[42]

20 A’ Bhreac

S iongantach gu robh bliadhna riamh ann an eachdraidh Hiort nach robh air a comharrachadh le a h-uirsgeul dhubhach fhèin. Ach anns gach greadanadh agus tabhoin a thàinig air an t-sluagh, tha e iongantach gun tàinig sgrìob a-riamh cho dòrainneach orras a thàinig anns abhliadhna 1730. Tha toiseach na sgeòil anns an Fhoghar, 1729, nuair a bha sluagh tapaidh fallain anns an eilean, agus aimsir bhòidheach chiùin aca airson obair fuinn agus eunachd. Anns an Dàmhair, a chionns gu robh dìth ghnothaichean-taighe air na mnathan, agus seach gu robh an aimsir cho math, dhfhalbh seachdnar fhireannach leis an sgothan aon eathar a bhanns an eileanagus ghabh iad iùil air làimhrig an t-Oib anns na Hearadh.

Thàinig iad dlùth air fearann na Hearadh aig Horgabost. Lean iad gu deas le pilleag siùil ris achrann agus muir-tràghaidh an reothairt gan giùlain air an slighe. Bha na Hiortaich afiughar ri an ceann-uidhe a ruighinn mus tigeadh an oidhche, agus shaoil iad gu robh a h-uile rud air an seilbhe. Ach seo, ’s ann a mhothaich iad fad astar mhìltean ri cladaichean na Hearadh gu robh faloisgean aig a h-uile baile. An siuds an seo, bha an deathach cho dùmhail ataomadh chun na maras nach mòr gum faiceadh na maraichean na comharraidh air tìr. Thog sin deasbad nam measg, is iad aceasnachadh leotha fhèin carson a bha na Hearaich alosgadh an cuid arbhair.

Thuirt fear aca gur ann a bha na Hearaich alosgadh fodar-tughaidh, an àite dhaibh a bhith ga chur gu math na talmhainn. Achs ann a thuirt fear eile nach robh iad alosgadh ach connlach leapannan. Co-dhiù, chaidh an deasbad a bha sin air adhart, ach nuair a ràinig iad an t-Ob chualiad an sin an fhìrinn. Bha na teinichean gan lasadh air feadh na Hearadh aig na dachaighean a bha gam fàsachadh leis abhreac. Sin an euslaint ris an abrar anns aBheurla smallpox.

Nis, cha robh abhreac a-riamh air eilean Hiort a ruighinn agus cha robh càil a dhfhios aig na Hiortaich a bha air a thighinn gu làimhrig an t-Oib mun chunnart anns an robh iad. Bhruidhinn iad ri cailleach a bha air an tràigh ational maoraich. Thug ise achomhairle orra gun iad cas a chur air tìr, ach tilleadh dhachaigh.

Bha aona Hiortach air bòrd ris an abradh iad Dòmhnall Dòmhnallach, agus besan fear aig an robh làn-dhùil de chlann-nighean na Hearadh a phòsadh. Nuair a chualesan an cunnart anns an robh a leannan, nach ann a leum e gu tìr. Dhèigh e thar a ghuailne ri càch iad tilleadh air ais dhachaigh. Thill an sgoth gu Hiort agus dhùin dùbhlachd agheamhraidh mu na h-eileanan.

Air an ath shamhradh thill na h-eòin agus thòisich na Hiortaich, mar bu nòs, acruinneachadh uighean agus eunlaith; agus chaidh an sgoth le ceathrar fhireannach agus ochdnar chloinne gu eilean Bhoraraigh a ghlacadh nam buthaidean. Bha dùil gum biodh iad an sin airson trì seachdainean mus tigeadh an eathar air ais gan iarraidh. Co-dhiù, air an ath latha an dèidh dha na seòid a dhol air tìr air Boraraigh, nach ann a thàinig bàta às na Hearadh gu Bàgh aBhaile leis an naidheachd gu robh Dòmhnall Dòmhnallach, a bha air a dhol air tìr anns an t-Ob abhliadhna roimhe, air a bheatha a chall leis abhreac. Chuir na Hearaich ciste bheag air tìr air achladach. Innte bha a h-uile stiall aodaich is eile a bhuineadh do Dhòmhnall. Ach gu -shealbhach, cha be tiomnadh amhairbh an aon rud a bhanns achiste. Nuair a chaidh an t-aodach a sgaoileadh aig an taigh-aire, bha mnathan an eilein gu lèir cruinn; ’s beag a bha dhfhios aca, fhads a bha iad alàimhseachadh an aodaich agus acaoidh Dhòmhnaill, gu robh iad asgaoileadh an-lochdan na brice nam measg fhèin.

Mar a dhainmicheadh a cheana, cha robh galair na brice riamh roimhe air Hiort a ruigheachd. Co-dhiù, thàinig rotach an ceann dhà no trì làithean, ’s le sin cha robh càil a dhùil aig an sgiobadh a chaidh air tìr ann am Boraraigh gun tigeadh an sgoth thuca à Hiort. Ann an lùib na stoirm shocraich an aimsir, agus nuair nach do nochd an eathar dhaithnich na fir gu robh rudeigin fada ceàrr air eilean Hiort. Bha na fir agus achlann a bha air Boraraigh cleachdte gu leòr ri allabanachd nan eilean. Bha pailteas bìdh aca am measg nan eun. Bha fasgadh aca, agus cha robh an aimsir an dàrna cuid fuar no fliuch. Ach a dhaindeoin sin bha uallach orra gu robh creach uabhasach air choreigin air grèim a ghabhail air an càirdean.

Aona mhadainn, ma-tha, fhuair iad lideadh air achreach cheudna a bha sin. Bha aghaoth air a thighinn mun cuairt chun an ear-dheas agus dhèigh achlann gu robh iad afaireachdainn fàileadh losgaidhfàileadh coltach ri connlach ga losgadh. Chaidh seachdain an deidh seachdain


[43] seachad air Boraraigh, ’s cha tàinig sgoth, ’s cha tàinig cobhair. Chaith am foghair agus thàinig dùbhlachd agheamhraidh. Chaith am biadh, is chaith an cuid aodaich. Nuair a thill na h-eòin aig deireadh an earraich, bu chruaidh gu robh de lùths anns na fir na burrainn dhaibh a dhol a shreap nam bearraidhean. Bha toiseach an t-samhraidh ann mus tàinig bàta gu Boraraigh a thug an sgiobadh air ais gu Bàgh aBhaile. Bha a h-uile fear agus leanabh cho caol ri gadaiche. Cha robh aodach orra ach craicinn chaorach air an ceangal ri chèile le cnàmhan nan eun a bha iad air ithe. Ach nuair a dhìrich an ceathrar fhireannach bho bhràigh achladaich chun nan taighean, chuir an sealladh a chunnaic iad às an cuimhne an èiginn tron robh iad air a dhol air eilean Bhoraraigh. Bha abhreac air sgrios a dhèanamh am measg an t-sluaigh agus, a-mach air na bha air a thighinn beò à Boraraigh, cha robh ach aon bhodach agus ochd leanabh deug air fhàgail air Hiort. Bha uallach sia dìlleachdan thar fichead air acheathrar fhireannach a bha air teàrnadh às achreich. Ach dhearbh an sluagh a bha air fhàgail gu robh smior nan cnàmhan. Dhaindeoin acrais agus bochdainn, cha do leig iad thairis, agus thàinig gach dìlleachdan a bha sin gu inbhe. Thàinig iad suas gu bhith nan gillean tapaidh ealanta air an t-sreap agus nan caileagan a bha sgafonta math ri obair an fhearainn. Phòs iad agus dhàraich iad teaghlaichean a dhath-nuadhaich an t-eilean. Chaidh an greadanadh a dhfhuiling iad leis abhreac a stèidheachadh le bàrdachd agus sgeulachdan nam beul-aithris.

Adlùthadh air taobh siar na Hearadh

title20. A’ Bhreac
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page