[86]

“ ’S LEAM FÉIN AN GLEANN. ”

BHA rud shònruichte bu reuson do na h-uaislean bu mhothasan dùthaich a bhi taghal Ghleann-a’ -chaorainn; agus biad sin gur ann ann a bhan fhrìth fhiadh a bfhèarrsa Ghaidhealtachd uile, agus an aon mhaighdean bu mhaisiche air an do dhearc sùil duine bho chionn iomadh linn roimhe sud. Cha robh snaidheadair riamhsa Ghréig a ghèarr am mach á cloich le òrds le gilb ìomhaigh bu shnas-mhoire; ’s cha robh maise dhiarradh bàrd air nighinn, nach robh oirre bho mhullach a cinn gu bonn a coise: aguss iomadh bàrd math a sheinn cliù maighdean Ghleann-a’ -chaorainn ra latha. ’S iomadh fleasgach òg ionnsuichte, làn òir is ionmhais, thigeadh don ghleann mar leisgeul a shealg nam fiadh ainmeil aig an robh an dachaidh am measg nan stùcs nam beann air oighreachd aghlinne; ach cha be idir fear na cròic bu mhotha bhiodh air an aire am feadhs a bhiodh iad aseilbheachadh a h-uile toil-inntinns làn-aigheir a than cois faghaid nam fiadh. Bu lìonmhor iad mum fàgadh iad an

Le cead AChomuinn Ghaidhealaich.


[87]

gleann a dhiarradh làmh Màiri òig; ach bha iad a cheart cho lìonmhor dan dthug Màiri òg an diùlt, eadhon ged rachadh cuid dhiubh mun cuairt air suiridh na maighdinn a cheart cho seòltas a rachadh iad a shireadh fear dìreadh nan stùc. Bu tric a bhiodh a sean athair am feirg rithe air son cùl a chur ri iomadh pòsadh, mór, beartach; ach thug Màiri a cridhe do òganach-smiorail, gasda eile; agus bheireadh i a làmh dha, cuideachd, nam faodadh ian rud nach fhaodadh. Be sin Iain bàn pìobaire, aon mhac banntraich bhochd a bha fuireach am bothan beag mu thuaiream cheud slat don tigh mhór.

Bha Iainna ghille cho deas, dìreach, smiorail ri aon mhac màthar a sheas riamh air bonn bròige; ’s an uair a dhéideadh se e-féinsan deise Ghaidhealaich, bu shealladh shùl e do dhìsleans do dhuaislean anns gach cuideachdsam bitheadh eagus biomadh sinàrd, inich, slinneineach, leathan, le dhà chalpa chuimir, an osain bhallach, mar bhradan tarra-gheal na garbhlaich. Bhon a bha ena bhalach glé òg, bha ena phìobaire aig Fear aGhlinne; agus meur eile bu ghlaine air feadan cha robh furasd fhaotainn. Bhon dhfhalbh Cloinn Mhic Criomain cha robh fear eilesan dùthaich a bheireadh am mach gach glugs gach snaims gach car than siubhal, non taor-lùth non


[88]

crunn-lùth pìobaireachd, cho math ri Iain bàn, pìobaire Fear Ghleann-a’ -chaorainn.

S iomadh latha thug e féin agus Màiri òg aleannanachd; agus chaneil iomradh am bàrdachd non sgeulachd air fear no mnaoi aig an robh leannan-sìth a rinn leannanachd cho uaigneach ùine cho fada, ri Iain bàns ri Màiri òig aGhlinne. Nuair a thigeadh neòil dhubha na h-oidhche mar sgàil-bhrat dorcha thar mullach nam beann, shéideadh Iain suas aphìob mhór aig ceann abhothain bhig; ’s nuair chluinneadh Màiri òg cuir bhòidheach“ ’S leam féin an gleann,” ’na suidhena seòmar àrd, thuigeadh i gun robh i ri Iain a choinneachadhsan àite ghnàthaichte fo sgàil nam preas a bha tilgeadh am faileas dorcha air aodann Locha-; aguss gann a dhaithriseadh mac-talla nan creag na meòir mu dheireadh den phort, nuair bhiodh Màiri air a pasgadhna breacan, afeitheamh ra leannan.

Lean iad mar so iomadh lathas bliadhna; ach, mar a dhéirich do iomadh càraid òg eile bhiodh aleannanachd gun fhios, chaidh am brath; aguss gann a chaidh am beag sgeul don mhór-sgeul, nuair ràinig an gnothach cluasan Fear aGhlinne. ’S e thàinig as achùis gum bfheudar do Iain an dùthaich fhàgail gun dàil, gun fhuireach; agus cha robh sin gun trioblaid, gun sileadh dheur do Mhàiri


[89]

bhochd. Fhuair iad an cainnt a chéile aon oidhche mun dthug Iain a chùl ris an dachaidhsan dfhuair e àrach òg. Mun do dhealaich iad ri chéile thubhairt Iain: “Nis, a Mhàiri, bithidh iomadh lathas bliadhna mun tachair sinn a rithis, ’s math dhfhaoidteadh nach tachair gu bràth; ach ma chluinneas tu oidhchéiginn fhathast fuaim, ‘ ’S leam féin an gleann,’ thig thu an so mar a bàbhaist: ’s e sin mur a bi thu air làimh aig fear eile.” Gheall Màiri sud agus, len cridheachan aplosgail ri uchdaibh a chéile, dhfhàg iad abheannachd mu dheireadh gu ceann iomadh lathas bliadhnano air na bha dhfhios acagu bràth.

Mun do dhéirich grian air maduinn an - ’rn-a’ -mhàireach, bha Iain iomadh ceum air a shlighe, agus bu cheumannan troma iad sin; agus cha be chridhe bu dad a baotruime. An ceann beagan ùine ràinig e Glascho, agus aig crois abhaile mhóir sin, ghabh e tasdan an rìgh, ’s chaidh ena phìobaire don Réisimid Dhuibh, far an robh iomadh gille sgairteil, smiorail, de mhuinntir Ghleann-a’ -chaorainn, mar bha Iain fhéin.

Bha Màiri òg gu deurach, muladachga thuireadh anns aghleann. Cha robh sìon air an leagadh i sùil nach robh leatha mar gum biodh e guls acaoidh Iain mar a bha i féin. Bha gnùis throm, mhuladach air gach cnoc


[90]

s gach glacs gach preas. Nuair thàinig deireadh acheud latha, bhan gleann gun Iain; ’s nuair a thàinig an t-àm a bàbhaist dith“ ’S leam féin an gleanna chluinntinn atighinn oirre bhon bhothan bheag ud thall, bha a cridhen impis sgàineadh le bròn. Shuidh i mar a bàbhaist dith an uinneig an t-seòmair. Bha gaoth thlàth ag iomain neul dhubha na h-oidhche gu mall thar aghlinne. Dhfhalaich na beanntan an cinn ghorma fo chleòca trom de cheò. Bha torman mulaid nach bàbhaist aig gach eas a bha sruthadh o chìochan nan stùc; ’s bha gaoth an anamoich ag osnaich bho phreas gu preas, ’s bho chraoibh gu craoibh, mar nach cuala Màiri riamh roimhe i. Bha gach ni fo smals fo bhròn comh-réir ri Màiri fhéin, atuireadhs acaoidh na dhfhalbh an ud. Thug i iomadh latha mar so a dhaindeoin na dhèanadh a h-athair ga toileachadh le bhi cruinneachadh chuideachdan cridheil, feuch an tréigeadh im bròn a bha i giùlan. Ach bha Màiri bhochd asìor shnaigheadh as. Bham maise nach robh ach tearc ra fhaicinn an gnùis mnatha, an impis a tréigsinn. Bha i mar bhlàth acinntinn fo sgàil nan craobh far nach ruigeadh aon chuid dealt torach na h-oidhche no aiteal cùbhraidh grian an t-samhraidh.

Bha Màiri bho àm gu àm gu coibhneil, furanach, dleasanach ri màthair Iain. Bha i mar


[91]

so afaotainn a naigheachd gu tric: ni bha toirt aotromachaidh mhóir dith. Ach an ceann beagan ùine thàinig air an réisimeid falbh gus na h-Innsean-an-ear; agus ged a bha litir atighinn bho Iain an tràth-s’ ’s a rithis anns acheud tòiseachadh, bha iad ri ùine fàs na bainneimhes na bfhaide bho chéile, gus mu dheireadh an do sguir iad air fad.

iomadh bliadhna fhada cha robh sgeul bheò no mharbh atighinn air; agus anns an ùine sin thàinig atharrachadh mór air aghleann. Chaidh an oighreachd cho mór am fiachans gum bfheudar a reic; agus bha i air a ceannach le uasal òg an Lunnainn; ach cha chualas ainm. Bha leis a sin sean uachdaran aghlinne ris an t-seann dachaidh fhàgail; ’s cha robh sin gun bhi goirt, cràiteach don tuath lìonmhor a bhan Gleann-a’ -chaorainn; oir bha iad féins an seanairean apàigheadh màil do theaghlach aghlinne bho chionn iomadh glùn air ais.

Air sgàth a h-athar bha nis afàs suas an aois, ’s afàs sìos an cuid, dhaontaich Màiri Sasunnach òg, beartach, a bhiodh atighinn tric don gleann a shealg nam fiadh, a phòsadh. Thug i dùil gun tilleadh Iain gu bràth. ’S iomadh uair a smaointich i gun do thuit e am blàr ris na daoine dubha; no gun do bhàsaich e leis na plàighean mosach tha cho buailteach do


[92]

thìrean teth; no gun robh e air a reubadh leis na beathaichean fiadhaich tha cho lìonmhor am fàsaichean nan Innsean. Ach a dhaindeoin nan smaointean sin cha robh oidhche gus an oidhche mu dheireadh nach robh i cumail a cluais fosgailte feuch an cluinneadh i fuaim na pìoba.

na h-ùine sin bha Iain beò, slàn. Ged rinn e dearmad air bhi sgrìobhadh, mar rinn iomadh fear da sheòrsa a bhiodh treis an tìrean céin, bhiodh e gu tric asmaointinn air na dhfhàg e as a dhéigh. Bu tric a rachadh e sràid do àitiomallach, uaigneach, agus a chluicheadh e leis féin na puirt air an robh déigh aig Màiri; agus thar leis gum faiceadh e i tighinnna chòmhdhail am beul an anamoich. Gu tric nuair bhiodh Iain mar so, bhiodh e faicinn dèarrsadh bòidheach, boillsgeil, mar gum biodh reul air oidhche reothaidh, an taobh chnuic faisg air. ’S tric a smaointich e dol feuch ciod è bu chiall da; ach aon lathas e dol seachad air an àite cheudna, chuir e roimhe gun toireadh e deuchainn , ged bha em beachd iomadh uair gur e beothach fiadhaich a bhann, ’na laighe am fàil. Co-dhiùbh, ràinig en t-àite agus, am bruaich mhóir an sin, fhuair e clach sgorrach geur-chumadh; ach leis an dèarrsach ghorm a bha i atilgeilna làimh, eadhon air amheadhon-latha, smaointich e gun toireadh e leis i; ’s nan


[93]

robh e an dàn da dol dachaidh gu bràth, gum biodh i aigena h-ionghnadh as na h-Innseanan-ear.

Beagan ùinena dhéigh so thàinig an réisimeid dachaidh do Lunnainn; agus aon latha sònruichte bhan sin, bha Iain agabhail sràid leis féin agus agabhail tlachd anns gach sealladh bha e faicinn feadh abhaile mhóir sin, nuair thàinig e gu uinneig bùth mhóir anns an robh iad areic chlachan luachmhor. Chunnaic Iain an sin clach den cheart seòrsa thug e féin as na h-Innsean, agus smaointich e, leis mar a bha i air a gleidheadh cho cùramach, gun robh i gu math fiachail. Chaidh e stigh don bhùth agus dhfhoighnich e prìs na cloiche. Be sud mòran mhìltean.

An ,” ars Iain, “tha agamsa den cheart seòrsa, ach a cheithir meud rithe so; agus ma chòrdas sinn ma prìs, reicidh mi ribh i.”

Faiceam i,” ars am marsanta, “ ’s chaneil fhios nach fhaod mi a ceannach.”

Dhfhalbh Iain a dhiarraidh na cloiche; agus nuair a thill e, sheall am marsanta oirre gu mionaideach.

Tha so,” ars esan, “clach den daoimean is fèarr. Ciod è ghabhas tu oirre?”

Dhinnis Iain sud; agus, mun deach e mach thar stairsneach abhùth, bha ena dhuine cho beartachs a bha coiseachd air sràidean Lunn-


[94]

ainn. ’S beag a smaointich Iain gun robh urad de luach anns aphìos cloiche bha e giùlanna chuideachd cho suarach a leithid de ùine.

Beagan ùine an déigh sud, ciod è chunnaic Iain anns na paipearan naigheachd ach gun robh Gleann-a’ -chaorainn anns amhargadh. Gun dàilsam biths ann a chuir e tairgse air an oighreachd troimh luchd-lagha an Dùn-éideann; agus, an ceann glé bheag de làithean, thàinig fios chuige gun dfhuair en gleann air a thairgse. ’S beag a smaointich Iain an latha chaidh fhògradh as aghleann gum faodadh e tilleadh ann fathast, ’s ena uachdaran air, agus acheud tilleadh sin, cuideachd. Be mhiann gun fhios a bhi aig neachsa ghleann air achùis; oir chuir e roimhe gun rachadh e dhachaidh, ’s nach dèanadh e e-féin aithnichte do dhuine car tiota.

Thug e an sin aghaidh air na garbh-chriochan aon uair eile. Bhan latha goirid earraich air ciaradh dhionnsuidh na h-oidhche nuair a ràinig e crìochan Ghleann-a’ -chaorainn. Shuidh e car tacain air bruaich bhig taobh an rathaid aleigeil a sgìos, agus agabhail aon làn a shùl de ghleann a ghràidh aon uair eile, air a cheud tilleadh dha ann, bho chionn iomadh bliadhna mhór fhada. Be sin an sealladh a thug air an fhuil an cuislean Iain a bhi ruith gu blàth agus gu farumach. Bha na beanntan ceutach adìreadh


[95]

nam binneanan móra, gorma a suas an aghaidh nan speur, agus badain de neòil chruaidh, dhubha, ghiobagach na h-oidhche earraich asnàmh gu h-aotrom thairis orra. Bha tùchan na liath-chirc am measg an fhraoich mar a bàbhaist, agus dùrdail throm achoilichg a freagairtsa choille. Bham bradan tarra-gheal amireags aleumsan loch, ’s afàgail cearcaill anns gach àite an tuiteadh e. Bha na rionnagan acaogadhs apriobadh troimh gach uinneig bhair an speur, ’s atilgeadh an gathan geala soluis a nuas air monadhs air srath. Bhan tigh mór, a nis a bu leis féin, le sholus aboillsgeadh anns gach uinneig a bhair; agus bothan beag a mhàtharga altrum an uchd na beinne móire, ’s na craobhan mar a bàbhaist asgaoileadh am mach am meanglan a chumail fasgaidh air. ’S iomadh sealladh a chunnaic Iain an tìrean céin; ach be sud sealladh bu bhòidhche chunnaic e riamh. Cha robh àitair an sealladh e nach robh cuimhneachan air choireiginn comh-cheangailte ris agus ionnans ag ràdh ris: “Bheil cuimhnagad air a so, Iain?”

Ràinig Iain stairsneach a mhàthar agus, gun dad a ghabhail air, dhiarr e cuid oidhche oirre: gum bu shaighdear e bha tighinn dachaidh air fòrlach.

Gheibh thu sin, a ghràidh,” ars an t-sean bhean bhochd, “agus bhon is saighdear thu,


[96]

s leat cheann an tighe. Bha mac éibhinn agamsa, mi-fhéin, an arm an rìgh; ach bho chionn mhóran bhliadhnachan chaneil sgeul bheò no mharbh air.”

Thàinig reachd am muineal na sean mhnatha bhochd a thug tiomadh mór air Iain; agus eadar a h-uile latha goirt a chuir e seachad, cha do chuir e cath riamh seachad cho mórs a chuir e acumail tobraichean nan deur gun taomadh thar am beul.

Nuair a fhuair Iain greim bìdh, ghabh e naigheachd na dùthcha.

Am bheil dad ùr adol air aghaidhsan dùthaich?” ars esan.

An , tha gu leòir,” ars a mhàthair; “thàinig atharraichean móra mun cuairt an ùine glé ghoirid. Than oighreachd so air a reics an sean uachdaran ra chùlaibh a thoirt oirre gu bràth, air abhealltuinn so tighinn; ’s thanighean an nochd apòsadh ri Sasunnach òg, beairteach; ’s chaneil sin gun chuimhneachan bochd dhòmhsa.”

Cha dfheòraich Iain car son. Dhéirich ena sheasamh air an ùrlar, agus ars esan, ’s e cur dheth a chleòca mhóir:—

Cha tig fuachd gun tig earrach;
No cruaidh-chàs na gaillinn;
S cha dèan bean ach air éiginn
Gun aithnich i ceud-ghin.”


[97]

An aithnich sibh Iain, ur mac, a mhàthair?”

Cha ruig mise leas oidhirp a thoirt air ìnnseadh na coinnimh a bha eadar Iains a mhàthair, an oidhche sin.

Ach bha gealladh sònruichte aig Iain ri ghleidheadh. Ghleus e phìob. Chaidh e mach; ’s nuair ràinig en t-seann làrach, shéid e suas i, is chualas ceòlsa ghleann an oidhche sin nach cualas ann o chionn iomadh latha. Bha tosd anns aghleann uile gu léir, mar gum biodh gach creutair ag éisdeachd. Sguir achearc da tùchan air an raon is shìn i mach a h-amhaich a dhéisdeachd ri seis“ ’S leam féin an gleann.” Sguir abhó air an fhaiche de chnàmh a cìr. Thog am fiadh a chabarsa bheinn, is thug an smeòrach a ceann trom, cadalach am mach bho sgéith, ’s i cumail cluais ri claistneachd.

Bha fear-na-bainnses bean-na-bainnse air an cuartachadh le cuideachd mhóir, ghreadhnaich, ’nan seasamh air beulaibh amhinistir, nuair chualas ceòl na pìoba.

Tha sud atoirt am chuimhne meur Iain bhàin,” thuirt fear den chuideachd.

Thàinig an siubhal. “Nam biodh Iain beò, ’s esan dùthaich dhabarainn gur e than sud,” arsa fear eile.

Ach thòisich an crunn-lùth anns an robh obair mheur nach cualas riamh roimhe a leithid.


[98]

Biodh Iain bàn beò no marbh, ’s esan dùthaich no aisde, ’s e than sud,” ars an treas fear.

Ach bha ùbraid am measg na cuideachd. Thuit bean-na-bainnsena glag air an ùrlar, an neul. Stad an ceòl. Bha tosd am measg na cuideachd. Bha gach aon asealltainn air a chéile. Bhan sùilean abruidhinn ged nach robh am beòil, ’s ag ràdh gur e tannasg Iain bhàin a bhan sud gun teagamh.

Chaidh Màiri òg a thogail am mach do sheòmar eile, is nuair a chaidh i na bfhèarr, chuimhnich i air na facail mu dheireadh thuirt Iain bàn rithe mun do dhealaich iad: “Ma chluinneas tu, oidhchéiginn fhathast, ‘ ’S leam féin an gleann,’ ’s tu gun bhi pòsda, ruigidh tu mise mar a bàbhaist.”

Dhiarr i dol tacan beag am muigh; agus, aon uairs gun dfhuair i a cas thar clach-an-doruis, cha chumadh Caoilte na Féinne ruith rithe gus an dràinig i Iain. An déigh dhaibh fàiltes furan a chur air a chéile, chaidh iad, gualainn ri gualainn, gus an tigh mhór, ’s mar sin do bhroilleach na cuideachd. Cha robh neach a bha stigh nach robh mar gun tigeadh boinne falana bheul le mór ionghnadh. Rinn amhór chuideachd gàirdeachas is fleadhachas ri Iain bàn. Ach chnuas Fear aGhlinne rud éiginn. Bha ena shuidhe an cathairs eg altrum fheirg, ’s aghaidh mar an iarmailt mum


[99]

briseadh i mach gu stoirm. Ach thàinig Iain bàn lom is dìreach far an robh e, agus, ars esan: “ ’S tric a chluich mise‘ ’S leam féin an gleannnuair bu leat-se; ach an nochd chluich mi e mar nach do chluich mi riamh roimhe e; oir, ’s leam féin an Gleann.” Leis a sin a ràdh, thug e mach còirichean aghlinne á sporan an fhéilidh.

Chuir so an ceòl feadh na fìdhle is chaidh abhanais a chur ma sgaoil; ach an ceann beagan ùine bha banais eilesa ghleann. Phòs Iain bàn is Màiri òg; aguss iomadh latha fada toilichte thug iad an Gleann-a’ -chaorainn. Thog iad teaghlach mór, eireachdail ann, agus tha pàirt den sliochd beò, slàn feadh an t-saoghail an diugh fathast, nam biodh fios càitem bheil iad.

title“’S leam Féin an Gleann”
internal date1908.0
display date1908
publication date1908
level
reference template

Mac Cormaig Oiteagan o’n Iar %p

parent textOiteagan o’n Iar
<< please select a word
<< please select a page