’S FHADA THALL THA MISE
’S fhada, ’s fhada thall tha mise,
’S fhada thall bhon eilean àluinn,
Eilean àluinn snàmh ’san iar,
Ailleagan gu bràth ’nam chridh’.
’S fhada, ’s fhada thall tha mise.
Orasa nan tràighean grinneal,
Tràighean grinneal mìn gan sluaisreadh,
Stuadhantan ùr bho uchd a’ chuain
Bualadh fuaimneach mar o chionn.
Orasa nan tràighean grinneal.
’Sann ’nad thàmh a fhuair mi m’àrach,
Fhuair mi m’àrach òg is m’altrum.
Làithean samhraidh, maothach, blàth,
Casruisgt’ ruith mi taobh Loch Bàn.
’Sann ’nad thàmh a fhuair mi m’àrach.
’S truagh an-diugh an tìr nan Gall mi,
Tìr nan Gall is mi ’nam aonar;
Daoine coibhneil air gach taobh,
Ach ’se Beurla th’air gach beul.
’S truagh an-diugh an tìr nan Gall mi.
title | ’S Fhada Thall tha Mise |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | MacNeill Moch is Anmoch %p |
parent text | Moch is Anmoch |