DRIODFHORTAN EACHAINN SHEÒLADAIR.
BHA oidhche fhada gheamhraidh ann. Bha ’n aon tigh-céilidh b’ fhèarr ’san dùthaich, làn, ’s iad ’nan suidhe mu ’n cuairt an teine a bh’ air meadhon an ùrlair, a’ cheud uair a thachair mi riamh air Eachann Seòladair.
Bha Eachann fhéin ’na shuidhe an cuaich shìomain, cutag dhubh ’na phluic an dara h-uair, ’s e cagnadh badan-fraoich an uair eile, ’s a theanga air shiubhal gu ’n stad, biodh a roghainn ’na bheul.
“Ciod è ’n cunnart bu mhotha troimh ’n d’ thàinig mi?” ars esan, ’s e freagairt h-aoin de na bha stigh.
“An dà, thuit mi uair bhàrr na slaite is chaidh beirsinn orm, ’s mi dol fodha an treas uair. Chaidh mi uair eile air fuadach leis a’ gheólaich, is bha dìreach an deò annam nuair a chaidh mo thogail an ceann trì làithean. Ach thàinig mi troimh chunnart bu mhotha na a h-aon diubh sin co-dhiùbh, a b’ uamhasaiche leam féin ’s a bu mhotha chuireadh de ghairisinn air fuil ’s air feòil.
Le cead A’ Chomuinn Ghaidhealaich.
Shocraich se e féin ’sa chuaich shìomain, agus shnìomh e aig an aon àm naigheachd is sìoman cho math ’s a chunnaic no chuala mi riamh. Agus so agaibh an naigheachd:—
“Dh’ fhàg mi uair an sud Grianaig le bàta ris an abradh iad ‘Anna Ghranndach’; is O, nach iomadh latha fada bhuaidh sud. Cha ’n ’eil mòran de na gillean a bha leam air an turus ud beò an diugh. B’ e h-aon diubh, co-dhiùbh, Seumas Mac Phàruig, a bha ’n I, ’s a tha nis an America, ma tha e beò. Sud an turus air an d’ rinn e ’n t-òran ceutach sin: ‘Ochòin, a chiall, gur cian bho ’n d’ fhalbh sinn’” —is sheinn Eachann a’ cheud rann deth.
“ ‘Anns a’ mhaduinn mhoich Di-ciadain
Thug sinn spògain as a’ chriathraich,
’S fhuair an “Anna Ghranndach” srian leath’
’S i ’na deann a’ fàgail Ghrianaig.’
“Sud mar tha e a’ falbh. Ach, co-dhiùbh, ràinig sinn Demaràra ’san ‘Anna Ghranndach’ mar chirc air a spìonadh le an-shìde. Dh’ fhàg mis’ i an Demaràra; ’s ma dh’ fhàg, ’s iomadh latha bha aithreachas orm. Rinn ceann aotrom, co-dhiùbh, rathad gu New Orleans; is cha b’ ann gu rath.
“Chuir mi greis de ’n ùine seachad ag obair air rud no dhà feadh a’ bhaile; ’s an uair a chunnaic mi nach robh fortan r’ a dhèanamh
anns a’ mhionaid, thug mi m’ aghaidh am mach an dùthaich. Bha ’n uair anabarrach teth. Bha a’ ghrian a’ tighinn dìreach as na speuran ’s gu ’n saoileadh sibh gu ’n robh a gaithean a’ dèanamh nead anns a’ ghainmhich.
“Chuir mi, co-dhiùbh, greis de ’n ùine seachad an sud ’s an so feadh nan tuathanach aig a h-uile seòrs’ obair a bha dol. Ach aon latha sin, smaointich mi gu ’n dèanainn mo rathad gu baile mór a bha mu leth-cheud mìle bhuam; agus am mach ghabh mi. Mu àird fheasgair ràinig mi àite beag, far an robh coltas muilinn-shàbhaidh. Bha mi gu tràghadh le pathadh. Cha robh ach aon duine r’ a fhaicinn mu ’n cuairt; agus dh’ iarr mi deoch air.
“ ‘Beir do chasan leat cho luath ’s a rinn thu riamh, a choin thuathaich!’ ars esan. Bha gamhlas mór ’san àm ud eadar ceann-a- tuath is ceann-a- deas stàidean America; agus tha sibh a’ tuigsinn, leis na bha de Ghaidheil a’ cogadh leis a’ cheann-a- tuath air son saorsa nan tràillean bochd, bha dùil aig an fhear so gu ’m b’ Americanach bho ’n cheann-a- tuath mi, is dhiùlt e eadhon deoch-an-uisge dhomh.
“ ‘An dà,’ arsa mi fhéin ris a rithis, ‘bhithinn fada ’nur comain air son làn mo bheòil de ’n uisge fhuar, ’s mi cho pàiteach.’
“Thog e cheann a rithis, is ars esan, ‘Gabh a sìos do ’n abhainn an sin agus òl do leòir.’
“ ‘Na ’m biodh uisge na h-aibhne math,’ arsa mise, ‘cha robh thus’ air tobar a chladhach anns am bheil fichead troigh de dhoimhneachd.’
“Cha do fhreagair e mi. Choisich mi air mo shocair rathad an tobair. Thòisich mi gu réidh air leigeadh a sìos na bucaid leis an inneal a bha os cionn beul an tobair, ach, gu mi-fhortanach, chaidh rud-eiginn air aimhreit is thuit a’ bhucaid sìos do ’n tobar le glag. Chuala mo charaid sud. Thog e cheann le feirg. ‘Leigidh mis’ fhaicinn duit,’ ars esan. Leig e mach cù mór, fad-chluasach, robach, dubh, agus stuig e annam e. Thàinig a’ bhrùid chugam a’ donnalaich gus an do chuir a chàir-fhiaclan oillt orm. Rug mi air sgonn de mhaide, is dìreach nuair a bha e dol a leum a’m sgòrnan, thug mi ’n sgailc ud dhà an taobh a’ chinn, is thuit e ’m preathall.
“ ‘Mur an dèan an cù an gnothuch ort,’ ars am fear a bha thall, ‘nì mise; agus cha bhi mi fad uime.’
“Ghabh e stigh ’na leum dearg. Thuig mi ’sa mhionaid ciod e a bh’ air aire. Cha mhò leotha sud duine thilgeil agus is motha le h-aon againne lon-dubh a thoirt a bhàin bhàrr craoibhe. Chunnaic mi gu ’n robh mo bheatha ’n geall na b’ fhiach i, agus chuir mi romham gu ’n seasainn an làrach gus a’ chuid mu dheireadh. Ghabh mi null. Sheas mi taobh an doruis, agus mo
chuaile daraich an tarruing. Thàinig am fear ud am mach ’na chabhaig, ’s a ghunna chaol, fhada deas aige. Thug e sùil air mo shon-sa mu ’n tobar, agus mu ’n do mhothaich e gu ’n robh mi cho dlùth dha, bha mo lann os cionn a chinn. Bha mi ro-dhlùth dha air son e losgadh orm. Cha robh ùine aige air teicheadh air ais a stigh; agus ’s e rinn e teicheadh mu ’n cuairt an tighe. Thug mis’ as a dhéigh ’s am maide an tarruing agam. Cha b’ urrainn dòmhsa esan a bhualadh, ’s cha b’ urrainn dàsan losgadh ormsa. Chaidh sinn aon leth-dusan uair mu ’n cuairt an tighe, ’s cha robh uair a thigeadh e gu ’n dorus nach toireadh e ionnsuidh air dol a stigh; ach cha robh ùine aige, neo bhiodh am maide mu ’n druim aige. Thionndadh e ’n gunna ormsa ’s bheirinn-sa ionnsuidh air-san leis a’ mhaide.
“Mu dheireadh thall, fhuair e cothrom air leum a stigh am fasgadh an tighe; ach, ma fhuair, chaidh agam-s’ air stràc goirt de ’n mhaide thoirt da an tobar an dà shlinnean, a thug air a bhi crathadh a chas ’na shìneadh air an ùrlar. Bha fhios agam nach biodh e fada ’sa phreathall, agus thàr mi as.
“Leum mi do churrachan a bha air bhog taobh na h-aibhne. Dh’ iomair mi mach i le buillean làidir is mo shùil daonnan air an dorus. Mu dheireadh thàinig e mach. Chuir e ’n gunna
r’ a shùil gu mionadach. Shìn mise mi-fhéin air ùrlar a’ churrachain an àm. Chaidh an spreadhadh ud a mach, is thug luaidhe ghlas fead ’san uisge mu ’m thimcheall. Thog mi mo cheann is dìreach mar gu ’n loisgeadh tu air sgarbh, bha an t-uisge mu ’n cuairt a’ churrachain ’na chobhair ghil. Chuir mi mo dhà làimh, le corragan sgaoilte, ri ’m shròin, is ghlaodh mi ‘Slàn leat’ ris an aona bhruid dhuine bu mhotha thachair riamh orm.
“Coma leibh no co-dhiùbh, chaidh mi air tìr air taobh eile na h-aibhne; leig mi ’n currachan gu grunnd, a chur tuilleadh feirg air mo charaid, is thug mi a’ choille orm. An déigh beagan coiseachd, thug mi mach tigh anns an d’ fhuair mi biadh is deoch is leabaidh: mo dheagh ghabhail agam, théid mi ’n urras. Cha b’ ionann idir ’s a bhéist a dhiùlt eadhon an deoch uisge dhomh.
“Ach, co-dhiùbh, an déigh latha no dhà mar sin a chur seachad feadh nan tuathanach còire, thug mi mach ceann mo shlighe a rithis. Bha mi leam fhìn, ach mi gu sunndach, aotrom, ceòlar. Nuair bha mi mu thuaiream cùig mìle de ’m ceann-uidhe, ’s i air tighinn fada ’san oidhche, chunnaic mi teine. Rinn mi air a stigh do ’n choille. Chuala mi cath seanachais, is nuair a thàinig mi ’m fradharc, chunnaic mi triùir fhear ’gan garadh fhéin mu ’n cuairt an
teine, agus aon leth-dusan each ag ionaltradh am measg nan craobh. Thuig mi gu ’n robh iad air a’ cheart slighe rium fhéin, agus b’ e sin dol a dh’ ionnsuidh na faidhreach a bha ri bhi air a cumail an la-màireach, anns a’ cheart bhaile gus an robh mi a’ dol.
“Tha ’n ceart chleachdadh an sud ’s a th’ againn am Muile fhéin, an àm dol gu ’n fhaidhir Mhuilich. An uair a chunnaic mi ’n triùir fhear so mu ’n cuairt an teine ’s na h-eich ag ionaltradh anns a’ choille, thug e ’m chuimhne liuthaid uair a bha mi fhìn anns a’ cheart suidheachadh a’ cur seachad na h-oidhche fhoghair còmhla ri iomadh companach math, taobh Loch-bà no an Coille-chlachaig.
“Chaidh mi null far an robh na fir, agus chuir mi fàilte na h-oidhche orra. Shuidh mi mu choinneamh an teine. Sheall iad orm is dh’ fhìdir iad ceann mo sheud ’s mo shiubhail. Dh’ innis mi sud daibh. Ach an sin rinn fear diubh lachan mór gàire a’m aodann.
“ ‘Ha-ha-hà-à- à,’ ars esan fad analach, ’s e bualadh a dhà bhois gu cruaidh air a chéile; ‘thachair sin romhaid,’ ars esan, ‘ach, ’ille mhaith, cha chreid mise gu ’n tachair sinn tuilleadh an déigh na h-oidhche so. Gabh do chreud ’s do phaidir cho luath ’s a rinn thu riamh; agus an sin ni mi fhìn ’s tu fhéin a suas ar cunntas.’
“Sheall mi air. ‘Am fear a bhuail mi ’m maide air!’ Sheas a h-uile ròin a bh’ air mo cheann. Bhrùchd fallus fuar troimh h-uile pìoc de ’m chraiceann. Dh’ fhaisg mi mo làmhan is sheall mi gu nàdurra air mo chùlaibh.
“ ‘A! cha dèan e ’n gnothuch,’ ars esan, ‘cha téid thu as oirre so a nochd mar a chaidh thu ’n là roimhe,’ ’s e beirsinn air mo bhana-charaid an t-sean mhusg mhór; ‘ach ni mi so riut,’ ars esan: ‘gheibh thu cothrom, is ma thig thu as, is math; ’s mur an tig—is math.’
“Bha triùir ann, ’s cha dèanadh diùlt no doicheall feum.
“Chaidh mo cheangal a’m sheasamh ri craoibh. Chaidh a’ mhusg a chur air stoc mu m’ choinneamh, ’s am baraille dìreach air m’ uchd. Chaidh ceann an ròp a bha mu amhach fir de na h-eich a cheangal ri iarunn-corraig na gunna, is nuair bha iad deas, ‘A nis,’ ars esan, ‘cha ghabh sinn an còrr turuis riut. Mur a tarruing an t-each an t-iarunn-corraig mu ’m bi ’n t-àm againne falbh am màireach, gheibh thu as; ach ma thairneas—tuigidh tu féin an còrr. Ach, co-dhiùbh, beannachd leat aig an àm.’
“ ‘Beannachd leat, beannachd leat,’ ars an dithis eile cuideachd, is dh’ fhalbh iad.
“Bha ’n ròpa ’na chuartagan air an làr. Na ’n toireadh an t-each aon leum le eagal as, no na ’n dèanadh a h-aon eile dhiubh sitir,
’s gu ’n ruitheadh e chuca, bha mi ullamh. Bha mi an sin ag ochanaich ’s a’ gearan ’s a’ feuchainn a h-uile alt a bh’ ann gu faotainn mu sgaoil; ach bha na sàis ro theann. Bha ’n t-each ag ionaltradh air aghaidh ’s air aghaidh, an ròpa sìneadh ’s a’ sìneadh, ’s am bàs na bu dlùithe ’s na bu dlùithe dhòmhsa. Bha cuartag an déigh cuartaig de ’n ròpa air falbh cheana. Och, och! cha robh facal soileagain a chuala mi riamh a ghairm eich nach robh mi a’ cur an céill feuch an tionndaidheadh e aghaidh ormsa. ‘Prusó, prusó, prusó, a laochain!’ Ach cha do rinn e ach pludaraich le shròin agus pìos eile de ’n ròpa thoirt leis. ‘Prusó, prusó, prusó.’ O, na ’n robh mi air chomas aon spìonadh a thoirt air. Pludar eile, is thug e a’ chuartag mu dheireadh de ’n ròpa leis. Och, och! ’s mi bha ’n làthair mo dheuchainn. Bha nis an ròpa ’g éirigh bhàrr a’ ghruinnd. Bha feum greim a’ chait a bhi cho math no bha crìoch air mo dhuan gu bràth. Thug mi ’n oidhirp mu dheireadh air mi fhìn a shàbhaladh agus, gu fortanach, leis a’ ghréin bhi air éirigh ’s air fàs teth, thàinig an ròpa am mach gus an d’ fhuair mi tionndadh gu taobh eile na craoibhe. Bha mi nis ceart gu leòir; is mar bu luaithe dh’ fhalbhadh an urchair ’s e b’ fhèarr dhòmhsa.
“Thòisich mi ’n sin air an each fhuadach air falbh le bhi glaodhaich ’s a’ breabadh mo chas. Cha dèanadh sud feum ach, gu fortanach, rinn
fear de na h-eich eile sitir. Thog an t-each ris an robh mis’ an earbsa a cheann. Ceum air aghaidh. Spìonadh air an ròpa. Nodadh goirid d’a cheann agus, tui! thug am peilear sgailc ’sa chraoibh. Thug a’ choille ràn aisde. Leum na h-eich air gach taobh, is dhùisg na fir. Nìos ghabh iad. Phlùich mise mi fhìn air m’ ais far an d’ fhàg iad mi. Leig mi sìos mo cheann air m’ uchd, lùb mi mo ghlùinean, is bha mi, ma b’ fhìor, marbh. Thàinig iad sud, gu sunndach a’ gabhail òrain, ’s iad a’ moladh cho math ’s a dh’oibrich an ìnnleachd a rinn iad. Dh’fhuasgail iad an ròpa, agus thuit mise le glag air an làr.
“Bha mi an dòchas gu ’m fàgadh iad mi far an robh mi, no na ’m bitheadh iad cho caomhail ’s gu ’n cuireadh iad fo ’n talamh mi, bha cho math dhomh am peilear fhéin a dhol annam. Ach na ’n toireadh iad a leithid so dh’ oidhirp chneasda, chuir mi romham strìth a dhèanamh air faotainn as, le aon leum a thoirt asam, ’s leis a bhreislich ’san rachadh iad leis an eagal, bhiodh cnaimh briste an corp gach fir dhiubh mu ’m biodh fios aca ceart ciod e a thachair.
“Ach, gu fortanach dhòmhsa, cha do rinn iad ach tòrr de mheanglain chraobh, a thilgeil air mo mhuin.
“ ‘So,’ arsa fear dhiubh, ‘grodadh e an sin;’ agus, gu cinnteach, cha mhór nach d’ thug mi sgreuch asam nuair a chaidh bior de ’n chraoibh a’m aodann. Tharruing mi m’ anail gu socrach
nuair a dh’ fhalbh iad, is dh’ éisd mi ri ciod e bha dol ’nam measg. Thòisich iad aìr òl a chòrr nach d’ òl iad roimhe, cha b’ fhada gus an do laigh iad thairis ’nan cadal leis an deoch.
“Nuair a chuala mi srann shocrach aca, dh’ éirich mi. Ghabh mi ’n toiseach agam fhìn gu math le biadh is deoch. Thug mi ’n sin an acfhuinn bhàrr nan gunnachan. Chruinnich mi rithis na h-eich uile. Leum mi air druim fir aca, is nuair a ghuidh mi cadal math, socrach do na fir, dh’ fhalbh mi dh’ ionnsuidh a’ bhaile.
“Ràinig mi, ach cha deach mi fada air m’ aghaidh nuair a chaidh mo chur an sàs air son na h-eich a ghoid. Dh’ innis mi mo sgeul mar a dh’ innis mi dhuibhse. Mar dhearbhadh air mo sheanchas, thugadh mi, le buidhinn de ’n luchd-lagha, gus an àite anns an d’ fhàg mi na fir. Bha iad ’nan cadal; ach fhuair iad garbh dhùsgadh. Chunnacas gu ’n robh an fhìrinn agamsa; agus, leis an eagal a ghabh na fir nuair chunnaic iad mise ’nam chorp slàinte, dh’ aidich iad an cionta.
“B’ iad so triùir mhèirleach cho mór ’s a bha ’san dùthaich; agus fhuair a h-uile fear diubh fichead bliadhna prìosain. Sin agaibh a nis.”
Dh’ éisd sinn uile ri naigheachd Eachainn, agus ’s iomadh lùb a chuir e air a’ chuaich shìomain mu ’n d’ thug e gu crìch i.
title | Driodfhortan Eachainn Sheòladair |
internal date | 1908.0 |
display date | 1908 |
publication date | 1908 |
level | |
reference template | Mac Cormaig Oiteagan o’n Iar %p |
parent text | Oiteagan o’n Iar |