AN T-SLAT-IASGAICH
le Alasdair Darrach
Séist
An cuala sibh riamh mar a dh’éirich don iasgair?
Fhuair e ’n t-slat-iasgaich a b’fhèarr bh’ anns an àit’.
Bha i cho fada ’s gum b’fheudar a gearradh
Mun toireadh a’ chairt i thro Bhealach na h-Aird.
Rann 1
’Sann aig Sendy bha ’m fraoighlich ’n àm slaopadh nam maorach
Nuair thàinig Grace dhachaidh le bàirneach no dhà.
Thubhairt ise, “Tha Peetran an déidh an t-àit’ itheadh,
’S chan fhaigh sinn gin idir ’san àite gun dàil.”
Rann 2
Nuair chaidh Sendy a siabadh air Carraig Mhic Criobhan,
Bha i cho iasgaicht’ ri slat bh’ anns an àit’.
Cha b’urrainn dha seisreach a cumail ’na seasamh
Cho math ri Grace a bhith leis aig an t-sàil.
Rann 3
Thubhairt Murchadh Buie, ’s e ’g éirigh air uileann,
“Nach e Sendy am burraidh bhith lubairt ’san tràigh?
Nam feuchadh e ’n abhainn, ’s i móran na b’fhasa,
’S gum faigheadh e gealag an àite no dhà.”
Rann 4
An cuala sibh riamh mar a dh’éirich don iasgair
Thug còrr is seachd bliadhna am Baile na h-Aird?
Cha b’e idir an t-iasgach a dh’fhàg e cho liath,
Ach bhith treabh’ ’s a’ cliath’ ann an Gàrradh nan Sgab.
title | An t-Slat-Iasgaich |
writers | Alexander Darroch |
internal date | 1950.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | Darroch in MacNeill Moch is Anmoch %p |
parent text | Moch is Anmoch |