2 Cleite Gàdaig
Tha fleasgach anns a’ bhaile seo
Ris an can iad Dòmhnall,
’S ged gheibheadh e an saoghal,
Gu saothraicheadh e mòine.
Sèisd
Inn ala oro i, o inn al ala.
Inn ala oro i uru ru-i uru ru-i.
Inn ala oro i, o inn al al à.
Ged bhiodh tu a’ bruidhinn rium
’S a briodas rium an còmhnaidh,
Cha tugadh tu na h-uighean dhomh
Nuair shuidheadh tu Didòmhnaich.
Sèisd
’S truagh nach eil mo leannan s’
Ann an ìochdar Leac na Gàdaig,
Acfhainn air a smioradh air
Is mise bhith gu h-àrd oirr’.
Sèisd
title | 2. Cleite Gàdaig |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |