[33]

15 Cha B’ e Sgiobadh na Faiche

Cha b’ e sgiobadh na faiche
Ghabh Diciadain an t-aiseag;
Gur e sgeula nan creach mura beò sibh.
Gur e chùm sibh cho faduam
Am muir àrds aghaoth chas oirbh,
Chòir nach dfhaod sibh an ceartuair thoirt seòl dhith.

Gur e turas gun bhuannachd
Thug air falbh an duin’ -uasal
Gus an t-aon mhac thoirt uamsa seo Dhòmhnall.
Dhfhalbh mo mhacs mo thriùir bhràithrean,
Aona mhac piuthar mo mhàthar;
Sgeul as cruaidhthig no thàinig, mfhear pòsda.

S e chuir mi tharraing na luatha
S a thoirt leis air an ruamhar,
Na fir a bhith uams gun bhrath beò orr’;
Mi gun shùgradh gun mhire
Am shuidhair ùrlar aghlinne
Tha mo shùilean asileadh, ’s tric deòir orr’.

title15. Cha B’ e Sgiobadh na Faiche
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page