17 D’ Dhà Shùil Bheag Bhiolach
D’ dhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
’S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Tha càch aig am beinn, ’s tha mis’ aig a’ chloinn,
’S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
D’ dhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
’S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Ma thig Ailean gu baile ’s gu ruig e dh’alam
Bidh sinn aoibhneach, O; bidh sinn aoibhneach, O.
D’ dhà shùil bheag bhiolach
Gham choimhead tron toll,
’S cha leig mi ort; cha leig mi ort.
Chaidh an luinneag seo a thogail anns na Hearadh an 1952 le Seumas Ros à Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha Seònaid NicLeòid às na Hearadh air an t-òran ionnsachadh bho Hiortaich a bhiodh a’ tadhal air stèisean nam muc ro àm a’ Chiad Chogaidh. Bha na facail aice gam fuaimneachadh dìreach mar a bha iad aig na Hiortaich — bhiolach (bhiorach) agus dh’alam (orm).
’S iongantach mura robhas a’ seinn na luinneig mar thàladh. Ach nach bu neònach do mhàthair a bhith os cionn naoidhein ann an creathail a crònan, “D’ dhà shùil bheag bhiolach”?
Tha iomradh air càch a bhith a-muigh ‘aig am beinn’ fhad ’s a tha am bàrd aig an dachaigh ‘aig a’ chloinn’. Dè an obair a bha càch a’ dèanamh? Bha iad a’ sealg a’ bhuthaigir agus an sgrabaire, a bhios ag àrach an àil anns na tuill ann an àitichean falaichte iomallach, dìomhair. Gun teagamh, tha dà shùil bheag bhiorach ann an ceann eòin.
Sgràbairean
title | 17. D’ Dhà Shùil Bheag Bhiolach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |