[44]

21 Gur Ann Thall ann an Sòdhaigh

Anns achruinneachadh a rinn an t-Urr. N. MacCoinnich tha an chur seo air an aon òran. Chaidh an dara cur fhoillseachadh san iris An Gàidheal, àireamh V, agus uair is uair bhon sin.

S gur ann san t-samhradh a shiubhail
Rinn na h-uighean mo lèir-chreach,
Nuair a thugadh uam Iomhar
Fàth mo mhisneachd gu lèir e.

S gur ann thall ann an Sòdhaigh
Dhfhàg min t-òg nach robh leumach
Is tu nach falbhadh le mfhacal
S nach innseadh na breugan.

Thu bhith muigh sa GheodhChumhainn
Gur cianail dubhach ad dhèidh mi;
S thu bhith muigh feadh nan stuaghan
S am muir gad fhuasgladh o chèile.

Ach seachd beannachd do mhàthar
Gad chumail sàmhach ri chèile
Gu robh dfhuil air achloich ud
Is do lotan air leum oirr’.

S gur diombach den eug mi,
Cha chaomhail leam fhèin e,
Nach leig thu gu dmhàthair
Gu i càradh do lèine.

Bidh mo chuid de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach,
Is mo chuid de na h-uighean
Aig abhuidhinn as trèine.

Bliadhnan t-samhraidh san-uiridh
Rinn na h-uighean mo lèireadh;
Gur ann thall ann an Sòdhaigh
Dhfhàg min t-òg nach robh leumach.

Is tu nach falbhadh le mfhacal,
Is tu nach innseadh na breugan;
Gur diombach don eug mi
Chan fhear gaoil domh fèin e

Nuair thug e uam Iomhar
Fàth mo mhisneachd gu lèir e;
Bidh mo chuid de na h-uighean
Aig amhuinntir as trèine.

Bidh mo chuid de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach,
Thu bhith muigh sa GheodhChuinge,
S gur cianail duilich ad dhèidh mi.

Bha do bhuill air achloich ud
S bha do lot an dèidh leum air;
Thu bhith muigh air na stuaghan
S muir gad fhuasgladh o chèile.

Nuair thàinig do phiuthar
Cha robh sinn sùbhach le chèile
Cha tig thu gu dmhàthair
Gus càradh do lèine.

Seo facail an aon chumha mar a bha iad aig Mairead Dhòmhnallach a bha air mhuinntireas aig tuath Bhaile Ràghnaill an Uibhist a Tuath san t-Sultain, 1815.

Gura thall ann an Sòdhaigh
Dhfhàg min t-òganach gleusda,
Urradh dhèanadh mo thacar,
S tabhairt dhachaigh na sprèidhe.

S ged a chaidh thu sa chreig ud,
Cha ben t-eagal a lèir thu
S ann a rinn do chas sraonadh,
S cha do dhfhaod thu riamh èirigh.


[45]

Bha tfhuil air achloich ud,
Bha do lòt an dèidh leumaidh.
Bha thu muigh air bhàrr stuaighe,
S muir gad fhuasgladh o chèile.

Nuair a thàinig do mhàthair,
Cha do chàirich im brèid oirr’;
Nuair a thàinig do phiuthar,
Bha sinn dubhach le chèile.

Nuair a thàinig do bhràthair,
Cha do chaomhainn en èigheadh;
Bha sinn dubhach, is cràidhteach
Gad amharc an cèin uainn.

A sheachd beannachd nan càirdean
S a lon làidir na feuma.
Tha mo chuid-sde na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èigheach.

Tha mo chuid-sde na h-uighibh
Aig abhuidhinn as treubhaich’;
S ann thall ann an Sòdhaigh
Dfhàg min t-òganach gleusda.

title21. Gur ann Thall ann an Sòdhaigh
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page