SRUTHAN TEAMPULL A’ GHLINNE
A shruthain bhig, á gleanntan do bhalbhag bheir smuain
Air gach cùis a dh’atharraich bhon chiad là ruith thu nuas;
Bho’n fhliuch thu teanga thioram Draoidh a streap do bhruthach suas,
Gu ’n latha an-diugh ’s tu fuarachadh mo charbad-rothach luath.
Mu fhichead slat bho d’ bhruachan, an àit’ le fois is sìth,
Thog Calum Cille teampull air a thurus tuath gu I.
Tha sin a-nis ’na làrach, le crotal air gach clach,
’S gun nì mar bha ach d’ bhorbhan ’s mac-tall’ nan creagan glas.
Mu’n d’ chuir thu chiad car lùbach tha cnocan air mhór-sgeul,
Far robh cinn-cinnidh ainmeil len gadhair riobach nan sròn geur.
A-nis tha froineach àrd ann a shaltaireadh mo cheum,
’S na blàran a bha uaine fo ghiobarsaich gun fheum.
A’ tèarnadh suas do ghleanntan moch maduinn chiùin le spréidh,
Fo m’ chasan rathad cruaidh le teàrr far an dòcha ruith thu fhéin,
Mo smuain gur ioma h-aon chaidh seach le sùilean fliuch le deur,
A dh’fhàgail caraid anns a’ chill an Orasa gu sèimh.
An fheannag ghlas, an croman ruadh, is fitheach dubh nan speur,
Gum fliuch iad gob ’nad uisge mun éirich a’ chiad reul.
An dreathan beag le ribheid bhinn, ’s i gleusda suas ’ga mhiann,
Gum faigh e fasgadh mu do bhruach far ’m paisg e cheann fo sgiath.
Dol seachad sìos an teampull ’nam charbad thoiteach ùr:
Glé mhath i mar tha cabhag orm, ach bho m’ chasan bheir i lùth;
Glé mhath i mar tha ùilleadh innt’, ’s gun sàbhail i mo cheum,
Ach gun d’uisg’ ’ga fuarachadh, stadaidh i gun fheum.
Tràth latha anns an t-samhradh tha fàileadh cùbhraidh leum
Bho gach lus ma d’ bhruachan, is drùchd a’ fàgail fraoich.
Tha ’n uiseag ’s i a’ seinn dhomh, ag aotromach’ mo cheum,
’S measg roiteagach tha snàthainn an damhain-eallaich ghleusd’.
A shruthain bhig, mo thaing dhuit ’son t’uisge blasda fuar,
A chaisg mo phathadh, ’s mi ’nam bhalach, cleasachd mu do bhruaich.
Mo ladhran fhuair iad faochadh ’nad lùbagan beag ruadh;
Casruisgte b’e mo mhiann-sa seach brògan sleamhainn cruaidh.
Tha a h-uile nì air atharrachadh, an seo is anns gach tìr,
Cuid bheir math, cuid bheir dona — a bheil fios có tha fìor?
Chan eil mi nis cho aosda no cho òg ’s nach fhac’ mi fhéin
Daoine bha cridheil toilicht’ le glé bheagan ach an gnìomh.
An-diugh gum feum sinn rothair, mar ’s luaith e ’sann as fhèarr,
Taigh grinn le h-uile àsaig, mar ’s daoir iad ’sann as fhèarr.
’N àit’ pìob is sgeul is òrain, fidheall agus rann,
Tha daoin’ ’nan suidhe sàmhach mu choinneamh bogsa-dhealbh.
title | Sruthan Teampull A’ Ghlinne |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | MacNeill Moch is Anmoch %p |
parent text | Moch is Anmoch |