[31]

14 Fearchar Mòr agus an Dùgan

Gu tric, thug an saoghal a-muigh chun an eilein cobhair a chuidich e à iomadach seòrsa deuchainn agus tabhoinn. An aghaidh sin, tha eachdraidh agus beul aithris ag innse gun tug eilthirich iomadach seòrsa èiginn a-mheasg sluagh Hiort. Thugadh eucailean gabhaltach thuca; bhiodh soithichean an Riaghaltais agoid nam fireannach; a rèir coltais, bhiodh reubaltaich cuideachd gan spùilleadh; ’s gu coitcheann bhiodh luchd-tadhail adèanamh tàire orras gam magadh, agus bhiodh sin gan gonadh. Ach tro gach èiginn agus dìmeas a bha nan eachdraidh, cha tàinig creach a-riamh orra, a rèir beul-aithris, a bha na bu sgriosaile na achreach a thug Leòdhasaich orra anns an Aois Oig. Chan eil fhios an-diugh cuin a bhann, no a badhbhar dhaibh a dhol gu Hiort; ach bha an eachdraidh aig Fearchar Mòr agus aig an Dùgan (an dithis Leòdhasach) ann am beul an t-sluaigh o chionn còrr is ceud bliadhna.

Thàinig Fearchar Mòr agus an Dùgan gu Hiort agus thug an sluagh aoigheachd dhaibh. Air latha sònraichte, dhìrich an dithis gu mullach Oiseabhal, agus cha bu luaithe a ràinig iad suas na thill iads an anail nan uchd. Dhèigh iad gu robh iad air cabhlach Sasannach fhaicinn, adèanamh air a bhaile, ’s nach bfhada gus am biodh na nàimhdean air muin an t-sluaigh. Anns an aon anail, ghuidh iad ris an t-sluagh iad fasgadh a ghabhail. Chrò iad na truaghain bhochda ro chreidmheach chun na seipeil, astèineadh dhaibh nach cuireadh nàmhaid beud orra nan gabhadh iad grèim air adhaircean na h-altrach. Cho luaths a bha an sluagh air an tasgadh am broinn na seipeil, ghlas an chealgaire an doras a gus chuir iad teine ris an tughadh. Shuidh Fearchar Mòr agus an Dùgan air carragh ag èisdeachd glaodh nan Hiortach, gus an deach an togalach agus gach neach a bha na broinn a losgadh. Ach thurchair gun do theàrn aona Hiortach. Bise seann chailleach a bha air a bhith a-muigh anns aGhleann Mhòr aig an àm abuachailleachd chruidh. Nuair a dhfhairich achailleach fàileadh na deathaich, chaidh i air falach ann an uaimh shuas aig Ceann a Deas aBhàigh. Dhfhan i an sin airson grunnan mhìosan, ga cumail fhèin beò air uighean agus eunlaith, agus air biadh a bha i agoid air na murtairean ann an àmhar na h-oidhche.

Botha an Dùgain air Sòdhaigh

Aig deireadh an t-samhraidh, thàinig am maor leis abhìrlinn chun an eilein is chaidh na Leòdhasaich sìos chun achladaich na choinneimh. Bha an chealgaire am meadhan uirsgeul bhrònach bhreugach nuair a chualas guth na caillich acaoineadh am measg nan creag. Mu dheireadh nochd i i fhèin, agus choisich i sìos chun na mara. Faodar a thuigsinn an t-eagal a ghabh Fearchar Mòr agus an Dùgan, agus achrith eagail a thàinig nam feòil nuair a thòisich i afoillseachadh na fìrinn. Ghabh am maor agus na fir a bha còmhla ris grèim air na Leòdhasaich agus rinneadh cùirt far an robh iad air achladach. Cha bfhada gus an tug am maor a-mach a bhinn. ’S be sin gu robh Fearchar Mòr agus an Dùgan ciontach air sluagh an eilein a mhurt. Mar pheanas dhòrdaich am maor an dithis a chur ann am braighdeanas air Stac an Armainn, far nach biodh grèim aca ri ithe ach feòil amh nan eun. Nuair a bha abhìrlinn atarraing dlùth air an Stacs na prìosanaich innte air an ceangal, nach ann


[32] a thuirt Fearchar Mòr às aghuth-thàmh ris an Dùgan, “ ’S aognaidh, fuar, muladach a bhios ar beatha dhuinn gun theine air Stac an Armainn. Tha min dòchas gun tàinig cuimhne agad air an spor-nan-sradag a thoirt leat.” Cho luaths a chuala am maor iomradh air an uidheam-theine leis an robh na murtairean air an t-eilean fhàsachadh, rug e air an dithis le corraichs e dol gam bualadh. Ach leum Fearchar Mòr a-mach às an t-soitheach agus chaidh a shlugadh anns an fhairge.

Mu dheireadh, chuir am maor an Dùgan air tìr air Sòdhaigh. Ann an sin rinn an duine suarach sin dachaigh dha fhèin. Thog e balla-cloiche airson an dachaigh a dhìon bhon ghaoith a tuath. Chun an an-diugh tha an uamh agus am balla-cloiche air an ainmeachadh air an Dùgan, ‘Botha an Dùgain’.

Nuair a chaidh Iain Sands a Hiort ann an 1876 thug e an cunntas sa air an àite-còmhnaidh.

Fhuair e fasgadh fo sgeir mhòr a tha asprodadh a-mach às aghrunnd mar a tha an t-iarann asprodadh às an locair. Dhoimhnich e an t-ùrlar le a sgithinn-dhuibh. Thog e an uair sin gàrradh-cloiche aig beulaibh agus mu chliathaichean an fhasgaidh gus nach robh air fhàgail ach doras mu dhà throigh a mheud. Chaidh a chnàmhans a sgian fhaighinn anns abhotha bliadhnachan an dèidh sin. Mar dhachaigh chan eil ann amBotha an Dùgainach cùil bhochd. Tha i air a h-iadhadh le ulbagan mòra, agus chan eil i idir furasta a coimhead. A h-uile samhradh bidh sianar chaileagan afuireachd innte fhads a bhios iad asealg bhùthaigearan air los nan itean.

title14. Fearchar Mòr agus an Dùgan
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page