11 Màrtainn Màrtainn: Hiortach ann an Glaschu
Bha iongnadh air cho fad ’s a bha an t-astar eadar Hiort agus Glaschu. Shaoil e gum b’ e rìoghachdan mòra a bh’ anns gach eilean air an deach sinn seachad. Ged nach robh am fear bu mhotha dhiubh ach ceithir mìle fichead de dh’fhad, bha iad uile, na shealladh-san, gu math na bu shoirbheachaile na an rìoghachd bheag dham buineadh esan.
Ann an Glaschu, bha e mar neach a bha air tuiteam às an adhar gu saoghal ùr far an robh cànan agus nòsan a bha, anns a h-uile seagh, neònach leis. Cha robh e riamh air saoilsinn gu robh taighean-còmhnaidh cho mòr anns an t-saoghal air an togail le làmhan dhaoine. Nuair a sheall e ris a’ chabhsair, shaoil e gu robh na clachan mar a bha iad nan sìneadh air a bhith nan laighe mar siud bho chaidh an saoghal a chruthachadh. Bha e cruaidh air a chreidsinn gu robh luchd-obrach air na clachan a phutadh tè air chùl te dhan ghoireal. Sheas e gun labhairt aig doras an taigh-loidsig, ’s e sealltainn ris an aitreabh sin na chùis-iongnaidh. A’ chiad uair a chunnaic e gig air a tarraing le dà each, bha e a’ smaoineachadh gum b’ e a bh’ innte ach dachaigh bheag air chuibhlichean. Ach abair thusa gu robh càineadh aige air an dràibhear, seach gu robh e sin cho gòrach ’s gu robh e na shuidhe air dreallag chugallach air muin na gige, an àite dha bhith air dìollaid air fear dhe na h-eich. Chan earbsadh e dhol tro na sràidean gun grèim a bhith aige air làmh fir-treòrachaidh. Agus air na sràidean sheasadh e le uabhas gun chàil na shealladh ach cuibhlichean nan carbadan a’ dol mun cuairt. Ghabh Tòmas Ros an ceannaiche agus caraidean eile os uallach a bhith ga thoirt air chuairt tron bhaile. Dh’fhaighnich Mgr. Ros dha dè a bheachd air an Ard-Eaglais. Fhreagair e gum b’ e sgeir mhòr a bh’ innte, ach gu robh sgeirean na bu mhotha ann a Hiort! Ann am broinn na h-Eaglaise, chunnaic e na colbhan mòra cloiche ’s na stuadhan air a bheil an togalach na seasamh. Thog e a làmhan suas le uabhas gu robh a leithid de shaothair aig daoine air a dhèanamh. “Uamhan mìorbhaileach!” theireadh e. Cha robh dad a chiall aige carson a bha na sreathan de shuidheachanan air an cur nan àite.
Bha iongnadh air gu robh brèidean-aodainn aig na mnathan air an lethcheannan. Shaoil e gu robh na brèidean a’ falach bhalgan no uireasbhaidh air choreigin! Bha grìogagan agus àilleagain dhen t-seòrsa sin faoin leis. Agus an rud a b’ fhaoine leis idir, ’s e na gruagan a bh’ air na fireannaich is iad air an ùrachadh le pùdar. Cha mhòr nach deach e às a thoinisg nuair a bhuaileadh clagan na h-Eaglaise. Bha e mar gum biodh an saoghal air a thighinn gu crìch!
Nuair a chunnaic e lofaichean an toiseach, cha robh fhios fon ghrèin aige am b’ e aran no fiodh no clach a bh’ annta. Cha robh dùil aige gu robh uiread de dhaoine san domhain air fad ’s a bh’ ann an Glaschu. Dh’fhaighnich e iomadach ceist a thaobh beòshlaint an t-sluaigh. Ciamar a bhathas a’ dèanamh de leann na bha gan sàsachadh? Am biodh duine idir dhiubh ag òl uisge? Cò bhiodh a’ fighe ’s a’ fuaigheal nan aodaichean brèagha a bh’ orra?
Chuir an cumadh a bha air brògan bhoireannach ann an ceò e! Bha na brògan sin cho eadar-dhealaichte ri brògan fhireannach ’s gun do cho-dhùin e gu robh casan nam bean ann an Glaschu tur eadar-dhealaichte ri casan fhireannach! ’S cha robh e idir dòigheil gu robh cnaip bhrògan mar a bha iad. Ach a’ chaisbheart bu mhotha a chuir air, ’s e cruidhean each. Thuirt e nach robh e air dad fhaicinn air tìr-mòr cho neònach ri cruidhean a bhith gan ceangal air ladhraich le taraigean. B’ èiginn dha cumail air, gun ghàireachdainn, ’s e a’ coimhead gobhainn an sàs ann an ladhrach le òrd is tarag.
Fhad ’s a bha e anns an dùthaich eilthireach ud, bha a mhana dhachaigh gu Hiort. Dh’aindeoin sin, thuirt e iomadach uair gum biodh e na bu shona a’ tilleadh dhachaigh nam biodh Hiort air a shàsachadh le leann, branndaidh, tombac agus le iarann mar a bha Glaschu.
title | 11. Màrtainn Màrtainn: Hiortach ann an Glaschu |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |