5 Trusgan
An t-Seachdamh ’s an Ochdamh Linn Deug
Anns an t-seachdamh linn deug bha feadhainn air an eilean (chan eil fhios an robh an sluagh air fad) a bha gan còmhdaich fhèin le craicinn chaorach. Tha sgrìobhaidhean anns an ochdamh linn deug ag innse gu robh a’ chuideachd ealanta gu leòr air trusgan a dhèanamh de chraicinn nuair a thigeadh cruaidh orra. An àite phutanan, bhiodh cnàmhan eun — m.e. , gob an trìlleachain — aca a’ cumail nan craiceann plòdhte ri chèile.
Aig toiseach na h-ochdamh linn deug, bha na fir air an còmhdach ann am peitean goirid a bha a’ ruighinn gu am meadhan. Mun sin bha filleadh (plaide) air a phasgadh dùbailte. Bha am filleadh sin orra sìos gu an glùinean agus air a cheangal (cneasda) le crios. Bha bonaidean goirid aca dhen aona aodach ris an fhilleadh, ach air Latha na Sàbaid chuireadh iad orra bonaidean Gàidhealach a bha iad a’ meas na bu spaideile.
Nuair a bha Màrtainn anns an eilean, chunnaic e feadhainn a bha air trusgan de dh’fhasan ùr fhaighinn. B’ e sin briogaisean a bha farsaing agus fosgailte aig na glùinean. Bhiodh stocainnean aodaich air na Hiortaich rè a’ gheamhraidh agus cuaranan air an dèanamh de pheileid chaorach. Bhiodh iad air an casan luirmeachd as t-samhradh. Aig toiseach na h-ochdamh linn deug, bha aodach anairt aig na mnathan air an cinn, còmhnard air am beulaibh agus air an dromannan a’ tighinn gu roinn fon guailnean.
Bha dual fuilt cho tiugh ri a lùdag crochaichte aig a’ bhean Hiortach air gach lethcheann gu lag a bràghad, agus snaim aice air cinn nan dual.
Anns an ochdamh linn deug bhiodh na fir a’ dèanamh gùintean nam mnathan. Bha an gùn air a cheangal aig am broilleach le bràiste cruinn de dh’umha. Cha bhiodh brògan no stocainnean orra san t-samhradh. Nan robh brògan orra idir anns an linn ud, ’s e feadhainn air an dèanamh le craiceann an t-sùlaire. Bhathas a’ gearradh ceann an t-sùlaire os cionn nan sùilean, agus b’ e na bha air fhàgail dhen chnàimh cnap na bròig. Bha broilleach an eòin ga fhuaigheal ach gu robh toll ga fhosgladh dhan chois. Bha a’ chas a’ dol dhan chraiceann mar gum biodh ann an stocainn chumhang. Cha sheasadh bròg mar seo ach airson còig latha. Nam biodh an iteach ris an ùrlar, cha sheasadh i ach aona latha.
A’ dol dhan leabaidh, bhiodh lèine de chlò molach a’ dol air gach fireann is boireann. Ged a bha e garbh, molach, bha an clò a bha iad a’ fighe blàth, seasmhach. Cha robh aig na Hiortaich ach ceithir dathan nan aodach — geal, dubh, glas agus ruadh. B’ iad sin na ceithir dathan nàdarrach a bha aca airson rùsgan nan caorach a sgeadachadh. ’S e buidhe an aon dhath fuadainn a bh’ aca, ’s cha robh sin fhèin aca ach ainneamh. Ann am barail MhicAmhlaigh, cha robh an t-eòlas a bh’ aca air breabadaireachd ach suarach.
Bha a h-uile ceannard teaghlaich math air tàillearachd agus air greusachd. Bha muinntir an eilein ealanta air an leathar a chartadh le freumhan Achlaisean Chaluim Chille. Tha an lus sin pailt air Hiort. An dèidh dhaibh na freumhaichean a phronnadh agus a mheasgachadh ann an uisge blàth, chuireadh na Hiortaich an leathar am bogadh airson dà latha. An uair sin chuirte an leathar ann an lòn cladaich le smùr nam freumhaichean air a phasgadh anns na lùibean aige. Laigheadh e an sin fo chlachan ’s e ga nighe leis a’ mhuir-làn gus am biodh e deiseil airson sgian a’ ghreusaiche.
Ann an 1727, seo mar a bha iad a’ luadh:
Tha an clò ga luadh air slatan air neo air brataichean a tha iad air a thoinneamh de chonnlach; uaireannan tha na brataichean sin air an dèanamh de chonnlach agus de thaodan sìomain, air an snìomh ri chèile. Obair chruaidh a th’ anns an t-saothair sa. Tha iad ga dèanamh, chan ann len làmhan a-mhàin, ach len casan cuideachd. Fhad ’s a bhios iad a’ luadh, bidh iad mar as trice a’ seinn fad an t-siubhail, agus aona thè air thoiseach a’ cur a-mach nan rann agus càch ga leantainn.
An Naodhamh Linn Deug
Lean am fasan na fir a bhith a’ dèanamh an aodaichean fhèin. Bhiodh iad a’ dèanamh dheisichean, sheacaidean, pheiteanan agus bhriogaisean — de chlò ris an canadh iad cealtar. Bhiodh iad cuideachd a’ greusachd bhrògan, uaireannan le leathar mairt. Bha barr-iallan air na brògan sin a bha a’ ceangal a’ bhalt ri cùl na coise. Bu chaomh leis na fir am bonaid Gàidhealach. Bha na mnathan dèidheil air guailleachan
Nuair a thadhail Iain Sands iad ann an 1875 chunnaic e iad mar seo:
Tha aodaichean seasgair gu leòr orra, agus tha e soilleir leam gur h-e sin adhbhar dhaibh a bhith saor bho thinneasan sgamhanach agus eucailean eile. Bidh na fir a’ dèanamh chòmhdaichean dhaibh fhèin agus dreasaichean dha na mnathan. Tha na gùintean a bhios iad a’ dèanamh ann an nòs a tha gu math sean. ’S e dealg a tha air a dèanamh de dhubhan lìn-mhòir a bhios aca a’ ceangal a’ ghùin aig a’ mhuineal. Bidh plèid gu tric orra, agus sin air a ceangal le bràiste a chaidh a dhèanamh de sheana sgillinn. Anns an t-seann aimsir ’s e gob Gille-Brìghde (an trìlleachan mòr) a bha aig na mnathan an àite a’ bhràiste. Nuair a bhios aimsir bhruthainneach ann, bidh na mnathan rim faicinn air na creagan agus anns a’ ghleann, gun bhad aodaich orra ach lèine chlòthadh. Nuair a bhios na fir dian anns na bearraidhean, cha bhi dad orra ach an t-aodach aotrom a bhios aca leth ri an craicinn. ’S e a’ bhròg tionndaidh a bha aca mar chaisbheart gu bho chionn ghoirid. Cha robh balt idir air a’ bhròig tionndaidh, agus chìte feadhainn aca fhathast a’ spaidsearachd air an t-sràid. Bha uair a bha bonaidean de chraicinn uain cumanta, ach chan fhaca mise riamh ach a h-aon.
Air an oidhche, ’s e fàd mònach air ceann maide a bhios aca airson an t-slighe a lasadh. Tha e air a bhith agam fhìn gam threòrachadh uair is uair.
Seo mar a chunnacas le Osgood H. MacCoinnich sa Chèitean an 1853:
Cha robh taigh agus cha robh pearsa nach robh neo-chùbhraidh le fàileadh ola an fhulmair. Bha greusachd agus breabadaireachd cha mhòr anns a h-uile dachaigh. Bha a’ mhòr-chuid aca casruisgte, ach bha feadhainn le cuaranan orra nach robh dealbhach no idir cuimseach air an casan! Bha cuid eile aca le brèidean de dh’aodach gorm mun sàilean. Cha robh snìomh, fighe, fuaigheal no nì sam bith eile co-cheangailte rin cuid aodaich nach robh iad a’ dèanamh anns na dachaighean. ’S ann de chlòimh nan caorach fhèin a bha a’ mhòr-chuid dhen còmhdach — sgiortaichean agus briogaisean air an dath le guirmean a bha air a thighinn thuca ann an luchd bàta. Chìte na mnathan, a bha le gùintean cotain — a-rithist air am fuaigheal anns na dachaighean — le dà bhann no dà thaod ceangailte mun clèibh. Bha aona bhann ceangailte fo na h-achlaisean agus am bann eile aig bun nan asnaichean.
title | 5. Trusgan |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |