10 Cion Bramach Innilt
Ann am meadhan na naodhamh linn deug, fhad ’s a bha Alasdair MacIlleMhìcheil air a chuairt an Uibhist, a’ tional beul-aithris agus bàrdachd, chualas eachdraidh air mar a bhiodh na Hiortaich a’ tadhal an eilein nuair a thigeadh cruaidh orra. Bha cuimhne mhath air aon earrach air an tàinig a’ churrach Hiortach gu Baile Raghnaill airson sìol-cura fhaighinn. Tha e coltach gu robh an t-arbhar aca fhèin gu ìre bhig air a chall le droch aimsir na bliadhna roimhe. Nuair a leum iad gu tìr, thàinig muinntir an àite timcheall airson an cuideachadh. Nuair a chaidh an còbhnadh aig Baile Raghnaill le aodach tioram agus biadh, shuidh iad ris an teine a’ seanchas fhad ’s a bhathas ag ullachadh nam pocannan sìl dhaibh. Bha an seanchas a bh’ eadar iad fhèin agus bean MhicDhòmhnaill Bhaile Raghnaill ann am beul-aithris na sgìre airson ùine mhòir an dèidh sin.
Seo mar a tha pàirt dheth aig MacIlleMhìcheil. Nuair a rachadh ceist fhaighneachd, fhreagradh na h-ochd Hiortaich dheug a bha an làthair mar gum b’ ann leis an aona ghuth agus leis an aona ghruaim.
“Am bi pòsadh agus baisteadh agaibh ann an Tiort?”
‘O ghà’ ag (ghràdhag) ghaolach, cha bhi pòsadh no baisteadh againn — is ann tha sinn chun a dhol a dhìth. Ciamar a phòsadh no a bhaisteadh sinn — nach d’eug a’ bhramach-innilt? Agus chan urrainn dhuinne clann a bhith againn, agus is ann a tha sinn, a ghàg, an annar a dhol a dhìth.”
“Ciod e an rud a tha anns a’ bhramach-innilt?”
“Tha, a ghà’ag, am boireannach a tha am bun na bratha (mnatha) a tha cur na cloinne chun an t-saoghail.”
A rèir MhicIlleMhìcheil, ged a bha na h-Uibhistich a’ dèanamh ath-aithris air a chainnt ’s a chonaltradh a bh’ aig na Hiortaich, cha b’ ann a’ magadh orra a bha iad idir. ’S ann a bha truas agus carthannas aca riutha. Agus, gu dearbha, tha sin ri chreidsinn — oir an dèidh do mhuinntir Bhaile Raghnaill a’ churrach Hiortach a chur air bhog, ’s i trom anns an uisge a’ giùlain nan ochd duine deug agus an luchd sìl, sheas iad gu h-iomagaineach a’ coimhead nam maraichean a’ cogadh an aghaidh na fairge, a’ feuchainn ri tilleadh dhachaigh.
Ach, gu mì-shealbhach, cha do theàrn a’ churrach. Chaidh a slugadh, i fhèin agus gach duine a bha air bòrd, ann an tonnan a’ Chuain Siar. Chan eil cunntas air cò an linn anns na thachair an aimlisg seo, mas fìor an sgeula, ach faodar a bhith cinnteach nach robh neach innte nach robh treun, tapaidh. Feumaidh e bhith gur e buille dhòrainneach a bh’ ann ann an coimhearsnachd a bha, a rèir cunntais, mu thràth air a lùths a chall agus “an annar a dhol a dhìth”.
Ged as inntinneach an sgeula, tha ceist no dhà mu timcheall a tha a’ cur teagamh gu bheil i gu h-iomlan fìor. Tha MacIlleMhìcheil (anns an leabhar Carmina Gadelica) a’ sgrìobhadh gu robh ochd duine deug a’ seòladh ann am ‘frail coracle’. Mar as trice, cha sheòl ann an coracle ach aona neach — dithis aig a’ char as motha — agus sin ann an uisge rèidh air loch no abhainn. Tha e cuideachd duilich amais air an t-seòrsa soithich anns an robh ochd duine deug deònach air a dhol gu muir eadar Hiort agus Uibhist. Carson a bhiodh àireamh cho mòr innte? An ann airson iomradh? Airson taomadh? Ciamar a bha iad comasach air iad fhèin a bheathachadh air an aiseag? Ciamar a bhiodh soitheach cho tomadach comasach air na bh’ innte de dhaoine agus de luchd a chur air tìr ann a Hiort, far nach robh laimrig no caladh?
A dh’aindeoin an teagaimh a tha na ceistean sin a’ togail, tha amharas gu robh bunaitean fìrinneach fon sgeula. Bha Baile Raghnaill air tuath cho torrach, beartach ’s a bha an Innse Gall. Nach biodh e nàdarrach a-rèisde do mhuinntir Hiort, a bha gann de chrannchur, a thighinn a Bhaile Raghnaill le uirsgeulan air cho cruaidh ’s a bha am beatha? Nach biodh e cuideachd dualtach dhaibh na h-uirsgeulan a dhèanamh rudeigin ràbhartach, gu ìre gearain a dhèanamh air mar a tha Hiort a’ tuiteam bhuaithe leis a h-uile seòrsa eireapais — cion sìol-cura, cion pòsaidh, cion chloinne, cion bramach-innilt, agus cion a h-uile rud a shaoileadh iad a ghluaiseadh coigrich gu carthannas?
title | 10. Cion Bramach Innilt |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |