18 Ceòl agus Dannsa
Tha na sgrìobhaidhean a chaidh fhàgail againn a’ sealltainn mar a thàinig caochladh air inntinn nan daoine anns an dà cheud bliadhna mus deach an t-eilean fhàsachadh. Aig toiseach tòiseachaidh, bha na daoine gu math na bu shaoire nan dòigh. Bha pailteas àbhachd agus cuir-seachad aca. Bha iad ceòlmhor air leth. Seo mar a chunnacas iad anns an ochdamh linn deug leis an Urr. Coinneach MacAmhlaigh.
Tha cumhachd ciùil anns a h-uile àite, agus chan eil Hiort anns an dòigh sin eu-coltach ri àite sam bith eile. Tha na daoine cìocrach air ceòl, biodh e à beul no à inneal-ciùil. Cuiridh gleusadh nan teud ann an suain iad, agus chunnaic mi iad a’ dannsa gu h-èasgaidh ri ceòl a bhathas a’ cosnadh à droch fhidheall. Gabhaidh eadhon na cailleachan com-pàirt ann an còmhlan a thig ri chèile airson seinn no airson dannsa. Agus chan eil duine anns a’ chomann a gheibh duais no urram a gheibh deagh dhannsair.
’S toigh leotha a bhith seinn òran, agus tha na guthan aca binn dha-rìribh. Nuair a thèid na mnathan a bhuain eòrna no a bhleith sìl leis a’ chlach-bhràthainn, bidh iad a’ seinn. Agus bidh na fir a’ cumail misneachd riutha fhèin air na ràimh, fhad ’s a bhios iad a’ cumail rian air an iomradh, le bhith seinn dhuanag. Bhiodh fir-iomraidh
Am Ministear a’ toirt comhairle air an òigridh! (Iain Sands)
Ceithir fichead bliadhna an dèidh dha na facail sin a bhith air an sgrìobhadh, chunnacas gu robh latha eile air a thighinn air Hiort.
Tha an sluagh air fad nan luchd-aideachaidh san Eaglais Shaoir. Bidh iad a’ dol dhan eaglais trì tursan air an t-Sàbaid agus a’ dol dhan choinneamh a h-uile Diciadain. Latha muladach a th’ ann an Latha na Sàbaid. Thèid clag a bhualadh, agus cho luath ’s a chluinneas an sluagh a gliong coisichidh iad gu cabhagach chun na h-eaglais ’s an cinn crom, an sùilean ri làr agus an aodannan muladach. Tha iad a’ meas gu bheil e peacach dhaibh sealltainn chun na làimhe deise no chun na làimhe clì, agus tha e duilich do choigreach creidsinn gur ann a’ dol a dh’èisdeachd ri naidheachd an t-Soisgeil a tha iad — an naidheachd as toilichte, subhach a thàinig a-riamh gu mac an duine. Saoilear gur ann a thèid iad le fiamh air eagal gu bheil an Sàtan a’ dol gan sadadh dhan t-Sloc. Cha tèid guth os cionn sanais, agus bha mise fo leòn nach robh iad a’ dol gu Taigh an Tighearna ’s an guthan gan gleusadh, agus an inntinn aighearach a’ moladh an Tì a thug sinn à braighdeanas tro Shoisgeul a Mhic naoimh. Thionail na Hiortaich bhochd an-uiridh fichead nota airson susaintèisean na h-Eaglais — cnap mòr airgid a thàinig à sporanan a bha ro aotrom bho thùs.
title | 18. Ceòl agus Dannsa |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |