[34]

16 Ruairidh Mòr am Mealltair

Ann an eachdraidh an eilein, tha cunntas air ministearan matha cliùiteach a rinn an uile dhìcheall an sluagh a chuideachadh, chan ann a-mhàin le an oideachadh anns an t-Soisgeul ach cuideachd le bhith acumail taic riutha nuair a thigeadh cruaidh orra. Tha cunntas cuideachd air droch mhinistearan, feadhainn aig nach robh mòran foghlaim, is nach robh comasach air na daoine a chuideachadh le am beòshlaint a neartachadh nuair a bhuaileadh abhochdainn mhòr an t-eilean.

Bha aona mhinistear ann a Hiort aig deireadh na seachdamh linn deug a bha air leth neònach. Cha be ministear eaglais a bhann. Cha robh ann ach fear a chaidh a bhreith agus àrach air Hiort fhèin. Ruairidh Mòr an t-ainm a bhair, duine cho iongantachs a choinnich ri Màrtainn Màrtainn nuair a chuir e a chuairt air na h-Eileanan, anns abhliadhna 1690.

Gille mòr tapaidh a bhann an Ruairidh, falt ruadh air agus breacan-seunain air aodann. Anns an dòigh sin bha e eu-coltach ris na Hiortaich eile, a bha am bitheantas dorch no bàn. A rèir cunntais, bha Ruairidh, eadhon nuair a bha e òg, dualtach air a bhith dùbhlanach, ceannasach, gun mòran gèill aige dha na modhans na laghan a bha cumail muinntir an eilein snaimte dlùth ri chèile.

Nuair a dhfhàs e rudeigin mòr, dhfhàs e uaibhreach, dùinte ann fhèin; agus ged a dheigheadh e am measg chàich a shreap chreagan a thrusadh eun agus uighean, ghabhadh e a rathad fhèin air chùl sin. Tha e coltach gu robh e fìor mhath air an t-sreapèasgaidh, ealanta air ceann an ròp, agus spàrdanaich air aodann Chonachair, achreag a bàirdes a buabhasaiche air an robh eòin aneadachadh.

Bha earbsa dhaoine na chuid ealantais air fàs cho laidirs gun do thòisich Ruairidh atoirt a chreidsinn air fhèin gu robh cumhachd spioradail aige co-ionnan ri neart a chuirp. Faodar a chreidsinn gu robh eagal aig na fir eile roimheagus cha bann aig na fir a-mhàin, ach aig na mnathan cuideachd!

Amhadainn àraidh a bha siud, cha tàinig Ruairidh a-mach air an doras. Dhfhuirich e am broinn an taighe. Latha an dèidh latha dhfhuirich e. Chluinneadh daoine e abrionndals a seanchas ris fhèin, ag adhradhs ag ochanaich. Mu dheireadh, thàinig a mhàthair na ruith a-mach a dhinnse gu robh Ruairidh acòmhradh ann an cainnt choigrich. Nuair a chaidh an sluagh a-steach, bha Ruairidh na laighe anns achrùb aglaodhaich ann an cainnt nach tuigeadh duine beò. Lean e air leis an obair sin, agus cha mhòr nach do chuir e a mhàthair à cochall a cridhe air an oidhche sin nuair a bheireadh e spochadh às, is i asmaoineachadh gu robh Sasannach no eilthireach eile air faighinn a-steach a bhroinn an taighe!

Ach aona mhadainn thàinig màthair Ruairidh a-mach leis an naidheachd gu robh a mac air tathaich fhaicinn anns an oidhche. Dhfhaighnich duine bho dhuine an tathaich a bha e air fhaicinn. Thàinig Ruairidh fhèin a-mach a dhinnse dhaibh.

Chunna mi am Baisteach!” ars esan. “Chunna mi Eòin a bhaist ar Tighearna Iosa Crìosda. Thàinig e thugam anns an oidhche a-mach à caibideilean an Tiomnaidh Nuaidh. Thuirt e rium, ‘GuranodugoBuranodugo! GuranbuhasiBuranguhasi! ’”

Nise, cha robh duine no bean eile a bha air Hiort aig an robh eòlas air seann chànan Chlann Israeil! bha Buranodugo agus Guranbuhasi aciallachadh? Cha robh Ruairidh còir fhèin fada ag innse sin dhaibh. Bha e aciallachadh gu robh am Baisteach airson laghan ùra a thoirt dhaibhlaghan nach fhaodadh fear no bean no leanabh air an eilean a bhriseadh. Bhàrr air sin, bha am Baisteach air Ruairidh a thaghadh gu bhith na uachdaran air Hiort airson an treòrachadh air slighe cheart na fìrinn!

“ ’S mise,” arsa Ruairidh Mòr, “bhur buachaille, taghta am measg dhaoine airson bhur riaghladh le laghan naomha aBhaistich.”

Thòisich am mealltair an uair sin acur a-mach nan laghan ùra dhan t-sluagh. An toiseach bha aig a h-uile ceannard teaghlaich ri beathach caorach a mharbhadh air stairsneach a thaighe, agus a chuibhreann math fhèin dhen fheòil a chur gu Ruairidh. Bha Urnaigh an Tighearna, na Cèistean agus na Sailm air an crosadh dhaibh. Air an làimh eile, bha aig na mnathan uile ri thighinn thuige airson laoidhean ùra ionnsachadh. Bha am fàidh ùr làn creideimh, làn naomhachd agus làn bàrdachd!

Bha sguabag bheag craoibhe air freumhachadh faisg air na taighean agus thuirt Ruairidh gu robh i sin na comharra air an fhìrinn a bha e alabhairt. Bann aig achraoibh sin a bhiodh e afaicinn nan tathaichean air aBhaisteach. Beathach sam bith a chuireadh anail air achraoibh, biodh e na chaora no na mhart, bha e airidh air abhàs. Bha Ruairidh agus a theaghlach air an deagh bheathachadh le feòil, oir bha crodh agus caoraich adol chun na craoibhe a h-uile seachdain, le dearg uabhas gu robh a leithid de rud air a cheann a thogail às an talamh air Hiort! Mu


[35] dheireadh, chaidh gàrradh cloich a chur mun chraoibh agus bha an talamh air taobh a-staigh aghàrraidh, mar gum biodh, coisrigte leis na deisciobail aig Ruairidh.

Cha be gu robh an sluagh gu lèir aleantainn ris achreideamh ùr. Bha ministear na h-Eaglais anns na Hearadh fhathast acumail air asearmonachadh nuair a thadhaileadh e an t-eilean, ’s acomhairleachadh nan daoine gun am mealltair a leantainn. Bha deagh adhbhar aig amhinistear air a bhith teagmhach ann an soisgeul Ruairidh. Bha bean amhaoir air innse dhan mhinistear gu robh Ruairidh air aonta iarraidh oirre tadhal oirre na dachaigh airson a h-iompachadh gu creideamh aBhaistich. Chaidh am maor air falach ann an clòsaid agus dhèisd e ris an t-searmon a rinn Ruairidh rithe anns an ath rùm. Nuair a thuit sàmhchair air an t-searmonaiche, dhfhàs am maor amharasach. Thàinig e às achlosaid agus ghlac e Ruairidh le a ghàirdeanan mu mhnaoi, ga gràdhachadh thuige le pògan.

Ud, ud, ud!” ars am maor. “An ann mar seo a dhiarr am Baisteach ort laghan naomha an Tighearna ionnsachadh do mhnathan Hiort?”

Bha Ruairidh air a mhaslachadh agus dhiarr e maitheanas air amhaor. A-mach leis, ach cha do chuir an nàire stad air a chuid searmonachaidh a dhaindeoin sin. ’S e balach beag às na Hearadh a bha atadhal an eilein a chur an ath chasaid air amhealltair.

Cladh aBhaile


[36]

Chaidh am balach gu taigh anns an robh annaomhair coinneamh a ghairm, agus laigh e air falach afarchluais air na bhathas ag ràdhs adèanamh. Nuair a dhinnis an gille naidheachd a-mach air achoinneamh Bhaisteach, cho-dhùin am ministear agus fir eile anns an eilean nach robh aig Ruairidh ach obair an t-Sàtain.

Nuair a thàinig Màrtainn Màrtainn dhan eilean goirid an dèidh sin, chaidh am ministear thuige leis na h-uirsgeulan agus rinn iad cuim Ruairidh fhaighinn air falbh às an eilean.

Cha bfhada gus an tàinig teachdaireachd chun amhealltair à Eilean aCheò.

Tha do chliù,” ars an teachdaire, “air an t-Eilean Sgiathanach a ruighinn. Tha MacLeòid air eachdraidh a chluinntinn air do naomhachd agus tha e airson gun tèid thu gun dàil gu Dùn Bheagain.”

Uill, chuir an cuireadh sin Ruairidh ann an imcheist. Cha robh e airson Hiort fhàgail, gun fhios nach cailleadh e an t-ùghdarras a bhaige air an t-sluagh. A dhaindeoin sin, cha robh e airson fearg a chur air MacLeòid le diùltadh a dhol na làthair. Anns an latha bha siud, cha be do bheatha a dhol an aghaidh toil an uachdarain.

Mus do dhfhàg Ruairidh Hiort thòisich e acall a mhisneachd, agus thòisich na chleachd a bhith ga leantainn ga agalladh. Chaidh an gàrradh a bha mun chraoibh choisrigte a leagadh, ’s a h-uile clach a bhann a sgapadh air feadh na machrach gus nach biodh iad nan cuimhneachan air faoineas an t-sluaigh.

Nuair a bha Màrtainn Màrtainn ag ullachadh airson tilleadh chun an Eilein Sgiathanaich, bha Ruairidh deiseil airson a dhol na chois. Ach thàinig na mnathan gu Màrtainn agus thug iad achomhairle air gun Ruairidh a thoirt leis anns an eathar no gun cuireadh e e fhèin ann an cunnart a bheatha. Bha cuimhne aca air a liuthad stoirm a bhuail eathar an eilein a h-uile uair a bha Ruairidh innte. Aon uair chaidh an eathar, is Ruairidh agus mnathan innte, a ruagadh le rotach a-mach gu Sùlaisgeirsin cheud mìle bho Hiort.

Co-dhiù, bha deagh mhisneachd aig Màrtainn agus thug e Ruairidh leis air an aiseag.

Nuair a chuir Ruairidh cùl riutha, chuir na Hiortaich dìochuimhne air laghan aBhaistich a bha Ruairidh air a thoirt dhaibh leis na facail naomha Guranbuhasi agus Buranodugo! Anns an Eilean Sgiathanach, chaidh am mealltair a thoirt air beulaibh na Clèir, agus an sin, air cathair abhreitheanais, dhaidich e a chionta anns an iomadh peacadh uabhasach a chaidh a chur às a leth.

Mar pheanas, bha aig Ruairidh Mòr ri coiseachd air feadh an Eilean Sgiathanaich mar dhìol-deirig, aseasamh air beulaibh nan coithionalan anns a h-uile sgìre ag aideachadh mar a bha e air anam fhèin agus anaman chàich ann a Hiort a chur ann an cunnart sìorraidheachd a ghiùlain ann an Ifrinn.

Tha fhios gu robh sliochd Ruairidh beò ann a Hiort airson faisg air ceud bliadhna na dhèidh fhèin chailleach charach aig an robh an shealladh, dithis aig nach robh cliù no athamas am measg an t-sluaigh. Ach aon tha cinnteach: fhads a bha Ruairidh fhèin beò, cha do thill e gu Hiort le uirsgeulan air na teachdaireachdan a bha e air a bhith faighinn bhon aBhaisteach! Agus cho luaths a fhuair na Hiortaich saor às abhraighdeanas a bha am mealltair air a chuir orra, rinn iad òrain èibhinn air am faoineas fhèin, agus aig bainnsean cha robh fealla-dhà eile a bfheàrr a chòrdadh riutha na fear seasamh air an ùrlar ag atharrais air Ruairidh is e asearmonachadh.

Ach sibhse, a mhnathan mo ghaoil. O guranbudogo, gu h-àraid air Sìne Mhaol Dòmhnaich. O buranguhasi, gu dearbh. Anns an dorchadas uabhasach spioradail a tha sibh, Sìne Mhaol Dòmhnaich, buranguhasi guranbodugo gu bràth.

Ach feumar do thoirt a-mach às an dorchadas, a Shìne, a-steach gu solas geal na muhroja agus na guranbodugo. Agus mus toir mi mach às an dorchadas thu, a Shìne, thèid mi steach ann an sin còmhla riut airson greiseag bheag gus an ionnsaich mi dhut cho maths a tha mi air buranguhasi agus guranbodugo!”

title16. Ruairidh Mòr am Mealltair
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page