[49]

AN T-ACHMHASAN

Séist

O! sinn foighidinn.
Carson a bhiodh sinn brònach?
Siud agaibh an t-achmhasan
Thug mac bràthair mathar dhomhsa.

Rann 1

Sin mar labhair Alasdair,
S eg ràdh gu robh mi gòrach,
Gu robh mi fuasach amaideach
Bhith fantail ann am ònar.

Rann 2

Nam biodh seòrsa bean agad
A bhiodh afuireach còmhriut,
Cha chuireadh fuachd no acras ort
A Shathurna no Dhòmhnach.

Rann 3

Dhèanadh i dhuit deasachadh,
Is loisgi beagan mòine,
Is bhiodh an dinnear deas aice
S i feitheamh ort an còmhnuidh.

Rann 4

Chan éisd mi ri do leisgeulan.
Tha taigh agad an òrdugh,
S ged bhristeadh i na soithichean,
Tha achoire sin aig móran.

Rann 5

Bruidhinn socair réidh rithe,
S mas fheudar e, bheir pòg dhi,
Is coma leat bhith beulach
Ri gach uile as bòidhche.

titleAn t-Achmasan
writers Anonymous
internal date1900.0
display date19..
publication date1998
level
reference template

Anon in MacNeill Moch is Anmoch %p

parent textMoch is Anmoch
<< please select a word
<< please select a page