.”

Mur abheil bhuat ach mo churnam fhaireachadh,” chronaich i, “aidicheam gun deachaidh do thurus cheana leat.”

Mhothaich Iain, mar mhilleadh biodaigair bachoid, nach do chuir e bladh air ìnnseagraich; is ghabh e boil nach do leasaich a shuidheachadh. Ach mas es gum


[91]

faigh an fhìrinn togail, bhual an t-àrdan e cuideachd. Thainig tòcadh mu lùib nan aisnean aige. Is nan cuireadh e dealbh air aignesan dearbh àm, cha be ciall nan òigh a gheibheadh a bheannachd.

Gonadh orra seach plàigh! chnuasaich e le cùib. Carson a chuir nàdar a leithid de charan annta? Dhiùltadh dhomhsa na cleasan, co-dhiùbh, a bheir gu buailidh iad.

Ceadaich dhomh foighneachd dhiot abheil sùil agad ris an dotair air ais an tràth so?” dhfharraid e ann an casadh-facailna bu bhioraiche na chòrd ri Mairearaid, a bha nise fo iomagain a-thaobh a h-athar.

Cha bhi sùil agam ris gus an cur e cùl ri ghnothuch; nas lugha na gheibh mi fios an atharraichidh bhuat-sa.”

S e dòigh neònach a thaic air sgial-rùin a ghabhail, smaointich Iain; agus mar an ciadna, nach biodh ena shùgradh tin an aghaidh achuilg oirre.

Thainig ena minntinn,” chùm e roimhe, “gur a dòcha gun tug am Prionnsa fios air choireigin mu thimchioll dhut.”

Am Prionnsa!” dhaithlis Mairearad, mar le ioghnadh. Ach nan do thachair do dhIain a shùil a bhi oirre-se, an àitair a bhrògain, chunnaic e gun dfhàs an dearg na bu truimena gruaidh. “Am Prionnsa!” thuirt i rithisd. “ rinn teachdaire dheth?”

Ah! rùnaich Iain, tha saobh-shruths aghlumaig nach aithne dhomhsa; is ghabh e dragh dhethchan ann air a shon fein, ach i bhicur an géill a tograidh air spiris bho nach tig ach tuisleadh maslach.

Thilg e doicheall air chùl, is chomhairlich e dhith,—


[92]

sùil mun t-sròin, —am Prionnsa sheachnadh. “Oir,” arsesan, ’se teothachadh ri chuspair, “tha cuilbheartanna bheachd a bheir aobhar nàire don ionadsam buannaich iad. Ma chaochlas aBhan-righ, bidh tathair an cunnart a bheatha.”

Gun chothrom smachd no gearain a thoirt do Mhairearaid, thug e cunntas mean air na chual e le farchluais ann an Luchairt Hamptoin.

Stad!” chaisg i an ealamhachd. “Na di-chuimhnich mionnan do sheirbheis mar shaighdear. Tha tuaileas acur ort, neo cha bhristeadh do ghuth an aghaidh do Phrionnsa.”

Prionnsa! Puth!” Mhag e gu dàna. “Prionnsa nan leomann, hiri um ! Ach,” is edreamadh aodainntha mo Phrionnsa-sa far nach iarr cogais caisleachadh, mun dthuirt an t-Ogha Mór, mo charaid. Oir chan ann idir clì a bha e, nuair a thuirt e, nach baobhar-uaill do shaighdearseasamh claidheimh ann am muinntearas Prionnsa, nach fheàrr a dhol-a- mach, na umbaidh na h-anameasarrachd.”

Thug Iain an aire gun robh Mairearad fo léireadh trom; ach is beag a shaoil e gun robh cuspair a h-iomagain an àit’ -éisdeachd da ghuth. Oir , ma dhìnnsear e, a bha ann an cuba-chùil afarchluais, ach am Prionnsa Frederic, fhein, leis aMhoraire Godona chois.

Chan ann nuair a bhios ùidh air mheigh bu chòir naigheachd fhiaradh. Ach a-chionns gubheil beus-chliù bana-Ghaidhil an doillearachd, cha cheil mi na ghabhadh a leisgial.


[93]

IV

Aréir sgrìobhadh an Ogha-Mhóir bha fòtas innte. Ach cha chreideadh Iain Pìobaire sin bhuaidhe. “Oir,” arsesan rium, “ged a tha miar-dhìtidh aig oirre fad an t-siubhail, cha robh i cho comas a chur e am fiachaibh dhithgu h-àraid air an oidhchud. A-rithisd, bha i tuilleadh is òg airson buidseachd nam ban a thoirt an toirmeasg. Is e an rud a bhann. Cha dràinig am Prionnsa nuair a gheall e; ach an ath-oidhch. Chumadh a h-athair aig leabaidh-eothair na Ban-righ. Mar a bhios an dàn adeilbh fhuair am Prionnsa Mairearad leatha fhein. Ma bha, no nach robh i diombach dhe ghluasadtha barail neònach aig an Ogha air aphuing sinthainig Iain Ruairidh air chéilidh goirid an déigh daibh suidhe ri seanachas. Rud eile. Ràinig an spagallan moraire sin, Godo, còmhla ris aPhrionnsa. Ach ged a ghabh iad àite-suidhe mu-seach, cha bfhada gus na dhiarr Godo peann is dubhaich. Fhuair e, co-dhiùbh, leisgial air dol gu ruige seòmar thar-leith. Is bha e ann an sin ateagnadh le éud is farmad, nuair a chur taghal Iain Ruairidh an cùiltearachd bun os cionn. Nise, laochain!” lean mfhear-sgeòil, atoirt sgailc air a leis, “is i so blonaig na mearachd aig an Ogha thaobh beusan Nic Uaraig. Tha thu faicinn? Cha robh am Prionnsann an sid ach air foill. Cho luaths a chunnaic e gun robhas aleigeil neach eile stigh, dhiathlaidh e, —air eagal a bhratha dhionnsaidh an t-seòmair sin anns an robh Godo, mas- fhior, asgrìobhadh. Ghabh Mairearad tàmailt nach robh beag; oir chrùb e air falbh gun fiùs a cead iarradh, no


[94]

smid leisgeil. Carson, air amhodh sin, nach cuireadh i càin air comaine, le neo-fhearalas a cùirteir a thoirt le bagairt da fhianuis? Be sin a bhana h-inntinn nuair a leig Iain Ruairidh ruith da theangaidh.”

Biodh sid ceart no nach bitheadh, tha iad air slighe na fìrinn a bheireadh teagamh a iomrall; is chan iomain sinn fiosrachadh bho thaibhs air uideil. Ach a dhaindeoin gach barail, ma thuirt an t-Ogha Mór gun robh fòtas ann am Mairearad Nic Uaraig, is fheudar nach bann gun dìth-aobhair a bha e.

Dhéisd i co-dhiùbh ri casaid Iain Ruairidh gun mi-rùn a thoirt an guidhe; ach mun dfhuair i amas-freagairt, thainig am Prionnsa làthair, is am Moraire Godo còmhla ris.

Tha e mar fhiachaibh air agairt mo sgeòil gam fàgainn an dreach a fhuair mi oirre. Dhainmich Iain Pìobaire gun robh Fear-Scalpaidh air aghart na h-òigesan àm. Is mar a chuireadh e fhein cuimir air seanachas, chomharraich e gu cùramach, nach robh ann an seirbheis aChrùin, dom bfheàrr a thigeadh cùlaidh-chùirteir na Iain Ruairidh. Ach leig e an cur-a- mach sin seachad air dha tin air ais don Eilean a dhàraich e.

Ge be bhanam beachd, cha do chuir iad fiamh no athadh air Iain. Thug e sùil air fear mu seach dhiubhis cha robh i caoimhneil. Bha collas gruaimair aPhrionnsa; is cha robh gnùig aMhoraire cur furain an céill.

Dhfhaoidte nach do leasaich e cùis na h-airsid, Iain fàilt an t-saighdeir a chleith air a cheannard; nach


[95]

deachaidh as air an dithisd aca, no eadhon air Mairearaid. Ach bha esan cearta-coma. Cha bu mho air i an uair ud, nan a thogadhsan Tuirc. Thainig cuideigin eile stigh air; oir lèum a bheò air iteig a dhionnsaidh Coire Chatachain, far an robh ainnir, air shuairceas, aig bleodhan chrodh-laoigh; is conaltradh na h-ealtainnga tàladh. Eilidh! —Chaneil innte ach am pàisde

Cha bfhada bha rùn ann am fonn a sheòdail nuair a thug am Moraire Godo tilleadh air.

An e cleachdadh do dhùthcha,” arsesanse toirt ceum na bfhaisg air, “fàth a ghabhail air ban-uasail, agus ainm do Phrionnsa chur ann an neo-bhéus air mhodh dith?”

An e cleachdadh Prionnsas a ghille-pliobair, a bhi deanamh falach toll-iuchrach ann an seòmar ban-uasail, nuair a gheibh iad fàth air a h-athair bho taobh?” fhreagar Iain mar nach biodh aig orra ach gharrach.

Bha coltas calla nis air; is thug am Prionnsan aire dha. Ach rinn Godo, ann an doillead a chorruich, ach a chlaidheamh a tharruinggluasad a rinn Iainna bealamha. Is mur do leum Mairearad ann an cabhaig eatorra, bha iad ann am mullach nam meall.

Bann air Iain a bha sùil; ach nan do dhamhairc i air a-leith cho blàth aig toiseach an còmhail, cha robh fearg a-nisega dhalladh.

Chunnaic am Prionnsa, ma bha dortadh fola ri sheachnadh, gun robh an eadraigin aige ri dheanamh; is chur e cogar an cluas aMhoraire, a thug air-san seasamh air ais. Goirid an déigh sin, dhfhàg iad an seòmar le chéile. Ach ged a fhuair Iain e fhein a-rithisd


[96]

le Mairearaidna h-aonar, ghabh e mach as a tigh gun a bhial fhosgladh.

Rinn thu ceàrr mo làmh a bhacadh,” thuirt Godo air dhaibh ionad uaignis a ruigheachd. “Tha cunnart anns an eòlas a thaig abhurraidh ud airson a bhi siubhal nan sràid leis. ma chluinneas Ualpol e?”

Eh!” smachdaich am Prionnsa. “Nach annasach lium ceann cho glic riut a bhi cho gogaideach. Cha mho air an fhear ud seadhannan Parlumaid na tha de pholl ri dbhrògan. Leig leis! Mun ruith ceithir uaire fichead, bithidh e air rathad an aithghearra dhionnsaidh fearann brucach adhùthcha, far nach cluinnear an còrr mu dhéighinn. Ach ma tha ciste-laidhe ri dheanamh, cur ann an earbsa Dhunoidheis e.”

* * * * * *

An ceann tacain, thainig Godo far an robh Dunoidheas afeitheamh aig taobh-àrd an t-Straind.

Chaill mi fàireadh air,” fhreagair Dunoidheas ri feòrach an fhir-eile, “is e dol a-stigh do bhùtha Mhic Fhraing.”

Chan urrainn e móran a dheanamh an sin,” thuirt Godo.

Cha mhionnaichinn as asin,” leasaich Dunoidheas. “Cuimhnich gum faod e tin tarsuinn air an Domhnullach a Parais, teachdaire nan Stiùbhartach; air tha h-uile collas air gun coinnich iad. Ach stad ort! Na ghabh thu an t-amharus riamh gubheil fios aig Ualpol gubheil an Domhnullach an Lunnain, agusachuid as miosa is ceann-uidhe da?”


[97]

Air ar ceannach?”

Airur reic!”

Cha do dhaithnich thu air an Domhnullach gun cual e sam bith mun Phrionnsa Frederic, a-thaobh aghnothuich so?”

Cha do dhaithnich nithinn. Bha sinn mar gum biodh cheannaiche. Cha robh guth no gabadh againn, ach air duais is airgiod.”

Coimhead air so,” arsa Godo fo anail. “Is e Iain Tolmach an aon fhear aig abheil fios air an cùnradh tha eadar am Prionnsa Frederics na Stiubhartaich, a-chum a chòirsan rìoghachd iomlaid. Chan fheum sin a dhol nas fhaide. Gheibh thu leisgial air frithealadh freagarrach a thoirtna charaibh. Tham Prionnsa airson a chasan a leigeil leis. Ach ma gheibh e as, ’s e mises tusa a chreanaicheas air. Chaneil nas fheàrr na brod airson diomhaireachd a chleith.”

Bheir sinn giorra na slighe do Hampton da,” fhreagair Dunoidheas, ’se tionndadh air falbh; is bha manadh -bheairtna ghuth.


V

Chuir Iain achuid eile dhen oidhche seachad ann an seòmar os-cionn bùtha-ghunnachan Mhic Fhraing. Bha iad ann ceathrair: Mac Fhraing fhein le ceann liath, is sùile biorach fo mhùgan mollach; Aonghas Domhnullach, toscaire nan Stiùbhartach a Parais, le peirceal lom; is aghaidh fhlathail far nach fhaicte claisean na seòltachd afalach; lasgaire de dhEirionnach, nach robh buileach cho seòlta, ach dom baithne cnò a


[98]

bhristeadh fo chùlaig; agus Iain Tolmach, no Iain Ruairidh, le cridhe cho fosgarra ri nead curracaig.

Mun do dhealaich Iain ri chompanas, bhan aigne aige air a h-aomadh ri seirbheis nan Stiùbhartach. Dhfhàg e an fhàrdach, airson sin, na bu tràithe na rinn càch. Bhana rùn an t-Ogha Mór fhaicinn gun dàil. Oir bhòidich e ris fhein, nach drachadh grian gu doimhne rithisd, gus an togadh e sàil ri baile na mollachd. Ach chan ann mar a laitheas an calg, a dhfheannair an t-sitheann.

Goirid an déigh dha tigh Mhic Fhraing fhàgail, rinn boirionnach easgaidh, le cleòca mu ceann, suas ris. Choisich i mu chiad slat ri thaobh, mun tug e an aire dhith. Ach cia luaths a thug e sùil oirre, shìn i pasgan láimhe da, is dhfhiar i air falbh bhon rathad.

Bha ioghnadh atin airna leithid de fhrasan, ’s nach do smaointich e sealltainn air an rud a fhuair e gus an robh e astar air falbh. Rinn e nuair sin air solus a bhaig oisein sràide, is dhfhosgail e am pasgan. Cha robh ann ach badan fraoich, is duille sgein-duibhe.

Chan ulaidh no cuimhneachan a tha so,” thuirt e ris fhein, is bfhior dha sin. Oir tharruing e crioman pàipeir as àite na stàilinnsan duille, is léugh e ann an Gàidhlig, na facail: ‘Far an gile soluss ann is momhan dubhar. Cum do shùil thar do ghualainn.’

Thug e feairt air an rabhadh, ged nach robh fiughar air bhrath aige, ciamar a thigeadh a chron. Ach chur e co-dhiùbh ceum air ghluasad, is a shùil air bheachd. Ràinig e glé fhaisg air an tigh anns an robh an t-Ogha Mór afuireach ri taobh Drochaid Lunnain, gun a


[99]

bheireadh oilbheum dha, tachairt ris. Is ann a thainig amharusna inntinn gun drinn an a thug am fraoch dha, cùis-bhùrta dheth. Ach mun dfhuair e fonn air a thogradh, bhoisg lainnir chlaidheamh an cùil, is leum triùir da ionnsaidh còmhla. Nam be feachdaire gun oilein a bhan Iain, thainig na gheall Dunoidheas da thaobh, gu crìch obainn. Ach chunnaic Iain a chunnart, is fhuair e chùl ri balla mun a sheall na milltearan bhuatha.

Bu mhath dhà-san gur h-e an t-Ogha Mór a theagaisg cleas achuinnseir dha, neo chuireadh as da leis achiad dubadh.

Dhfhàs a shùil cho biorach ri sùlairos-cionn calfhaolag; thainig spionnadh gun sgìosna fhéithean; dhfhuaraich an eanachainn aige le cuimse na strìth, ach thug ìochd an dioghaltais tòicna chridhe. Bha bàs gun mheachainn afeitheamh an fhir a chailleadh a lùghs.

Cha robh duine ri fhaicinn air fàireadh, no idir fagus daibh; neo tharruing gliong nan claidheamh alàthair iad. Tha chollas, co-dhiùbh, nach be fùidsearan gun sgil a thug làmh air. Oir ged a chaidh aig air an cumail dheth fhathasd, bha iad aseachnadh ruigheachd a chlaidheimh. Bhanam beachd a chlaoidh a chum a bhi cinnteach as an obair. Thuig Iain so cuideachd; ach cha robh seòl air a leasachadh. Nan tigeadh iad faisg gu leòr air, gheibheadh e chothrom orra. Ach cha burrainn e chùl a thoirt bhon bhalla, gun e fhein a thilgeilnan làmhan.

Chaidh còrr is leith-uair seachad gun bhuannachd ri


[100]

fhaicinn aig taobh seach taobh. Ach ged a bha Iain cho fulannach ri sgarbh fo fhlinne, chunnaic e nach seasadh a chur thuigesan dòigh ud. Bu mhath buille-teanachdais bhon Ogha Mhór an ceartair. Thainig an smuaint so mar ghuidhena rùn; oir, fhadsa bha airega turaman, dhfhuilich fear de luchd-tòireachd air a ghairdean. Cha robh an dochann mór; ach ged nach robh fhein, ghabh iadsan foras gum biodh e an gradaig ri làr aca. Theagamh gun deach an dùil mar amiann, nan dfhàgadh an dearbhadh air amànran-san.

Thuirt am facal againn fhin, nach dlùithe tha clach don làr na tha cobhair Choibhidh. Oir is iongantach mar a thig fear an t-saoghail fhada as gach càs; agus nas iongantaiche mar a shiùbhlas an dàn gu rath. , seach daoinan t-saoghail, a thachair a bhi tilleadh da dhachaidhsan àm, ach an t-Ogha Mór? Bha e ann an caidreamh na searraig còmhla ri brachadair a mhuinntir Ghlinn-dail, is fear-eile a Gleann Urchaidh, leis am bu cheaird, a bhi cur suas mhuilnean-gaoithe, Mar a bhios am fear don drug an cat an cuilean, chum mire na cuaiche gu anamoch iad; is bha feum aig Iain Ruairidh air asin. Ach chreanaich feadhainn eile air a thàilleabh. Oir thainig an t-Ogha Mór air an tuasaid, is e anns an togradh bheothanna sin a bheireadh aghaidh air deamhnan.

Cha tug e an aire bha aige an toiseach. Chunnaic e triùir atoirt ana-cothruim do dhuine leis fhein; is bha sin gu leòr dha. Leum e gun dàilnam measg, is lann air ghléusna ghlaic.

A chlann Ifrinn!” mhionnaich e le gloc. “Thoir-


[101]

ibh cothrom-na-Féinne don diùlnach.” Ach nuair a mhothaich e ris a bha eadraigin, bu chollaiche ri duinair achuthach e.

Tha fios aig daoine gun robh an t-Ogha Mór fearadhanna nuair a thigeadh togail fodha. Is cha bann air an turus ud a rinn e dìmeas air deachd a thapaidh an caonnaig. Oir cha bu luaithe bha fheachd am feobhas, na thug sgathadairean achroin an seang ri astargu h-àraid Dunoidheas. Fhuair esan teicheadh; ged nach do shoirbhich cho sona le chùiltearan. Ma thug iadsan na buinn as, rinn an t-Ogha, is Iain Ruairidh dian as an déighinn. Chan fhacas an t-sealg sin riamh ri bruthach, a bha na bu teotha nan fhaoghaid ud.

A mhic an Fhir-mhóir!” mhionnaich an t-Ogha, ’s etoirt siapaidh air fear diubh. “Tionndaidh taghaidh mhosaich an rathad so. Oir cha toigh lium brodadh na muica dheanamh ort.”

Thuig am fògrach nach bfheàrr an càradh na eatorras nan cailleacha-dubha; is nach robh ach an t-seòltachd a bheireadh dheth iad. Bha chlaidheamh air bheairt aige, is thug e gnè de spìd as, mar gum biodh e airson fhear-tòireachd a chur as fhaireachadh. Agus chaidh sin leis. Oir smaointich an t-Ogha gu robhasga fhàgail, is chuir e greasad gun faicill air astar. Ann am beagan shìnteag, bha e aig sàil na bha roimhe. Ach sid am fògrach air a bhial-fodha, ’sa chlaidheamhna stob thar a ghualainn. Bann na thràth a chunnaic an t-Ogha Mór a chunnart, is leum e beò as an adhar seachad air.

Chaneil ri aithris ach gun dfhàg e fear a chonais


[102]

na shìneadh; is e gun chomas olc an t-saoghail so a mhiadachadh.

Air an tilleadh air ais, bha Iain Ruairidh atalach nach dfhuair e cothrom air Dunoidheas a chur anns an aona phasgan ri càch.

Tha thu canail rium,” fhreagair an t-Ogha Mór an coinneamh an t-seanachais a bha eatorra, “gubheil thu fàgail an Arm-dheirg; ach a-nisebhon a dhearb thu an urrad-sa ni thu gun Mairearad Nic Uaraig?”

An rud a rinn an Gall gun airgioddeanamh as a h-aonais,” dhaidich Iain air a shocair. “Chaneil i air mo shon, no idir misair a soin-se. Bha mi air mo dhalladh nuair a thaobh mi rithe.”

Bha, laochain,” leasaich an t-Ogha mar gum biodh e buidheach dhe na chual e. “Chan e fuaidreag na liudha bheir bradan a àllt. Cha bi thigeadh air achliabh-mhòine. Mnathan abhaile-mhóir, chaneil de dhfhuil annta na chuireas clann mu theine dhut. Nach i do mhàthair a ni an toileachadh ri do ruigheachd? A-màireach aig deich uairean, cuiridh sinn ar n-aghaidh air rathad an Eilein. Beannachd leat!”

Mar sin leibh-sa,” fhreagair Iain. “Aig deich uairean.”

Chunnaic an -na-mhàireach an turus air thoiseach orra; is, mìos an déigh sin, bha fàilte nan càirdean ann an Eilean aCheò, acur gach doilgheis gu buileach a cuimhne.

Chaochail aBhan-righ; ach cha do dhéirich gu h-olc don Dotair Mac Uaraig. Chunnaic e buaireas


[103]

nan Gaidheal atighinn; is thug e mar earras do Mhairearaid, —air a leaba-bhàisi cunnartan aghluasaid a chur air mhanadh, far an ruigeadh a treòirsa buadhan air.

Cha do mheall i an earbsa. Oir mu sheachd bliadhna an déigh na nithibh sin tachairt, bha i fhathasd gun phòsadh; is i adeanamh teachdaireachd dhiomhair a-measg nam fineachan Gaidhealach. Bheìr bristeadh na sgeòil tha romhainn aithris mar a thog i ceann.

title6. Earraig Cheilidh
internal date1912.5
display datea1913
publication date1913
level
reference template

Mac Dhonnachaidh An t-Ogha Mór %p

parent textAn t-Ogha Mor
<< please select a word
<< please select a page